A A A A A
Bible in one year
February 11

Ecsodus 33:1-23
1. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh suas as a seo, thu fhèin agus an sluagh a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a dh’ionnsaigh na tìre a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, ag ràdh, Dod shliochd-sa bheir mi i:
2. Agus cuiridh mi aingeal romhad; agus fuadaichidh mi a‑mach an Canàanach, an t‑Amorach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach;
3. A dh’ionnsaigh fearainn a tha a’ sruthadh le bainne agus mil: oir cha tèid mi suas ad mheasg, oir is sluagh rag-mhuinealach thu, air eagal gun claoidh mi thu anns an t‑slighe.
4. Agus nuair a chuala an sluagh an droch sgeul seo, rinn iad bròn; agus cha do chuir duine sam bith air a bhrèaghachd.
5. Oir thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri cloinn Israeil, Is sluagh rag-mhuinealach sibh: ann am plathadh thèid mi suas nur measg, agus claoidhidh mi sibh: a‑nis uime sin, cuiribh dhibh ur brèaghachd, a‑chum is gum bi fhios agam ciod a nì mi ribh.
6. Agus rùisg clann Israeil am brèaghachd dhiubh làimh ri sliabh Hòreb.
7. Agus ghabh Maois am pàillean, agus shuidhich e an taobh a‑muigh den champ e, fada on champ, agus thug e pàillean a’ choitheanail mar ainm air. Agus na lorg sin, chaidh gach neach a bha ag iarraidh an Tighearna a‑mach do phàillean a’ choitheanail, a bha an taobh a‑muigh den champ.
8. Agus nuair a chaidh Maois a‑mach don phàillean, dh’èirich an sluagh gu lèir suas, agus sheas gach duine aig doras a bhùtha, agus dh’amhairc iad an dèidh Mhaois, gus an deachaidh e a‑steach don phàillean.
9. Agus nuair a chaidh Maois a‑steach don phàillean, thàinig am meall neòil a‑nuas, agus sheas e aig doras a’ phàillein, agus labhair an Tighearna ri Maois.
10. Agus chunnaic an sluagh uile am meall neòil na sheasamh aig doras a’ phàillein: agus dh’èirich an sluagh uile suas, agus rinn iad adhradh, gach duine ann an doras a bhùtha.
11. Agus labhair an Tighearna ri Maois aghaidh ri aghaidh, mar a labhras duine ra charaid. Agus thill e a‑rìs don champ; ach cha deachaidh a sheirbhiseach Iosua, mac Nuin, duine òg, a‑mach as a’ phàillean.
12. Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Feuch, tha thu ag ràdh rium, Thoir suas an sluagh seo; agus cha tug thu fios dhomh cò a chuireas tu maille rium. Gidheadh thubhairt thu, Is aithne dhomh thu air d’ainm, agus mar an ceudna fhuair thu deagh-ghean am shùilean.
13. A‑nis uime sin, guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, nochd dhomh do shlighe, a‑chum is gum bi aithne agam ort, agus gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, agus meas gur e an cinneach seo do shluagh-sa.
14. Agus thubhairt e, Thèid mo làthaireachd maille riut, agus bheir mi fois dhut.
15. Agus thubhairt e ris, Mura tèid do làthaireachd maille rinn, na toir suas sinn à seo:
16. Oir ciod e leis an aithnichear ann an seo gun d’fhuair mise agus do shluagh deagh-ghean ad shùilean? Nach ann led dhol maille rinn? Mar seo dealaichear sinn, mise agus do shluagh, o gach uile shluagh a tha air aghaidh na talmhainn.
17. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, An nì seo mar an ceudna a thubhairt thu, nì mise; oir fhuair thu deagh-ghean am shùilean, agus is aithne dhomh thu air d’ainm.
18. Agus thubhairt esan, Foillsich dhomh, guidheam ort, do ghlòir.
19. Agus thubhairt e, Bheir mi air mo mhaitheas uile dol seachad ad làthair, agus gairmidh mi ainm an TIGHEARNA ad fhianais; agus bidh mi gràsmhor dhàsan dom bi mi gràsmhor, agus nochdaidh mi tròcair dhàsan don nochd mi tròcair.
