A A A A A
Bible in one year
December 3

Daniel 9:1-27
1. Ann an ciad bhliadhna Dhariuis mhic Ahasueruis, de shìol nam Mèdach, a rinneadh na rìgh os cionn rìoghachd nan Caldèanach:
2. Anns a’ chiad bhliadhna de a linn-san, thuig mise Daniel, le leabhraichean, àireamh nam bliadhnachan mun tàinig facal an Tighearna gu Ieremiah am fàidh gun coileanadh e, deich agus trì-fichead bliadhna anns am biodh Ierusalem na làraichean.
3. Agus chuir mi m’aghaidh ris an Tighearna Dia, ga iarraidh le ùrnaigh agus le athchuinge, le trasg, agus le aodach-saic, agus le luaithre:
4. Agus rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna mo Dhia, agus rinn mi m’aidmheil, agus thubhairt mi, O Thighearna, an Dia mòr, agus uamhasach, a tha a’ cumail coicheangail agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus don dream a choimheadas a àitheantan:
5. Pheacaich sinne, agus chuir sinn an gnìomh euceart, agus rinn sinn gu h‑aingidh, agus bha sinn ceannairceach, eadhon le dealachadh rid àitheantan agus rid bhreitheanais.
6. Cha mhò a dh’èisd sinn rid sheirbhisich na fàidhean, a labhair ann ad ainm-sa ri ar rìghrean, ri ar n‑uachdarain, agus ri ar n‑athraichean, agus ri uile shluagh an fhearainn.
7. O Thighearna, buinidh fìreantachd dhutsa, ach dhuinne nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh: do mhuinntir Iùdah, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus do Israel uile, am fagas agus am fad as, feadh nan uile dhùthchannan gus an d’fhògair thusa iad airson am peacaidhean a pheacaich iad ann ad aghaidh-sa.
8. O Thighearna, dhuinne buinidh nàire gnùise, dar rìghrean, dar prionnsachan, agus dar n‑athraichean, a chionn gun do pheacaich sinn ad aghaidh.
9. Don Tighearna ar Dia buinidh tròcairean agus maitheanais, ged a rinn sinne ar‑a‑mach na aghaidh.
10. Cha mhò a thug sinn gèill do ghuth an Tighearna ar Dia, a‑chum gluasad na reachdan a chuir e romhainn le a sheirbhisich na fàidhean.
11. Seadh, bhris Israel uile do reachd, eadhon le dol a thaobh, a‑chum nach tugadh iad gèill dod guth; air an adhbhar sin tha am mallachd air a dhòrtadh oirnn, agus an truaighe a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè, a chionn gun do pheacaich sinn na aghaidh.
12. Agus dhaingnich e a bhriathran a labhair e nar n‑aghaidh, agus an aghaidh ar britheamhan a thug breith oirnn, le dòrainn mhòr a thoirt oirnn; oir fo nèamh uile cha do rinneadh mar a rinneadh air Ierusalem.
13. Mar tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, tha an t‑olc seo uile air teachd oirnn; gidheadh cha do rinn sinn ar n‑ùrnaigh an làthair an Tighearna ar Dia, a‑chum gum bitheamaid air ar tilleadh o ar n‑euceartan, agus gun tuigeamaid d’fhìrinn.
14. Uime sin rinn Dia faire air an olc, agus thug e oirnn e: oir tha an Tighearna ar Dia ceart na uile obraichean a tha e a’ dèanamh: oir cha tug sinne gèill da ghuth.
15. Agus a‑nis, O Thighearna ar Dia, a thug do shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit le làimh chumhachdaich, agus a fhuair dhut fhèin cliù, mar air an là‑an‑diugh, pheacaich sinne, rinn sinn gu h‑aingidh.
16. O Thighearna, a rèir d’uile fhìreantachd, guidheam ort, leig led chorraich agus led fheirg tilleadh air falbh od chathair Ierusalem, do shliabh naomh: a chionn, airson ar lochdan, agus airson aingidheachdan ar n‑athraichean, gu bheil Ierusalem agus do shluagh nam masladh do na h‑uile mun cuairt dhuinn.
17. A‑nis, uime sin, O ar Dia, èisd ùrnaigh d’òglaich, agus a athchuinge, agus thoir air do ghnùis dealradh air d’ionad naomh a tha na làraich, air sgàth an Tighearna.
18. O mo Thighearna, crom do chluas agus cluinn; fosgail do shùilean, agus faic ar fàsachadh, agus a’ chathair a tha air a gairm air d’ainm: oir chan eil sinn a’ taisbeanadh ar n‑athchuingean ad làthair airson ar n‑ionracais, ach airson do mhòr-thròcair fhèin.
19. O Thighearna, èisd; O Thighearna, maith; O Thighearna, cluinn agus dèan; na dèan moille, air do shon fhèin, O mo Dhia: oir tha do chathair agus do shluagh air an gairm air d’ainm.
20. Agus am feadh a bha mi a’ labhairt, agus ri ùrnaigh, agus ag aideachadh mo lochdan, agus lochdan mo shluaigh Israeil, agus a’ taisbeanadh m’athchuinge an làthair an Tighearna mo Dhia, airson sliabh naomh mo Dhè:
21. Seadh, am feadh a bha mi a’ labhairt ann an ùrnaigh, an neach ceudna a chunnaic mi anns an aisling air tùs, Gabriel air an tugadh itealaich gu luath, bhean e rium, mu àm na h‑ìobairt-fheasgair:
22. Agus thug e fios dhomh, agus labhair e rium, agus thubhairt e, O Dhanieil, tha mise a‑nis air teachd a‑mach a thoirt dhut gliocais agus tuigse.
23. Aig toiseach d’athchuinge thàinig an àithne a‑mach, agus thàinig mise a dh’fheuchainn dhut: oir tha thu air do ghràdhachadh gu ro‑mhòr: uime sin, tuig a’ chùis, agus thoir fa‑near an aisling.
24. Tha deich agus trì-fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe.
25. Aithnich uime sin agus tuig, o dhol a‑mach na h‑àithne, gu Ierusalem aiseag agus a thogail suas, gu Mesiah am Prionnsa, gum bi seachd seachdainean, agus trì-fichead agus dà sheachdain: togar an t‑sràid a‑rìs agus am balla, eadhon ann an aimsirean carraideach.
26. Agus an ceann nan trì-fichead agus dà sheachdain, gearrar Mesiah as, ach chan ann air a shon fhèin: agus sgriosaidh sluagh a’ phrionnsa a thig a’ chathair, agus an naomh-ionad; agus bidh a chrìoch sin le tuil, agus gu deireadh a’ chogaidh tha lèirsgrios air òrdachadh.
27. Agus daingnichidh esan an coicheangal ri mòran car aon seachdain: agus ann am meadhon na seachdain bheir e air an ìobairt agus air an tabhartas sgur; agus anns an teampall bidh gràinealachd an lèirsgrios, gus an coileanar an sgrios a dh’òrdaicheadh air a làraich fhàsail.

