A A A A A
Bible in one year
December 9

Hosèa 9:1-17
1. Na dèan aoibhneas, O Israeil, na dèan gàirdeachas mar na cinnich: oir chaidh thu air strìopachas od Dhia: ghràdhaich thu duais air gach uile ùrlar-arbhair.
2. An t‑ùrlar-arbhair agus an dabhach-fhìona cha dèan am beathachadh, agus meallaidh am fìon nuadh an dòchas.
3. Cha ghabh iad còmhnaidh ann am fearann an Tighearna: ach tillidh Ephraim don Eiphit: agus ann an Asiria ithidh iad nithean neòghlan.
4. Chan ìobair iad tabhartasan-fìona don Tighearna, cha mhò a bhios iad taitneach dha: bidh an ìobairtean dhaibh mar aran luchd-bròin; bidh iadsan uile a dh’itheas dheth air an salachadh; gu dearbh cha tig an aran airson an anama gu taigh an Tighearna.
5. Ciod a nì sibh ann an là na h‑àrd-fhèille, agus ann an là fèill an Tighearna?
6. Oir feuch, dh’imich iad air falbh o làthair an fhir-mhillidh: tionailidh an Eiphit iad, adhlaicidh Memphis iad: na h‑ionadan taitneach a cheannaich iad len airgead, sealbhaichidh an fheanntag iad: nam pàilleanan fàsaidh an droigheann.
7. Thàinig làithean an smachdachaidh, thàinig làithean na luigheachd: aithnichidh Israel gum b’amadan am fàidh, gu robh fear an spioraid air bhoile; airson ro‑mheud d’aingidheachd, agus airson d’fhuath mhòir.
8. Tha fear-faire Ephraim lem Dhia-sa: tha am fàidh mar lìon an eunadair na uile shlighean-san: neartaich iad am fuath an aghaidh taigh mo Dhè.
9. Thruaill iad iad fhèin, mar ann an làithean Ghibeah: cuimhnichidh esan an aingidheachd, smachdaichidh e an lochdan.
10. Mar dhearcan-fìona anns an fhàsach, fhuair mise Israel; mar am meas luath air a’ chrann-fhìge na chiad àm chunnaic mi ur n‑athraichean. Ach chaidh iad gu Bàal-peor, agus dhealaich iad iad fhèin a‑chum an nì nàirich sin; agus dh’fhàs iad gràineil, mar chuspair an gràidh.
11. Airson Ephraim, itealaichidh an glòir air falbh mar eun; on bhreith, agus on bhroinn, agus on ghineamhainn.
12. Seadh, ged àraich iad an clann, sgriosaidh mise iad o mheasg dhaoine; seadh, is an‑aoibhinn dhaibh, nuair a dh’imicheas mise uapa.
13. Tha Ephraim, mar a chunnaic mi Tìrus, air a shuidheachadh ann an ionad taitneach: ach bheir Ephraim a‑mach a chlann don fhear-mhillidh.
14. Thoir, O Thighearna. Ciod a bheir thu? Thoir dhaibh brù chaillteachd, agus cìochan seasga.
15. Tha an cionta gu lèir ann an Gilgal fam chomhair: oir an sin thug mise fuath dhaibh: airson aingidheachd an dèanadais iomainidh mi as mo thaigh iad: cha toir mi nas fhaide gràdh dhaibh; tha am maithean uile cùl-sleamhnach.
16. Tha Ephraim buailte; thiormaicheadh suas am freumh; cha ghiùlain iad a’ bheag de thoradh: seadh, ged bheireadh iad, gidheadh marbhaidh mise toradh gràdhach am bronn.
17. Tilgidh mo Dhia air falbh iad a chionn nach d’èisd iad ris: agus bidh iad nam fògarraich am measg nan cinneach.

