A A A A A
Bible in one year
November 21

Eseciel 33:1-33
1. A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2. A mhic an duine, labhair ri cloinn do shluaigh, agus abair riu, Nuair a bheir mise an claidheamh air dùthaich, ma ghabhas muinntir na dùthcha duine den crìochan fhèin, agus gun cuir iad e gu bhith na fhear-faire dhaibh;
3. Ma shèideas e an trompaid nuair a chì e an claidheamh a’ teachd air an fhearann, agus ma bheir e rabhadh don t‑sluagh;
4. An sin, cò air bith a chluinneas fuaim na trompaid, agus nach gabh rabhadh; ma thig an claidheamh, agus gun toir e air falbh e, bidh a fhuil air a cheann fhèin.
5. Chuala e fuaim na trompaid, agus cha do ghabh e rabhadh, bidh a fhuil air fhèin: ach esan a ghabhas rabhadh tèarnaidh e a anam.
6. Ach ma chì am fear-faire an claidheamh a’ teachd, agus nach sèid e an trompaid, agus nach faigh an sluagh rabhadh ma thig an claidheamh, agus gun toir e aon neach air falbh uapa, tha e air a thoirt air falbh na aingidheachd: ach iarraidh mise a fhuil air làimh an fhir-fhaire.
7. Mar sin thusa, a mhic an duine, chuir mi thu mar fhear-faire a‑chum taigh Israeil: uime sin èisdidh tu am facal om bheul-sa, agus bheir thu dhaibh rabhadh uamsa.
8. Nuair a their mise ris an aingidh, O dhuine aingidh, gheibh thu gu deimhinn bàs; mura labhair thusa a‑chum an t‑aingidh a thoirmeasg o a shlighe, gheibh an duine aingidh sin bàs na aingidheachd: ach air do làimh-sa iarraidh mise a fhuil.
9. Gidheadh, ma bheir thusa rabhadh don aingidh mu thimcheall a shlighe, gu tilleadh uaipe: mura till e o a shlighe, gheibh e bàs na aingidheachd, ach thèarainn thusa d’anam.
10. Uime sin, a mhic an duine, labhair thusa ri taigh Israeil, Mar seo their sibh, ag ràdh, Ma bhios ar cionta agus ar lochdan oirnn, agus gun searg sinn annta, cionnas a dh’fhaodas sinn mar sin a bhith beò?
11. Abair riu, Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, chan eil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh; ach gun tilleadh an t‑aingidh o a shlighe, agus gum biodh e beò: tillibh, tillibh, o ur droch shlighean, carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil?
12. Uime sin, a mhic an duine, abair thusa ri cloinn do shluaigh, Cha dèan fìreantachd an fhìrein a shaoradh ann an là a chionta: agus na aingidheachd cha tuit an t‑aingidh anns an là anns an till e o chionta; cha mhò a dh’fhaodas am fìrean a bhith beò airson a fhìreantachd anns an là anns am peacaich e.
13. Nuair a their mise ris an fhìrean gum mair e gu deimhinn beò: ma nì e bun as a fhìreantachd fhèin, agus gun dèan e aingidheachd, cha chuimhnichear a uile fhìreantachd; ach airson a aingidheachd a rinn e, airson sin gheibh e bàs.
14. A‑rìs, nuair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu deimhinn bàs: ma thilleas e o pheacadh, agus gun dèan e an nì sin a tha dligheach agus ceart;
15. Ma bheir an t‑aingidh air ais an geall, agus gun aisig e a‑rìs an nì a ghoid e, gun gluais e ann an reachdan na beatha, gun aingidheachd a chur an gnìomh; mairidh e gu deimhinn beò, chan fhaigh e bàs.
16. Cha chuimhnichear dha lochd air bith a rinn e: rinn e an nì a tha dleasdanach agus ceart: mairidh e gu cinnteach beò.
17. Gidheadh tha clann do shluaigh-sa ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach, Ach air an son-san, chan eil an slighe cothromach.
18. Nuair a thilleas am fìrean air ais o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, gheibh e bàs da chionn.
19. Ach ma thilleas an t‑aingidh air falbh o a aingidheachd, agus gun dèan e an nì sin a tha dleasdanach agus ceart, mairidh e beò da chionn.
20. Gidheadh tha sibh ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach: O thaigh Israeil, bheir mise breith oirbh, air gach aon a rèir a shlighe.
21. Agus thàrladh anns an aon-bhliadhna-deug de ar bruid, anns an deicheamh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, gun tàinig aon a theich à Ierusalem am ionnsaigh-sa, ag ràdh, Bhuaileadh am baile.
