A A A A A
Bible in one year
November 28

Eseciel 47:1-23
1. Na dhèidh sin thug e mi a‑rìs gu doras an teampaill, agus, feuch, bhrùchd uisgeachan a‑mach o ìochdar stairsneach an taighe ris an àird an ear: oir bha aghaidh an taighe ris an àird an ear, agus thàinig na h‑uisgeachan a‑nuas fodha o thaobh a deas an taighe, air taobh mu dheas na h‑altarach.
2. An sin thug e a‑mach mi air slighe a’ gheata mu thuath, agus thug e orm siubhal mun cuairt air an t‑slighe a‑muigh gus an geata a‑muigh, air an t‑slighe tha ag amharc ris an àird an ear, agus, feuch, ruith uisgeachan a‑mach air an taobh a deas.
3. Agus nuair a chaidh an duine aig an robh an t‑sreang na làimh a‑mach air slighe na h‑àird an ear, thomhais e mìle làmh-choille, agus thug e mi tro na h‑uisgeachan: bha na h‑uisgeachan gu ruig na h‑aobrainn.
4. A‑rìs thomhais e mìle, agus thug e mi tro na h‑uisgeachan; bha na h‑uisgeachan gu ruig na glùinean: a‑rìs thomhais e mìle, agus thug e mi tro na h‑uisgeachan; bha na h‑uisgeachan gu ruig na leasraidh.
5. Na dhèidh sin thomhais e mìle; agus bha e na shruth nach b’urrainn mi dol thairis air: oir bha na h‑uisgeachan air èirigh, uisgeachan airson snàmh annta, abhainn nach faodte dol troimhpe.
6. Agus thubhairt e rium, Nach faca tu, a mhic an duine? An sin thug e leis mi, agus thug e orm tilleadh gu bruaich na h‑aibhne.
7. A‑nis nuair a thill mi, feuch, air bruaich na h‑aibhne bha ro‑mhòran chraobh, air an taobh seo, agus air an taobh eile.
8. An sin thubhairt e rium, Tha na h‑uisgeachan seo ag imeachd a‑mach rathad tìr na h‑àird an ear, agus a’ dol sìos don fhàsach, agus a’ dol a‑steach don fhairge; nuair a bheirear iad a‑mach a‑chum na fairge, lèighsear na h‑uisgeachan.
9. Agus tàrlaidh, gach aon bheathach beò a tha a’ gluasad taobh air bith gus an tig na h‑aibhnichean, mairidh e beò: agus bidh ro‑mhòran èisg ann, a chionn gun tig na h‑uisgeachan seo thuige: oir lèighsear iad, agus mairidh gach nì beò far an tig an abhainn.
10. Agus tàrlaidh gun seas na h‑iasgairean oirre, o Engedi gu ruig Eneglaim; bidh iad nan ionad a sgaoileadh a‑mach lìon, bidh an iasg a rèir an seòrsa, mar iasg na fairge mòire, ro‑lìonmhor.
11. Ach a làthach, agus a àiteachan fliucha cha bhi air an leigheas, bheirear iad thairis gu salann.
12. Agus air taobh na h‑aibhne, air a bruaich, air an taobh seo, agus air an taobh eile, fàsaidh na h‑uile chraobhan airson bìdh, aig nach bi an duilleach air seargadh, no an toradh air a chaitheamh: bheir e a‑mach toradh nuadh a rèir a mhìosan, do bhrìgh gun do shruth uisgeachan a‑mach on ionad naomh; agus bidh a thoradh airson bìdh, agus a dhuilleach airson leighis.
13. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Seo a’ chrìoch leis an sealbhaich sibh am fearann, a rèir dà‑threubh-dheug Israeil: bidh dà roinn aig Iòseph.
14. Agus sealbhaichidh sibh e, aon cho math ri chèile: oir am fearann seo mun do thog mise suas mo làmh gun tugainn e dur n‑athraichean, tuitidh oirbhse mar oighreachd.
15. Agus seo crìoch an fhearainn air an taobh mu thuath, on fhairge mhòir, slighe Hetloin, mar a thèid daoine gu Sedad:
16. Hamat, Berotah, Sibraim, a tha eadar crìoch Dhamascais agus crìoch Hamait; Hasar-haticon, a tha làimh ri iomall Haurain.
