Ionah 1:1-17 |
1. A‑nis thàinig facal an Tighearna gu Ionah mac Amitai, ag ràdh, |
2. Èirich, imich gu Ninebheh, am baile mòr sin, agus tog do ghuth na aghaidh; oir tha an aingidheachd air teachd a‑nìos am làthair-sa. |
3. Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna. |
4. Ach chuir an Tighearna a‑mach gaoth mhòr air an fhairge, agus bha onfhadh ro‑mhòr air an fhairge, ionnas gun do shaoil iad gum biodh an long air a briseadh. |
5. An sin bha eagal air na maraichean agus ghlaodh iad gach duine ra dhia; agus thilg iad a‑mach am bathair a bha anns an luing don fhairge, a‑chum a h‑aotromachadh: ach chaidh Ionah sìos gu taobhan na luinge; agus laigh e, agus bha e na shuain chadail. |
6. An sin thàinig maighistir na luinge da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod as ciall dhut, O thusa a tha ad chadal? Eirich, gairm air do Dhia; theagamh gun smaoinich Dia oirnn, a‑chum nach bàsaich sinn. |
7. Agus thubhairt iad gach aon ra chompanach, Thigibh, agus tilgeamaid croinn, a‑chum gun aithnich sinn cò airson a tha an t‑olc seo air teachd oirnn. Mar sin thilg iad croinn, agus thuit an crannchur air Ionah. |
8. An sin thubhairt iad ris, Innis dhuinn, guidheamaid ort, ciod a b’adhbhar don olc seo teachd oirnn; ciod as dreuchd dhut? Agus cia as a thàinig thu? Ciod as dùthaich dhut? Agus cò na daoine dem bheil thu? |
9. Agus thubhairt e riu, Is Eabhraidheach mi, agus tha eagal an Tighearna Dia nèimh orm, an Tì a rinn an cuan agus an talamh tioram. |
10. An sin bha na daoine fo anbharr eagail, agus thubhairt iad ris, Carson a rinn thu seo? (Oir thuig na daoine gun do theich e o làthair an Tighearna; oir dh’innis e dhaibh.) |
11. An sin thubhairt iad ris, Ciod a nì sinn riut, a‑chum gum bi an fhairge ciùin dhuinn? (Oir bha onfhadh na fairge a’ fàs na bu mhò agus na bu mhò.) |
12. Agus thubhairt e riu, Togaibh suas mi, agus tilgibh a‑mach mi anns an fhairge; mar sin bidh an fhairge ciùin dhuibhse; oir tha fhios agam gur ann air mo shon-sa a tha an doineann mhòr seo oirbh. |
13. Gidheadh dh’iomair na daoine gu cruaidh, a‑chum tilleadh gu tìr, ach cha b’urrainn iad; oir dh’fhàs onfhadh na fairge na bu mhò agus na bu mhò nan aghaidh. |
14. Air an adhbhar sin, ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Guidheamaid ort, O Thighearna, na leig dhuinne bàsachadh airson anam an duine seo, agus na leig oirnn fuil neochiontach: oir rinn thusa, O Thighearna, mar a b’àill leat fhèin. |
15. An sin ghlac iad Ionah, agus thilg iad a‑mach e anns an fhairge; agus sguir an fhairge de a boile. |
16. An sin bha eagal an Tighearna gu ro‑mhòr air na daoine, agus dh’ìobair iad ìobairt don Tighearna, agus thug iad bòidean. |
17. A‑nis dh’ullaich an Tighearna iasg mòr a‑chum Ionah a shlugadh suas; agus bha Ionah ann am broinn an èisg trì làithean agus trì oidhchean. |
Ionah 2:1-10 |
1. An sin rinn Ionah ùrnaigh ris an Tighearna a Dhia à broinn an èisg, |
2. Agus thubhairt e, Ghlaodh mi a‑thaobh m’àmhghair ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium: à broinn na h‑uaighe ghlaodh mi; chuala tusa mo ghuth. |
3. Oir thilg thu mi anns an doimhne, ann am meadhon na fairge; agus dh’iadh na tuiltean mum thimcheall; chaidh do shumainnean agus do thonnan-sa uile thairis orm. |
4. An sin thubhairt mi, Tha mi air mo thilgeadh a‑mach à fradharc do shùl: gidheadh seallaidh mi a‑rìs rid theampall naomh. |
5. Dh’iadh na h‑uisgeachan mum thimcheall, eadhon gu ruig an t‑anam: chòmhdaich an doimhne mi mun cuairt: bha mo cheann air a ribeadh anns an fheamainn. |
6. Chaidh mi sìos gu ìochdar nan slèibhtean; dhruid an talamh a croinn gu bràth orm: gidheadh thug thusa a‑nìos as an t‑sloc mo bheatha, O Thighearna mo Dhia. |