20. Agus thubhairt e, Chan fhaod thu m’aghaidh-sa fhaicinn; oir chan urrainn duine air bith mise fhaicinn, agus a bhith beò.
21. Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, tha àite làimh rium, agus seasaidh tusa air carraig:
22. Agus nuair a bhios mo ghlòir a’ dol seachad, an sin cuiridh mi thu ann an sgoltadh den charraig, agus còmhdaichidh mi lem làimh thu gus an tèid mi seachad.
23. Agus bheir mi air falbh mo làmh, agus chì thu mo chùlaibh: ach chan fhaicear m’aghaidh.

Ecsodus 34:1-35
1. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir; agus sgrìobhaidh mise air na clàir sin na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu.
2. Agus bi deas anns a’ mhadainn, agus thig a‑nìos anns a’ mhadainn do shliabh Shinài, agus nochd thu fhèin an sin dhòmhsa air mullach an t‑slèibh.
3. Agus na tigeadh duine sam bith a‑nìos maille riut, agus na faicear duine anns an t‑sliabh uile, agus na ionaltradh na treudan no am buar fa chomhair an t‑slèibh sin.
4. Agus shnaidh e dà chlàr chloiche, cosmhail ris na ciad chlàir; agus dh’èirich Maois suas gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh e suas do shliabh Shinài, mar a dh’àithn an Tighearna dha, agus thug e leis na làimh an dà chlàr chloiche.
5. Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann an neul, agus sheas e maille ris an sin; agus ghairm e air ainm an Tighearna.
6. Agus chaidh an Tighearna seachad fa chomhair, agus ghairm e, AN TIGHEARNA, AN TIGHEARNA DIA, iochdmhor agus gràsmhor, fad-fhulangach, agus pailt ann an coibhneas agus ann am fìrinn,
7. A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach.
8. Agus rinn Maois deifir, agus chrom e a cheann ri làr, agus rinn e adhradh.
9. Agus thubhairt e, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, O Thighearna, rachadh mo Thighearna, guidheam ort, nar measg (oir is sluagh rag-mhuinealach iad), agus maith dhuinn ar n‑aingidheachd agus ar peacadh, agus gabh sinn mar d’oighreachd fhèin.
10. Agus thubhairt e, Feuch, nì mise coicheangal; ann an làthair do shluaigh uile nì mi nithean iongantach, nithean nach do rinneadh an leithid air an talamh uile, no ann an aon chinneach: agus chì an sluagh uile, am measg a bheil thu, obair an Tighearna; oir is nì uamhasach a nì mise riut.
11. Coimhead thusa an nì a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh: Feuch, fuadaichidh mi a‑mach romhad an t‑Amorach, agus an Canàanach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach.
12. Thoir an aire dhut fhèin, air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre da bheil thu a’ dol, air eagal gum bi e na ribe ad mheadhon:
13. Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan.
14. Oir cha dèan thu adhradh do dhia sam bith eile; oir an Tighearna, don ainm Eudmhor, is Dia eudmhor e:
15. Air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre, agus gun tèid iad le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad ìobairt don diathan, agus gun toir neach cuireadh dhut, agus gun ith thu de a ìobairt;
16. Agus gun gabh thu den nigheanan dod mhic, agus gun tèid an nigheanan le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad air do mhic dol le strìopachas an dèidh an diathan.
17. Cha dèan thu dhut fhèin diathan leaghte.
18. Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut ann an àm a’ mhìos Abib; oir anns a’ mhìos Abib thàinig thu a‑mach as an Eiphit.
19. Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù is leamsa e, agus gach ciad-ghin am measg do sprèidhe, mas ann den bhuar no de na caoraich e, a bhios fireann.
20. Ach ciad-ghin asail fuasglaidh tu le uan; agus mura fuasgail thu e, an sin brisidh tu a amhach. Uile chiad-ghin do mhac fuasglaidh tu; agus cha nochdar a h‑aon am làthair-sa falamh.