Hosèa 10:1-15
1. B’fhìonain thorrach Israel: thug e a‑mach toradh dha fhèin: a rèir pailteas a thoraidh chuir e altairean an lìonmhorachd; a rèir maitheas a fhearainn rinn e dealbhan àlainn.
2. Tha an cridhe air a roinn; a‑nis gheibhear ciontach iad: brisidh esan sìos an altairean: sgriosaidh e an dealbhan.
3. Oir a‑nis tha iad ag ràdh, Chan eil rìgh air bith againn, a chionn nach robh eagal an Tighearna oirnn: ciod uime sin a dhèanadh rìgh dhuinn?
4. Labhair iad briathran faoine, nuair a mhionnaich iad; breugan nuair a rinn iad coicheangal: mar seo tha breitheanas a’ fàs a‑nìos, mar an iteodha ann an claisean na machrach.
5. Airson laogh Bhet-abhein bidh eagal air luchd-àiteachaidh Shamaria; oir nì a shluagh caoidh os a chionn, agus a shagartan, acain air a shon; airson a ghlòire, oir dhealaich i ris.
6. Os bàrr bheirear e fhèin gu Asiria, mar thabhartas do rìgh Iareb: nì masladh greim air Ephraim, agus gabhaidh Israel nàire de a chomhairle fhèin.
7. Airson Shamaria, ghearradh a rìgh as mar an cobhar air uachdar an uisge.
8. Sgriosar fòs ionadan àrda Abhein, cionta Israeil: thig an droigheann agus am fòghnan a‑nìos air an altairean; agus their iad ris an slèibhtean, Falaichibh sinn, agus ris na beanntan, Tuitibh oirnn.
9. O Israeil, chiontaich thu nas mò na ann an làithean Ghibeah: an sin sheas iad: nach do rug an cath orra ann an Gibeah.
10. An aghaidh clann na h‑aingidheachd thàinig mise, agus smachdaich mi iad. Agus cruinnichear na slòigh nan aghaidh-san nuair a smachdaichear iad airson a dà chionta.
11. Agus bidh Ephraim na agh fòghlaimte, lem miann a bhith a’ saltairt a‑mach an arbhair; ach chaidh mise thairis air a muineal sgiamhach. Bheir mi air Ephraim marcachd; treabhaidh Iùdah, brisidh Iàcob a fhòidean.
12. Cuiribh dhuibh fhèin ann am fìreantachd, buainibh ann an toradh na tròcair: brisibh suas ur fearann neo-threabhte: oir is mithich Iehòbhah iarraidh, gus an tig e agus am fras e oirbh fìreantachd.
13. Threabh sibh aingidheachd, bhuain sibh euceart; dh’ith sibh toradh bhreugan: a chionn gun d’earb thu as do shlighe, à mòr-chuideachd do dhaoine treuna;
14. Uime sin èiridh buaireas am measg do shluaigh, agus bidh d’uile dhaingnichean air am milleadh, amhail a mhill Salmon Bet-arbel ann an là a’ chatha; ghearradh nam bloighdean a’ mhàthair agus a’ chlann le chèile.
15. Is amhail a nìthear ribhse, O Bhetel, airson ro‑mheud ur n‑aingidheachd: ann am madainn gearrar as gu cinnteach rìgh Israeil.

Salm 139:13-16
13. Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar.
14. Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin.
15. Cha d’fhalaicheadh mo chorp uat nuair a rinneadh mi ann an diamhaireachd, a dhealbhadh mi gu h‑iongantach ann an ionadan ìochdarach na talmhainn.
16. Chunnaic do shùilean mo chiad-fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann.

Gnàth-fhacal 29:21-21
21. Ma thogas neach a sheirbhiseach suas gu mùirneach o bhith na leanabh, mu dheireadh bidh e aige mar mhac.

3 Eòin 1:1-14
1. An seanair a‑chum Ghaiuis ghràdhaich, as ionmhainn leam anns an fhìrinn.
2. A bhràthair ghràdhaich, is e mo ghuidhe a‑thaobh gach uile nì gun soirbhicheadh leat, agus gum biodh tu slàn, mar a tha soirbheachadh led anam.
3. Oir rinn mi gàirdeachas gu mòr nuair a thàinig na bràithrean, agus a rinn iad fianais don fhìrinn a tha annadsa, mar a tha thusa ag imeachd anns an fhìrinn.
4. Chan eil gàirdeachas agam as mò na bhith a’ cluinntinn gu bheil mo chlann ag imeachd anns an fhìrinn.
5. A bhràthair ghràdhaich, is dìleas a nì thu gach nì a tha thu a’ dèanamh do na bràithrean, agus do choigrich;
6. Muinntir a rinn fianais air do ghràdh an làthair na h‑eaglais: ma bheir thu air an aghaidh iad nan slighe mar as cubhaidh do Dhia, is math a nì thu:
7. Oir chaidh iad a‑mach air sgàth a ainme-san, gun nì air bith a ghabhail o na Cinnich.
8. Uime sin tha e mar fhiachan oirnne gabhail rin leithidean sin, a‑chum gum bitheamaid nar co‑shaothraichean don fhìrinn.
9. Sgrìobh mi a‑chum na h‑eaglais: ach cha ghabh Diotrephes, leis am miann àrd-cheannas a bhith aige nam measg, rinn.
10. Uime sin ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne a obraichean a tha e a’ dèanamh, a’ bith-labhairt nar n‑aghaidh le briathran aingidh: agus cha leòr leis sin, ach cha mhò a tha e fhèin a’ gabhail ris na bràithrean, agus tha e a’ bacadh na dream leis am b’àill, agus gan tilgeadh a‑mach as an eaglais.
11. A bhràthair ghràdhaich, na lean an nì a tha olc, ach an nì a tha math. An tì a nì math is ann o Dhia a tha e; ach an tì a nì olc, chan fhaca e Dia.
12. Tha deagh theisteas air Demetrius o na h‑uile, agus on fhìrinn fhèin: agus tha sinne mar an ceudna a’ dèanamh fianais; agus tha fhios agaibh gu bheil ar fianais-ne fìor.
13. Bha mòran agam ri sgrìobhadh ach chan àill leam sgrìobhadh le dubh agus peann ad ionnsaigh:
14. Ach tha dòchas agam d’fhaicinn gun dàil, agus labhraidh sinn beul ri beul. Sìth maille riut. Tha na càirdean a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte air na càirdean air an ainm.