A A A A A
Bible in one year
November 18

Eseciel 27:1-36
1. Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,
2. A‑nis, a mhic an duine, tog suas tuireadh airson Thìruis;
3. Agus abair ri Tìrus, O thusa a tha air do shuidheachadh aig dol a‑steach na fairge, a tha nad cheannaiche don t‑sluagh airson mòran eileanan, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, O Thìorais, thubhairt thu, Tha mi ro‑sgiamhach.
4. Tha d’iomall ann am meadhon na fairge, rinn do luchd-togail do mhaise foirfe.
5. Rinn iad d’uile chlàir de chruinn-ghiuthais Shenir: thug iad seudair o Lebanon a dhèanamh chrann-siùil dhut.
6. De dharagan Bhasain rinn iad do ràimh: rinn cuideachd nan Asurach do thobhtachan de dheud-chnàimh o eileanan Chitim.
7. B’e anart grinn, le obair ghrèise on Eiphit, a sgaoil thu a‑mach gu bhith na sheòl dhut: b’e gorm agus purpar o eileanan Elisah an nì sin a sgeadaich thu.
8. B’iad luchd-àiteachaidh Shìdoin agus Arbhaid do mharaichean: b’iad do dhaoine glice a bha annad, O Thìrus, luchd-stiùraidh do loingeis.
9. B’iad seanairean Ghebail, agus a dhaoine glice, a bha agad nan luchd-calcaidh: bha loingeis na fairge gu lèir lem maraichean annad, a‑chum do mhalairt a mheudachadh.
10. B’iad muinntir Phersia, agus Luid, agus Phuit, d’fhir-chogaidh ann ad fheachd: chroch iad suas an sgiath agus a’ cheann-bheairt annad; chuir iad an cèill do mhaise.
11. Bha fir Arbhaid led fheachd air do bhallachan mun cuairt, agus bha na Gamadaich ann ad thùran: chroch iad an sgiathan air do bhallachan mun cuairt: rinn iad do mhaise foirfe.
12. B’i Tarsis do cheannaiche, do bhrìgh pailteas an uile stòrais; le airgead, iarann, stàn, agus luaidhe, rinn iad malairt ann ad mhargaidhean.
13. Iabhan, Tubal, agus Mesech, b’iadsan do cheannaichean: reic iad pearsannan dhaoine, agus soithichean umha ann ad mhargadh.
14. Rinn muinntir Thogarmah malairt ann ad mhargaidhean, le eich, agus le marc-shluagh, agus le muileidean.
15. B’iad fir Dhedain do cheannaichean, mòran eileanan malairt do làimhe: thug iad ad ionnsaigh mar thìodhlac adhaircean deud-chnàmh, agus eboni.
16. B’i Siria do cheannaiche airson lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu: rinn iad malairt ann ad mhargaidhean le emeraild, purpar, agus obair ghrèise, agus anart grinn, agus coireal, agus agat.
17. B’iad Iùdah agus tìr Israeil do cheannaichean: reic iad ann ad mhargadh cruithneachd Mhinnit, agus pannag, agus mil, agus ola, agus ìocshlaint.
18. B’e Damascas do cheannaiche ann an lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu, airson pailteas an uile shaoibhreis: ann am fìon Helboin, agus ann an olainn ghil.
19. Rinn Dan fòs, agus Iabhan, a’ dol air an ais agus air an aghaidh, malairt ann ad mhargaidhean: bha iarann obraichte, casia agus calamas ann ad mhargadh.
20. B’e Dedan do cheannaiche ann an aodaichean luachmhor airson charbad.
21. Rinn Aràbia agus uile phrionnsachan Chedair malairt riut ann an uain, agus ann an reitheachan, agus ann an gobhair: anns na nithean seo b’iad do luchd-malairt.
22. Ceannaichean Shèba agus Raamah, b’iadsan do cheannaichean: rinn iad malairt ann ad mhargadh le taghadh nan uile spìosraidh, agus leis na h‑uile chlachan luachmhor, agus le òr.