21. Sia làithean nì thu obair, ach air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois: ann an àm an treabhaidh agus anns an fhoghar gabhaidh tu fois.
22. Agus cumaidh tu fèill nan seachdain, a’ chiad toraidh de fhoghar a’ chruithneachd, agus fèill a’ chròdhaidh ann an deireadh na bliadhna.
23. Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar do mhic uile an làthair an Tighearna Iehòbhah, Dia Israeil:
24. Oir tilgidh mi a‑mach na cinnich romhad agus nì mi do chrìochan nas fharsainge; agus cha mhiannaich duine sam bith d’fhearann, nuair a thèid thu suas gud nochdadh fhèin ann am fianais an Tighearna do Dhia, trì uairean anns a’ bhliadhna.
25. Chan ìobair thu fuil m’ìobairt-sa le taois ghoirt, cha mhò a dh’fhàgar gu madainn ìobairt fèill na càisge.
26. Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.
27. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh thusa na facail seo: oir a rèir brìgh nam facal seo rinn mise coicheangal riut fhèin agus ri Israel.
28. Agus bha e an sin maille ris an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith e aran, cha mhò a dh’òl e uisge: agus sgrìobh e air na clàir facail a’ choicheangail, na deich àitheantan.
29. Agus nuair a thàinig Maois a‑nuas o shliabh Shinài, (le dà chlàr na Fianais ann an làimh Mhaois, nuair a thàinig e a‑nuas on t‑sliabh), cha robh fhios aig Maois gun do dhealraich craiceann a aghaidh, am feadh is a bha e a’ còmhradh ris.
30. Agus dh’amhairc Aaron agus clann Israeil uile air Maois; agus, feuch, dhealraich craiceann a aghaidh, agus bha eagal orra teachd am fagas dha.
31. Agus ghairm Maois orra; agus thill Aaron agus uachdarain a’ choitheanail uile da ionnsaigh; agus rinn Maois còmhradh riu.
32. Agus na dhèidh sin thàinig clann Israeil uile am fagas dha; agus dh’àithn e dhaibh na h‑uile nithean a labhair an Tighearna ris ann an sliabh Shinài.
33. Agus sguir Maois de labhairt riu; agus chuir e gnùis-bhrat air a aghaidh.
34. Ach nuair a chaidh Maois a‑steach an làthair an Tighearna a labhairt ris, thug e an gnùis-bhrat dheth, gus an tàinig e a‑mach. Agus thàinig e a‑mach, agus labhair e ri cloinn Israeil an nì sin a dh’àithneadh dha.
35. Agus chunnaic clann Israeil aghaidh Mhaois, gun do dhealraich craiceann aghaidh Mhaois: agus chuir Maois an gnùis-bhrat air a aghaidh a‑rìs, gus an deachaidh e a‑steach a labhairt ris.

Salm 21:8-13
8. Gheibh do làmh a‑mach do naimhdean uile; gheibh do dheaslàmh a‑mach iadsan lem fuathach thu.
9. Nì thu iad mar àmhainn theinntich ann an àm d’fheirge; sluigidh an Tighearna sìos iad na chorraich, agus caithidh an teine iad.
10. An toradh sgriosaidh tu on talamh, agus an sliochd o chloinn nan daoine.
11. Oir dhealbh iad olc ad aghaidh; smaoinich iad droch smuaintean, nach b’urrainn iad a choileanadh.
12. Uime sin bheir thu orra an cùl a thionndadh; air sreangan do bhogha gleusaidh tu do shaighdean nan aghaidh.
13. Bi air d’àrdachadh, a Thighearna, ann ad neart; seinnidh sinne agus molaidh sinn do chumhachd.

