A A A A A
Bible in one year
December 23

Habacuc 1:1-17
1. An fhàistneachd a chunnaic Habacuc am fàidh.
2. Cia fhad, O Thighearna, a ghlaodhas mi, agus nach èisd thu? A ghlaodhas mi riut airson fòirneirt, agus nach saor thu?
3. Carson a tha thu a’ nochdadh dhomh aingidheachd, agus a’ toirt orm sealltainn air doilgheas? Oir tha creach agus fòirneart fam chomhair; agus luchd-dùsgaidh strì agus aimhreite.
4. Air an adhbhar sin tha an reachd air fàilneachadh, agus chan eil breitheanas uair air bith a’ dol a‑mach: oir tha an ciontach ag iadhadh mu thimcheall an fhìrein; uime sin tha breitheanas eucorach a’ dol air aghaidh.
5. Faicibh am measg nan cinneach, agus amhaircibh, agus gabhaibh iongantas gu mòr: oir nì mise obair nur làithean, nach creid sibh ged innsear i dhuibh.
6. Oir feuch, dùisgidh mi suas na Caldèanaich, an cinneach searbh agus dian sin, a dh’imicheas tro leud an fhearainn, a ghabhail seilbh air na h‑àiteachan-còmhnaidh nach leo fhèin.
7. Tha iad uamhasach agus eagalach: thig am breitheanas agus an òirdheirceas a‑mach uapa fhèin.
8. Tha an eich fòs nas luaithe na liopaird, agus tha iad nas buirbe na madaidhean-allaidh an anmoich: agus sgaoilidh am marcaichean iad fhèin, agus thig am marc-shluagh o ioma-chèin: itealaichidh iad mar an iolair a dheifricheas gu ithe.
9. Thig iad uile airson ainneirt: sgriosaidh iad romhpa mar a’ ghaoth an ear; agus cruinnichidh iad braighdean mar a’ ghaineamh.
10. Agus nì iad sgeig air rìghrean, agus bidh prionnsachan nan cùis-mhagaidh dhaibh: nì iad fanaid air gach daingneach làidir; agus cruachaidh iad suas talamh, agus glacaidh iad e.
11. An sin caochlaidh an inntinn, agus siùbhlaidh iad air falbh, agus measar iad ciontach. Tha an neart seo aca on dia.
12. Nach eil thusa o shìorraidheachd, O Thighearna, mo Dhia-sa, m’aon naomh? Cha bhàsaich sinn. O Thighearna, dh’òrdaich thu iadsan airson breitheanais; agus, O Dhè chumhachdaich, dhaingnich thu iad airson smachdachaidh.
13. Tha do shùilean nas glaine na gun seall thu air olc, agus chan fhaod thu amharc air aingidheachd: cuime a bheil thu ag amharc air luchd-ceannairc, agus a’ fantainn ad thosd nuair tha an t‑aingidh a’ slugadh suas an duine as ionraice na e fhèin?
14. Agus cuime a bheil thu a’ dèanamh dhaoine mar èisg na fairge, mar na nithean snàigeach aig nach eil aon fhear-riaghlaidh os an cionn?
15. Tha iad gan togail suas uile leis an dubhan; tha iad gan glacadh nan lìon, agus gan cruinneachadh nan eangaich; uime sin tha iad aoibhneach agus ait.
16. Air an adhbhar sin, tha iad ag ìobradh dan lìon, agus a’ losgadh tùise dan eangaich: a chionn leo sin gu bheil an cuibhreann reamhar, agus an lòn pailt.
17. An dèan iad air an adhbhar sin an lìon falamh, agus nach coigil iad a bhith a’ sìor mharbhadh nan cinneach?

Habacuc 2:1-20
1. Seasaidh mi air m’fhaire, agus cuiridh mi mi fhèin air an tùr, agus feuchaidh mi ciod a their e rium, agus ciod a fhreagras mi nuair a chronaichear mi.
2. Agus fhreagair an Tighearna mi, ag ràdh, Sgrìobh an fhàistneachd, agus dèan soilleir i air clàran, air chor is gum faod esan ruith a leughas i.
