A A A A A
Bible in one year
December 22

Nahum 1:1-15
1. An fhàistneachd mu thimcheall Ninebheh. Leabhar sealladh Nahum an t‑Elcosach.
2. Tha Dia eudmhor, agus nì an Tighearna dìoghaltas, agus tha e ann am feirg; nì an Tighearna dìoghaltas air a eascairdean; agus taisgidh e corraich airson a naimhdean.
3. Tha an Tighearna mall a‑chum feirge, agus mòr ann an cumhachd, agus cha saor an Tighearna air chor air bith an t‑aingidh. Anns a’ chuairt-ghaoith agus anns an doininn tha a shlighe, agus is iad na neòil luaithre a chas.
4. Bheir e achmhasan don fhairge, agus nì e tioram i; agus tiormaichidh e suas na h‑aibhnichean uile: shearg Basan agus Carmel; agus tha blàth Lebanoin air crìonadh.
5. Criothnaichidh na slèibhtean roimhesan, agus leaghaidh na cnuic; agus tha an talamh air a losgadh suas na làthair; an saoghal, agus a uile luchd-àiteachaidh.
6. Cò as urrainn seasamh ro a fheirg-san? Agus cò a dh’fhaodas fuireach ann an dian-theas a chorraich? Tha a chorraich air a dòrtadh a‑mach mar theine, agus tha na creagan air an tilgeadh sìos leis.
7. Is math an Tighearna, is daingneach làidir e ann an là na h‑airce, agus is aithne dha iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.
8. Ach le tuil a’ ruith thairis bheir e crìoch iomlan air an dream a dh’èireas na aghaidh; agus ruaigidh dorchadas a naimhdean.
9. Ciod a tha sibh a’ smaoineachadh an aghaidh an Tighearna? Nì e crìoch iomlan; chan èirich àmhghar suas an dara uair.
10. Oir am feadh a tha iad air am filleadh na chèile mar sgitheach, agus mar gum b’ann air mhisg lem fìon, caithear iad mar asbhuain làn-thioram.
11. Asadsa chaidh aon a‑mach a dhealbh uilc an aghaidh an Tighearna; droch fhear-comhairle.
12. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Ged tha iad sàmhach, agus fòs lìonmhor, gidheadh gearrar as iad, agus siùbhlaidh iad air falbh. Ged rinn mi thusa a chlaoidh, cha chlaoidh mi thu nas mò.
13. Oir a‑nis brisidh mi a chuing-san dhìot, agus sgaoilidh mi as a chèile do chuibhrichean.
14. Agus thug an Tighearna àithne mud thimcheall, nach froisear a‑mach d’ainm nas mò. A‑mach à taigh do dhiathan gearraidh mise an ìomhaigh shnaidhte, agus an ìomhaigh leaghte; òrdaichidh mi d’uaigh, oir dh’fhàs thu gràineil.
15. Feuch air na slèibhtean casan an tì a tha a’ toirt deagh sgeòil leis, a tha a’ craobh-sgaoileadh sìthe: O Iùdah, glèidh d’àrd-fhèillean; coilean do bhòidean: oir cha siubhail an t‑aingidh nas mò tromhad; tha e gu tur air a ghearradh as.

