A A A A A
Bible in one year
December 25

Hagai 1:1-14
1. Ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh, anns an t‑siathamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, ag ràdh.
2. Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Thubhairt an sluagh seo, Cha tàinig an t‑àm gu taigh an Tighearna a thogail.
3. An sin thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh, ag ràdh,
4. An àm dhuibhse, O sibhse, còmhnaidh a ghabhail nur taighean maiseach, agus an taigh seo na fhàsach?
5. A‑nis, matà, mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thugaibh fa‑near ur slighean.
6. Chuir sibh mòran, agus is beag a thug sibh a‑steach; tha sibh ag ithe, ach chan eil gu leòr agaibh: tha sibh ag òl, ach chan eil sibh sàthach: tha sibh gur n‑èideadh, ach chan eil aon neach blàth: agus esan a tha a’ cosnadh tuarasdail, tha e ga chosnadh gu a chur ann an sporan tolltach.
7. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thugaibh fa‑near ur slighean.
8. Rachaibh suas a‑chum an t‑slèibh, agus thugaibh leibh fiodh, agus togaibh an taigh; agus gabhaidh mise tlachd ann, agus bidh mi air mo ghlòrachadh, deir an Tighearna.
9. Bha sùil agaibh ri mòran, agus, feuch, thàinig e gu beagan; agus nuair a thug sibh dhachaigh e, shèid mise air. Carson? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Airson mo thaighe a tha fàs, agus sibhse a’ ruith gach duine gu a thaigh fhèin.
10. Air an adhbhar sin chùm na nèamhan os ur cionn air ais an drùchd, agus ghlèidh an talamh a thoradh.
11. Agus ghairm mise tart air an fhearann, agus air na slèibhtean, agus air an arbhar, agus air an fhìon nuadh, agus air an ola; agus air gach nì a bheir an talamh a‑mach: agus air duine, agus air ainmhidh; agus air uile shaothair nan làmh.
12. An sin thug Serubabel mac Shealtieil, agus Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, leis a’ chuid eile den t‑sluagh uile, gèill do ghuth an Tighearna an Dia, agus do bhriathran Hagai am fàidh (mar a chuir an Tighearna an Dia fios leis), agus bha eagal air an t‑sluagh ron Tighearna.
13. An sin labhair Hagai, teachdaire an Tighearna, ann an teachdaireachd an Tighearna, ris an t‑sluagh, ag ràdh, Tha mise leibh, deir an Tighearna.
14. Agus dhùisg an Tighearna spiorad Sherubabeil mhic Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus spiorad Iosuah mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart, agus spiorad na cuid eile den t‑sluagh uile; agus thàinig iad, agus rinn iad obair ann an taigh Tighearna nan sluagh, an Dia.

