A A A A A
Bible in one year
December 6

Hosèa 3:1-5
1. Os bàrr thubhairt an Tighearna rium, Imich a‑rìs, gràdhaich bean (ionmhainn le a caraid, ged tha i na ban-adhaltranaich) a rèir gràdh an Tighearna do chloinn Israeil, ged tha iadsan ag amharc ri diathan eile, agus a’ gràdhachadh cupanan fìona.
2. Mar sin cheannaich mi dhomh fhèin i air còig-buinn-deug airgid, agus homer eòrna, agus leth-homeir eòrna.
3. Agus thubhairt mi rithe, Fanaidh tu leamsa mòran làithean; cha dèan thu strìopachas, cha mhò a bhios tu aig fear eile; mar sin bidh mise mar an ceudna agadsa.
4. Oir fanaidh clann Israeil mòran làithean gun rìgh, agus gun phrionnsa, agus gun ìobairt, agus gun ìomhaigh, agus gun èphod, agus gun teraphim.
5. Na dhèidh sin tillidh clann Israeil, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia, agus Daibhidh an rìgh; agus bidh eagal an Tighearna agus a mhaitheis orra anns na làithean deireannach.

Hosèa 4:1-19
1. Eisdibh-se facal an Tighearna, O chlann Israeil; oir tha còmhstri aig an Tighearna ri luchd-àiteachaidh na tìre; a chionn nach eil fìrinn, no tròcair, no eòlas Dhè anns an fhearann.
2. Le mionnan, agus breugan, agus marbhadh, agus goid, agus dèanamh adhaltranais, bhris iad a‑mach; agus tha fuil a’ ruigheachd gu fuil.
3. Uime sin nì am fearann caoidh, agus seargaidh gach aon a tha a chòmhnaidh ann, maille ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith an adhair; seadh, bheirear èisg na fairge fòs air falbh.
4. Gidheadh chan eil duine sam bith a’ tagradh, agus chan eil duine sam bith a’ cronachadh: oir tha mo shluagh mar dhream a nì strì ris an t‑sagart.
5. Uime sin tuitidh tu anns an là, agus tuitidh am fàidh fòs leat anns an oidhche; agus sgriosaidh mise do mhàthair.
6. Tha mo shluagh-sa air an sgrios le dìth eòlais. A chionn gun do chuir thu cùl ri eòlas, cuiridh mise fòs cùl riutsa, air chor is nach bi thu agam ad shagart: a chionn gun do dhearmaid thu lagh do Dhè, dearmadaidh mise fòs do chlann-sa.
7. Amhlaidh mar chaidh iad ann am meud, mar sin chiontaich iad am aghaidh-sa: caochlaidh mise an glòir gu nàire.
8. Tha iad ag ithe suas peacadh mo shluaigh-sa, agus a’ socrachadh an cridhe air an euceart.
9. Agus amhail a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; agus smachdaichidh mise iad airson an slighean, agus dìolaidh mi orra an dèanadas.
10. Agus ithidh iad, ach cha bhi iad sàsaichte; nì iad strìopachas, agus chan fhàs iad lìonmhor: oir leig iad dhiubh a bhith a’ toirt aire don Tighearna.
11. Bheir strìopachas, agus fìon, agus fìon nuadh, air falbh an cridhe.
12. Tha mo shluagh-sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia.
13. Air mullaichean nan sliabh tha iad ag ìobradh, agus air na slèibhtean tha iad a’ losgadh tùise; fo chruinn daraich, agus crithich, agus cuilinn, a chionn gu bheil an sgàil taitneach: air an adhbhar sin tha ur nigheanan ri strìopachas, agus ur mnathan ri adhaltranas.
14. Nach smachdaich mise ur nigheanan, a chionn gu bheil iad ri strìopachas? Agus ur mnathan a chionn gu bheil iad ri adhaltranas? A chionn gu bheil iad gan cur fhèin air leth le strìopaichean, agus ag ìobradh le luchd neòghlaine: uime sin, an sluagh aig nach eil tuigse, tuitidh iad.
15. Ged dhèan thusa strìopachas, O Israeil, gidheadh na ciontaicheadh Iùdah; agus na tigibh-se gu Gilgal, cha mhò a thèid sibh suas gu Bet-abhen; cha mhò a mhionnaicheas sibh, Mar as beò an Tighearna.
16. Oir tha Israel a’ claonadh air ais, mar agh cùl-sleamhnach: a‑nis biadhaidh an Tighearna iad mar uan ann an àite farsaing.
17. Tha Ephraim air a dhlùth-cheangal ri iodhalan, leig leis:
18. Tha an deoch searbh: rinn a h‑uachdarain strìopachas gun chlos: ghràdhaich iad nì nàireach:
19. Cheangail a’ ghaoth suas i na sgiathan: agus bidh nàire orra a‑thaobh an ìobairtean.