17. Agus on fhairge bidh a’ chrìoch aig Haser-enan, crìoch Dhamascais, agus an àird a tuath air an taobh mu thuath, agus crìoch Hamait: agus seo an taobh mu thuath.
18. Agus an taobh an ear tòimhsidh sibh o Hauran, agus o Dhamascas, agus o Ghilead, agus o fhearann Israeil làimh ri Iòrdan, on chrìch gu ruig an fhairge an ear: agus seo an taobh an ear.
19. Agus an taobh deas mu dheas o Thamar, gu uisgeachan na strì ann an Cades, an sruth gus an fhairge mhòr: agus seo an taobh deas mu dheas.
20. An taobh an iar mar an ceudna bidh aig an fhairge mhòir on iomall, gus an tig duine a‑nall fa chomhair Hamait; seo an taobh an iar.
21. Mar seo roinnidh sibh am fearann seo dhuibh, a rèir fineachan Israeil.
22. Agus tàrlaidh gun roinn sibh e le crannchur airson oighreachd dhuibh fhèin, agus do na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a ghineas clann nur measg: agus bidh iad dhuibh mar gum biodh iad air am breith anns an dùthaich am measg chloinn Israeil; bidh oighreachd aca maille ribh, am measg fineachan Israeil.
23. Agus tàrlaidh, anns an treubh anns am bi an coigreach air chuairt, an sin gun toir sibh dha oighreachd, deir an Tighearna Dia.

Eseciel 48:1-35
1. A‑nis is iad seo ainmean nan treubh. On cheann mu thuath gu iomall slighe Hetloin, mar a thèid neach gu Hamat, Hasarenan, crìoch Dhamascais mu thuath, gu iomall Hamait (oir is iad seo a thaobhan an ear agus an iar), bidh aon roinn aig Dan.
2. Agus làimh ri crìch Dhain, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Aser.
3. Agus làimh ri crìch Aseir, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Naphtali.
4. Agus làimh ri crìch Naphtali, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Manaseh.
5. Agus làimh ri crìch Mhanaseh, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Ephraim.
6. Agus làimh ri crìch Ephraim, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Reuben.
7. Agus làimh ri crìch Reubein, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Iùdah.
8. Agus làimh ri crìch Iùdah, on taobh an ear gus an taobh an iar, bidh an tabhartas a bheir sibh seachad, còig-mìle-fichead làmh-choille air leud, agus air fad mar aon de na h‑earrannan eile, on taobh an ear gus an taobh an iar, agus bidh an t‑ionad naomh na mheadhon.
9. An tabhartas a bheir sibh seachad don Tighearna, bidh e còig-mìle-fichead làmh-choille air fad, agus deich mìle làmh-choille air leud.
10. Agus air an son-san, airson nan sagart, bidh an tabhartas naomh seo, ris an àird a tuath, còig-mìle-fichead làmh-choille air fad, agus ris an àird an iar, deich mìle làmh-choille air leud, agus ris an àird an ear, deich mìle làmh-choille air leud, agus ris an àird a deas, còig-mìle-fichead làmh-choille air fad; agus bidh ionad naomh an Tighearna na mheadhon.
11. Bidh e airson nan sagart a tha naomhaichte, de mhic Shadoic, a choimhead an nì a dh’earb mise riu, nach deachaidh air seachran nuair a chaidh clann Israeil air seachran, mar a chaidh na Lèbhithich air seachran.
12. Agus is ro‑naomh dhaibhsan tabhartas seo an fhearainn, làimh ri crìch nan Lèbhitheach.
13. Agus thall fa chomhair crìoch nan sagart, bidh aig na Lèbhithich còig-mìle-fichead làmh-choille air fad, agus deich mìle làmh-choille air leud; is e am fad uile còig-mìle-fichead làmh-choille, agus an leud deich mìle.
14. Agus cha reic iad dheth, cha mhò a nì iad a mhalairt, no a bheir iad uapa ciad-thoradh an fhearainn: oir tha e naomh don Tighearna.
