A A A A A
Bible in one year
December 4

Daniel 11:1-45
1. Agus ann an ciad bhliadhna Dhariuis am Mèdeach, sheas mise gu a dhaingneachadh agus gu a neartachadh.
2. Agus a‑nis foillsichidh mi dhut an fhìrinn: Feuch, seasaidh suas fhathast trì rìghrean ann am Persia; agus bidh an ceathramh nas beartaiche gu mòr na iad uile: agus le a chumhachd, trìd a bheartais, dùisgidh e suas na h‑uile an aghaidh rìoghachd na Grèige.
3. Agus seasaidh rìgh cumhachdach suas a riaghlas le tighearnas mòr, agus a nì a rèir a thoile fhèin.
4. Agus nuair a sheasas e suas, brisear a rìoghachd, agus roinnear i ri ceithir gaothan nèimh; agus chan ann da shliochd, no a rèir a thighearnais, leis an do riaghail e: oir bidh a rìoghachd air a spìonadh a‑nìos, eadhon airson muinntir eile a bharrachd orra seo.
5. Agus bidh rìgh na h‑àird a deas làidir, ach bidh aon de na prionnsachan eadhon nas làidire na esan; agus bidh aige tighearnas nas mò na a thighearnas-san.
6. Agus an ceann bhliadhnachan ceanglaidh iad iad fhèin ri chèile; oir thig nighean rìgh na h‑àird a deas a‑chum rìgh na h‑àird a tuath a dhèanamh rèite eatorra: ach cha ghlèidh i cumhachd a ghàirdein, cha mhò a sheasas i fhèin no a sliochd: ach bheirear ise seachad, agus iadsan a thug leo i, agus esan a ghin i, agus esan a neartaich i anns na h‑aimsirean seo.
7. Ach a‑mach à meangan de a freumh seasaidh aon suas na inbhe, a thig le feachd, agus a thèid a‑steach gu daingneach rìgh na h‑àird a tuath, agus cuiridh e nan aghaidh, agus bheir e buaidh:
8. Agus bheir e fòs nam braighdean don Eiphit an diathan, maille rim prionnsachan, agus rin soithichean luachmhor airgid agus òir; agus buanaichidh e tuilleadh bhliadhnachan na rìgh na h‑àird a tuath.
9. Mar sin thig rìgh na h‑àird a deas da rìoghachd-san, agus tillidh e ga dhùthaich fhèin.
10. Ach bidh a mhic air an dùsgadh suas, agus cruinnichidh iad sluagh de fheachdan mòra; agus thig aon gu deimhinn, agus sgaoilidh e thairis, agus imichidh e troimhe: an sin tillidh e, agus dùisgear suas e, gu ruig a dhaingnich.
11. Agus lìonar rìgh na h‑àird a deas le feirg, agus thig e a‑mach, agus cogaidh e ris, eadhon ri rìgh na h‑àird a tuath: agus cuiridh e a‑mach sluagh mòr; ach bheirear am mòr-shluagh thairis da làimh-san.
12. Agus nuair a bheir e air falbh am mòr-shluagh, bidh a chridhe air a thogail suas, agus tilgidh e sìos deich mìltean; gidheadh cha neartaichear e.
13. Oir tillidh rìgh na h‑àird a tuath, agus cuiridh e sluagh mòr a‑mach, as mò na a’ chiad sluagh, agus thig e gu cinnteach (an dèidh bhliadhnachan àraidh) le feachd mòr, agus le pailteas saoibhreis.
14. Agus anns na h‑aimsirean sin seasaidh mòran suas an aghaidh rìgh na h‑àird a deas: mar an ceudna nì luchd-creachaidh mo shluaigh-sa iad fhèin àrdachadh a‑chum an sealladh a dhaingneachadh, ach tuitidh iad.
15. Mar sin thig rìgh na h‑àird a tuath, agus tilgidh e suas tòrr, agus glacaidh e na bailtean as làidire; agus cha seas gàirdeanan na h‑àird a deas na aghaidh, no a shluagh taghte, cha mhò a bhios neart air bith a chuireas na aghaidh.
16. Ach nì esan a thig na aghaidh a rèir a thoile fhèin, agus cha seas neach air bith roimhe: agus seasaidh e anns an tìr ghlòrmhoir, a bhios air a sgrios le a làimh.
17. Suidhichidh e fòs a aghaidh gu dol a‑steach le neart a rìoghachd uile, agus daoine ionraic maille ris: mar seo nì e; agus bheir e dha nighean nam ban ga truailleadh: ach cha seas i air a thaobh-san, cha mhò a bhios i air a shon.
