Sephaniah 1:1-18 |
1. Facal an Tighearna a thàinig gu Sephaniah mac Chusi, mhic Ghedaliah, mhic Amariah, mhic Hisciah, ann an làithean Iosiah, mhic Amoin, rìgh Iùdah. |
2. Sgriosaidh mise gu tur na h‑uile nithean bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna. |
3. Sgriosaidh mi duine agus ainmhidh, sgriosaidh mi eunlaith an adhair, agus èisg na fairge, agus na ceapan-tuislidh maille ris an h‑aingidh: agus gearraidh mi as an duine bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna. |
4. Sìnidh mi fòs a‑mach mo làmh air Iùdah, agus air uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus gearraidh mi as fuidheall Bhàail on àite seo; ainm an luchd-ìobraidh maille ris na sagartan; |
5. Agus iadsan a tha ag adhradh do fheachd nèimh air mullach nan taighean; agus iadsan a tha ag adhradh, agus a’ mionnachadh air an Tighearna, agus fòs a’ mionnachadh air Malcham; |
6. Agus iadsan a thill air an ais on Tighearna; agus iadsan nach d’iarr an Tighearna, agus nach d’fhiosraich dheth. |
7. Bithibh tosdach an làthair an Tighearna Iehòbhah, oir tha là an Tighearna dlùth; oir dh’ullaich an Tighearna ìobairt, ghairm e a aoidhean. |
8. Agus tàrlaidh ann an là ìobairt an Tighearna gun smachdaich mise na prionnsachan, agus clann nan rìghrean, agus na h‑uile a tha air an èideadh le culaidh choimhich. |
9. Agus air an là cheudna smachdaichidh mi iadsan uile a tha a’ leum air an stairsnich, a tha a’ lìonadh taighean am maighistirean le ainneart agus le ceilg. |
10. Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gum bi fuaim èighich o gheata an èisg, agus ulartaich on dara baile, agus bruanadh mòr o na cnuic. |
11. Àrd-ghuilibh, a luchd-àiteachaidh Mhacteis, oir tha an luchd-malairt gu h‑iomlan air an gearradh as; tha uile luchd-giùlain an airgid air am milleadh. |
12. Agus tàrlaidh anns an àm sin gun rannsaich mise Ierusalem le coinnlean, agus smachdaichidh mi na daoine a tha socrach air an deasgainean; a tha ag ràdh nan cridhe, Cha dèan an Tighearna math, cha mhò a nì e olc. |
13. Air an adhbhar sin bidh am maoin na chobhartach, agus an taighean nam fàsach: agus togaidh iad taighean, ach chan àitich iad iad; agus suidhichidh iad fìonliosan, ach chan òl iad am fìon. |
14. Tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dlùth, agus a’ deifreachadh gu mòr: tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach. |
15. Is là feirge an là sin, là trioblaid agus teanntachd; là fàsalachd agus lèirsgrios; là dorchadais agus oglaidheachd; là neul agus tiugh-dhorchadais; |
16. Là trompaid agus iolaich an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus an aghaidh nan tùr àrda. |
17. Agus bheir mise airc air daoine, ionnas gun siubhail iad mar dhoill; a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna; agus dòirtear a‑mach am fuil mar dhuslach, agus am feòil mar aolach. |
18. Cha mhò a dh’fhaodas an airgead no an òr an saoradh ann an là fearg an Tighearna; ach le teine a eud-san loisgear am fearann uile: oir bheir e gu deimhinn lèirsgrios obann air uile luchd-àiteachaidh na tìre. |
Sephaniah 2:1-15 |
1. Cruinnichibh sibh fhèin ri chèile, seadh cruinnichibh ri chèile, O fhine gun iarraidh: |
2. Mun tig an t‑òrdagh gu buil, mun siubhail ur là seachad mar mholl; mun tig corraich gharg an Tighearna oirbh, mun tig là fearg an Tighearna oirbh. |