3. Oir tha an fhàistneachd fhathast airson aimsir shònraichte, ach air a’ cheann mu dheireadh labhraidh i, agus cha dèan i breug: ged dhèan i moille, feith rithe; oir gu deimhinn thig i, cha bhi i air dheireadh.
4. Feuch, chan eil a anam-san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a‑staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh.
5. Seadh fòs, mar dhuine a thèid as an rathad le fìon, tha e uaibhreach, agus chan eil e a’ gabhail fois; a’ meudachadh a chìocrais mar an uaigh; agus mar am bàs chan fhaodar a shàsachadh; agus tha e a’ cruinneachadh da ionnsaigh nan uile chinneach, agus a’ tional dha fhèin nan uile shluagh.
6. Nach tog iad seo uile suas cosamhlachd na aghaidh, agus gnàth-fhacal tàmailteach ma thimcheall, ag ràdh, Is truagh dhàsan a mheudaicheas an nì nach leis fhèin! Cia fhad? Agus dhàsan a luchdaicheas e fhèin le criadh thiugh.
7. Nach èirich iadsan suas gu grad a theumas thu; agus nach dùisg iadsan a chuireas dragh ort? Agus nach bi thusa dhaibh mar chobhartach?
8. A chionn gun do chreach thu mòran chinneach, creachaidh uile iarmad nan cinneach thusa: airson fuil dhaoine, agus sàrachadh an fhearainn, na cathrach, agus a h‑uile luchd-àiteachaidh.
9. Mo thruaighe esan a tha a’ sanntachadh droch shannt da thaigh; a‑chum a nead a shuidheachadh gu h‑àrd; gu e fhèin a shaoradh o chumhachd àmhghair.
10. Dhealbh thu nàire dod thaigh, le mòran shluagh a ghearradh as; agus pheacaich thu an aghaidh d’anama fhèin.
11. Oir glaodhaidh a’ chlach a‑mach as a’ bhalla; agus freagraidh an t‑sail as an fhiodh i.
12. Is an‑aoibhinn dhàsan a thogas baile le fuil, agus a dhaingnicheas cathair le aingidheachd.
13. Feuch, nach ann o Thighearna nan sluagh a tha seo, gun saothraicheadh daoine anns an teine, agus gun sgithicheadh slòigh iad fhèin airson nì faoin?
14. Gu cinnteach lìonar an talamh le eòlas glòir an Tighearna, mar a tha na h‑uisgeachan a’ còmhdachadh na fairge.
15. Is an‑aoibhinn dhàsan a tha a’ toirt air a choimhearsnach òl, a tha a’ cur ris a chupain, agus ga chur air mhisg mar an ceudna, a‑chum gun amhairceadh e air a lomnochdaidh.
16. Tha thu air do lìonadh le nàire an àite glòire: òl thusa fòs, agus biodh do ro‑chraiceann air a leigeadh ris: riutsa tillear cupan làmh dheas an Tighearna; agus bidh sgeith nàireach air do ghlòir.
17. Oir nì ainneart Lebanoin do chòmhdachadh, agus cuiridh sgrios ainmhidhean eagal ort; airson fuil dhaoine, agus airson sàrachadh an fhearainn, na cathrach, agus a h‑uile luchd-àiteachaidh.
18. Ciod an tairbhe a tha anns an ìomhaigh shnaidhte, gun do rinn am fear a dhealbh i a snaidheadh: anns an ìomhaigh leaghte, agus ann am fear-teagaisg nam breug, gun earbadh fear-dèanamh na h‑obrach seo aisde, a dhèanamh iodhalan balbha?
19. Is truagh dhàsan a tha ag ràdh ris an fhiodh, Dùisg: ris a’ chloich bhailbh, Èirich. An teagaisg i? Feuch, tha i air a’ cur thairis le òr agus airgead; agus chan eil anail air bith an taobh a‑staigh dhith.
20. Ach tha an Tighearna na theampall naomh: bi ad thosd na fhianais, O thalaimh uile.

Habacuc 3:1-19
1. Ùrnaigh Habacuc am fàidh air Sigionot.
