A A A A A
Bible in one year
November 9

Eseciel 9:1-11
1. Ghlaodh e fòs ann am chluasan le guth àrd, ag ràdh, Thoir air uachdarain a’ bhaile teachd am fagas, eadhon gach duine le arm-sgriosaidh na làimh.
2. Agus, feuch, thàinig seisear fhear o shlighe a’ gheata as àirde, a tha ag amharc ris an àird a tuath, agus aig gach fear inneal-sgrios fhèin na làimh: agus bha aon fhear nam measg air èideadh le lìon-aodach, agus acfhainn-sgrìobhaidh clèirich air a leis, agus chaidh iad a‑steach, agus sheas iad ri taobh na h‑altarach umha.
3. Agus dh’èirich glòir Dia Israeil suas bhàrr a’ cheruib air an robh e gu stairsneach an taighe; agus ghlaodh e ris an duine a bha air èideadh leis an lìon-aodach, aig an robh an acfhainn-sgrìobhaidh clèirich ra thaobh;
4. Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.
5. Agus ri càch thubhairt e ann am èisdeachd, Rachaibh-se na dhèidh-san tron bhaile, agus buailibh: na coigleadh ur sùil, cha mhò a bhios truas agaibh.
6. Marbhaibh gu tur an sean agus an t‑òg, an òigh agus an leanabh, agus na mnathan; ach na beanaibh ri aon duine air a bheil an comharradh; agus tòisichibh aig mo naomh-ionad-sa. An sin thòisich iad aig na seann daoine a bha fa chomhair an taighe.
7. Agus thubhairt e riu, Truaillibh an taigh, agus lìonaibh na cùirtean leis na mairbh; rachaibh a‑mach: agus chaidh iad a‑mach, agus mharbh iad anns a’ bhaile.
8. Agus thàrladh tràth bha iad gam marbhadh, agus a bha mise air m’fhàgail, gun do thuit mi air m’aghaidh, agus ghlaodh mi, ag ràdh, Ah! a Thighearna Dhè, an sgrios thu iarmad Israeil uile, ann an dòrtadh a‑mach do dhian-chorraich air Ierusalem?
9. An sin thubhairt e rium, Tha aingidheachd taigh Israeil agus Iùdah ro‑mhòr, agus tha am fearann làn fala, agus am baile làn ceannairc: oir tha iad ag ràdh, Thrèig an Tighearna an talamh, agus chan eil an Tighearna a’ faicinn.
10. Agus air mo shon-sa mar an ceudna, cha chaomhain mo shùil, cha mhò a bhios truas agam; dìolaidh mi an slighe air an ceann.
11. Agus, feuch, dh’innis am fear a bha sgeadaichte leis an lìon-aodach, agus aig an robh an acfhainn-sgrìobhaidh ra thaobh, a’ chùis, ag ràdh, Rinn mi mar a dh’àithn thu dhomh.