Gnàth-fhacal 8:1-5
1. Nach eil gliocas ag èigheachd? Agus nach eil tuigse a’ cur a‑mach a gutha?
2. Air mullach nan àitean àrda, làimh ris an t‑slighe, ann am meadhon nan rathad tha i na seasamh.
3. Làimh ris na geatachan, aig dol a‑staigh a’ bhaile, far an tigear a‑steach air na dorsan tha i ag èigheach:
4. Ribhse, O fheara, tha mi ag èigheach; agus tha mo ghuth ri cloinn nan daoine.
5. A dhaoine baoghalta, tuigibh gliocas; agus amadana, tuigibh nur cridhe.

Mata 26:1-25
1. Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran seo uile, gun dubhairt e ra dheisciobail,
2. Tha fhios agaibh gu bheil a’ chàisg an dèidh dà là, agus tha Mac an Duine air a bhrath a‑chum a cheusadh.
3. An sin chruinnich uachdarain nan sagart, agus na sgrìobhaichean, agus seanairean a’ phobaill, gu talla an àrd-shagairt, den goirear Caiaphas,
4. Agus ghabh iad comhairle le chèile a‑chum Iosa a ghlacadh le foill, agus a chur gu bàs.
5. Ach thubhairt iad, Na dèanamaid e anns an fhèill, air eagal gum bi buaireas am measg a’ phobaill.
6. Agus air do Iosa a bhith ann am Betani, ann an taigh Shìmoin an lobhar,
7. Thàinig bean da ionnsaigh aig an robh bocsa alabastair làn de ola ro‑luachmhor, agus dhòirt i air a cheann e, agus e na shuidhe aig biadh.
8. Ach nuair a chunnaic a dheisciobail sin, bha fearg orra, ag ràdh, Ciod as ciall don ana-caitheamh seo?
9. Oir dh’fhaodadh an ola seo a bhith air a reic air mhòran, agus a bhith air a toirt do na bochdan.
10. Ach air aithneachadh seo do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ cur dragh air a’ mhnaoi? Oir rinn i deagh obair dhòmhsa.
11. Oir tha na bochdan agaibh a‑ghnàth maille ribh, ach chan eil mise agaibh a‑ghnàth.
12. Oir air dòrtadh na h‑ola seo dhi air mo chorp-sa, is ann fa chomhair m’adhlacaidh a rinn i e.
13. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè àite anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu h‑iomlan, aithrisear an nì a rinn a’ bhean seo, mar chuimhne oirre.
14. An sin dh’imich aon den dà‑fhear-dheug, dom b’ainm Iùdas Iscariot, a‑chum nan àrd-shagart.
15. Agus thubhairt e, Ciod a bheir sibh dhòmhsa, agus brathaidh mi dhuibh e? Agus chòrd iad ris air dheich-buinn-fhichead airgid.
16. Agus on àm sin a‑mach dh’iarr e fàth air esan a bhrath.
17. Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo-ghortaichte, thàinig na deisciobail a‑chum Iosa, ag ràdh ris, Càit an àill leat sinne a dh’ullachadh dhut, a‑chum gun ith thu a’ chàisg?
18. Agus thubhairt esan, Rachaibh don bhaile gu a leithid seo de dhuine, agus abraibh ris, Tha am Maighistir ag ràdh, Tha m’àm am fagas: cumaidh mi a’ chàisg aig do thaigh-sa maille rim dheisciobail.
19. Agus rinn na deisciobail mar a dh’òrdaich Iosa dhaibh, agus dheasaich iad a’ chàisg.
20. Agus nuair a thàinig am feasgar, shuidh e maille ris an dà‑fhear-dheug.
21. Agus ag ithe dhaibh, thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath fear dhibh mise.
22. Agus bha iad ro‑bhrònach, agus thòisich gach aon aca fa‑leth air a ràdh ris, Am mise e, a Thighearna?
23. Agus fhreagair esan agus thubhairt e, An tì a thumas a làmh anns a’ mhèis maille riumsa, brathaidh esan mi.
24. Gu deimhinn tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar tha e sgrìobhte ma thimcheall: ach is an‑aoibhinn don duine sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e.
25. An sin fhreagair Iùdas a bhrath e, agus thubhairt e, A Mhaighistir, am mise e? Thubhairt esan ris, Thubhairt thu.