Daniel 10:1-21
1. Ann an treas bliadhna Chìruis rìgh Phersia, dh’fhoillsicheadh nì do Dhaniel (dom b’ainm Beltesasar), agus bha an nì fìor, agus mu thimcheall feachd mhòir; agus thuig e a’ chùis, agus bha e eòlach anns an t‑sealladh.
2. Anns na làithean sin bha mise Daniel ri bròn trì seachdainean iomlan.
3. Cha d’ith mi aran taitneach air bith, cha mhò a thàinig feòil no fìon ann am bheul, cha mhò a dh’ung mi mi fhèin idir, gus an robh trì seachdainean iomlan air an coileanadh.
4. Agus air a’ cheathramh-là‑fichead den chiad mhìos, nuair a bha mi ri taobh na h‑aibhne mòire, Hidecel;
5. An sin thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi, agus feuch, duine àraidh ann an aodach lìn, aig an robh a leasraidh crioslaichte le òr grinn Uphais:
6. Bha a chorp fòs cosmhail ri beril, agus a ghnùis mar dhreach dealanaich, agus a shùilean mar lòchrain theine, agus a ghàirdeanan agus a chasan cosmhail ann an dath ri umha lìomhte, agus fuaim a bhriathran cosmhail ri guth sluaigh mhòir.
7. Agus chunnaic mise Daniel a‑mhàin an sealladh: oir chan fhaca na daoine a bha maille rium an sealladh: ach thuit crith mhòr orra, ionnas gun do theich iad gu iad fhèin fhalach.
8. Air an adhbhar sin dh’fhàgadh mise ann am aonar, agus chunnaic mi an sealladh mòr seo, agus cha d’fhan cumhachd air bith annam, oir dh’atharraicheadh annam mo mhaise gu duaichneachd, agus cha do mhair neart annam.
9. Gidheadh chuala mi fuaim a bhriathran: agus nuair a chuala mi fuaim a bhriathran, an sin bha mi ann an cadal trom air m’aghaidh, agus m’aghaidh ris an làr.
10. Agus, feuch, bhean làmh rium, a chuir mi air mo ghlùinean, agus air basan mo làmh:
11. Agus thubhairt e rium, O Dhanieil, a dhuine ro‑ionmhainn, tuig na briathran a tha mise a’ labhairt riut, agus èirich ann ad sheasamh: oir ad ionnsaigh-sa tha mi a‑nis air mo chur. Agus nuair a labhair e am facal seo rium, sheas mi air chrith.
12. An sin thubhairt e rium, Na biodh eagal ort, a Dhanieil; oir on chiad là anns an do shuidhich thu do chridhe a‑chum tuigsinn, agus a‑chum thu fhèin irioslachadh ann an làthair do Dhè, bha do bhriathran air an cluinntinn, agus tha mise air teachd airson do bhriathran.
13. Ach sheas prionnsa rìoghachd Phersia ann am aghaidh là‑ar‑fhichead: ach feuch, thàinig Mìchael, aon de na h‑àrd phrionnsachan gum chòmhnadh; agus dh’fhan mi an sin le rìghrean Phersia.
14. A‑nis tha mi air teachd a thoirt ort a thuigsinn ciod a thachras dod shluagh anns na làithean deireannach: oir tha an sealladh fhathast rè mòran làithean.
15. Agus nuair a labhair e an leithid seo de bhriathran rium, chuir mi m’aghaidh ris an làr, agus bha mi ann am thosd.
16. Agus, feuch, bhean neach cosmhail ri samhladh mic dhaoine rim bhilean; an sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus labhair mi, agus thubhairt mi ris-san a sheas fam chomhair, O mo thighearna, leis an t‑sealladh, tha m’àmhghar air tilleadh orm, agus thrèig mo neart mi.
17. Oir cionnas a dh’fhaodas òglach an tì seo mo thighearna labhairt ris an tì seo mo thighearna? Oir air mo shon-sa, air ball cha d’fhan neart air bith annam, cha mhò a dh’fhàgadh anail annam.
18. An sin thàinig a‑rìs agus bhean rium neach cosmhail ri samhladh duine, agus neartaich e mi.
19. Agus thubhairt e, O dhuine ro‑ionmhainn, na biodh eagal ort; sìth dhut, bi làidir, seadh bi làidir. Agus nuair a labhair e rium, neartaicheadh mi, agus thubhairt mi, Labhradh mo thighearna; oir rinn thu mo neartachadh.
20. An sin thubhairt e, A bheil fhios agad carson a thàinig mi ad ionnsaigh? Agus a‑nis tillidh mi gu cogadh ri prionnsa Phersia: agus nuair a thèid mise a‑mach, feuch, thig prionnsa na Grèige.
21. Ach nochdaidh mi dhut an nì sin a tha comharraichte ann an sgriobtar na fìrinn: agus chan eil aon a chuireas leamsa anns na nithean seo ach Mìchael ur prionnsa-se.