18. Na dhèidh seo tionndaidhidh e a aghaidh ris na h‑eileanan, agus glacaidh e mòran: ach bheir prionnsa air a shon fhèin fa‑near gun sguir am masladh a thug e uaithe: gun mhasladh dha fhèin bheir e air tilleadh airsan.
19. An sin tionndaidhidh e a aghaidh ri daingneach a thìre fhèin: ach gheibh e tuisleadh agus leagadh, agus cha bhi e ri fhaotainn.
20. An sin seasaidh suas na àite aon a chuireas fear-togail chìsean thar an rìoghachd ghlòrmhor; ach an ceann beagan làithean sgriosar e, chan ann an corraich no an cath.
21. Agus na àite-san seasaidh suas neach suarach do nach toir iad onair na rìoghachd: ach thig e a‑steach gu sìochail, agus gheibh e an rìoghachd le miodal.
22. Agus gàirdeanan na tuile bàthar as an làthair, agus brisear iad: seadh, fòs prionnsa a’ choicheangail.
23. Agus an dèidh na rèite ris, buinidh e gu cealgach; agus thig e a‑nìos, agus fàsaidh e làidir le sluagh beag.
24. Thèid e a‑steach gu sìochail eadhon air na h‑ionadan as fheàrr den mhòr-roinn, agus nì e an nì nach do rinn a athraichean, no athraichean a athraichean; sgapaidh e nam measg a’ chreach, agus a chobhartach, agus an saoibhreas: agus dealbhaidh e innleachdan an aghaidh nan daingnichean làidir, eadhon rè seal.
25. Agus dùisgidh e suas a chumhachd agus a chruadal, an aghaidh rìgh na h‑àird a deas le feachd mòr; agus bidh rìgh na h‑àird a deas air a dhùsgadh suas gu cath, le feachd ro‑mhòr agus cumhachdach; ach cha seas e: oir dealbhaidh iad innleachdan na aghaidh.
26. Seadh, marbhaidh iadsan a dh’itheas cuibhreann de a bhiadh e, agus sgaoilidh a fheachd a‑mach mar thuil: agus tuitidh mòran sìos marbh.
27. Agus bidh cridheachan nan rìghrean seo araon air aimhleas a dhèanamh, agus labhraidh iad breugan air an aon bhòrd; ach cha soirbhich sin: oir fhathast bidh a’ chrìoch anns an àm a shònraicheadh.
28. An sin tillidh esan gu a dhùthaich le saoibhreas mòr; agus bidh a chridhe an aghaidh a’ choicheangail naoimh: agus an dèidh seo a dhèanamh, tillidh e gu a thìr fhèin.
29. Anns an àm a shònraicheadh tillidh e, agus thig e ris an àird a deas; ach cha bhi na nithean mu dheireadh mar na ciad nithean.
30. Oir thig longan Chitim na aghaidh: air an adhbhar sin bidh doilgheas air, agus tillidh e, agus bidh fearg air an aghaidh a’ choicheangail naoimh: mar sin nì e; eadhon tillidh e, agus cumaidh e bàidh riùsan a thrèigeas an coicheangal naomh.
31. Agus seasaidh làmhan air a thaobh, agus truaillidh iad naomh-ionad an neirt, agus bheir iad air falbh an ìobairt làitheil, agus suidhichidh iad a’ ghràinealachd a chuireas fàs.
32. Agus a’ mhuinntir a nì gu h‑olc an aghaidh a’ choicheangail truaillidh e le miodal: ach an sluagh aig a bheil eòlas air an Dia, bidh iadsan làidir, agus nì iad gu treun.
33. Agus iadsan aig a bheil tuigse am measg an t‑sluaigh, teagaisgidh iad mòran: gidheadh tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, agus leis an lasair, le bruid, agus le creich, rè mòran làithean.
34. A‑nis nuair a thuiteas iad, cuidichear iad le beagan cuideachaidh: ach leanaidh mòran riu le miodal.
35. Agus tuitidh cuid dhiubhsan aig a bheil tuigse, a‑chum an dearbhadh, agus an glanadh, agus an dèanamh geal, eadhon gu àm na crìche; a chionn gu bheil e fhathast airson àm a shònraicheadh.
36. Agus nì an rìgh a rèir a thoile fhèin; agus àrdaichidh e e fhèin, agus togar e na mhòrchuis os cionn gach dè, agus labhraidh e nithean iongantach an aghaidh Dia nan dia, agus soirbhichidh leis gus an coileanar a’ chorraich: oir nìthear an nì sin a dh’òrdaicheadh.
37. Cha mhò a bhios suim aige do dhia a athraichean, no do thoil bhan, no suim do dhia air bith: oir meudaichidh e e fhèin os cionn nan uile.