Nahum 2:1-13
1. Tha esan a phronnas ann am bloighdean air teachd a‑nìos fad chomhair; glèidh an daingneach, cuir faire air an t‑slighe, dèan do leasraidh làidir, neartaich gu treun do chumhachd.
2. Oir aisigidh an Tighearna a‑rìs òirdheirceas Iàcoib, mar òirdheirceas Israeil: oir mhill an luchd-millidh iad, agus sgrios iad an geugan.
3. Rinneadh sgiath a dhaoine cumhachdach dearg, tha na gaisgich ann an sgàrlaid: bidh na carbadan mar leusan lasrach ann an là a ullachaidh; agus crathar gu h‑uamhasach na sleaghan giuthais.
4. Bidh na carbadan air bhoile anns na sràidean, buailidh iad an aghaidh a chèile anns na h‑ionadan farsaing: bidh an dreach mar leòis, ruithidh iad mar dhealanaich.
5. Àirmhidh e a dhaoine treuna a‑rìs: leagaidh iad sìos nan imeachd: nì iad deifir a‑chum a bhalla, agus ullaichear an dìdean.
6. Fosglar geatachan na h‑aibhne, agus bidh an lùchairt air a sgaoileadh.
7. Agus bheirear Husab air falbh ann am bruid, bheirear suas i; agus a gruagaichean na co‑imeachd, mar le guth chalaman, a’ bualadh air an uchd.
8. Ach tha sruthan Ninebheh mar linne uisge; agus tha iadsan a’ teicheadh. Seasaibh, seasaibh; ach cha seall aon neach na dhèidh.
9. Glacaibh-se a’ chreach airgid, glacaibh a’ chreach òir; chan eil crìoch air an ionmhas ghlòrmhor, leis gach uile sheòrsa de shoithichean rìomhach.
10. Tha i falamh, agus faoin, agus fàs, agus tha an cridhe a’ leaghadh, agus na glùinean a’ bualadh air a chèile; agus tha mòran cràidh anns na h‑uile leasraidh; agus tha an aghaidhean gu lèir a’ tional dorchadais.
11. Càit a bheil còmhnaidh nan leòmhann, agus àite-beathachaidh nan leòmhann òga? Far an do ghluais an leòmhann, an seann leòmhann, agus cuilean an leòmhainn, gun aon air bith a chur geilt orra.
12. Reub an leòmhann gu leòr airson a chuileanan, agus mharbh e airson a leòmhannan boireann, agus lìon e a thuill le cobhartach, agus a uaimh le creich.
13. Feuch, tha mise ann ad aghaidh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus loisgidh mi do charbadan anns an teine; agus ithidh an claidheamh do leòmhainn òga; agus gearraidh mise do chreach on talamh, agus cha chluinnear nas mò guth do theachdairean.

Nahum 3:1-19
1. Is truagh don chathair fhuiltich! Tha i uile na ceilg, làn de reubainn: chan eil sgur air a’ chreich.
2. Fuaim slait-sgiùrsaidh, agus torman faram nan rothan, agus nan each meamnach, agus nan carbad leumnach.
3. Togaidh am marcaich suas araon an claidheamh loinnireach, agus an t‑sleagh lìomhaidh; agus tha mòran de mhairbh ann, agus àireamh mòr de chuirp: chan eil crìoch air an cairbhean; tha iad a’ tuisleachadh air an cuirp:
4. Airson lìonmhorachd strìopachas na strìopaich mhaisich, bana-mhaighistir nan draoidheachdan; a tha a’ reic chinneach le a strìopachas, agus theaghlaichean le a draoidheachdan.
5. Feuch, tha mise ad aghaidh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus leigidh mi ris do sgiobaill air d’aghaidh, agus foillsichidh mi do na cinnich do lomnochdaidh, agus do na rìoghachdan do mhasladh.
6. Agus tilgidh mi salchar gràineil ort, agus nì mi suarach thu, agus cuiridh mi thu mar bhall-amhairc.
7. Agus tàrlaidh, iadsan uile a dh’amhairceas ort, gun teich iad uat, agus their iad, Rinneadh Ninebheh na fàsach, cò a chaoidheas i? Cia as a dh’iarras mi luchd-comhfhurtachd air do shon?
8. Am feàrr thusa na Nò sluaghmhor a bha air a suidheachadh am measg nan aibhnichean; aig an robh na h‑uisgeachan mun cuairt dhi, aig an robh an fhairge mar dhìdein, agus a’ mhuir mar bhalla?
9. B’e Etiopia agus an Èiphit a neart, agus bha sin anabarrach: b’iad Put agus Lubim a luchd-cuideachaidh.
10. Gidheadh thugadh air falbh i, dh’imich i ann am braighdeanas; bha a clann òg fòs air am pronnadh nam bloighdean aig ceann nan uile shràidean; agus thilg iad croinn airson a daoine urramach, agus bha a daoine mòra gu lèir air an ceangal ann an slabhraidhean.
11. Bidh tusa fòs air mhisg; falaichidh tu thu fhèin; iarraidh tu dìdean on nàmhaid.
12. Bidh d’uile dhaingnichean làidir mar chroinn-fhìge leis na ciad fhìgean abaich: ma chrathar iad, tuitidh iad ann am beul an tì a dh’itheas iad.
13. Feuch, tha do dhaoine mar mhnathan ann ad mheadhon: sgaoilear gu farsaing dod naimhdean geatachan do thìre; caithidh an teine do chroinn-dhruididh.
14. Tarraing uisge dhut fhèin airson an fheachd, neartaich do dhaingnichean làidir: rach a‑steach don chriadh agus post an làthach; daingnich an àth-chreadha.
15. An sin nì an teine do chaitheamh; gearraidh an claidheamh as thu, ithidh e suas thu mar a’ chnàmh-chnuimh: dèan thu fhèin lìonmhor mar a’ chnàmh-chnuimh, dèan thu fhèin lìonmhor mar an lòcast.
16. Rinn thu do luchd-malairt lìonmhor thar reultan nèimh: millidh a’ chnàmh-chnuimh, agus siùbhlaidh i air falbh.
17. Tha iadsan a chrùnadh annad mar na lòcaist, agus do chinn-fheadhna mar na fionnain-fheòir, a chòmhnaicheas anns na barranan anns an là fhuar; ach nuair a dh’èireas a’ ghrian teichidh iad air falbh, agus chan eil fhios cia an t‑àite anns a bheil iad.
18. Tha do bhuachaillean ri clò-chadal, O rìgh Asiria: tha d’uaislean nan tàmh: tha do shluagh air an sgapadh air na slèibhtean, agus chan eil aon neach ann gan cruinneachadh.
19. Chan eil leigheas air do bhruthadh: tha do lot nimhneach: na h‑uile a chluinneas iomradh ort, buailidh iad am basan os do chionn; oir cò air nach do shiubhail d’olc an còmhnaidh?