7. Nuair a dh’fhannaich m’anam an taobh a‑staigh dhìom, chuimhnich mi air an Tighearna; agus thàinig m’ùrnaigh ad ionnsaigh, gud theampall naomh. |
8. Iadsan a tha a’ leantainn air dìomhanais bhreugach, tha iad a’ trèigsinn an tròcair fhèin. |
9. Ach ìobraidh mise dhutsa le guth buidheachais; ìocaidh mi an nì sin a bhòidich mi; is ann don Tighearna a bhuineas slàinte. |
10. Agus labhair an Tighearna ris an iasg, agus thilg e a‑mach Ionah air an talamh thioram. |
Ionah 3:1-10 |
1. Agus thàinig facal an Tighearna gu Ionah an dara uair, ag ràdh, |
2. Eirich, imich gu Ninebheh, am baile mòr sin, agus labhair ris anns na briathran a dh’àithneas mise dhut. |
3. Agus dh’èirich Ionah, agus chaidh e gu Ninebheh, a rèir facal an Tighearna. (A‑nis bu bhaile ro‑mhòr Ninebheh, astar trì làithean.) |
4. Agus thòisich Ionah air dol tron bhaile, astar aon là; agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Fhathast dà‑fhichead là, agus sgriosar Ninebheh. |
5. Agus chreid muinntir Ninebheh Dia, agus dh’èigh iad trasg, agus chuir iad umpa aodach-saic, on aon bu mhò dhiubh gus an aon a bu lugha. |
6. Oir thàinig an sgeul gu rìgh Ninebheh; agus dh’èirich e o a rìgh-chathair, agus chuir e a fhallaing uaithe, agus chòmhdaich e e fhèin le aodach-saic, agus shuidh e ann an luaithre. |
7. Agus thug e fa‑near a èigheach agus a chur an cèill air feadh Ninebheh (le òrdagh an rìgh agus uaislean), ag ràdh, Na blaiseadh duine no beathach, buar no treud, aon nì; na ionaltradh iad, agus na òladh iad uisge. |
8. Ach biodh duine agus ainmhidh air an còmhdachadh le aodach-saic, agus glaodhadh iad gu treun ri Dia: seadh, tilleadh iad gach aon o dhroch shlighe, agus on fhòirneart a tha nan làmhan. |
9. Cò aig a bheil fhios nach till Dia, agus nach gabh e aithreachas, agus nach till e o a dhian-chorraich, air chor is nach bàsaich sinn? |
10. Agus chunnaic Dia an obraichean, gun do thill iad on droch shlighe; agus ghabh Dia aithreachas mun olc a thubhairt e gun dèanadh e orra, agus cha do rinn e e. |
Ionah 4:1-11 |
1. Agus mhì-thaitinn sin ri Ionah gu ro‑mhòr, agus bha fearg mhòr air. |
2. Agus ghuidh e air an Tighearna, agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, nach dubhairt mise seo, nuair a bha mi fhathast ann am dhùthaich fhèin? Uime sin theich mi roimhe seo gu Tarsis: oir bha fhios agam gur Dia gràsmhor thusa, agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an iochd, agus gun gabh thu aithreachas mu olc. |
3. Uime sin a‑nis, O Thighearna, buin, guidheam ort, m’anam uam; oir is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò. |
4. An sin thubhairt an Tighearna, Am math a thig dhut fearg a bhith ort? |
5. A‑nis bha Ionah air dol a‑mach as a’ bhaile, agus shuidh e air an taobh an ear den bhaile, agus an sin rinn e dha fhèin bothan, agus shuidh e foidhe anns an dubhar, gus am faiceadh e ciod a thachradh don bhaile. |
6. Agus dh’ullaich an Tighearna Dia luibh-sgàile, agus dh’fhàs i suas os cionn Ionah, a‑chum gum biodh i mar sgàil thar a cheann, ga shaoradh o dhoilgheas. Agus bha Ionah ro‑ait airson na luibh-sgàile. |
7. Ach dh’ullaich Dia cnuimh nuair a dh’èirich a’ mhadainn air an ath là, agus bhuail i an luibh-sgàile, agus shearg i. |
8. Agus thàrladh, nuair a dh’èirich a’ ghrian, gun do dheasaich Dia gaoth theth on ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionnas gun d’fhannaich e, agus ghuidh e ann fhèin bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò. |
9. Agus thubhairt Dia ri Ionah, An ceart dhut do chorraich a bhith air lasadh airson na luibh-sgàile? Agus thubhairt esan, Is ceart dhomh a bhith ann an corraich gu bàs. |
