A A A A A
Bible in one year
November 22

Eseciel 35:1-15
1. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2. A mhic an duine, cuir d’aghaidh ri sliabh Sheir, agus dèan fàistneachd na aghaidh.
3. Agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, O shlèibh Sheir, tha mise ad aghaidh, agus sìnidh mi mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus nì mi sgrios agus lèirsgrios ort.
4. Nì mi do bhailtean nam fàsach, agus bidh tu ad nochd-làraich, agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna.
5. A chionn gu robh fuath bithbhuan agad, agus gun do dhòirt thu fuil chloinn Israeil le neart a’ chlaidheimh, ann an àm an airce, anns an àm anns an robh crìoch air an aingidheachd:
6. Air an adhbhar sin, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, ullaichidh mi thusa airson fala, agus nì fuil do dhian-ruagadh: a chionn nach d’fhuathaich thu fuil, nì fuil do dhian-ruagadh.
7. Mar seo nì mi lèirsgrios air sliabh Sheir, agus gearraidh mi uaithe an tì a thèid a‑mach agus an tì a thilleas air ais.
8. Agus lìonaidh mi a shlèibhtean le a dhaoine marbhte: air do chnuic, agus ann ad ghleanntan, agus ann ad uile aibhnichean, tuitidh iadsan a mharbhar leis a’ chlaidheamh.
9. Nì mise fàsaichean sìorraidh dhìot, agus cha togar a‑rìs do bhailtean; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
10. A chionn gun dubhairt thu, Bidh an dà chinneach seo agus an dà dhùthaich seo agamsa, agus sealbhaichidh sinn iad: ged bha an Tighearna an sin:
11. Uime sin, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, nì mi eadhon a rèir d’fheirge, agus a rèir d’fharmaid a nochd thu, led fhuath nan aghaidh; agus nì mi mi fhèin aithnichte nam measg, nuair a bheir mi breith ortsa.
12. Agus aithnichidh tusa gur mi an Tighearna, agus gun cuala mi d’uile thoibheum an aghaidh slèibhtean Israeil, ag ràdh, Dh’fhàgadh fàs iad, agus thugadh iad dhuinne gan slugadh.
13. Mar seo le ur beul rinn sibh uaill ann am aghaidh-sa, agus mheudaich sibh ur briathran ann am aghaidh; chuala mise.
14. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nuair a nì an talamh uile gàirdeachas, nì mise fàs thusa.
15. Mar a rinn thusa gàirdeachas os cionn oighreachd taigh Israeil, a chionn gu robh i fàs, O shlèibh Sheir, agus Idumèa uile, an t‑iomlan dheth: agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Eseciel 36:1-38
1. Mar an ceudna, a mhic an duine, dèan fàistneachd do shlèibhtean Israeil, agus abair, A shlèibhtean Israeil, cluinnibh facal an Tighearna:
2. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun dubhairt an nàmhaid nur n‑aghaidh, Aha! is leinne fòs na seann ionadan àrda mar sheilbh:
3. Uime sin, dèan fàistneachd agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do rinn iad fàs sibh, agus gun do shluig iad suas sibh air gach taobh, gu bhith nur seilbh do fhuidheall nan cinneach, agus gu bheil sibh air ur gabhail ann am beul luchd seanchais, agus nur mì‑chliù am measg dhaoine:
4. Air an adhbhar sin, a shlèibhtean Israeil, èisdibh facal an Tighearna, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, ris na slèibhtean, agus ris na cnuic, ris na sruthan, agus ris na gleanntan, ris na fàsaichean uaigneach, agus ris na bailtean a thrèigeadh, a dh’fhàs nan cobhartaich agus nam ball-fanaid do fhuidheall nan cinneach mun cuairt:
5. Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gu deimhinn ann an teine m’eud labhair mi an aghaidh fuidheall nan cinneach, agus an aghaidh Idumèa uile, a ghabh mo dhùthaich-sa gu bhith na seilbh dhaibh, le gàirdeachas an uile chridhe, le inntinn aingidh, ga toirt thairis mar chreich.
6. Dèan fàistneachd uime sin mu thimcheall fearann Israeil, agus abair ris na slèibhtean agus ris na cnuic, ris na sruthan agus ris na gleanntan, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, labhair mise ann am eud agus ann am chorraich, a chionn gun do ghiùlain sibh tàmailt nan cinneach:
7. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Thog mise suas mo làmh; gu deimhinn na cinnich mun cuairt dhuibh giùlainidh iad fhèin am masladh.
8. Ach sibhse, O shlèibhtean Israeil, cuiridh sibh a‑mach ur geugan, agus bheir sibh ur toradh dom shluagh-sa Israel, oir tha iad am fagas a‑chum teachd.
9. Oir feuch, tha mise leibh, agus tillidh mi ribh, agus bidh sibh air ur treabhadh agus air ur cur.
10. Agus nì mi daoine lìonmhor oirbh, uile thaigh Israeil gu h‑iomlan; agus bidh na bailtean air an àiteachadh, agus bidh na h‑ionadan fàsa air an togail.