Eseciel 10:1-22
1. An sin dh’amhairc mi, agus feuch, anns an speur a bha thar cinn nan ceruban, thaisbeanadh os an cionn mar gum biodh ann clach shaphir, mar thaisbeanadh coslas rìgh-chathrach.
2. Agus labhair e ris an duine a bha sgeadaichte leis an lìon-aodach, agus thubhairt e, Imich a‑steach eadar na rothan, fon cherub, agus lìon do làmh le èibhlean teine eadar na ceruban, agus sgap iad thar a’ bhaile. Agus chaidh e a‑steach ann am shealladh.
3. A‑nis sheas na ceruban air taobh deas an taighe, nuair a chaidh an duine a‑steach; agus lìon an neul a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh.
4. An sin chaidh glòir an Tighearna suas bhàrr a’ cheruib, agus sheas i os cionn stairsneach an taighe; agus lìonadh an taigh leis an neul, agus bha a’ chùirt làn de dhealradh glòir an Tighearna.
5. Agus chualas fuaim sgiathan nan ceruban gus a’ chùirt a b’fhaide a‑muigh, mar ghuth an Dè uile-chumhachdaich nuair a labhras e.
6. Agus thàrladh, an tràth a thug e àithne don duine a bha sgeadaichte leis an lìon-aodach, ag ràdh, Glac teine o eadar na rothan, o eadar na ceruban, gun deachaidh e an sin a‑steach, agus sheas e làimh ris na rothan.
7. Agus shìn cerub a‑mach a làmh o eadar na ceruban, a‑chum an teine a bha eadar na ceruban, agus ghabh e dheth; agus chuir e an làmhan an tì a bha sgeadaichte leis an lìon-aodach e; neach a ghlac e agus a chaidh a‑mach.
8. Agus chunnacas anns na ceruban cumachd làmh duine fon sgiathan.
9. Agus nuair a dh’amhairc mise, feuch na ceithir rothan aig taobh nan ceruban, aon roth aig aon cherub, agus roth eile aig cerub eile: agus bha dreach nan rothan air dhath cloiche criostail.
10. Agus airson an aogais, bha an aon choslas aca nan ceathrar, mar gum biodh roth ann am meadhon rotha.
11. Nuair a ghluais iad, dh’imich iad air an ceithir taobhan; cha do thionndaidh iad nan imeachd, ach ris an àite gus an robh an ceann ag amharc, lean iadsan e; cha do thionndaidh iad nuair a dh’imich iad.
12. Agus bha an corp gu h‑iomlan, agus an dromannan, agus an sgiathan, agus na rothan, làn de shùilean mun cuairt air gach taobh, eadhon na rothan a bha aca nan ceathrar.
13. Agus ris na rothan ghlaodhadh ann am èisdeachd-sa, Ruithibh.
14. Agus bha ceithir aodannan aig gach aon: aghaidh ceruib a’ chiad aodann, agus aghaidh duine an dara aodann, agus aghaidh leòmhainn an treas, agus aghaidh iolaire an ceathramh.
15. Agus thogadh suas na ceruban. Seo am beò-chreutair a chunnaic mise aig sruth Chebair.
16. Agus nuair a ghluais na ceruban, dh’imich na rothan làimh riu: agus nuair a thog na ceruban suas an sgiathan, a‑chum èirigh suas on talamh, cha do thionndaidh na rothan ceudna sin o bhith nam fochar.
17. Nuair a sheas iad sin, sheas iad seo; agus nuair a dh’èirich iad sin suas, dh’èirich iad seo; oir bha spiorad a’ bheò-chreutair annta.
18. An sin dh’imich glòir an Tighearna o stairsnich an taighe, agus sheas i thar na ceruban.
19. Agus thog na ceruban suas an sgiathan, agus chaidh iad suas on talamh ann am shealladh; nuair a chaidh iad a‑mach, bha na rothan mar an ceudna làimh riu; agus sheas iad aig doras geata an ear taigh an Tighearna, agus bha glòir Dia Israeil tharta os an cionn.
20. Seo am beò-chreutair a chunnaic mi fo Dhia Israeil, làimh ri sruth Chebair; agus dh’aithnich mi gum bu cheruban iad.
21. Bha ceithir aodannan aig gach aon fa leth, agus aig gach aon bha ceithir sgiathan; agus bha coslas làmhan duine fon sgiathan.
22. Agus b’e coslas an aghaidhean na h‑aghaidhean ceudna a chunnaic mi aig sruth Chebair, an aogas agus iad fhèin: dh’imich iad gach aon dìreach air aghaidh.

Salm 121:1-8
1. Laoidh nan ceum. Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair.
2. Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.
3. Cha leig e led chois sleamhnachadh; cha tuit clò cadail air d’fhear-coimhead.
4. Feuch, cha tuit clò cadail no suain air fear-coimhead Israeil.
5. Is e an Tighearna d’fhear-coimhead; is e an Tighearna do sgàil air do làimh dheis.
6. Anns an là cha bhuail a’ ghrian thu, no a’ ghealach anns an oidhche.
7. Coimheadaidh an Tighearna thu o gach olc; coimheadaidh e d’anam.
8. Coimheadaidh an Tighearna do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, on àm seo eadhon gu bràth.

Gnàth-fhacal 28:16-16
16. Am fear-riaghlaidh aig nach eil tuigse, is mòr mar an ceudna am fear-fòirneirt e; ach an tì a dh’fhuathaicheas sannt, sìnidh e a làithean.

Eabhraidhich 5:1-14
1. Oir tha gach uile àrd-shagart, air a thoirt o mheasg dhaoine, air òrdachadh airson dhaoine ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum gun toir e suas araon tìodhlacan agus ìobairtean airson pheacaidhean:
2. Neach a tha comasach air truas a ghabhail ris an dream a tha aineolach, agus air seachran: do bhrìgh gu bheil e fhèin mar an ceudna air a chuartachadh le anfhainneachd:
3. Agus air a shon seo, is còir dha ìobradh airson pheacaidhean, mar as leth an t‑sluaigh, is amhail sin as a leth fhèin mar an ceudna.
4. Agus cha ghabh aon duine an t‑urram seo dha fhèin, ach an tì a tha air a ghairm o Dhia, mar a bha Aaron:
5. Is amhail sin, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin, gu bhith air a dhèanamh na Ard-shagart; ach an tì a thubhairt ris, Is tu mo Mhac, an‑diugh ghin mi thu.
6. A rèir mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an ionad eile, Is sagart thu gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.
7. Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.
8. Ged bu Mhac e, dh’fhòghlaim e ùmhlachd o na nithean a dh’fhuiling e:
9. Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha;
10. Air a ghairm le Dia na Ard-shagart a rèir òrdagh Mhelchisedeic;
11. Mum bheil mòran againn ri labhairt, agus cruaidh rim mìneachadh; do bhrìgh gu bheil sibh mall nur n‑èisdeachd.
12. Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd-teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad-thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir.
13. Oir gach neach a tha a’ gnàthachadh bainne, tha e neo-theòma air facal na fìreantachd: oir is naoidhean e.
14. Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.