A A A A A
Bible in one year
November 6

Eseciel 3:1-27
1. Os bàrr thubhairt e rium, A mhic an duine, ith an nì a gheibh thu; ith an ròla seo, agus falbh, labhair ri taigh Israeil.
2. Mar sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus thug e orm an ròla sin ithe.
3. Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, thoir air do bhroinn ithe, agus lìon do chom leis an ròla seo a bheir mi dhut. An sin dh’ith mi, agus bha e ann am bheul mar mhil air mhìlsead.
4. Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, falbh, imich gu taigh Israeil, agus labhair lem bhriathran-sa riu.
5. Oir chan eil thu air do chur gu sluagh aig a bheil teanga choimheach, agus cainnt chruaidh, ach gu taigh Israeil.
6. Chan ann gu mòran shluagh, aig a bheil teanga choimheach, agus cainnt chruaidh, nach urrainn thu am briathran a thuigsinn: gu cinnteach nan cuirinn dan ionnsaigh-san thu, dh’èisdeadh iad riut.
7. Ach chan èisd taigh Israeil riut, oir chan èisd iad riumsa; oir tha taigh Israeil uile mì‑nàireach agus cruaidh-chridheach.
8. Feuch, rinn mi do ghnùis làidir an aghaidh an gnùise-san, agus d’aodann làidir an aghaidh an aodainn-san.
9. Mar adamant, nas cruaidhe na clach theine, rinn mise d’aodann: na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh sgàth ort ron gnùis, ged tha iad nan taigh ceannairceach.
10. Os bàrr, thubhairt e rium, A mhic an duine, gabh ann ad chridhe m’uile bhriathran-sa a labhras mi riut, agus èisd led chluasan.
11. Agus falbh, imich a dh’ionnsaigh na muinntir a tha ann am bruid, gu cloinn do shluaigh, agus labhair riu, agus innis dhaibh, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, co aca a dh’èisdeas iad no nach èisd.
12. An sin thog an spiorad suas mi, agus chuala mi air mo dhèidh guth tormain mhòir, ag ràdh, Beannaichte gu robh glòir an Tighearna o a àite fhèin.
13. Chuala mi fòs fuaim sgiathan nam beò-chreutairean a bhean ri chèile, agus fuaim nan roth thall mun coinneamh, agus fuaim luasgaidh mhòir.
14. An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e leis mi, agus dh’imich mi ann an searbhadas, ann an teas mo spioraid, ach bha làmh an Tighearna treun orm.
15. An sin thàinig mi a‑chum na muinntir a bha nam braighdean aig Tel-abib, a bha a chòmhnaidh làimh ri abhainn Chebair, agus shuidh mi far an do shuidh iadsan, agus dh’fhan mi an sin seachd làithean làn uamhais nam meadhon.
16. Agus thàrladh an ceann seachd làithean gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
17. A mhic an duine, rinn mise fear-faire dhìot do thaigh Israeil: uime sin, èisd am facal om bheul, agus thoir rabhadh dhaibh uamsa.
18. Nuair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu cinnteach bàs; agus nach toir thusa rabhadh dha, agus nach labhair thu a thoirt rabhaidh don chiontach o a dhroch shlighe, a‑chum a anam a thèarnadh; bàsaichidh an droch dhuine sin na aingidheachd, ach iarraidh mise a fhuil air do làimh-sa.
19. Gidheadh ma bheir thu rabhadh don aingidh, agus nach till e o a aingidheachd, no o a dhroch shlighe, bàsaichidh esan na aingidheachd; ach shaor thusa d’anam fhèin.
20. A‑rìs, nuair a thilleas fìrean o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh peacadh, agus a chuireas mise ceap-tuislidh fa a chomhair, gheibh e bàs; a chionn nach tug thusa dha rabhadh, na pheacadh gheibh e bàs, agus cha chuimhnichear a fhìreantachd a rinn e; ach iarraidh mise a fhuil air do làimh-sa.
21. Gidheadh ma bheir thu rabhadh don fhìrean, air chor is nach ciontaich am fìrean, agus nach dèan e peacadh, mairidh e gu cinnteach beò, do bhrìgh gun d’fhuair e rabhadh; mar an ceudna shaor thusa d’anam fhèin.
22. Agus bha làmh an Tighearna orm an sin, agus thubhairt e rium, Eirich, siubhail a‑mach don chòmhnard, agus an sin labhraidh mise riut.
23. An sin dh’èirich mi, agus chaidh mi a‑mach a‑chum a’ chòmhnaird, agus, feuch, sheas glòir an Tighearna anns an àite sin, mar a’ ghlòir a chunnaic mi aig abhainn Chebair; agus thuit mi air m’aghaidh.
24. An sin chaidh an spiorad annam, agus chuir e air mo chasan mi, agus labhair e rium, agus thubhairt e rium, Falbh, druid thu fhèin a‑staigh ann ad thaigh.
25. Ach thusa, O mhic an duine, feuch, cuiridh iad boinn ort, agus ceanglaidh iad thu leo, agus cha tèid thu a‑mach nam measg.
26. Agus bheir mise air do theangaidh leantainn rid ghiall, air chor is gum bi thu balbh, agus nach bi thu dhaibh ad fhear-cronachaidh; oir tha iad nan taigh ceannairceach.
27. Ach nuair a labhras mise riut, fosglaidh mi do bheul, agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Esan a dh’èisdeas, èisdeadh e: agus esan a dhearmadas, dearmadadh e; oir tha iad nan taigh ceannairceach.