11. Agus nì mi lìonmhor oirbh duine agus ainmhidh, agus fàsaidh iad lìonmhor, agus bheir iad toradh; agus suidhichidh mi sibh mar a bha sibh o shean, agus nì mi ribh nas fheàrr na ann ur toiseach; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
12. Seadh, bheir mi air daoine coiseachd oirbh, eadhon mo phoball Israel, agus sealbhaichidh iadsan thu, agus bidh tu dhaibh ad oighreachd, agus cha dèan thu iad nas mò uireasbhaidheach.
13. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun abair iad riut, Thusa a shluig suas daoine, agus a dh’fhàg gun sliochd do chinnich:
14. Uime sin cha sluig thu daoine nas mò, agus chan fhàg thu do chinnich nas mò gun sliochd, deir an Tighearna Dia.
15. Cha mhò a dh’fhuilingeas mise gun cluinnear tàmailt nan cinneach annad tuilleadh, cha mhò a ghiùlaineas tu masladh an t‑sluaigh nas fhaide, cha mhò a bheir thu air do chinnich tuiteam tuilleadh, deir an Tighearna Dia.
16. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
17. A mhic an duine, nuair a bha taigh Israeil a chòmhnaidh nan dùthaich fhèin, thruaill iad i len slighe fhèin, agus len dèanadas: bha an slighe ann am làthair-sa mar neòghlaine mnà a chuireadh air leth.
18. Air an adhbhar sin dhòirt mi orra mo chorraich, airson na fala a dhòirt iad air an fhearann, agus airson an iodhalan leis an do rinn iad a thruailleadh:
19. Agus sgap mi iad am measg nan cinneach, agus bha iad air an sgaoileadh air feadh nan dùthchannan. A rèir an slighe, agus a rèir an dèanadais thug mise breith orra.
20. Agus nuair a chaidh iad a‑steach a‑chum nan cinneach gus an deachaidh iad, thruaill iad sin m’ainm naomh-sa nuair a thubhairt iad riu, Is iad seo sluagh an Tighearna, gidheadh chaidh iad a‑mach as a fhearann.
21. Ach ghabh mise truas rim ainm naomh fhèin, a thruaill taigh Israeil am measg nan cinneach gus an deachaidh iad.
22. Air an adhbhar sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Chan eil mi a’ dèanamh seo air ur son-se, O thaigh Israeil, ach airson m’ainme naoimh fhèin, a thruaill sibhse am measg nan cinneach gus an deachaidh sibh.
23. Ach naomhaichidh mi m’ainm mòr fhèin, a bha air a thruailleadh am measg nan cinneach, a thruaill sibhse nam meadhon; agus aithnichidh na cinnich gur mise an Tighearna, tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annaibhse fa chomhair an sùl.
24. Oir bheir mi sibh o mheasg nan cinneach, agus tionailidh mi sibh as na h‑uile dhùthchannan, agus bheir mi sibh gu ur fearann fhèin.
25. An sin crathaidh mi uisge glan oirbh, agus bidh sibh glan; o ur n‑uile shalchar, agus o ur n‑uile iodhalan glanaidh mi sibh.
26. Bheir mi fòs dhuibh cridhe nuadh, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a‑staigh dhibh; agus buinidh mi air falbh an cridhe cloiche as ur feòil, agus bheir mi dhuibh cridhe feòla.
27. Agus cuiridh mi mo spiorad an taobh a‑staigh dhibh, agus bheir mi oirbh gluasad ann am reachdan, agus coimheadaidh sibh mo bhreitheanais, agus nì sibh iad.
28. Agus gabhaidh sibh còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dur n‑athraichean, agus bidh sibh nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse.
29. Saoraidh mi sibh fòs o ur n‑uile shalchar; agus gairmidh mi air an arbhar, agus meudaichidh mi e, agus cha chuir mi gort air bith oirbh.
30. Agus meudaichidh mi meas na craoibhe, agus cinneas na machrach, air chor is nach faigh sibh nas mò masladh gorta am measg nan cinneach.
31. An sin cuimhnichidh sibh ur droch shlighe fhèin, agus ur dèanadais nach robh math, agus fuathaichidh sibh sibh fhèin nur sealladh fhèin, airson ur n‑euceartan, agus airson ur gràinealachdan.
32. Chan ann air ur son-se a tha mise a’ dèanamh seo, tha an Tighearna Dia ag ràdh, biodh fhios agaibh: biodh nàire agus amhluadh oirbh airson ur slighean fhèin, O thaigh Israeil.
33. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là anns an glan mi sibh o ur n‑uile aingidheachd, bheir mi fòs fa‑near gun gabh sibh còmhnaidh anns na cathraichean, agus bidh na h‑ionadan fàsa air an togail.
34. Agus bidh am fearann fàs air a threabhadh, an àite e a bhith na laighe fàs ann an sealladh gach aoin a ghabh seachad.