23. B’iad Haran agus Canneh, agus Eden, ceannaichean Shèba, Asuir, agus Chìlmaid, do cheannaichean-sa.
24. B’iad seo do luchd-malairt anns na h‑uile nithean, ann an aodaichean gorma, agus ann an obair ghrèise, agus ann an cisteachan de chulaidhean rìomhach, air an ceangal le cùird, agus dèante de sheudar, am measg do mhalairt.
25. Sheinn longan Tharsis mud thimcheall ann ad mhargadh; agus bha thu air do lìonadh, agus air do dhèanamh ro‑ghlòrmhor ann am meadhon nan cuantan.
26. Thug do ràmhaichean thu gu uisgeachan mòra: bhris a’ ghaoth an ear thu ann am meadhon na fairge.
27. Do shaoibhreas, agus do mhargadh, do mhalairt, do mharaichean, agus d’fhir-stiùraidh, do luchd-calcaidh, agus do luchd-malairt, agus d’uile luchd-cogaidh a tha annad, agus ann ad uile chuideachd a tha ann ad mheadhon, tuitidh ann am buillsgean na fairge, ann an là do sgrios.
28. Ri fuaim gaoir luchd-stiùraidh do loingeis, criothnaichidh na bailtean mun cuairt dhut.
29. Agus thig na h‑uile a ghlacas an ràmh, na maraichean, uile stiùradairean na fairge, a‑nuas on longan, seasaidh iad air a tìr.
30. Agus bheir iad air an guth gun cluinnear e os do chionn, agus glaodhaidh iad gu goirt, agus tilgidh iad suas duslach air an cinn, aornaganaidh iad iad fhèin anns an luaithre.
31. Agus nì iad iad fhèin uile maol air do shon, agus crioslaichidh iad iad fhèin ann an aodach-saic, agus guilidh iad air do shon le goirteas cridhe, le tuireadh geur.
32. Agus nan caoidh togaidh iad cumha air do shon, agus nì iad bròn os do chionn, ag ràdh, Cò a bu chosmhail ri Tìrus, a bu chosmhail rithese a tha millte ann am meadhon na fairge?
33. Nuair a chaidh d’obraichean a‑mach anns na fairgeachan, shàsaich thu iomadh sluagh; rinn thu beartach rìghrean na talmhainn le mòr-phailteas do shaoibhreis agus do mhalairt.
34. Anns an àm anns am brisear thu leis an fhairge ann an doimhneachd nan uisgeachan, tuitidh do cheannachd agus do chuideachd gu h‑iomlan ann ad mheadhon.
35. Bidh uamhas dod thaobh air uile luchd-àiteachaidh nan eilean, bidh eagal ro‑mhòr air an rìghrean, bidh an gnùis fo ghruaimean.
36. Nì na ceannaichean am measg nan cinneach sgeig ort; bidh tu ann ad uamhas, agus cha bhi thu ann nas mò gu bràth.

Eseciel 28:1-26
1. Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,
2. A mhic an duine, abair ri prionnsa Thìruis, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, a chionn gu bheil do chridhe air a thogail suas, agus gun dubhairt thu, Is dia mi, tha mi am shuidhe ann an cathair Dhè, ann am meadhon nan cuantan; gidheadh is duine thu, agus cha Dia, ged a chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè.
3. Feuch, is glice thu na Daniel; chan eil diamhaireachd sam bith falaichte uat.
4. Led ghliocas, agus led thuigse, fhuair thu dhut fhèin maoin, agus fhuair thu òr agus airgead ann ad thaisgeachan.
5. Led ghliocas mòr, agus led mhalairt, mheudaich thu do shaoibhreas, agus tha do chridhe air a thogail suas led bheartas.
6. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè;
7. Feuch, uime sin, bheir mise coimhich ort, fir uamhasach nan cinneach; agus tàirngidh iad an claidheamhan an aghaidh maise do ghliocais, agus truaillidh iad do dhealradh.