3. Iarraibh-se an Tighearna, uile dhaoine ciùine na talmhainn, a dh’obraich a bhreitheanas; iarraibh fìreantachd, iarraibh macantachd: faodaidh e a bhith gun tèarnar sibhse ann an là fearg an Tighearna. |
4. Gu dearbh trèigear Gàsa, agus cuirear fàs Ascelon: fògraidh iad a‑mach Asdod air mheadhon-là; agus bidh Ecron air a spìonadh à freumh. |
5. Mo thruaighe luchd-àiteachaidh sliosan na fairge, cinneach nan Cereteach: tha facal an Tighearna nur n‑aghaidh. O Chanàain, a thìr nam Philisteach, sgriosaidh mise thu, ionnas nach bi aon gad àiteachadh. |
6. Agus bidh taobh na fairge na bhothain aig buachaillean, agus na mhainnirean aig treudan. |
7. Agus bidh an slios aig iarmad taigh Iùdah; ionaltraidh iad air: ann an taighean Asceloin laighidh iad sìos anns an anmoch: oir thig an Tighearna an Dia gan amharc, agus bheir e air an ais am braighdean. |
8. Chuala mise masladh Mhòaib, agus ana-cainnt chloinn Amoin, leis an do rinn iad mo shluagh-sa a mhaslachadh, agus iad fhèin a mheudachadh an aghaidh an crìochan. |
9. Air an adhbhar sin, mar as beò mise, tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh; gu deimhinn bidh Mòab mar Shòdom, agus clann Amoin mar Ghomorrah, na fhàsach fheanntagaich, agus na phuill shalainn, agus na lèirsgrios sìorraidh; nì fuidheall mo shluaigh-sa an creachadh, agus iarmad mo chinnich an sealbhachadh. |
10. Seo gheibh iad airson an uabhair, a chionn gun tug iad masladh, agus gun do mheudaich iad iad fhèin an aghaidh cinneach Tighearna nan sluagh. |
11. Bidh an Tighearna uamhasach nan aghaidh: oir bheir e gort air uile dhiathan na talmhainn; agus bheir iad adhradh dhàsan, gach aon o a àite fhèin, eadhon uile eileanan nan cinneach. |
12. Sibhse, Etiopacha, mar an ceudna, marbhar sibh fhèin leis a’ chlaidheamh. |
13. Agus sìnidh e a‑mach a làmh an aghaidh na h‑àird a tuath, agus sgriosaidh e Asiria; agus nì e Ninebheh na làraich luim, tioram mar am fàsach. |
14. Agus laighidh treudan sìos na meadhon, uile bheathaichean na talmhainn: gabhaidh am pelican agus a’ ghràineag tàmh na h‑àrd-dhorais: bidh am fuaim na h‑uinneagan: bidh fàsalachd anns an sgàth-thaigh: oir leigidh e ris a h‑obair sheudair. |
15. Seo a’ chathair luathghaireach a ghabh còmhnaidh gu neo-umhaileach; a thubhairt na cridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi. Cionnas a dh’fhàs i na fàsach, na h‑àite airson bheathaichean gu laighe sìos ann! Nì gach aon a thèid seachad sgeig oirre, agus crathaidh e a làmh. |
Sephaniah 3:1-19 |
1. Is an‑aoibhinn dhise a tha ceannairceach agus truaillte, don chathair a tha ri sàrachadh. |
2. Cha tug i gèill don ghuth; cha do ghabh i cronachadh: cha d’earb i as an Tighearna: cha do tharraing i dlùth da Dia. |
3. Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe. |
4. Is daoine aotrom fealltach a fàidhean: thruaill a sagartan an t‑ionad naomh: bhris iad an reachd. |
5. Tha an Tighearna cothromach na meadhon: cha dèan esan euceart: gach madainn bheir e breitheanas gu solas, chan fhàilnich e: ach chan eil eòlas aig an eucorach air nàire. |
6. Gheàrr mi as na cinnich: tha an tùir uaigneach: rinn mi fàs an sràidean, air chor is nach eil aon gan imeachd: tha am bailtean air an sgrios, gun duine sam bith annta, gun aon neach gan àiteachadh. |
7. Thubhairt mi, Gu deimhinn bidh m’eagal ort, gabhaidh tu teagasg: mar sin cha bhiodh an àite-còmhnaidh air a ghearradh as, cionnas air bith a smachdaichinn iad: ach dh’èirich iad gu moch, agus thruaill iad an uile dhèanadas. |