Salm 145:17-21
17. Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.
18. Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan.
19. Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.
20. Coileanaidh e miann na dream don eagal e, agus èisdidh e rin glaodh, agus saoraidh e iad.
21. Gleidhidh an Tighearna iadsan uile a ghràdhaicheas e, ach sgriosaidh e na h‑aingidh gu lèir.

Gnàth-fhacal 30:16-16
16. An uaigh, agus a’ bhrù neo-thorrach, an talamh nach sàsaichear le uisge, agus an teine nach abair, Is leòr e.

Taisbeanadh 12:1-17
1. Agus chunnacas iongantas mòr air nèamh, bean air a sgeadachadh leis a’ ghrèin, agus a’ ghealach fo a casan, agus air a ceann crùn de dhà-reul-dheug.
2. Agus air dhi a bhith torrach, ghlaodh i ri saothair-chloinne, agus bha i air a pianadh a‑chum a h‑aisead.
3. Agus chunnacas iongantas eile air nèamh, agus, feuch, dràgon mòr dearg, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a chinn seachd crùin.
4. Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.
5. Agus rug i leanabh mic, a bha gus na cinnich uile a riaghladh le slait iarainn: agus thogadh a leanabh suas a‑chum Dhè, agus a‑chum a rìgh-chathrach-san.
6. Agus theich a’ bhean don fhàsach, far a bheil aice ionad air ullachadh le Dia, a‑chum gum biodh i air a beathachadh an sin rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là.
7. Agus bha cogadh air nèamh; rinn Mìchael agus a aingil cogadh an aghaidh an dràgoin; agus chog an dràgon agus a aingil fhèin;
8. Agus cha tug iad buaidh, cha mhò a fhuaireadh an àite nas mò air nèamh.
9. Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.
10. Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear-casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche.
11. Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhacal am fianais-san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman fhèin gu bàs.
12. Uime sin biodh gàirdeachas oirbh, O nèamhan, agus oirbhse a tha nur còmhnaidh annta. An‑aoibhinn do luchd-àiteachaidh na talmhainn, agus na fairge! Oir thàinig an diabhal a‑nuas dur n‑ionnsaigh, agus fearg ro‑mhòr air, do bhrìgh gur fiosrach e nach eil aige ach ùine gheàrr.
13. Agus nuair a chunnaic an dràgon gun do thilgeadh e a‑chum na talmhainn, rinn e geur-leanmhainn air a’ mhnaoi a rug an leanabh mic.
14. Agus don mhnaoi thugadh dà sgèith iolair mhòir a‑chum gun rachadh i air itealaich leo don fhàsach, a‑chum a h‑ionaid fhèin; far a bheil i air a h‑altram rè aimsir, agus aimsirean, agus leth-aimsir, o aghaidh na nathrach.
15. Agus thilg an nathair as a beul uisge mar thuil, an dèidh na mnà, a‑chum gun tugadh i oirre a bhith air a giùlan air falbh leis an t‑sruth.
16. Agus rinn an talamh còmhnadh ris a’ mhnaoi; agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas an tuil, a thilg an dràgon as a bheul.
17. Agus bha fearg air an dràgon ris a’ mhnaoi, agus chaidh e a dhèanamh cogaidh ris a’ chuid eile de a sliochd, a tha a’ coimhead àitheantan Dhè, agus aig a bheil fianais Iosa Crìosd.