Hosèa 1:1-11 |
1. Facal an Tighearna a thàinig gu Hosèa, mac Bheeri, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais agus Heseciah, rìghrean Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim, mhic Iohais, rìgh Israeil. |
2. Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna. |
3. Agus dh’imich e, agus ghabh e Gomer nighean Dhiblaim; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac dha. |
4. Agus thubhairt an Tighearna ris, Goir Iesreel mar ainm air; oir fòs tamall beag, agus dìolaidh mise fuil Iesreeil air taigh Iehu, agus cuiridh mi casg air rìoghachd taigh Israeil. |
5. Agus tàrlaidh air an là sin, gum bris mise bogha Israeil ann an gleann Iesreeil. |
6. Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i nighean; agus thubhairt Dia ris, Goir Lo‑ruhamah mar ainm oirre; oir cha dèan mise tròcair nas mò air taigh Israeil, ach bheir mi gu tur air falbh iad. |
7. Ach air taigh Iùdah nì mi tròcair, agus tèarnaidh mi iad leis an Tighearna an Dia, agus chan ann le bogha no le claidheamh a thèarnas mi iad, no le cath, no le eich, no le marcaich. |
8. Agus chuir i on chìch Lo‑ruhamah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac. |
9. An sin thubhairt Dia, Goir Lo‑ammi mar ainm air: oir cha sibhse mo shluagh-sa, agus cha bhi mise ann am Dhia dhuibhse. |
10. Gidheadh bidh àireamh clann Israeil mar ghaineamh na fairge, nach gabh tomhas no àireamh; agus tàrlaidh, anns an àite anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo shluagh-sa, gun abrar riu, Is sibh mic an Dè bheò. |
11. Agus bidh clann Iùdah agus clann Israeil air an cruinneachadh ri chèile, agus gabhaidh iad dhaibh fhèin aon cheann, agus thig iad a‑nìos as an tìr: oir is mòr a bhios là Iesreeil. |
Hosèa 2:1-22 |
1. Abraibh-se ri ur bràithrean, Ammi, agus ri ur peathraichean, Ruhamah. |
2. Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir chan i mo bhean-sa, cha mhò as mise a fear-se: cuireadh i air falbh uime sin a strìopachais as a sealladh, agus a h‑adhaltranais o a h‑uchd; |
3. Air eagal gun rùisg mise i lomnochd, agus gun cuir mi i mar anns an là anns an do rugadh i, agus gun dèan mi i mar fhàsach, agus gum fàg mi i mar fhearann tioram, agus gum marbh mi i le tart: |
4. Agus nach gabh mi truas da cloinn, oir is clann strìopachais iad. |
5. Oir rinn am màthair strìopachas: rinn ise a ghabh na broinn iad gu beag-nàireach: oir thubhairt i, Thèid mi an dèidh mo luchd-gaoil, a tha a’ toirt dhomh m’arain agus m’uisge, m’olainn agus mo lìn, m’ola agus mo dhibhe. |
6. Uime sin, feuch, druididh mise suas a slighe le droigheann, agus dùinidh mi a callaid, air chor is nach amais i air a ceuman. |
7. Agus leanaidh i an dèidh a luchd-gaoil, ach cha bheir i orra; agus iarraidh i iad, ach chan amais i orra: an sin their i, Siùbhlaidh mi agus tillidh mi gum chiad fhear, oir bha mi na b’fheàrr dheth an sin na a‑nis. |
8. Agus cha robh fhios aice gun tug mise dhi arbhar, agus fìon, agus ola, agus an t‑airgead a rinn mi pailt dhi, agus an t‑òr a thug iad mar thabhartas do Bhàal. |
9. Uime sin tillidh mise, agus bheir mi m’arbhar leam na àm, agus m’fhìon na àm, agus bheir mi leam m’olann agus mo lìon, a thugadh a chòmhdachadh a lomnochdaidh. |
10. Agus a‑nis leigidh mi ris a neòghlaine ann an sealladh a luchd-gaoil, agus cha saor duine sam bith as mo làimh i. |
11. Bheir mi fòs air a h‑aighear uile sgur; a gealach nuadh, agus a sàbaid, agus a h‑àrd-fhèillean uile. |
12. Agus millidh mi a fìonain agus a crann-fìge, mun dubhairt i, Is iad seo mo dhuais a fhuair mi om luchd-gaoil: agus nì mi frìth dhiubh, agus ithidh beathaichean na machrach iad. |
13. Agus agraidh mi oirre làithean Bhàalim, anns an do loisg i tùis dhaibh, agus anns an do sgeadaich i i fhèin le a cluas-fhàinnean agus le a seudan, agus anns an deachaidh i an dèidh a leannan, agus anns an do dhìochuimhnich i mise, deir an Tighearna. |
14. Gidheadh, feuch, bheir mise oirre mo leantainn, agus bheir mi i don fhàsach, agus labhraidh mi rithe gu càirdeil. |
15. Agus as a sin bheir mi dhi a fìon-liosan, agus gleann Achoir mar dhoras dòchais: agus seinnidh i an sin, mar ann an làithean a h‑òige, agus mar anns an là anns an tàinig i a‑nìos à tìr na h‑Eiphit. |
16. Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gun goir thu dhìomsa, M’fhear, agus nach goir thu rium nas mò, Mo Bhàal. |
17. Oir bheir mi ainmean Bhàalim a‑mach as a beul, agus chan ainmichear nas mò iad air an ainm. |