8. Uime sin feithibh-se riumsa, tha an Tighearna ag ràdh, gus an là anns an èirich mi suas a‑chum na creiche: oir is e mo rùn na cinnich a chruinneachadh, na rìoghachdan a tharraing ri chèile; a dhòrtadh orra mo chorraich, uile theas m’fheirge: oir loisgear an talamh gu h‑iomlan le teine m’eud-sa. |
9. Gu deimhinn tillidh mi an sin ris na slòigh teanga ghlan, gu gairm gu lèir air ainm an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha le aon rùn. |
10. O thaobh thall aibhnichean Etiopia, bheir mo luchd-athchuinge, am measg mo mhuinntir sgapte, tabhartas am ionnsaigh. |
11. Anns an là sin cha nàraichear thu airson d’uile dhèanadais, leis an do chiontaich thu ann am aghaidh-sa; oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a tha ri gàirdeachas ann ad uabhar; agus chan àrdaich thu nas mò thu fhèin ann am shliabh naomh-sa. |
12. Fàgaidh mi fòs ann ad mheadhon sluagh an‑shocrach agus dìblidh; agus cuiridh iad an dòchas ann an ainm an Tighearna. |
13. Cha dèan iarmad Israeil aingidheachd, cha mhò a labhras iad breugan: cha mhò a gheibhear teanga chealgach nam beul. Oir ionaltraidh agus laighidh iad sìos, agus cha chuir aon neach eagal orra. |
14. Seinn, O nighean Shioin; tog iolach, O Israeil; bi ait, agus dèan gàirdeachas led uile chridhe, O nighean Ierusaleim. |
15. Thug an Tighearna air falbh do bhreitheanais; thill Rìgh Israeil air falbh do naimhdean: tha an Tighearna ann ad mheadhon; chan fhaic thu olc nas mò. |
16. Anns an là sin theirear ri Ierusalem, Na biodh eagal ort; agus ri Sion, Na biodh do làmhan lag. |
17. Tha an Tighearna Dia ann ad mheadhon cumhachdach; nì e do thèarnadh; nì e gàirdeachas os do chionn le luathghair; gabhaidh e fois na ghràdh; nì e gàirdeachas os do chionn le seinn. |
18. Cruinnichidh mi iadsan ad mheasg a tha ri caoidh airson an àrd-choitheanail, don robh a mhasladh na eallaich. |
19. Feuch, millidh mise d’uile luchd-sàrachaidh anns an àm sin; agus lèighsidh mi ise a tha bacach, agus cruinnichidh mi ise a bha sgaoilte; agus gheibh mi dhaibh cliù agus deagh iomradh anns gach aon tìr anns an d’fhuair iad nàire. |
Salm 147:1-6 |
1. Molaibh-se an Tighearna, oir is math an nì a bhith a’ tabhairt cliù dar Dia, oir tha e taitneach, agus tha moladh ciatach. |
2. Togaidh an Tighearna suas Ierusalem; cruinnichidh e ri chèile dìobaraich Israeil. |
3. Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan. |
4. Innsidh e àireamh nan rionnag; bheir e ainmean orra uile. |
5. Is mòr an Tighearna, agus is mòr a chumhachd; tha a thuigse gun tomhas. |
6. Togaidh an Tighearna suas na daoine ciùine; tilgidh e sìos na h‑aingidh gu làr. |
Gnàth-fhacal 30:18-19 |
18. Tha trì nithean ann as iongantach leam, seadh, ceithir nithean nach aithne dhomh: |
19. Slighe iolaire anns na speuran, slighe nathrach air carraig, slighe luinge ann am meadhon na fairge, agus slighe fir le òigh. |
Taisbeanadh 14:1-20 |
1. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, Uan na sheasamh air sliabh Shioin, agus maille ris ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, aig an robh ainm a Athar-san sgrìobhte air clàr an aodainn. |
2. Agus chuala mi guth o nèamh, mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar fhuaim tàirneanaich mhòir; agus chuala mi fuaim chlàrsairean, a’ dèanamh ciùil len clàrsaichean: |