10. An sin thubhairt an Tighearna, Choigleadh tusa an luibh-sgàile, airson nach do shaothraich thu, cha mhò a thug thu oirre fàs; a dh’fhàs suas ann an oidhche, agus a chaidh seachad ann an oidhche. |
11. Agus nach coiglinn-sa Ninebheh, am baile mòr sin, anns a bheil tuilleadh agus sia-fichead mìle pearsa, do nach aithne an làmh dheas seach an làmh chlì, agus mòran sprèidhe? |
Salm 144:1-8 |
1. Salm le Daibhidh. Beannaichte gu robh an Tighearna, mo charraig, a theagaisgeas mo làmhan gu cath, mo mheòir gu còmhrag; |
2. Mo mhath agus mo dhaingneach, mo thùr àrd agus m’fhear-saoraidh-sa, mo sgiath agus an tì as an earb mi, a cheannsaicheas mo shluagh fodham. |
3. A Thighearna, ciod e an duine gu bheil thu a’ gabhail eòlais air, mac an duine gu bheil meas agad air? |
4. Is cosmhail an duine ri dìomhanas; tha a làithean mar sgàil a ghabhas seachad. |
5. A Thighearna, lùb do fhlaitheasan, agus thig a‑nuas; bean ris na beanntan, agus bidh deatach dhiubh. |
6. Cuir a‑mach dealanach agus sgaoil iad; tilg do shaighdean agus claoidh iad. |
7. Sìn uat do làmh on àirde, saor mi, agus teasairg mi o uisgeachan mòra, à làimh clann choigreach, |
8. Aig a bheil am beul a’ labhairt dìomhanais, agus is i an deaslàmh deaslàmh na brèige. |
Gnàth-fhacal 30:6-9 |
6. Na cuir-sa nì air bith ra bhriathran air eagal gun cronaich e thu, agus gum faighear breugach thu. |
7. Dà nì dh’iarr mi ort; na diùlt iad dhomh mum faigh mi bàs. |
8. Dìomhanas agus breugan cuir fada uam; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathaich mi le biadh a bhios iomchaidh air mo shon. |
9. Air eagal gum bi mi làn, agus gun àich mi thu, agus gun abair mi, Cò e an Tighearna? No gum bi mi bochd, agus gun goid mi, agus gun toir mi ainm mo Dhè ann an dìomhanas. |
Taisbeanadh 8:1-13 |
1. Agus nuair a dh’fhosgail e an seachdamh seula, bha tosd air nèamh mu thimcheall leth uaire. |
2. Agus chunnaic mi na seachd aingil a sheas am fianais Dhè; agus thugadh dhaibh seachd trompaidean. |
3. Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh-chathrach. |
4. Agus chaidh deatach na tùise suas maille ri ùrnaighean nan naomh, o làimh an aingil, an làthair Dhè. |
5. Agus ghlac an t‑aingeal an tùiseir, agus lìon e e le teine na h‑altarach, agus thilg e air an talamh e: agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich, agus crith-thalmhainn ann. |
6. Agus dh’ullaich na seachd aingil aig an robh na seachd trompaidean iad fhèin, a‑chum an sèideadh. |
7. Agus shèid an ciad aingeal, agus bha clachan-meallain ann, agus teine air am measgadh le fuil, agus thilgeadh air an talamh iad; agus loisgeadh an treas cuid de na craobhan, agus am feur uaine uile. |
8. Agus shèid an dara aingeal, agus thilgeadh mar gum bu bheinn mhòr a’ losgadh le teine anns an fhairge: agus dh’fhàs an treas cuid den fhairge na fuil: |
9. Agus fhuair an treas cuid de na creutairean a bha anns an fhairge, aig an robh anam, bàs; agus mhilleadh an treas cuid de na longan. |
10. Agus shèid an treas aingeal, agus thuit reul mhòr o nèamh, a’ dearg-lasadh mar lòchran, agus thuit i air an treas cuid de na h‑aibhnichean, agus air na tobraichean uisge; |
11. Agus is e an t‑ainm a ghoirear den reul Burmaid: agus rinneadh an treas cuid de na h‑uisgeachan nam burmaid; agus fhuair mòran dhaoine bàs leis na h‑uisgeachan, do bhrìgh gun do rinneadh searbh iad. |
12. Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna. |
13. Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi aingeal ag itealaich ann am meadhon nèimh, ag ràdh le guth àrd, Is truagh, truagh, truagh, do luchd-àiteachaidh na talmhainn, airson guthan eile trompaid nan trì aingeal a tha fhathast gu sèideadh! |