Hagai 2:1-23
1. Anns an t‑seachdamh mìos, air an aon-là‑fichead den mhìos, thàinig facal an Tighearna leis an fhàidh Hagai, ag ràdh,
2. Labhair a‑nis ri Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus ri Iosuah mac Iosedeich an t‑àrd-shagart; agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, ag ràdh,
3. Cò a tha air fhàgail nur measg a chunnaic an taigh seo na chiad ghlòir? Agus cionnas a tha sibh ga fhaicinn a‑nis? Nach eil e nur sùilean, làimh ri sin, mar neoni?
4. Gidheadh a‑nis bi làidir, O Sherubabeil, tha an Tighearna ag ràdh; agus bi làidir, O Iosuah, mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart; agus bithibh-se làidir, uile shluagh an fhearainn, tha an Tighearna ag ràdh; agus dèanaibh obair; oir tha mise leibh, deir Tighearna nan sluagh.
5. A rèir an fhacail a dhaingnich mi ribh nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, mar sin tha mo spiorad a’ fantainn nur measg: na biodh eagal oirbh.
6. Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Fhathast aon uair, ann an ùine bhig, crathaidh mise na nèamhan, agus an talamh, agus an fhairge, agus am fearann tioram:
7. Agus crathaidh mi na h‑uile chinnich, agus thig Miann nan uile chinneach; agus lìonaidh mi an taigh seo le glòir, deir Tighearna nan sluagh.
8. Is leamsa an t‑airgead, agus is leamsa an t‑òr, deir Tighearna nan sluagh.
9. Bidh glòir an taighe deireannaich seo nas mò na glòir a’ chiad thaighe, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; agus anns an àite seo bheir mise sìth, deir Tighearna nan sluagh.
10. Air a’ cheathramh-là‑fichead den naoidheamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh ag ràdh,
11. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feòraich a‑nis de na sagartan mun reachd, ag ràdh,
12. Ma ghiùlaineas aon feòil naomh ann an sgioball a thrusgain, agus gum bean a thrusgan ri aran, no brochan, no fìon, no ola, no biadh sam bith, am bi sin naomh? Agus fhreagair na sagartan, agus thubhairt iad, Cha bhi.
13. An sin thubhairt Hagai, Ma bheanas aon a tha neòghlan le corp marbh ri aon air bith de na nithean seo, am bi sin neòghlan? Agus fhreagair na sagartan, agus thubhairt iad, Bidh e neòghlan.
14. An sin fhreagair Hagai agus thubhairt e, Is amhail a bha an sluagh seo, agus is amhail a bha an cinneach seo ann am làthair-sa, tha an Tighearna ag ràdh: agus is amhail a bha uile obair an làmh; agus an tabhartas a thug iad seachad an sin bha e neòghlan.
15. Agus a‑nis guidheam oirbh, thugaibh fa‑near: on là‑an‑diugh, agus o sin suas, mun do leagadh clach air cloich ann an teampall an Tighearna:
16. Nuair a thàinig aon gu cruaich fichead tomhas, cha robh ann ach deich: nuair a thàinig aon gu amar-bruthaidh an fhìona, gu lethcheud soitheach a tharraing a‑mach as an amar, cha robh ann ach fichead.
17. Bhuail mi sibh le seargadh, agus le fuar-dhealt, agus le cloich-mheallain, ann an uile shaothair ur làmh. Gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.
18. Thugaibh fa‑near a‑nis on là‑an‑diugh, agus o sin suas, on cheathramh-là‑fichead den naoidheamh mìos, agus on là anns an do leagadh bunaitean teampall an Tighearna: thugaibh fa‑near.
19. A bheil sìol fhathast anns an t‑sabhal? Seadh, gu ruige seo, cha tug an fhìonain, no a’ chraobh-fhìge, no am pomgranat, no an crann-ola, seachad toradh. Ach on là seo a‑mach beannaichidh mise.
20. Agus thàinig facal an Tighearna a‑rìs gu Hagai, air a’ cheathramh-là‑fichead den mhìos, ag ràdh,
21. Labhair ri Serubabel uachdaran Iùdah, ag ràdh, Crathaidh mise na nèamhan, agus an talamh;
22. Agus tilgidh mi rìgh-chathair rìoghachdan bun-os‑cionn, agus sgriosaidh mi neart rìoghachdan nan cinneach; agus tilgidh mi bun-os‑cionn na carbadan, agus iadsan a tha a’ marcachd orra, agus tuitidh na h‑eich agus am marcaichean sìos, gach aon le claidheamh a bhràthar.
23. Anns an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gabhaidh mi thusa, O Sherubabeil, a mhic Shealtieil, m’òglach, tha an Tighearna ag ràdh, agus nì mi thu mar sheula; oir roghnaich mise thu, deir Tighearna nan sluagh.

Salm 147:7-11
7. Seinnibh don Tighearna le buidheachas; seinnibh moladh dar Dia-ne air a’ chlàrsaich;
8. A dh’fhalaicheas nèamh le neòil, a dh’ullaicheas uisge don talamh, a bheir air feur fàs suas air na slèibhtean.
9. Bheir esan a bhiadh don ainmhidh, do na fithich òga a ghoireas.
10. Ann an neart an eich cha bhi a dhùil; ann an casan fir cha ghabh e tlachd.
11. Gabhaidh an Tighearna tlachd anntasan don eagal e, a chuireas an dòigh na thròcair.

Gnàth-fhacal 30:20-20
20. Mar seo tha slighe ban-adhaltranaich: ithidh i, agus glanaidh i a beul, agus their i, Cha do rinn mi olc air bith.

Taisbeanadh 15:1-8
1. Agus chunnaic mi comharradh eile air nèamh, mòr agus iongantach, seachd aingil aig an robh na seachd plàighean deireannach; oir annta seo tha fearg Dhè air a coileanadh.
2. Agus chunnaic mi mar gum b’fhairge ghloine, air a measgadh le teine; agus iadsan a thug buaidh air an fhiadh-bheathach, agus air a ìomhaigh, agus air a chomharradh, agus air àireamh a ainme, nan seasamh air an fhairge ghloine, agus clàrsaichean Dhè aca.
3. Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.
4. Cò air nach biodh eagal romhad, O Thighearna, agus nach tugadh glòir dod ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh: oir thig na h‑uile chinnich, agus nì iad adhradh ann ad làthair; do bhrìgh gu bheil do bhreitheanais air an dèanamh follaiseach.
5. Agus an dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, dh’fhosgladh teampall pàillean na fianais air nèamh.
6. Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon-aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir.
7. Agus thug aon de na ceithir beò-chreutairean do na seachd aingil seachd soithichean òir, làn de fheirg an Dè a tha beò gu saoghal nan saoghal.
8. Agus lìonadh an teampall le deataich o ghlòir Dhè, agus o a chumhachd-san; agus cha b’urrainn neach sam bith dol a‑steach don teampall, gus am biodh seachd plàighean nan seachd aingeal air an coileanadh.