Instagram
English
A A A A A
Sechariah 13:1-9
1. Anns an là sin bidh tobar air fhosgladh do thaigh Dhaibhidh, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, airson peacaidh agus airson neòghlaine.
2. Agus tàrlaidh air an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gun geàrr mise a‑mach ainmean nan iodhalan as an fhearann, agus cha chuimhnichear iad nas mò; agus fòs bheir mi air na fiosaichean agus na spioradan neòghlan siubhal a‑mach as an fhearann.
3. Agus tàrlaidh nuair a nì duine sam bith fàistneachd, an sin gun abair a athair agus a mhàthair, a ghin e, ris, Cha mhair thu beò; oir labhair thu breugan ann an ainm an Tighearna: agus nì a athair agus a mhàthair a ghin e, a bhualadh troimhe nuair a nì e fàistneachd.
4. Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi nàire air na fàidhean, gach aon de a shealladh nuair a nì e fàistneachd: cha mhò a chuireas iad umpa fallaingean molach gu mealladh.
5. Ach their gach aon, Chan fhàidh mise, is treabhaiche mi; oir tha còir aig duine eile orm om òige.
6. Agus their aon ris, Ciod iad na lotan sin ann ad làmhan? An sin freagraidh esan, Iad sin leis an do lotadh mi ann an taigh mo chàirdean.
7. Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.
8. Agus tàrlaidh anns an fhearann uile tha an Tighearna ag ràdh, gun gearrar as dà thrian ann, agus gum bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann.
9. Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

Sechariah 14:1-21
1. Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, agus roinnear do chreach ann ad mheadhon.
2. Oir cruinnichidh mise na h‑uile chinnich an aghaidh Ierusaleim gu cogadh; agus glacar am baile, agus creachar na taighean, agus èignichear na mnathan; agus thèid leth a’ bhaile air falbh ann am bruid; agus cha ghearrar a’ chuid eile den t‑sluagh as on bhaile.
3. Agus thèid an Tighearna a‑mach, agus cogaidh e an aghaidh nan cinneach sin, mar a chog e ann an là a’ chatha.
4. Agus seasaidh a chasan air an là sin air Sliabh nan Crann-ola, a tha fa chomhair Ierusaleim air an taobh an ear: agus sgoltaidh Sliabh nan Crann-ola na mheadhon, ris an àird an ear, agus ris an àird an iar, air chor is gum bi gleann ro‑mhòr ann: agus gluaisidh leth an t‑slèibh ri tuath, agus an leth eile ri deas.
5. Agus teichidh sibhse rathad gleann nan sliabh: oir ruigidh gleann nan sliabh gu Asal: seadh, teichidh sibh mar a theich sibh ron chrith-thalmhainn, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah: agus thig an Tighearna mo Dhia-sa, agus a naoimh uile maille ris.
6. Agus tàrlaidh anns an là sin nach bi solas soilleir agus dorchadas ann;
7. Ach bidh e na aon là, a bhios aithnichte don Tighearna: cha là agus chan oidhche a bhios ann: ach tàrlaidh air tràth feasgair gum bi solas ann.
8. Agus tàrlaidh air an là sin, gun tèid uisgeachan beò a‑mach à Ierusalem; leth dhiubh ris an fhairge an ear, agus leth dhiubh ris an fhairge an iar: anns an t‑samhradh agus anns a’ gheamhradh bidh e.
9. Agus bidh an Tighearna na rìgh os cionn na talmhainn uile: anns an là sin bidh aon Tighearna ann, agus a ainm na aon.
10. Agus cuartaichidh e am fearann uile mar chòmhnard, o Gheba gu Rimon, mu dheas de Ierusalem: agus togar suas i, agus àitichear i na h‑ionad, o gheata Bheniàmin gu àite a’ chiad gheata, agus gu geata na h‑oisne, agus o thùr Hananeeil gu fìon-amair an rìgh.
11. Agus nì daoine còmhnaidh innte, agus cha bhi lèirsgrios ann nas mò; ach bidh Ierusalem air a h‑àiteachadh ann an tèarainteachd.
12. Agus seo a’ phlàigh leis am buail an Tighearna na slòigh a chog an aghaidh Ierusaleim: leaghaidh am feòil air falbh am feadh a tha iad nan seasamh air an casan, agus leaghaidh an sùilean air falbh nan sluic, agus leaghaidh an teanga air falbh nam beul.
13. (Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi buaireas mòr on Tighearna nam measg: agus glacaidh iad greim, gach aon de làimh a choimhearsnaich; agus èiridh a làmh suas an aghaidh làmh a choimhearsnaich.
14. Agus cogaidh Iùdah fòs aig Ierusalem; agus cruinnichear ri chèile maoin nan uile chinneach mun cuairt, òr, agus airgead, agus earradh, ann am pailteas mòr.)
15. Agus bidh plàigh an eich, na muileid, a’ chàmhail, agus na h‑asail, agus nan uile bheathaichean a bhios anns na campan seo, mar a’ phlàigh seo.
16. Agus tàrlaidh gun tèid gach aon a dh’fhàgar, de na h‑uile chinnich a thàinig an aghaidh Ierusaleim, suas o bhliadhna gu bliadhna gu adhradh a dhèanamh don Rìgh, Tighearna nan sluagh, agus a choimhead fèill nam pàillean.
17. Agus tàrlaidh, cò sam bith de uile theaghlaichean na talmhainn nach tèid suas gu Ierusalem, a dhèanamh adhraidh don Rìgh, Tighearna nan sluagh, eadhon orra sin cha tig uisge sam bith.
18. Agus mura tèid teaghlach na h‑Èiphit suas, agus mura tig iad, orrasan bidh a’ phlàigh sin leis am buail an Tighearna na cinnich nach tèid suas a choimhead fèill nam pàillean.
19. Seo peanas na h‑Èiphit, agus peanas nan uile chinneach nach tèid suas a choimhead fèill nam pàillean.
20. Anns an là sin, bidh air cluig nan each, Naomhachd don Tighearna: agus bidh na coireachan ann an taigh an Tighearna mar na cuachan fa chomhair na h‑altarach.
21. Seadh, bidh gach poit ann an Ierusalem, agus ann an Iùdah, nan naomhachd do Thighearna nan sluagh: agus thig iadsan uile a dh’ìobras, agus gabhaidh iad dhiubh, agus bruichidh iad annta: agus cha bhi nas mò an Canàanach ann an taigh Iehòbhah Dia nan sluagh anns an là sin.