38. Ach na àite bheir e onair don dia Mahusim: agus do Dhia nach b’aithne da athraichean bheir e onair le òr agus airgead, agus le clachan rìomhach, agus nithean taitneach.
39. Mar seo nì e: do luchd-coimhead Mhahusim, dia coimheach, a tha esan ag aideachadh, bheir e onair mhòr, agus bheir e orra riaghladh thar mòran; agus roinnidh e am fearann airson duaise.
40. Agus an àm na crìche nì rìgh na h‑àird a deas a phurradh, agus thig rìgh na h‑àird a tuath na aghaidh mar chuairt-ghaoith, le carbadan, agus le marcaichean, agus le mòran long; agus thèid e a‑steach do na dùthchannan, agus sgaoilidh e mar thuil, agus siùbhlaidh e thairis.
41. Thèid e fòs a‑steach don tìr ghlòrmhoir, agus bidh mòran dhùthchannan air an tilgeadh bun-os‑cionn; ach thèid iad seo as o làimh, Edom, agus Mòab, agus rogha chloinn Amoin.
42. Sìnidh e fòs a‑mach a làmh air na dùthchannan; agus cha tèid tìr na h‑Eiphit as.
43. Ach bidh cumhachd aige os cionn nan ionmhasan òir agus airgid, agus os cionn uile nithean rìomhach na h‑Eiphit, agus bidh na Libianaich agus na h‑Etiopaich air a lorg.
44. Ach nì sgeul on àird an ear agus on àird a tuath a bhuaireadh: air an adhbhar sin thèid e a‑mach le corraich mhòir gu sgrios, agus gu mòran a mhilleadh gu tur.
45. Agus suidhichidh e pàilleanan a lùchairtean eadar na cuantan, anns an t‑sliabh ghlòrmhor naomh; gidheadh thig e gu chrìch, agus cha chuidich neach air bith leis.

Daniel 12:1-13
1. Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.
2. Agus dùisgidh mòran dhiubhsan a tha nan cadal ann an duslach na talmhainn, cuid gu beatha shìorraidh, agus cuid gu nàire agus masladh bith-bhuan.
3. Agus dealraichidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fìreantachd mar na reultan fad saoghal nan saoghal.
4. Ach thusa, O Dhanieil, druid suas na briathran, agus seulaich an leabhar, gu àm na crìche: ruithidh mòran sìos agus suas, agus bidh eòlas air a mheudachadh.
5. An sin dh’amhairc mise Daniel, agus, feuch, sheas dithis eile, aon air an taobh seo de bhruaich na h‑aibhne, agus aon air an taobh eile de bhruaich na h‑aibhne.
6. Agus thubhairt neach ris an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, Cia fhad a bhios gu crìch nan iongantas seo?
7. Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.
8. Agus chuala mi, ach cha do thuig mi: an sin thubhairt mi, O mo thighearna, ciod a’ chrìoch a bhios aig na nithean seo?
9. Agus thubhairt e, Imich romhad, a Dhanieil: oir tha na briathran air an druideadh suas, agus air an seulachadh gu àm na crìche.
10. Bidh mòran air an glanadh, agus air an dèanamh geal, agus air an dearbhadh: ach nì na h‑aingidh gu h‑olc; agus cha tuig aon neach de na h‑aingidh; ach tuigidh na daoine glice.
11. Agus on àm anns an toirear air falbh an ìobairt làitheil, agus an cuirear suas a’ ghràinealachd a nì lèirsgrios, bidh mìle, dà cheud, ceithir-fichead agus deich làithean.
12. Is beannaichte esan a dh’fheitheas, agus a thig gus am mìle, trì cheud, agus còig-deug ar fhichead là.
13. Ach imich thusa romhad gus an tig a’ chrìoch: oir gabhaidh tu fois, agus seasaidh tu ann ad chrannchur aig crìch nan làithean.

Salm 138:1-3
1. Salm le Daibhidh. Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; an làthair nan diathan seinnidh mi cliù dhut.
2. Sleuchdaidh mi aig do theampall naomh, agus molaidh mi d’ainm airson do choibhneas gràidh agus airson d’fhìrinn, oir dh’àrdaich thu d’fhacal os cionn d’ainme uile.
3. Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam.

Gnàth-fhacal 29:16-16
16. Nuair a bhios na h‑aingidh lìonmhor, bidh easaontas lìonmhor: ach nì na fìreanan an leagadh.

1 Eòin 2:1-29
1. Mo chlann bheag, na nithean seo tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a‑chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Crìosd am fìrean:
2. Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean-ne a‑mhàin, ach mar an ceudna airson peacaidhean an t‑saoghail uile.