Salm 137:7-9
7. Cuimhnich, a Thighearna, clann Edoim ann an là Ierusaleim, a thubhairt, Leagaibh, leagaibh sìos i gu ruig a bunait.
8. A nighean Bhàbiloin, a lom-sgriosar, is sona esan a dhìolas dhutsa a rèir mar a rinn thu oirnne;
9. Is sona esan a ghlacas agus a phronnas do chlann bheag ris na clachan.

Gnàth-fhacal 29:15-15
15. Bheir an t‑slat agus achmhasan gliocas uapa; ach cuiridh an leanabh a dh’fhàgar dha fhèin nàire air a mhàthair.

1 Eòin 1:1-10
1. An nì a bha ann o thùs, an nì a chuala sinne, a chunnaic sinn le ar sùilean, air an d’amhairc sinn, agus a làimhsich ar làmhan a‑thaobh facal na beatha;
2. (Oir dh’fhoillsicheadh a’ bheatha, agus chunnaic sinne i, agus tha sinn a’ dèanamh fianais, agus a’ cur an cèill dhuibhse na beatha maireannaich ud a bha maille ris an Athair, agus a dh’fhoillsicheadh dhuinne;)
3. An nì a chunnaic agus a chuala sinn tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, a‑chum gum bi agaibhse mar an ceudna comann rinne: agus gu fìrinneach tha ar comann-ne ris an Athair, agus ra Mhac Iosa Crìosd.
4. Agus tha sinn a’ sgrìobhadh nan nithean seo dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi ur gàirdeachas coileanta.
5. Agus is i seo an teachdaireachd a chuala sinn uaithesan, agus a tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, gur solas Dia, agus nach eil dorchadas air bith annsan.
6. Ma their sinn gu bheil comann againn ris, agus sinn a’ gluasad ann an dorchadas, tha sinn a’ dèanamh brèige, agus chan eil sinn a’ dèanamh na fìrinn:
7. Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.
8. Ma their sinn nach eil peacadh againn, tha sinn gar mealladh fhèin, agus chan eil an fhìrinn annainn.
9. Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.
10. Ma their sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn a’ dèanamh breugaire dhethsan, agus chan eil a fhacal annainn.