2. O Thighearna, chuala mi do chainnt; bha eagal orm: O Thighearna, ath-bheothaich d’obair ann am meadhon nam bliadhnachan, ann am meadhon nam bliadhnachan dèan aithnichte; ann an corraich cuimhnich tròcair.
3. Thàinig Dia o Theman, agus an Tì naomh o shliabh Phàrain. Selah. Chòmhdaich a ghlòir na nèamhan, agus bha an talamh làn de a chliù.
4. Agus bha a shoilleireachd mar a’ ghrian; o a làimh shruth deàrsannan solais; agus an sin bha àite-falaich a mhòrachd.
5. Ro a ghnùis chaidh a’ phlàigh; agus chaidh èibhlean teine a‑mach o a chasan.
6. Sheas e, agus thomhais e an talamh: dh’amhairc e, agus sgap e na cinnich as a chèile; agus bha na slèibhtean sìorraidh air am briseadh; chrom na cnuic bhith-bhuan; tha a shlighe maireannach.
7. Chunnaic mi pàilleanan Chusain ann an àmhghar: chriothnaich brat-sgàile fearann Mhidiain.
8. An robh corraich air an Tighearna ris na tuiltean? An robh d’fhearg an aghaidh nan aibhnichean? An robh do chorraich an aghaidh na fairge, gun do mharcaich thu air d’eich, agus air do charbadan slàinte?
9. Rinneadh do bhogha glan-rùisgte, a rèir nam mionn do na treubhan, eadhon d’fhacail. Selah. Sgoilt thu an talamh le sruthan.
10. Chunnaic na slèibhtean thu agus chriothnaich iad: ghabh tuil nan uisgeachan seachad: chuir an t‑aigeann a‑mach a ghuth, thog an doimhne suas a làmhan.
11. Sheas a’ ghrian agus a’ ghealach nan àite: nan solas shiubhail do shaighdean; nan dealradh do shleaghan lìomhte.
12. Dh’imich thu tron fhearann ann am feirg, bhuail thu na cinnich ann an corraich.
13. Chaidh thu a‑mach airson tèarnadh do shluaigh, airson tèarnadh do mhuinntir ungte: bhuail thu an ceann o thaigh an aingidh; leig thu ris na bunaitean gu ruig a’ mhuineil. Selah.
14. Bhuail thu led shlait ceann a bhailtean. Ruith iad a‑mach mar chuairt-ghaoith gu ar sgapadh; bha an gàirdeachas mar gun sluigeadh iad am bochd gu h‑uaigneach.
15. Choisich thusa tron fhairge led eich: tro chruinneachadh nan uisgeachan mòra.
16. Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean.
17. Ged nach toir an crann-fìge uaithe blàth, agus ged nach fàs air an fhìonain cinneas; ged fhàilnich meas a’ chroinn-ola, agus ged nach toir na machraichean uapa lòn; ged ghearrar an treud as on mhainnir, agus ged nach bi buar air bith anns na buailtean:
18. Gidheadh nì mise gàirdeachas anns an Tighearna, nì mi aoibhneas ann an Dia mo shlàinte.
19. Is e an Tighearna Iehòbhah mo neart, agus nì e mo chasan mar chasan èilde, agus bheir e orm coiseachd air m’ionadan àrda. Don àrd-fhear-chiùil air m’innealan teudach.

Salm 146:1-10
1. Molaibh-se an Tighearna; mol an Tighearna, O m’anam.
2. Molaidh mi an Tighearna an cian as beò mi; seinnidh mi cliù dom Dhia am feadh a bhios bith agam.
3. Na earbaibh à uachdarain, à mac duine sam bith, anns nach eil furtachd.
4. Thèid a anail as, tillidh e ga ùir; anns an là sin fhèin thèid as da smuaintean.
5. Is sona an tì aig a bheil Dia Iàcoib mar a chobhair, aig a bheil a dhòchas anns an Tighearna a Dhia,
6. A rinn nèamh agus talamh, a’ mhuir agus gach nì a tha annta; a ghleidheas fìrinn gu bràth;
7. A chumas còir riùsan a tha fo fhòirneart, a bheir biadh do na h‑acraich. Cuiridh an Tighearna na prìosanaich fa sgaoil.