22. Agus bha làmh an Tighearna orm anns an anmoch, mun tàinig esan a theich, agus dh’fhosgail i mo bheul, gus an tàinig e thugam anns a’ mhadainn; agus dh’fhosgladh mo bheul, agus cha robh mi na bu mhò balbh.
23. An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
24. A mhic an duine, tha iadsan a tha ag àiteachadh nan ionadan fàsa sin de fhearann Israeil a’ labhairt, ag ràdh, Bha Abrahàm na aonar, agus shealbhaich e am fearann: ach tha sinne lìonmhor, thugadh am fearann dhuinn mar sheilbh.
25. Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha sibh ag ithe maille ris an fhuil, agus a’ togail ur sùl suas ri ur n‑iodhalan, agus a’ dòrtadh fala; agus an sealbhaich sibh am fearann?
26. Tha sibh a’ seasamh air ur claidheamh, tha sibh a’ dèanamh gràinealachd, agus a’ truailleadh, gach aon agaibh, bean a choimhearsnaich: agus an sealbhaich sibh am fearann?
27. Abair thusa riu mar seo, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mar as beò mise, gu deimhinn tuitidh iadsan a tha anns na h‑ionadan fàsa leis a’ chlaidheamh; agus esan a tha anns a’ mhachair sgaoilte, bheir mise do na beathaichean ra ithe; agus bàsaichidh iadsan a bhios anns na daingnichean agus anns na h‑uamhan leis a’ phlàigh.
28. Oir fàgaidh mise am fearann ro‑fhàsail, agus sguiridh mòrachd a threise: agus bidh slèibhtean Israeil fàs, air chor is nach tèid aon neach tromhpa.
29. An sin aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a nì mi am fearann ro‑fhàsail, airson an uile ghràinealachdan a chuir iad an gnìomh.
30. Agus thusa, a mhic an duine, tha clann do shluaigh an còmhnaidh a’ labhairt umad ri taobh nam ballachan, agus ann an dorsan nan taighean; agus a’ labhairt aon ri chèile, gach aon ra bhràthair, ag ràdh, Thigibh, guidheam oirbh, agus èisdibh ciod am facal a tha a’ teachd a‑mach on Tighearna.
31. Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.
32. Agus, feuch, tha thusa dhaibh mar òran ro‑thaitneach duine aig a bheil guth binn, agus a chluicheas gu math air inneal-ciùil: oir tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh.
33. Agus nuair a thig seo gu crìch (feuch, tha e a’ teachd), an sin aithnichidh iad gu robh fàidh nam measg.

Eseciel 34:1-31
1. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2. A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh aodhairean Israeil, dèan fàistneachd, agus abair riu, O aodhairean, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mo thruaighe aodhairean Israeil, a tha gam beathachadh fhèin! Nach bu chòir do na h‑aodhairean an treud a bheathachadh?
3. Tha sibh ag ithe na saill, agus gur n‑èideadh fhèin leis an olainn, tha sibh a’ marbhadh nan ainmhidhean biadhte: chan eil sibh a’ beathachadh an treud.
4. Cha do neartaich sibh an lag, cha mhò a leighis sibh an tinn, cha mhò a cheangail sibh suas esan a bha briste, cha mhò a thug sibh air ais a’ chuid a sgapadh, cha mhò a dh’iarr sibh a’ chuid a chailleadh; ach le ainneart riaghail sibh iad, agus le an‑iochd.
5. Agus sgapadh iad le dìth aodhairean: agus bha iad nam biadh do uile bheathaichean na machrach, nuair a bha iad air an sgapadh.
6. Chaidh mo chaoraich-sa air seachran air feadh nan uile bheann, agus air gach sliabh àrd: seadh, bha mo threud air a sgapadh air aghaidh na talmhainn uile, agus cha robh aon neach gan sireadh no gan iarraidh.
7. Uime sin, O aodhairean, èisdibh-se facal an Tighearna;
8. Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu deimhinn a chionn gu robh mo threud nan creich, agus gun do rinneadh mo threud nam biadh do uile bheathaichean na machrach, a chionn nach robh aodhair sam bith ann, cha mhò a dh’iarr m’aodhairean mo threud, ach bheathaich na h‑aodhairean iad fhèin, agus cha do bhiadh iad mo threud-sa;
9. Uime sin, O aodhairean, èisdibh facal an Tighearna;
10. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh nan aodhairean, agus iarraidh mi mo threud air an làimh, agus bheir mi orra sgur de bhiadhadh an treud; cha mhò a bheathaicheas na h‑aodhairean iad fhèin tuilleadh; oir saoraidh mise mo threud as am beul, a‑chum nach bi iad dhaibh nam biadh.
11. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, lorgaidh mise, mise fhèin, mo chaoraich, agus iarraidh mi a‑mach iad.
12. Amhail a lorgas aodhair a‑mach a threud, anns an là anns am bi e am measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarraidh mise mo chaoraich fhèin, agus saoraidh mi iad as a h‑uile àite gus an robh iad air an sgànradh, anns an là neulach agus dhorcha.
13. Agus bheir mi a‑mach iad o mheasg nan cinneach, agus cruinnichidh mi iad o na dùthchannan, agus bheir mi iad gum fearann fhèin, agus ionaltraidh mi iad air slèibhtean Israeil, an cois nan aibhnichean, agus ann an uile ionadan àitichte na tìre.
14. Ionaltraidh mi iad ann an innis mhaith, agus bidh am buaile air slèibhtean àrda Israeil: an sin laighidh iad ann an cluain mhaith, agus ionaltraidh iad ann an innis reamhair air slèibhtean Israeil.
15. Beathaichidh mise mo threud, agus bheir mi orra laighe sìos, deir an Tighearna Dia.
16. Iarraidh mi a’ chuid a chailleadh, agus bheir mi air ais a’ chuid a dh’fhuadaicheadh air falbh, agus ceanglaidh mi suas a’ chuid a bhriseadh, agus neartaichidh mi a’ chuid a bha tinn: ach sgriosaidh mi an reamhar agus an làidir; beathaichidh mi iad sin le breitheanas.
17. Agus air ur son-se, O mo threud; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise breith eadar sprèidh agus sprèidh, eadhon na reitheachan agus na gobhair fhireann.
18. An nì suarach leibhse an innis mhath ithe suas, ach gun saltair sibh fòs a’ chuid eile den ionaltradh sìos fo ur casan? Agus òl de na h‑uisgeachan domhain, ach gur èiginn dhuibh a’ chuid eile a shalachadh le ur casan?
19. Agus airson mo threud-sa, tha iad ag ithe an nì sin a shaltair sibh fo ur casan, agus ag òl an nì sin a rinn ur casan a thruailleadh.
20. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh riu, Feuch, bheir mise, mise fhèin, breith eadar an sprèidh reamhar agus an sprèidh chaol.
21. A chionn gun do thulg sibh le taobh agus le slinnein, agus gun do rinn sibh an t‑easlan uile a phurradh le ur n‑adhaircean, gus an do sgainnir sibh iad o chèile:
22. Uime sin tèarnaidh mise mo threud, agus cha bhi iad nas mò nan creich; agus bheir mi breith eadar sprèidh agus sprèidh.
23. Agus cuiridh mi suas aon aodhair os an cionn, agus beathaichidh esan iad, eadhon mo sheirbhiseach Daibhidh; beathaichidh esan iad, agus bidh e dhaibh na aodhair.
24. Agus bidh mise Iehòbhah ann am Dhia dhaibh, agus mo sheirbhiseach Daibhidh na phrionnsa nam measg; labhair mise Iehòbhah e.
25. Agus nì mise coicheangal sìthe riu, agus cuiridh mi cosg air na droch bheathaichean anns an fhearann; agus gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte anns an fhàsach agus caidlidh iad anns na coilltean.
26. Agus nì mi iadsan agus na h‑ionadan timcheall mo shlèibh nam beannachadh; agus bheir mi air an fhrois teachd a‑nuas na h‑àm: bidh frasan de bheannachdan ann.
27. Agus bheir craobh na machrach seachad a toradh, agus bheir an talamh seachad a chinneas, agus bidh iad tèarainte nan dùthaich, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a bhriseas mi cuibhrichean an cuinge, agus a shaoras mi iad à làimh na muinntir a ghabh seirbhis dhiubh.
28. Agus cha bhi iad nas mò nan cobhartaich do na cinnich, cha mhò a nì beathaichean an fhearainn an slugadh suas: ach gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte, agus cha chuir aon neach eagal orra.
29. Agus togaidh mi suas dhaibh meangan cliùiteach, agus cha bhi iad air an claoidh nas mò le gort anns an fhearann, cha mhò a ghiùlaineas iad masladh nan cinneach nas fhaide.
30. Mar seo aithnichidh iad gu bheil mise an Tighearna Dia maille riu, agus gur iadsan, taigh Israeil, mo shluagh, deir an Tighearna Dia.
31. Agus sibhse, mo threud, treud m’ionaltraidh, is daoine sibh, agus is mise ur Dia, deir an Tighearna Dia.

Salm 130:5-8
5. Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh.