15. Agus bidh na còig mìle làmh-choille a tha air am fàgail anns an leud, thall fa chomhair nan còig-mìle-fichead na ionad nach bi naomh, airson a’ bhaile, airson còmhnaidh, agus airson dlùth-bhailtean; agus bidh am baile na mheadhon.
16. Agus seo a thomhaisean; an taobh mu thuath ceithir mìle agus còig ceud, agus an taobh mu dheas ceithir mìle agus còig ceud, agus air an taobh an ear ceithir mìle agus còig ceud, agus an taobh an iar ceithir mìle agus còig ceud.
17. Agus bidh dlùth-bhailtean na cathrach ris an àird a tuath dà cheud agus lethcheud, agus ris an àird a deas dà cheud agus lethcheud, agus ris an àird an ear dà cheud agus lethcheud, agus ris an àird an iar dà cheud agus lethcheud.
18. Agus bidh a’ chuid eile air leud, thall fa chomhair tabhartas a’ chuibhrinn naoimh, deich mìle ris an taobh an ear, agus deich mìle ris an taobh an iar: agus bidh e thall fa chomhair tabhartas a’ chuibhrinn naoimh; agus bidh a chinneas mar lòn do luchd-frithealaidh na cathrach.
19. Agus nì a’ mhuinntir a fhrithealas don bhaile frithealadh dha à uile threubhan Israeil.
20. Is e an tabhartas uile còig-mìle-fichead, le còig-mìle-fichead: bheir sibh seachad an tabhartas naomh ceithir-cheàrnach, maille ri seilbh na cathrach.
21. Agus bidh a’ chuid eile airson an uachdarain, air an taobh seo, agus air an taobh eile den tabhartas naomh, agus de sheilbh na cathrach, thall fa chomhair nan còig-mìle-fichead leth ris a’ chrìch an iar, thall fa chomhair nan cuibhreann airson an uachdarain; agus bidh e seo na thabhartas naomh, agus bidh naomh-ionad an teampaill na mheadhon.
22. An dèidh sealbh nan Lèbhitheach, agus sealbh na cathrach, bidh sin anns a’ mheadhon aig an uachdaran, eadar crìoch Iùdah agus crìoch Bheniàmin, bidh seo aig an uachdaran.
23. A‑thaobh na cuid eile de na treubhan, on taobh an ear gus an taobh an iar, bidh aon roinn aig Beniàmin.
24. Agus làimh ri crìch Bheniàmin, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Simeon.
25. Agus làimh ri crìch Shimeoin, on taobh an ear gus an taobh iar, aon aig Isachar.
26. Agus làimh ri crìch Isachair, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Sebulun.
27. Agus làimh ri crìch Shebuluin, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Gad.
28. Agus làimh ri crìch Ghaid, aig an taobh deas mu dheas, bidh a’ chrìoch o Thamar, eadhon gu uisgeachan na strì ann an Cades, gus an abhainn leth ris an fhairge mhòir.
29. Seo am fearann a roinneas sibh le crannchur do threubhan Israeil airson oighreachd, agus seo na cuibhreannan aca, deir an Tighearna Dia.
30. Agus seo dol a‑mach na cathrach air an taobh mu thuath, ceithir mìle agus còig ceud tomhas.
31. Agus bidh geatachan na cathrach a rèir ainmean treubhan Israeil, trì geatachan ris an àird a tuath; aon gheata do Reuben, aon gheata do Iùdah, aon gheata do Lèbhi.
32. Agus air an taobh an ear ceithir mìle agus còig ceud: agus trì geatachan; aon gheata do Iòseph, aon gheata do Bheniàmin, aon gheata do Dhan.
33. Agus air an taobh mu dheas ceithir mìle agus còig ceud tomhas: agus trì geatachan; aon gheata do Shimeon, aon gheata do Isachar, aon gheata do Shebulun.
34. Air an taobh an iar ceithir mìle agus còig ceud, len trì geatachan; aon gheata do Ghad, aon gheata do Aser, aon gheata do Naphtali.