8. Fosglaidh an Tighearna sùilean nan dall; togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh sìos; is ionmhainn leis an Tighearna na fìreanan.
9. Gleidhidh an Tighearna na coigrich; togaidh e suas an dìlleachdan agus a’ bhantrach, ach tilgidh e slighe nan aingidh bun-os‑cionn.
10. Rìoghaichidh an Tighearna gu bràth, do Dhia-sa, a Shion, o linn gu linn. Molaibh-se an Tighearna.

Gnàth-fhacal 30:17-17
17. An t‑sùil a nì magadh air a athair, agus a nì tarcais air ùmhlachd da mhàthair, spìonaidh fithich a’ ghlinne a‑mach i, agus ithidh na h‑iolairean òga suas i.

Taisbeanadh 13:1-18
1. Agus sheas mi air gaineimh na fairge, agus chunnaic mi fiadh-bheathach ag èirigh suas as an fhairge, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a adhaircean deich crùin, agus air a chinn ainm toibheim.
2. Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.
3. Agus chunnaic mi aon de a chinn mar gum biodh e air a lotadh gu bàs; agus lèighseadh a lot bàsmhor: agus ghabh an talamh uile iongantas an dèidh an fhiadh-bheathaich.
4. Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?
5. Agus thugadh dha beul a’ labhairt nithean mòra, agus thoibheum; agus thugadh cumhachd dha cogadh a dhèanamh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.
6. Agus dh’fhosgail e a bheul ann an toibheum an aghaidh Dhè, a‑chum toibheum a thoirt da ainm, agus da phàillean, agus don dream a tha nan còmhnaidh air nèamh.
7. Agus thugadh dha cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh, agus buaidh a thoirt orra: agus thugadh dha cumhachd os cionn gach uile threubh, agus theangaidh, agus chinnich.
8. Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.
9. Ma tha cluas aig neach air bith, èisdeadh e.
10. Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.
11. Agus chunnaic mi fiadh-bheathach eile ag èirigh as an talamh; agus bha aige dà adhairc cosmhail ri uan, agus labhair e mar dhràgon.
12. Agus tha e a’ cur an gnìomh cumhachd a’ chiad fhiadh-bheathaich uile na fhianais, agus tha e a’ toirt air an talamh, agus orrasan a tha nan còmhnaidh ann, adhradh a dhèanamh don chiad fhiadh-bheathach, aig an robh a lot bàsmhor air a leigheas.
13. Agus tha e a’ dèanamh chomharraidhean mòra, ionnas gu bheil e a’ toirt air teine teachd a‑nuas o nèamh air an talamh, ann am fianais dhaoine;
14. Agus tha e a’ mealladh na dream a tha nan còmhnaidh air an talamh, leis na comharraidhean sin a thugadh dha a dhèanamh an làthair an fhiadh-bheathaich, ag ràdh ri luchd-àiteachaidh na talmhainn, ìomhaigh a dhèanamh don bheathach aig an robh an lot-claidheimh, agus a bha beò.
15. Agus thugadh cumhachd dha beatha a thoirt do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, ionnas gun labhradh ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, agus gun tugadh e fa‑near gum biodh a mheud is nach dèanadh adhradh do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, air am marbhadh.
16. Agus tha e a’ toirt air na h‑uile dhaoine, araon beag agus mòr, saoibhir agus bochd, saor agus daor, comharradh a ghabhail air an làimh dheis, no air clàr an aodainn;
17. Agus nach faodadh neach sam bith ceannach no reic, ach esan aig am biodh an comharradh, no ainm an fhiadh-bheathaich no àireamh a ainme.
18. An seo tha gliocas. An tì aig a bheil tuigse, àirmheadh e àireamh an fhiadh-bheathaich: oir is àireamh duine e; agus is e a àireamh sia ceud agus trì-fichead agus sia.