3. Agus sheinn iad mar gum b’òran nuadh e an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair nan ceithir beathaichean, agus nan seanairean: agus cha b’urrainn neach sam bith an t‑òran sin fhòghlam, ach an ceud agus an dà‑fhichead agus na ceithir mìle, a shaoradh on talamh. |
4. Is iad seo an dream nach do shalaicheadh le mnathan; oir is òighean iad: is iad seo an dream a tha a’ leantainn an Uain ge bè àit an tèid e: shaoradh iad seo o mheasg dhaoine, nan ciad-thoradh do Dhia, agus don Uan. |
5. Agus nam beul cha d’fhuaireadh cealg; oir tha iad gun lochd an làthair rìgh-chathair Dhè. |
6. Agus chunnaic mi aingeal eile, ag itealaich ann am meadhon nèimh, aig an robh an soisgeul sìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha nan còmhnaidh air an talamh, agus do gach uile chinneach, agus threubh, agus theangaidh, agus shluagh, |
7. Ag ràdh le guth àrd, Biodh eagal Dhè oirbh, agus thugaibh glòir dha; oir thàinig uair a bhreitheanais: agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh, agus talamh, agus an fhairge, agus na tobraichean uisge. |
8. Agus lean aingeal eile, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon, am baile mòr sin, do bhrìgh gun tug i air gach uile chinneach òl de fhìon fearg a strìopachais. |
9. Agus lean an treas aingeal iad, ag ràdh le guth àrd, Ma nì neach air bith adhradh don fhiadh-bheathach, agus da ìomhaigh, agus ma ghabhas e a chomharradh air clàr a aodainn, no air a làimh, |
10. Olaidh esan de fhìon fearg Dhè, a tha air a dhòrtadh gun mheasgadh, ann an cupan a fheirge-san; agus bidh e air a phianadh le teine agus pronnasg, am fianais nan aingeal naomha, agus am fianais an Uain. |
11. Agus bidh deatach am pèine ag èirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus chan eil fois sam bith a là no dh’oidhche acasan a nì adhradh don fhiadh-bheathach agus da ìomhaigh, no aig neach air bith a ghabhas comharradh a ainme-san. |
12. An seo tha foighidinn nan naomh: an seo tha an dream a choimheadas àitheantan Dhè, agus creideamh Iosa. |
13. Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna, à seo a‑mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, a‑chum gum faigh iad fois on saothair; agus leanaidh an obraichean iad. |
14. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, neul geal, agus air an neul neach na shuidhe cosmhail ri Mac an Duine, aig an robh crùn òir air a cheann, agus corran geur na làimh. |
15. Agus thàinig aingeal eile a‑mach as an teampall, a’ glaodhaich le guth àrd ris an Tì a bha na shuidhe air an neul, Sàth a‑steach do chorran, agus buain: oir thàinig àm dhut buain: oir tha fogharadh na talmhainn abaich. |
16. Agus shàth an Tì a bha na shuidhe air an neul a chorran anns an talamh; agus bhuaineadh an talamh. |
17. Agus thàinig aingeal eile a‑mach as an teampall a tha air nèamh, agus corran geur aigesan mar an ceudna. |
18. Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh cumhachd os cionn teine, agus ghlaodh e le glaodh àrd ris an Tì aig an robh an corran geur, ag ràdh, Sàth a‑steach do chorran geur, agus cnuasaich bagaidean fìonain na talmhainn: oir tha a fìondhearcan làn-abaich. |
19. Agus shàth an t‑aingeal a chorran anns an talamh, agus chnuasaich e fìonain na talmhainn, agus thilg e i ann am fìon-amar mòr fearg Dhè. |
20. Agus shaltradh am fìon-amar an taobh a‑muigh den bhaile, agus thàinig fuil a‑mach as an fhìon-amar, gu srèin nan each, fad mìle agus sia ceud stàid. |