3. Agus le seo tha fhios againn gur aithne dhuinne e, ma choimheadas sinn a àitheantan.
4. An tì a their, Is aithne dhomh e, agus nach eil a’ coimhead a àitheantan, is breugaire e, agus chan eil an fhìrinn ann.
5. Ach ge bè a choimheadas a fhacal, annsan gu deimhinn tha gràdh Dhè air a choileanadh: le seo is aithne dhuinn gu bheil sinn annsan.
6. An tì a their gu bheil e a’ fantainn annsan, is còir dha mar an ceudna gluasad, eadhon mar a ghluais esan.
7. A bhràithrean, chan eil mi a’ sgrìobhadh àithne nuaidh dur n‑ionnsaigh, ach seann àithne, a bha agaibh o thùs: is i an t‑seann àithne am facal a chuala sibh o thùs.
8. A‑rìs, tha mi a’ sgrìobhadh àithne nuaidh dur n‑ionnsaigh, nì a tha fìor annsan agus annaibhse: do bhrìgh gun d’imich an dorchadas thairis, agus gu bheil a‑nis an solas fìor a’ dealrachadh.
9. An tì a their gu bheil e anns an t‑solas, agus a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas gus a‑nis.
10. An tì aig a bheil gràdh da bhràthair, tha e na chòmhnaidh anns an t‑solas, agus chan eil adhbhar oilbheim air bith ann:
11. Ach an tì a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas, agus ag imeachd anns an dorchadas, agus chan aithne dha càit a bheil e a’ dol, do bhrìgh gun do dhall an dorchadas a shùilean.
12. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a chlann bheag, do bhrìgh gu bheil ur peacaidhean air am maitheadh dhuibh, air sgàth a ainme-san.
13. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, athraichean, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh esan a tha o thùs. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, òganacha, do bhrìgh gun tug sibh buaidh air an droch aon. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a chlann bheag, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh an t‑Athair.
14. Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, athraichean, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh an tì a tha ann o thùs. Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, òganacha, do bhrìgh gu bheil sibh làidir, agus gu bheil facal Dhè na chòmhnaidh annaibh, agus gun tug sibh buaidh air an droch aon.
15. Na gràdhaichibh an saoghal, no na nithean a tha anns an t‑saoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, chan eil gràdh an Athar ann.
16. Oir na h‑uile a tha anns an t‑saoghal, ana-miann na feòla, agus ana-miann nan sùl, agus uabhar na beatha, chan ann on Athair a tha iad, ach on t‑saoghal.
17. Agus siùbhlaidh an saoghal seachad, agus ana-miann: ach an tì a nì toil Dhè mairidh e a‑chaoidh.
18. A chlann bheag, is i an aimsir dheireannach a tha ann: agus mar a chuala sibh gun tig an t‑ana-crìosd, is ann mar sin a tha a‑nis iomadh ana-crìosd ann; om bheil sinn a’ tuigsinn gur i an aimsir dheireannach a tha ann.
19. Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn.
20. Ach tha agaibhse ungadh on Tì Naomh, agus is aithne dhuibh na h‑uile nithean.
21. Cha do sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, do bhrìgh nach aithne dhuibh an fhìrinn; ach do bhrìgh gur aithne dhuibh i, agus nach eil breug air bith on fhìrinn.
22. Cò tha na bhreugaire, ach esan a dh’àicheas gur e Iosa an Crìosd? Is e seo an t‑ana-crìosd, a tha ag àicheadh an Athar agus a’ Mhic.
23. Ge bè neach a dh’àicheas am Mac, chan eil an t‑Athair aige: (ach an tì a dh’aidicheas am Mac, tha an t‑Athair aige mar an ceudna).
24. Uime sin fanadh an nì sin annaibhse a chuala sibh o thùs. Ma dh’fhanas an nì a chuala sibh o thùs annaibh, fanaidh sibhse mar an ceudna anns a’ Mhac, agus anns an Athair.
25. Agus is e seo an gealladh a gheall e dhuinn, eadhon a’ bheatha mhaireannach.
26. Sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh, mu thimcheall an dream a tha gur mealladh.
27. Ach tha an t‑ungadh a fhuair sibh uaithesan a’ fantainn annaibh: agus chan eil feum agaibh gun teagaisgeadh aon neach air bith sibh: ach, mar a tha an t‑ungadh seo fhèin gur teagasg mu thimcheall nan uile nithean, agus a tha e fìor, agus nach breug e, eadhon mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann.
28. Agus a‑nis, a chlann bheag, fanaibh annsan; a‑chum nuair a dh’fhoillsichear e, gum bi dànachd againn, agus nach bi nàire oirnn na làthair aig a theachd.
29. Ma tha fhios agaibh gu bheil esan fìreanta, tha fhios agaibh gu bheil gach neach a nì fìreantachd air a bhreith uaithesan.