18. Agus anns an là sin nì mise coicheangal air an son ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith nèimh, agus ri nithean snàigeach na talmhainn: agus am bogha, agus an claidheamh, agus an cath, brisidh mi a‑mach as an fhearann, agus bheir mi orra gun laigh iad sìos ann an tèarainteachd. |
19. Agus pòsaidh mi thu rium fhèin gu bràth; seadh, pòsaidh mi rium fhèin thu ann am fìreantachd, agus ann an ceartas, agus ann an coibhneas, agus ann an caomh-ghràdh; |
20. Seadh, nì mi ceangal-pòsaidh riut ann am fìrinn, agus gabhaidh tu eòlas air an Tighearna. |
21. Agus tàrlaidh air an là sin, cluinnidh mise, tha an Tighearna ag ràdh, cluinnidh mise na nèamhan; agus cluinnidh iadsan an talamh; |
22. Agus cluinnidh an talamh an t‑arbhar, agus am fìon, agus an ola; agus cluinnidh iadsan Iesreel. |
Salm 138:4-6 |
4. Molaidh uile rìghrean na talmhainn thu, a Thighearna, nuair a chluinneas iad briathran do bheòil; |
5. Agus seinnidh iad ann an slighean an Tighearna, oir is mòr glòir an Tighearna. |
6. Ge h‑àrd an Tighearna, gidheadh seallaidh e air an iriosal, ach aithnichidh e an t‑uaibhreach fad as. |
Gnàth-fhacal 29:17-17 |
17. Cronaich do mhac, agus bheir e suaimhneas dhut: seadh, bheir e sòlas dod anam. |
1 Eòin 3:1-24 |
1. Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan. |
2. A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e. |
3. Agus gach neach aig a bheil an dòchas seo ann, glanaidh e e fhèin, mar a tha esan glan. |
4. Ge bè neach a nì peacadh, tha e mar an ceudna a’ briseadh an lagha: oir is e am peacadh briseadh an lagha. |
5. Agus tha fhios agaibh gun d’fhoillsicheadh esan a‑chum ar peacaidhean a thoirt air falbh; agus chan eil peacadh sam bith annsan. |
6. Gach neach a dh’fhanas annsan cha dèan e peacadh: ge bè air bith a pheacaicheas, chan fhaca e esan, agus cha robh eòlas aige air. |
7. A chlann bheag, na mealladh neach air bith sibh: an tì a nì fìreantachd is fìrean e, mar as fìrean esan: |
8. An tì a nì peacadh, is ann on diabhal a tha e; oir tha an diabhal a’ peacachadh o thùs. Is ann a‑chum na crìche seo a dh’fhoillsicheadh Mac Dhè, a‑chum gun sgriosadh e obraichean an diabhail. |
9. Ge bè neach a ghineadh o Dhia cha dèan e peacadh: oir tha a shìol-san a’ fantainn ann; agus chan eil e an comas dha peacadh a dhèanamh, do bhrìgh gun do ghineadh o Dhia e. |
10. An seo tha clann Dhè, agus clann an diabhail follaiseach: ge bè neach nach dèan fìreantachd chan ann o Dhia a tha e, no an tì nach gràdhaich a bhràthair. |
11. Oir is i seo an teachdaireachd a chuala sibh o thùs, sinn a thoirt gràidh da chèile: |
12. Chan ann mar Chàin, a bha on droch aon, agus a mharbh a bhràthair. Agus carson a mharbh e e? A chionn gu robh a obraichean fhèin olc, agus obraichean a bhràthar fìreanta. |
13. Na biodh ioghnadh oirbh, mo bhràithrean, ged dh’fhuathaicheas an saoghal sibh. |
14. Tha fhios againn gun deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do bhrìgh gu bheil gràdh againn do na bràithrean: an tì nach gràdhaich a bhràthair, fanaidh e ann am bàs. |
15. Gach neach a dh’fhuathaicheas a bhràthair, is mortair e; agus tha fhios agaibh nach eil aig mortair sam bith a’ bheatha mhaireannach a’ fantainn ann. |
16. Le seo is aithne dhuinn gràdh Dhè, do bhrìgh gun do leig esan sìos a anam fhèin air ar son-ne: agus is còir dhuinne ar n‑anaman fhèin a leigeadh sìos airson nam bràithrean. |
17. Agus ge bè neach aig a bheil maoin an t‑saoghail seo, agus a chì a bhràthair ann an uireasbhaidh, agus a dhruideas a chridhe na aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a’ gabhail còmhnaidh annsan? |
18. Mo chlann bheag, na gràdhaicheamaid ann am facal, no ann an teangaidh; ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn. |
19. Agus le seo is aithne dhuinn gu bheil sinn den fhìrinn, agus bheir sinn dearbhachd dar cridheachan na làthair. |
20. Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, is mò Dia na ar cridhe, agus is aithne dha na h‑uile nithean. |
21. A mhuinntir mo ghràidh, mura dìt ar cridhe sinn, tha dànachd againn a‑thaobh Dhè. |
22. Agus ge bè nì a dh’iarras sinn gheibh sinn uaithe e, do bhrìgh gu bheil sinn a’ coimhead a àitheantan, agus a’ dèanamh nan nithean a tha taitneach na fhianais. |
23. Agus is i seo a àithne-san, gun creideamaid ann an ainm a Mhic Iosa Crìosd, agus gun gràdhaicheamaid a chèile, mar a thug esan àithne dhuinn. |
24. Agus an tì a choimheadas a àitheantan-san, tha e a’ gabhail còmhnaidh ann, agus esan annsan: agus le seo is aithne dhuinn gu bheil esan a’ gabhail còmhnaidh annainn, on Spiorad a thug e dhuinn. |