35. Agus their iad, Tha an tìr seo a bha uaigneach air fàs mar ghàrradh Èdein; agus na cathraichean falamh, fàs, agus millte, tha iad air an daingneachadh, agus air an àiteachadh.
36. An sin aithnichidh na cinnich a dh’fhàgadh air gach taobh dhibh gur mise an Tighearna a thogas na h‑àitean sgrioste, a shuidhicheas an t‑ionad fàsail: mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e.
37. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh mise fhathast air m’iarraidh anns an nì seo le taigh Israeil, a‑chum a dhèanamh air an son; nì mi lìonmhor iad le daoine mar threud.
38. Mar an treud naomh, mar threud Ierusaleim na fèillean àrda: mar sin bidh na bailtean fàs air an lìonadh le treudan dhaoine; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Salm 131:1-3
1. Laoidh nan ceum, le Daibhidh. A Thighearna, chan eil mo chridhe uaibhreach, no mo shùilean àrd, agus cha do ghabh mi gnothach ri nithean mòra, no ri nithean a bha àrd air mo shon.
2. Gu deimhinn shocraich agus chiùinich mi m’anam, mar leanabh a chuireadh o chìch a mhàthar; mar leanabh a chuireadh on chìch tha m’anam-sa.
3. Earbadh Israel as an Tighearna on àm seo agus gu bràth.

Gnàth-fhacal 29:2-3
2. Nuair a bhios na fìreanan cumhachdach, nì an sluagh gàirdeachas; ach nuair a riaghlas na h‑aingidh, nì an sluagh osnaich.
3. Am fear a ghràdhaicheas gliocas, nì e a athair ait; ach esan a chumas cuideachd ri strìopaichean, caithidh e a mhaoin.

Seumas 3:1-18
1. Mo bhràithrean, na bithibh nur mòran mhaighistirean, air dhuibh fios a bhith agaibh gum faigh sinne an tuilleadh breitheanais.
2. Oir ann am mòran nithean tha sinn uile ciontach. Mura eil duine ciontach ann am facal, is duine coileanta an tì sin, comasach mar an ceudna air srian a chur ris a’ chorp uile.
3. Feuch, tha sinn a’ cur shrian ann am beul nan each, a‑chum gum bi iad umhail dhuinn, agus tionndaidhidh sinn an corp uile mun cuairt.
4. Feuch mar an ceudna na longan, ged tha iad cho mòr, agus ged shèidear iad le garbh-ghaothan, gidheadh tionndaidhear mun cuairt iad le stiùir ro‑bhig, ge bè taobh gus am miann leis an stiùradair.
5. Is amhail sin as ball beag an teanga, agus nì i mòr-uaill. Feuch, cia mòr an connadh a lasas teine beag!
6. Agus is teine an teanga, saoghal de aingidheachd: mar sin tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, ionnas gun salaich i an corp gu h‑iomlan, agus gun las i cùrsa nàdair; agus i fhèin air a lasadh o ifrinn.
7. Oir tha gach uile ghnè fhiadh-bheathach, agus eunlaith, agus nithean snàigeach, agus nithean anns an fhairge, air an ceannsachadh: agus cheannsaicheadh iad leis a’ chinne-daonna:
8. Ach cha chomasach do dhuine air bith an teanga a cheannsachadh; is olc do‑chasgaidh i, làn de nimh mhairbhteach.
9. Leathase tha sinn a’ beannachadh Dhè, eadhon an t‑Athar; agus leathase tha sinn a’ mallachadh dhaoine, a rinneadh a rèir coslas Dhè.
10. As an aon bheul tha beannachadh agus mallachadh a’ teachd a‑mach. Mo bhràithrean, cha chòir do na nithean seo a bhith mar seo.
11. An cuir tobar a‑mach as an aon sùil uisge milis agus searbh?
12. Am faod craobh-fhìge, mo bhràithrean, dearcan-ola a thoirt uaipe? No a’ chraobh-fhìona, fìgean? Mar sin chan fhaod tobar sam bith sàil agus uisge milis a thoirt uaithe araon.
13. Cò a tha na dhuine glic agus aig a bheil eòlas nur measg? Nochdadh e à deagh chaitheamh-beatha, a obraichean fhèin le ceannsachd gliocais.
14. Ach ma tha eud searbh agus còmhstri agaibh nur cridhe, na dèanaibh uaill, agus na dèanaibh breug an aghaidh na fìrinn.
15. Chan ann on àirde a tha an gliocas seo a’ teachd a‑nuas, ach tha e talmhaidh, collaidh, diabhlaidh.
16. Oir far a bheil farmad agus còmhstri, an sin tha buaireas, agus gach uile dhroch ghnìomh.
17. Ach tha an gliocas a tha on àirde air tùs glan, an dèidh sin sìochail, ciùin, agus so‑chomhairleachaidh, làn de thròcair agus de dheagh thoradh, gun leth-bhreith agus gun cheilg.
18. Agus tha toradh na fìreantachd air a chur ann an sìth do luchd-dèanamh na sìthe.