35. Bha e mun cuairt ochd-mìle-deug tomhas: agus bidh mar ainm air a’ chathair on là sin, Tha an Tighearna an sin.

Salm 135:8-14
8. A bhuail ciad-ghin na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh,
9. A chuir comharraidhean agus iongantasan ann ad mheadhon, O Eiphit, air Phàraoh agus air a òglaich gu lèir,
10. A bhuail cinnich mhòra, agus a mharbh rìghrean mòra,
11. Sihon rìgh nan Amorach, agus Og rìgh Bhasain, agus uile rìoghachdan Chanàain,
12. Agus a thug am fearann mar oighreachd, mar oighreachd do Israel a shluagh.
13. Mairidh d’ainm-sa, a Thighearna, gu bràth; do chuimhne, a Thighearna, o linn gu linn.
14. Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach.

Gnàth-fhacal 29:9-9
9. Ma nì duine glic strì ri duine amaideach, co‑dhiù a bhios fearg air, no nì e gàire, cha bhi fois ann.

1 Peadar 4:1-19
1. Uime sin, o dh’fhuiling Crìosd air ar son-ne anns an fheòil, armaichibh-se mar an ceudna sibh fhèin leis an inntinn cheudna: oir an tì a dh’fhuiling anns an fheòil, sguir e de pheacadh;
2. A‑chum nach caitheadh e fuidheall aimsir anns an fheòil, a rèir ana-miannan dhaoine, ach a rèir toil Dhè.
3. Oir is leòr dhuinn a’ chuid a chaidh seachad de aimsir ar beatha gu toil nan Cinneach a dhèanamh, nuair a shiubhail sinn ann am macnas, ann an ana-miannan, ann an anabarr fìona, ann an geòcaireachd, ann am pòiteireachd, agus ann an iodhal-adhradh ain-dligheach:
4. Nì anns a bheil iad a’ gabhail iongantais, do bhrìgh nach eil sibhse a’ ruith maille riu anns an neò-mheasarrachd cheudna gun tomhas, a’ labhairt uilc umaibh:
5. Muinntir a bheir cunntas dhàsan, a tha ullamh gu breith a thoirt air na beòthan agus air na mairbh.
6. Oir is ann a‑chum na crìche seo a shearmonaicheadh an soisgeul dhaibhsan a tha marbh mar an ceudna, a‑chum gun tugte breith orra a rèir dhaoine anns an fheòil, ach gum biodh iad beò a rèir Dhè anns an Spiorad.
7. Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.
8. Agus ro na h‑uile nithean biodh agaibh teas-ghràdh da chèile; oir cuiridh gràdh falach air mòran pheacaidhean.
9. Thugaibh aoidheachd da chèile gun ghearan.
10. A rèir mar a fhuair gach aon an tìodhlac, mar sin dèanaibh frithealadh da chèile, mar dheagh stiùbhardan air gràs eugsamhail Dhè.
11. Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.
12. A mhuinntir mo ghràidh, na biodh iongantas oirbh a‑thaobh na deuchainn theinntich, a thig oirbh a‑chum ur dearbhadh, mar gun tàrladh nì‑eigin neo-ghnàthach dhuibh:
13. Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd-compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.
14. Ma mhaslaichear sibh airson ainm Chrìosd, is sona sibh; oir tha Spiorad na glòire agus Dhè a’ gabhail còmhnaidh oirbh; dan taobh-san gu deimhinn tha e a’ faotainn toibheim, ach dur taobh-se tha e air a ghlòrachadh.
15. Ach na fuilingeadh aon agaibh mar mhortair, no mar ghadaiche, mo mar fhear droch-bheairt, no mar neach a ghabhas gnothach ri nithean nach buin dha.
16. Gidheadh ma dh’fhuilingeas duine mar Chrìosdaidh, na biodh nàire air; ach thugadh e glòir do Dhia as a leth seo.
17. Oir thàinig an t‑àm anns an tòisich breitheanas aig taigh Dhè: agus ma thòisicheas e againne, ciod as crìoch dhaibhsan a tha eas-umhail do shoisgeul Dhè?
18. Agus mas ann air èiginn a thèarnar am fìrean, càit an taisbein an duine mì‑dhiadhaidh agus am peacach e fhèin?
19. Uime sin, an dream a dh’fhuilingeas a rèir toil Dhè, earbadh iad an anaman ris-san ann an dèanamh maith, mar ri Cruithear dìleas.