Salm 138:7-8
7. Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.
8. Coileanaidh an Tighearna air mo shon; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh.

Gnàth-fhacal 29:18-18
18. Far nach eil taisbeanadh, thèid an sluagh a dhìth; ach an tì a choimheadas an lagh, is sona esan.

1 Eòin 4:1-21
1. A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal.
2. Le seo aithnichibh Spiorad Dhè: gach uile spiorad a dh’aidicheas gun tàinig Iosa Crìosd anns an fheòil, is ann o Dhia a tha e.
3. Agus gach uile spiorad nach aidich gu bheil Iosa Crìosd air teachd anns an fheòil, chan ann o Dhia a tha e: agus is e seo spiorad an ana-crìosd, neach a chuala sibh e a bhith a’ teachd, agus a‑nis tha e cheana anns an t‑saoghal.
4. A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.
5. Tha iadsan on t‑saoghal: uime sin tha iad a’ labhairt mun t‑saoghal, agus tha an saoghal ag èisdeachd riu.
6. Tha sinne o Dhia: an tì aig a bheil eòlas air Dia èisdidh e rinne; an tì nach eil o Dhia, chan èisd e rinn. O seo aithnichidh sinn spiorad na fìrinn, agus spiorad an t‑seachrain.
7. A mhuinntir ionmhainn, gràdhaicheamaid a chèile: oir is ann o Dhia a tha an gràdh; agus gach neach a ghràdhaicheas, ghineadh o Dhia e, agus is aithne dha Dia.
8. An tì nach gràdhaich, chan aithne dha Dia; oir is gràdh Dia.
9. An seo dh’fhoillsicheadh gràdh Dhè dhuinne, do bhrìgh gun do chuir Dia a aon-ghin Mhic don t‑saoghal, a‑chum gum bitheamaid beò trìdsan.
10. Ann an seo tha gràdh, chan e gun do ghràdhaich sinne Dia, ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gun do chuir e a Mhac fhèin gu bhith na ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean.
11. A mhuinntir ionmhainn, ma ghràdhaich Dia sinne mar sin, tha e mar fhiachan oirnne a chèile a ghràdhachadh mar an ceudna.
12. Chan fhaca neach air bith Dia riamh. Ma ghràdhaicheas sinn a chèile, tha Dia na chòmhnaidh annainn, agus tha a ghràdh air a choileanadh annainn.
13. O seo is aithne dhuinn gu bheil sinne nar còmhnaidh annsan, agus esan annainne, do bhrìgh gun tug e dhuinn de a Spiorad.
14. Agus chunnaic sinn agus tha sinn a’ dèanamh fianais gun do chuir an t‑Athair am Mac uaithe mar Shlànaighear an t‑saoghail.
15. Ge bè neach a dh’aidicheas gur e Iosa Mac Dhè, tha Dia na chòmhnaidh annsan, agus esan ann an Dia.
16. Agus fhuair sinn aithne air agus chreid sinn an gràdh a tha aig Dia dhuinn. Is gràdh Dia; agus an tì a tha a’ fantainn ann an gràdh tha e na chòmhnaidh ann an Dia, agus Dia annsan.
17. An seo tha ar gràdh-ne air a dhèanamh coileanta, a‑chum gum bi againn dànachd ann an là a’ bhreitheanais: do bhrìgh mar a tha esan, gur amhail sin a tha sinne anns an t‑saoghal seo.
18. Chan eil eagal ann an gràdh; ach tilgidh gràdh iomlan an t‑eagal a‑mach; do bhrìgh gu bheil pian anns an eagal; an tì a tha fo eagal, cha do rinneadh coileanta ann an gràdh e.
19. Tha gràdh againne dhàsan, do bhrìgh gun do ghràdhaich esan sinne air tùs.
20. Ma their neach, Tha gràdh agam do Dhia, agus fuath aige da bhràthair, is breugaire e: oir an tì nach gràdhaich a bhràthair a chunnaic e, cionnas a dh’fhaodas e Dia nach faca e a ghràdhachadh?
21. Agus an àithne seo tha againn uaithesan, An tì a ghràdhaicheas Dia, gun gràdhaich e a bhràthair mar an ceudna.