Eseciel 4:1-17
1. Thusa mar an ceudna, a mhic an duine, gabh thugad leac-shuaine, agus cuir fad chomhair i, agus tarraing oirre am baile, Ierusalem:
2. Agus cuartaich e le feachd, agus tog na aghaidh daingneach, agus tilg suas tòrr na aghaidh; suidhich fòs camp na aghaidh, agus cuir reitheachan-cogaidh na aghaidh air gach taobh mun cuairt.
3. A thuilleadh air seo, gabh thugad aghann iarainn, agus suidhich e mar bhalla iarainn, eadar thu agus am baile, agus cuir do ghnùis na aghaidh, agus bidh e air a theannachadh, agus cuiridh tu camp na aghaidh: bidh seo na chomharradh do thaigh Israeil.
4. Laigh thusa fòs air do thaobh clì, agus leig euceart taigh Israeil air: a rèir àireamh nan làithean a laigheas tu air, giùlainidh tu an euceart.
5. Oir leag mise ortsa bliadhnachan an euceartan, a rèir àireamh nan làithean, trì cheud, deich agus ceithir-fichead là: mar sin giùlainidh tu euceart taigh Israeil.
6. Agus nuair a choileanas tu iad, laigh a‑rìs air do thaobh deas, agus giùlainidh tu euceart taigh Iùdah dà‑fhichead là: dh’òrdaich mise dhut là airson bliadhna.
7. Uime sin cuiridh tu d’aghaidh ri sèisdeadh Ierusaleim, agus bidh do ghàirdean air a rùsgadh, agus nì thu fàistneachd na h‑aghaidh.
8. Agus, feuch, cuiridh mise cuibhrichean ort, agus cha tionndaidh thu thu fhèin on aon taobh gus an taobh eile, gus an crìochnaich thu làithean do shèisdidh.
9. Gabh thugad fòs cruithneachd, agus eòrna, agus pònair, agus peasair, agus meanbh-pheasair, agus peasair fhiadhain, agus cuir iad ann an aon soitheach, agus dèan dhut fhèin aran dhiubh, a rèir àireamh nan làithean a laigheas tu air do thaobh; trì cheud, ceithir-fichead agus deich làithean ithidh tu dheth.
10. Agus bidh am biadh a dh’itheas tu air a chothromachadh, fichead secel anns an là: o àm gu àm ithidh tu e.
11. Olaidh tu mar an ceudna uisge le tomhas; an siathamh cuid de hin: o àm gu àm òlaidh tu.
12. Agus ithidh tu e mar aran eòrna, agus le aolach a thig a‑mach à duine deasaichidh tu e nan sealladh.
13. Agus thubhairt an Tighearna, Eadhon mar seo ithidh clann Israeil an aran truaillte am measg nan cinneach, gus an iomain mise iad.
14. An sin thubhairt mise, Ah a Thighearna Dhia! Feuch, cha do thruailleadh m’anam-sa: oir om òige a‑nìos gus a‑nis cha d’ith mi dheth sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a bha na chonablach; cha mhò a thàinig feòil ghràineil ann am bheul.
15. An sin thubhairt e rium, Feuch, thug mi dhut buachar bhò an àite aolach duine, agus deasaichidh tu d’aran leis.
16. Os bàrr thubhairt e rium, A mhic an duine, feuch, brisidh mise lorg an arain ann an Ierusalem; agus ithidh iad aran air thomhas agus le cùram; agus òlaidh iad uisge le tomhas agus le uamhas.
17. A‑chum gum bi uireasbhaidh arain agus uisge orra, agus gum bi uamhas orra gach aon ri chèile, agus gun leagh iad air falbh airson an euceirt.