8. Cuiridh iad sìos don t‑sloc thu, agus bàsaichidh tu le bàs na muinntir a mharbhar ann am meadhon na fairge.
9. An abair thu fhathast an làthair an tì a mharbhas thu, Is dia mi? Ach bidh tu ann ad dhuine, agus chan ann ad dhia, ann an làimh an tì a mharbhas thu.
10. Bàsaichidh tu le bàs neo-thimcheall-gheàrrte, le làimh nan coimheach: oir mise labhair e, deir an Tighearna Dia.
11. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
12. A mhic an duine, tog suas caoidh os cionn rìgh Thìruis, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha thu a’ cur seula air do chuid stòrais, làn de ghliocas, agus foirfe ann am maise.
13. Bha thu ann an Eden, gàrradh Dhè; b’e do chòmhdach gach uile chlach luachmhor, an sardias, an topas, agus an daoimean, am beril, an onics, agus an iasper, an saphir, an t‑emerald, agus an carbuncal, agus an t‑òr: ghleusadh obair do thiompan agus do phìoban annad anns an là anns an do chruthaicheadh thu.
14. Is tu an cerub ungte a chòmhdaicheas; agus shuidhich mise thu; bha thu air sliabh naomh Dhè; shiubhail thu ann am meadhon nan clach dealrach.
15. Bha thu foirfe ann ad shlighean, on là anns an do chruthaicheadh thu gus an d’fhuaireadh annad aingidheachd.
16. Le lìonmhorachd do mhalairt lìon iad do mheadhon le ainneart, agus pheacaich thu: uime sin, tilgidh mise thu, mar nì mì‑naomh, a‑mach o shliabh Dhè: agus sgriosaidh mi thu, O cheruib a chòmhdaicheas, a meadhon nan clach dealrach.
17. Bha do chridhe air a thogail suas led mhaise; thruaill thu do ghliocas led dhealradh: tilgidh mise gu làr thu, cuiridh mi thu an làthair rìghrean gu bhith ad bhall-amhairc dhaibh.
18. Le lìonmhorachd d’euceartan thruaill thu d’ionadan naomha, le euceart do mhalairt; uime sin bheir mise a‑mach teine as do mheadhon, caithidh e thu, agus nì mise luath dhìot air an talamh, ann an sealladh nan uile a chì thu.
19. Iadsan uile don aithne thu am measg an t‑sluaigh, bidh uamhas orra dod thaobh: bidh tu ann ad uamhann, agus cha bhi thu ann nas mò gu bràth.
20. A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
21. A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Shìdoin, agus dèan fàistneachd na h‑aghaidh.
22. Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Shìdoin, agus bidh mi air mo ghlòrachadh ann ad mheadhon: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna, nuair a nì mi innte breitheanais, agus a bhios mi air mo naomhachadh innte.
23. Oir cuiridh mi innte plàigh, agus fuil na sràidean, agus bheirear breitheanas air an leònte na meadhon, leis a’ chlaidheamh a bhios oirre air gach taobh; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.
24. Agus cha bhi dris dhealgach ann nas mò do thaigh Israeil, no dris a bheir doilgheas, dhaibhsan uile mun cuairt a tha ri tàir orra; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna Dia.
25. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair a thionaileas mise taigh Israeil o na cinnich am measg a bheil iad air an sgapadh, agus a bhios mi air mo naomhachadh annta an sealladh nan cinneach, an sin gabhaidh iad còmhnaidh nam fearann a thug mise dom òglach Iàcob.
26. Agus gabhaidh iad còmhnaidh ann gu tèarainte, agus togaidh iad taighean, agus suidhichidh iad fìonliosan: seadh, gabhaidh iad còmhnaidh le dànachd, nuair a nì mise breitheanas orrasan uile a tha a’ dèanamh tàir orra gach taobh mun cuairt dhaibh; agus aithnichidh iad gur mise Iehòbhah an Dia.