6. Tha m’anam a’ feitheamh air an Tighearna, nas mò na luchd-faire na maidne, seadh, na luchd-faire na maidne.
7. Earbadh Israel as an Tighearna, oir aig an Tighearna tha tròcair, agus aigesan tha mòr-shaorsa;
8. Agus saoraidh e Israel o a euceartan gu lèir.

Gnàth-fhacal 29:1-1
1. Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas.

Seumas 2:1-26
1. Mo bhràithrean, na biodh agaibh creideamh ar Tighearna Iosa Crìosd, Tighearna na glòire, maille ri gnùis-bhreith.
2. Oir ma thig a‑steach dur coitheanal duine air a bheil fàinne òir, ann an aodach dealrach, agus gun tig a‑steach mar an ceudna duine bochd ann an aodach suarach;
3. Agus gun amhairc sibh le meas air an duine sin air a bheil an deagh thrusgan, agus gun abair sibh ris, Suidh thusa an seo ann an àite inbheach; agus gun abair sibh ris an duine bhochd, Seas thusa an sin, no suidh an seo fo stòl mo chas:
4. Nach eil sibh mar sin leth-bhreitheach annaibh fhèin, agus nach do rinneadh sibh nur britheamhan dhroch smuaintean?
5. Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?
6. Ach thug sibhse masladh don bhochd. Nach eil na daoine saoibhir ri aintighearnas oirbh, agus gur tarraing gu cathraichean-breitheanais?
7. Nach eil iad a’ toirt toibheim don ainm òirdheirc, a dh’ainmichear oirbh?
8. Ma choileanas sibh an lagh rìoghail a rèir an sgriobtair, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin, is math a nì sibh:
9. Ach ma nì sibh leth-bhreith air daoine, tha sibh a’ dèanamh peacaidh, agus tha sibh air ur fàgail shìos leis an lagh mar a luchd-brisidh.
10. Oir ge bè neach a choimheadas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon àithne, tha e ciontach den iomlan.
11. Oir an tì a thubhairt, Na dèan adhaltranas, thubhairt e mar an ceudna, Na dèan mort. A‑nis ged nach dèan thu adhaltranas, gidheadh ma nì thu mort, rinneadh fear-brisidh an lagha dhìot.
12. Guma h‑amhlaidh sin a labhras sibhse, agus guma h‑amhlaidh a nì sibh, mar iadsan air an tèid breith a thoirt le lagh na saorsa.
13. Oir gheibh esan breitheanas gun tròcair, nach do rinn tròcair; agus nì tròcair gàirdeachas an aghaidh breitheanais.
14. Ciod an tairbhe, mo bhràithrean, ged their neach gu bheil creideamh aige, agus gun obraichean a bhith aige? An urrainn creideamh a thèarnadh?
15. Ma bhios bràthair no piuthar lomnochd, agus a dh’uireasbhaidh teachd-an‑tìr làitheil,
16. Agus gun abair neach agaibhse riu, Imichibh ann an sìth, bithibh air ur garadh, agus bithibh air ur sàsachadh: gidheadh nach toir sibh dhaibh na nithean sin a tha feumail don chorp, ciod an tairbhe a tha ann?
17. Is amhail sin creideamh mar an ceudna, mura bi obraichean aige, tha e marbh, air dha a bhith leis fhèin.
18. Ach tha neach àraidh ag ràdh, Tha creideamh agadsa, agus tha obraichean agamsa: nochd dhòmhsa do chreideamh as eugmhais d’obraichean, agus nochdaidh mise dhutsa mo chreideamh lem obraichean.
19. Tha thu a’ creidsinn gu bheil aon Dia ann; is math a nì thu: tha na deamhain a’ creidsinn mar an ceudna, agus tha iad a’ criothnachadh.
20. Ach, O dhuine dhìomhain, an àill leat fios fhaotainn gu bheil creideamh as eugmhais obraichean marbh?
21. Nach deachaidh ar n‑athair Abrahàm fhìreanachadh le obraichean nuair a thug e suas a mhac Isaac air an altair?
22. Nach lèir dhut gun do cho-obraich creideamh le a ghnìomharan, agus gun do rinneadh creideamh coileanta le obraichean?
23. Agus choileanadh an sgriobtar a tha ag ràdh, Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd: agus ghoireadh caraid Dhè dheth.
24. Chì sibh uime sin gum fìreanaichear duine le obraichean, agus chan ann le creideamh a‑mhàin.
25. Amhail sin mar an ceudna, nach robh Rahab an strìopach air a fìreanachadh le obraichean, nuair a ghabh i ris na teachdairean, agus a chuir i a‑mach air slighe eile iad?
26. Oir mar a tha an corp marbh as eugmhais an spioraid, mar sin mar an ceudna tha creideamh marbh as eugmhais obraichean.