Salm 119:161-168
161. Bha uachdarain an tòir orm gun adhbhar, ach rod fhacal-sa tha eagal air mo chridhe.
162. Tha aiteas orm rid fhacal-sa, mar neach a fhuair creach mhòr.
163. Is fuath leam agus is oillteil leam breug, ach is toigh leam do lagh-sa.
164. Seachd uairean anns an là bheir mi moladh dhut airson breitheanais do cheartais.
165. Is mòr sìth na muinntir a tha a’ toirt gràidh dod lagh, agus chan èirich adhbhar tuislidh dhaibh.
166. Dh’fheith mi rid shlàinte, a Thighearna, agus choilean mi d’àitheantan.
167. Choimhead m’anam do theisteis, agus is ro‑ionmhainn leam iad.
168. Choimhead mi do reachdan agus do theisteis, oir tha mo shlighean uile fad chomhair.

Gnàth-fhacal 28:13-13
13. An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

Eabhraidhich 2:1-18
1. Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.
2. Oir ma bha am facal a labhradh le ainglean seasmhach, agus gun d’fhuair gach uile bhriseadh agus eas-ùmhlachd dìol-thuarasdal dligheach;
3. Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;
4. Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin?
5. Oir cha do chuir e fo cheannsal nan aingeal an saoghal ri teachd, mum bheil sinn a’ labhairt.
6. Ach rinn neach fianais ann an ionad àraidh, ag ràdh, Ciod e an duine gun cuimhnicheadh tu air? No mac an duine gum fiosraicheadh tu e?
7. Rinn thu e rè tamaill bhig na b’ìsle na na h‑aingil; chrùn thu e le glòir agus le urram, agus chuir thu e os cionn obraichean do làmh;
8. Chuir thu na h‑uile nithean sìos fo a chasan. Oir ann an cur nan uile nithean fodha dha, cha d’fhàg e nì air bith gun chur fodha. Ach a‑nis chan eil sinn a’ faicinn nan uile nithean fhathast air an cur fo a cheannsal:
9. Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram.
10. Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.
11. Oir tha araon an tì a naomhaicheas, agus iadsan a naomhaichear, uile o aon: air an adhbhar sin cha nàir leis bràithrean a ghairm dhiubh,
12. Ag ràdh, Cuiridh mi d’ainm an cèill dom bhràithrean, ann am meadhon na h‑eaglais seinnidh mi cliù dhut.
13. Agus a-rìs, Cuiridh mi mo dhòchas ann. Agus a‑rìs, Feuch mise, agus a’ chlann a thug Dia dhomh.
14. Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal;
15. Agus gun saoradh e iadsan a bha tre eagal a’ bhàis rè am beatha uile fo dhaorsa.
16. Oir gu deimhinn cha do ghabh e nàdar nan aingeal air; ach ghabh e sìol Abrahàim air.
17. Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:
18. Oir a mheud is gun d’fhuiling e fhèin, air dha a bhith air a bhuaireadh, is comasach e air cobhair a dhèanamh orrasan a tha air am buaireadh.