Salm 129:1-4
1. Laoidh nan ceum. Is minig a chràidh iad mi om òige, abradh Israel a‑nis;
2. Is minig a chràidh iad mi om òige; gidheadh cha tug iad buaidh orm.
3. Air mo dhruim threabh an luchd-treabhaidh; tharraing iad an sgrìoban fada.
4. Tha an Tighearna cothromach; gheàrr e o chèile cùird nan aingidh.

Gnàth-fhacal 28:26-26
26. An tì a dh’earbas as a chridhe fhèin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e.

Eabhraidhich 12:1-29
1. Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,
2. Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
3. Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana-cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean.
4. Cha do sheas sibh fhathast gu fuil, a’ cathachadh an aghaidh peacaidh.
5. Agus dhìochuimhnich sibh an earail a tha a’ labhairt ribh mar ri cloinn, A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich nuair a chronaichear leis thu:
6. Oir an tì as ionmhainn leis an Tighearna, smachdaichidh e, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e.
7. Ma ghiùlaineas sibh smachdachadh, tha Dia a’ buntainn ribh mar ri cloinn: oir cò am mac nach smachdaich an t‑Athair?
8. Ach ma tha sibh as eugmhais smachdachaidh, dem bheil na h‑uile nan luchd-compàirt, an sin is clann dhìolain sibh, agus cha chlann dhligheach.
9. Os bàrr, bha againn athraichean a‑thaobh na feòla, a smachdaich sinn, agus thug sinn urram dhaibh: nach mò gu mòr is còir dhuinn a bhith umhail do Athair nan spiorad, agus a bhith beò?
10. Oir gu deimhinn smachdaich iadsan sinn rè beagan làithean a rèir an toile fhèin; ach esan a‑chum ar leas, ionnas gum bitheamaid nar luchd-compàirt de a naomhachd.
11. Ach cha mheasar smachdachadh air bith am feadh tha e an làthair sòlasach, ach doilgheasach: gidheadh, na dhèidh sin bheir e uaithe toradh sìochail na fìreantachd don dream a tha gu dligheach air an cleachdadh ris.
12. Uime sin, togaibh suas na làmhan a tha air tuiteam sìos, agus neartaichibh na glùinean laga;
13. Agus dèanaibh cas-cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh.
14. Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna:
15. A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:
16. Air eagal gum bi fear-strìopachais ann, no neach mì‑naomh sam bith mar Esau, a reic airson aon ghreim bìdh còir a chiad-bhreith.
17. Oir tha fhios agaibh nuair a b’àill leis, an dèidh sin, am beannachadh a shealbhachadh, gun do dhiùltadh e: oir cha d’fhuair e àit aithreachais, ged a dh’iarr e e gu dùrachdach le deòir.
18. Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn,
19. Agus fuaim na trompaid, agus guth nam briathar, ionnas gun do ghuidh an dream a chuala e nach labhairte am facal riu tuilleadh:
20. (Oir cha b’urrainn iad an nì sin a chaidh àithneadh dhaibh iomchar, Agus ma bheanas fiù ainmhidh ris an t‑sliabh, clachar e, no cuirear sleagh a‑mach troimhe.
21. Agus bu cho uamhasach an sealladh is gun dubhairt Maois, Tha eagal ro‑mhòr agus crith orm):
22. Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,
23. Gu làn-choitheanal agus eaglais nan ciad-ghin, a tha sgrìobhte anns na nèamhan, agus gu Dia, britheamh nan uile, agus gu spioradan nam fìrean air an dèanamh foirfe,
24. Agus gu Iosa, eadar-mheadhonair a’ choicheangail nuaidh, agus gu fuil a’ chrathaidh, a tha a’ labhairt nithean as fheàrr na fuil Abeil.
25. Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:
26. Neach aig an do chrath a ghuth an talamh an sin: ach a‑nis gheall e, ag ràdh, Aon uair eile fhathast crathaidh mi chan e an talamh a‑mhàin, ach nèamh mar an ceudna.
27. Agus tha am facal seo, Aon uair eile, a’ ciallachadh atharrachadh nan nithean sin a ghabhas crathadh, mar nithean a rinneadh, a‑chum gum fanadh na nithean nach gabh crathadh.
28. Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:
29. Oir tha ar Dia-ne na theine dian-loisgeach.