Salm 149:5-9
5. Dèanadh na naoimh gàirdeachas ann an glòir; dèanadh iad iolach air an leapaichean.
6. Biodh àrd-chliù Dhè nam beul, agus claidheamh dà fhaobhair nan làimh,
7. A‑chum dìoghaltas a dhèanamh air na cinnich, smachdachadh goirt air na slòigh;
8. A‑chum an rìghrean a cheangal le slabhraidhean, agus an àrd-uaislean le geimhlean iarainn;
9. A‑chum am breitheanas a tha sgrìobhte a chur an gnìomh orra; tha an t‑urram seo aig a naoimh uile. Molaibh-se an Tighearna.

Gnàth-fhacal 31:1-9
1. Briathran rìgh Lemueil, an fhàidheadaireachd a theagaisg a mhàthair dha.
2. Ciod, a mhic? Agus ciod, a mhic mo bhronn? Agus ciod, a mhic mo bhòidean?
3. Na tabhair do neart do mhnathan; no do shlighean don nì a mhilleas rìghrean.
4. Chan eil e airson rìghrean, a Lemueil, chan eil e airson rìghrean fìon òl, no airson uachdarain dèidh a bhith aca air dibh làidir:
5. Air eagal gun òl iad, agus gun dìochuimhnich iad an lagh, agus gun claon iad breitheanas do aon sam bith de chloinn an àmhghair.
6. Thugaibh deoch làidir dhàsan a tha ullamh gu bàsachadh, agus fìon dhaibhsan a tha ann an searbhas anama.
7. Oladh e, agus dìochuimhnicheadh e a bhochdainn, agus na cuimhnicheadh e a thruaighe nas mò.
8. Fosgail do bheul airson an duine bhailbh, ann an cùis nan uile a tha air an òrdachadh a‑chum sgrios.
9. Fosgail do bheul, thoir breith le ceartas, tagair cùis an truaghain agus an fheumaich.

Taisbeanadh 20:1-15
1. Agus chunnaic mi aingeal a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus iuchair sloc an dubh-aigein aige, agus slabhraidh mhòr na làimh.
2. Agus rug e air an dràgon, an t‑seann nathair nimhe sin, as e an diabhal agus Sàtan, agus cheangail e e rè mìle bliadhna;
3. Agus thilg e e do shloc an dubh-aigein, agus dhùin e a‑staigh e, agus chuir e seula air, a‑chum nach mealladh e na cinnich tuilleadh, gus an crìochnaichte am mìle bliadhna: agus an dèidh sin, is èiginn gum fuasglar e rè ùine bhig.
4. Agus chunnaic mi rìgh-chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh-bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna.
5. Ach cha d’ath-bheothaicheadh a’ chuid eile de na mairbh gus an robh am mìle bliadhna air an crìochnachadh. Is i seo a’ chiad aiseirigh.
6. Is beannaichte agus is naomh an tì aig a bheil cuid anns a’ chiad aiseirigh: orra seo chan eil cumhachd aig an dara bàs; ach bidh iad nan sagartan do Dhia, agus do Chrìosd, agus rìoghaichidh iad maille ris mìle bliadhna.
7. Agus nuair a chrìochnaichear am mìle bliadhna, fuasglar Sàtan as a phrìosan,
8. Agus thèid e a‑mach a mhealladh nan cinneach, a tha ann an ceithir cheàrnan na talmhainn, Gog agus Magog, a‑chum an cruinneachadh gu cath; muinntir a tha ann an àireamh mar ghaineimh na fairge.
9. Agus chaidh iad suas air leud na talmhainn, agus chuartaich iad camp nan naomh, agus am baile ionmhainn: agus thàinig teine a‑nuas o Dhia à nèamh, agus chuir e as dhaibh.
10. Agus thilgeadh an diabhal a mheall iad anns an loch theine agus phronnaisg, far a bheil am fiadh-bheathach, agus am fàidh brèige, agus bidh iad air am pianadh a là agus a dh’oidhche, gu saoghal nan saoghal.
11. Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.
12. Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.
13. Agus thug an fhairge uaipe na mairbh a bha innte; agus thug am bàs agus an uaigh uapa na mairbh a bha annta: agus thugadh breith orra gach aon a rèir an gnìomharan.
14. Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn don loch theine: is e seo an dara bàs.
15. Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.