A A A A A
Bible in one year
November 16

Eseciel 23:1-49
1. Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,
2. A mhic an duine, bha dithis bhan ann, nigheanan na h‑aon mhàthar;
3. Agus rinn iad strìopachas anns an Eiphit, rinn iad strìopachas nan òige; an sin bha an uchd air a bhruthadh, agus an sin bhruthadh cìochan am maighdeannais.
4. Agus b’iad an ainmean, Aholah, ise bu shine, agus Aholibah a piuthar; agus bu leamsa iad, agus rug iad mic agus nigheanan: mar seo an ainmean; is i Aholah Samaria, agus is i Aholibah Ierusalem.
5. Agus rinn Aholah strìopachas nuair bu leamsa i; agus bha i an cion air a leannain, air na h‑Asirianaich, a coimhearsnaich.
6. Sgeadaichte le gorm, nan cinn-fheadhna, agus nan luchd-riaghlaidh, iad uile nan òganaich àillidh, marc-shluagh, a’ marcachd air eich.
7. Mar seo rinn i strìopachas leo, leis a mheud is a bha de fhir thaghte ann an Asiria, agus leis na h‑uile air an robh a cion; len iodhalan uile shalaich i i fhèin.
8. Cha mhò a sguir i de a strìopachas leis an Eiphit: oir na h‑òige laigh iad leatha, agus bhrùth iad cìochan a maighdeannais, agus dhòirt iad oirre an strìopachas.
9. Air an adhbhar sin thug mise thairis i do làimh a leannan, do làimh nan Asirianach air an robh a cion.
10. Leig iad seo ris a lomnochdaidh: ghabh iad a mic agus a nigheanan, agus mharbh iad i leis a’ chlaidheamh: agus dh’fhàs i iomraiteach am measg bhan, oir thug iad breitheanas oirre.
11. Agus nuair a chunnaic a piuthar Aholibah seo, bha i na bu truaillidh na gràdh neo-mheasarra na ise; agus na strìopachas na bu mhò na a piuthar na strìopachas.
12. Bha a cion air na h‑Asirianaich a coimhearsnaich, cinn-fheadhna, agus luchd-riaghlaidh, sgeadaichte gu ro‑sgiamhach, marc-shluagh, a’ marcachd air eich, iad uile nan òganaich àillidh.
13. An sin chunnaic mi gu robh i air a truailleadh, gum b’ionnan slighe dhaibh araon;
14. Ach gun deachaidh ise na b’fhaide na strìopachas: oir nuair a chunnaic i daoine air an dealbh air a’ bhalla, ìomhaighean nan Caldèanach, air an tarraing le corcar,
15. Crioslaichte le criosan air an leasraibh, sgeadaichte le ceann-èideadh dathte air an cinn, iad uile mar chinn-fheadhna ri am faicinn, cosmhail ri mic Bhàbiloin, a dh’àraich tìr Chaldèa;
16. Agus cho luath is a chunnaic i iad le a sùilean, ghabh i cion orra, agus chuir i teachdairean dan ionnsaigh, gu Caldèa.
17. Agus thàinig na Bàbilonaich da h‑ionnsaigh gus an leabaidh-ghaoil, agus thruaill iad i len strìopachas; ach an dèidh a bhith air a truailleadh leo, bha a h‑inntinn air a claonadh air falbh uapa.
18. Mar sin leig i ris a strìopachas, agus leig i ris a lomnochdaidh; an sin thill m’inntinn-sa uaipe, amhail a thill m’inntinn o a piuthair.
19. Gidheadh mheudaich i a strìopachais, le làithean a h‑òige a ghairm gu cuimhne, anns an do rinn i strìopachas ann an tìr na h‑Eiphit.
20. Oir mhiannaich i a co‑chèilidhean, aig a bheil am feòil mar fheòil asal, agus an sìol mar shìol each.
21. Mar seo ghairm thu gu cuimhne neòghlaine d’òige, ann am bruthadh do bhroillich leis na h‑Eiphitich, ann am bruthadh cìochan d’òige.
22. Air an adhbhar sin, O Aholibah, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, dùisgidh mise suas do leannain ann ad aghaidh, o a bheil d’inntinn air claonadh, agus bheir mi iad ann ad aghaidh air gach taobh;
23. Na Bàbilonaich, agus na Caldèanaich uile, Pecod, agus Soa, agus Coa, na h‑Asirianaich uile maille riu: iad uile nan daoine àillidh, cinn-fheadhna, agus luchd-riaghlaidh, tighearnan mòra agus iomraiteach, iad uile a’ marcachd air eich.
24. Agus thig iad ann ad aghaidh le carbadan, le cobhanan, agus le rothan, agus le coitheanal sluaigh, a chuireas ann ad aghaidh targaid, agus sgiath, agus clogad, air gach aon taobh: agus cuiridh mise breitheanas fan comhair, agus bheir iad breith ort a rèir am breitheanais.
25. Agus cuiridh mise m’eud ad aghaidh, agus buinidh iad gu ro‑gharg riut: bheir iad air falbh do shròn, agus do chluasan, agus tuitidh d’fhuidheall leis a’ chlaidheamh: bheir iad leo do mhic, agus do nigheanan, agus loisgear na dh’fhàgar dhìot anns an teine.
26. Bheir iad dhìot mar an ceudna d’aodach, agus bheir iad air falbh do sheudan maiseach.
27. Mar seo bheir mise air do neò-ghlaine sgur annad, agus air do strìopachas le tìr na h‑Eiphit: air chor is nach tog thu suas do shùilean riu, agus nach cuimhnich thu an Eiphit nas mò.
28. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise thairis thu do làimh na muinntir leis am fuathach thu, do làimh na muinntir om bheil do chridhe air claonadh;
29. Agus buinidh iad riut gu fuathach, agus bheir iad air falbh d’uile shaothair, agus fàgaidh iad thu lom agus rùisgte; agus bidh lomnochdaidh do strìopachais air a leigeadh ris, araon do ghràinealachd agus do strìopachas.
30. Nì mise na nithean seo riut, a chionn gun deachaidh tu le strìopachas an dèidh nan cinneach, a chionn gu bheil thu air do thruailleadh len iodhalan.
31. Ghluais thu ann an slighe do pheathar; uime sin bheir mise a cupan-se ann ad làimh.
32. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Òlaidh tu de chupan do pheathar, domhain agus farsaing; nìthear gàire fanaid riut, agus bidh tu ad bhall-magaidh; is mòr na bheil ann.
33. Lìonar thu le misg agus le doilgheas, le cupan uamhais agus lèirsgrios, le cupan do pheathar Samaria.
34. Nì thu fòs a òl agus a shùghadh a‑mach, agus brisidh tu a bhloighdean, agus spìonaidh tu do chìochan fhèin asad: oir mise labhair e, deir an Tighearna Dia.
35. Uime sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do dhìochuimhnich thu mise, agus gun do thilg thu mi air do chùlaibh, air an adhbhar sin, giùlain thusa fòs do ghràinealachd agus do strìopachais.
36. Thubhairt an Tighearna rium os bàrr, A mhic an duine, an toir thu breith air Aholah, agus air Aholibah? Seadh, foillsich dhaibh an gràinealachdan;
37. Gun do chuir iad an gnìomh adhaltranas, agus gu bheil fuil nan làmhan, agus len iodhalan gun do rinn iad adhaltranas, agus gun tug iad fòs air am mic, a rug iad dhòmhsa, siubhal air an son-san tron teine gan losgadh.
38. Os bàrr rinn iad seo riumsa; thruaill iad m’ionad naomh air an là sin fhèin, agus mhì-naomhaich iad mo shàbaidean.
39. Oir nuair a mharbh iad an clann dan iodhalan, an sin thàinig iad air an là sin fhèin dom ionad naomh-sa, ga thruailleadh; agus, feuch, mar seo rinn iad ann am meadhon mo thaighe.
40. Agus a thuilleadh air seo, gun do chuir iad fios air daoine gu teachd o chèin, gus an do chuireadh teachdaire; agus, feuch, thàinig iad, airson an do rinn thu thu fhèin a nighe, do shùilean a dhath, agus thu fhèin a sgeadachadh le usgraichean.
41. Agus shuidh thu air leabaidh urramaich, agus bòrd ullaichte fa comhair, air an do chuir thu mo bholtrach-sa, agus m’ola.
42. Agus bha guth na muinntir a bha aig suaimhneas maille riu, agus mòr-chuideachd nam fear o Shaba, on fhàsach, a chuir làmh-fhailean air an làmhan, agus coronan maiseach air an cinn.
43. An sin thubhairt mise rithese a bha sean ann an adhaltranas, An dèan iad a‑nis strìopachas leatha, agus ise leòsan?
44. Gidheadh chaidh iad a‑steach da h‑ionnsaigh, mar a thèid iad a‑steach gu strìopaich: mar sin chaidh iad a‑steach gu Aholah agus gu Aholibah, na mnathan neòghlan.
45. Agus bheir na daoine cothromach breith orra, a rèir breith bhan-adhaltranach, agus a rèir breith bhan a dhòirteas fuil; a chionn gur ban-adhaltranaich iad, agus gu bheil fuil nan làmhan.
46. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bheir mise a‑nìos cuideachd orra, agus bheir mi iad gu bhith air an atharrachadh, agus air an creachadh.
47. Agus clachaidh a’ chuideachd iad le clachan, agus gearraidh iad sìos iad len claidheamhan; marbhaidh iad am mic agus an nigheanan, agus loisgidh iad an taighean le teine.
48. Mar seo cuiridh mise casg air gràinealachd anns an fhearann, a‑chum gum fòghlaim na h‑uile mhnathan gun dèanamh a rèir ur gràinealachd-se.
49. Agus dìolaidh mi ribh ur gràinealachd, agus giùlainidh sibh lochdan ur n‑iodhalan, agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia.

Eseciel 24:1-27
1. A‑rìs, anns an naoidheamh bliadhna, anns an deicheamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2. A mhic an duine, sgrìobh dhut ainm an là, a’ cheart là seo: chuir rìgh Bhàbiloin e fhèin an aghaidh Ierusaleim air a’ cheart là seo.
3. Agus labhair cosamhlachd ris an taigh cheannairceach, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cuir air coire: cuir air e, agus fòs dòirt ann uisge:
4. Cruinnich a mhìrean ann, gach aon mhìr math, an t‑sliasaid agus an slinnean; lìon e le taghadh nan cnàmh.
5. Gabh rogha an treud, agus loisg fòs na cnàmhan fodha, thoir goil bhras air, agus biodh a chnàmhan air am bruich ann.
6. Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn don chathair fhuiltich, don choire aig a bheil a shal ann, agus o nach deachaidh a shal a‑mach uaithe; thoir a‑mach e, mìr air mhìr, na tuiteadh crannchur air bith air.
7. Oir tha a fuil na meadhon, chur i air mullach creige i, cha do dhòirt i air an talamh i, a‑chum a falach le duslach:
8. A‑chum gun tugadh i air feirg teachd a‑nìos a dhèanamh dìoghaltais: chuir mise a fuil air mullach creige, a‑chum nach biodh i air a falach.
9. Air an adhbhar sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn don chathair fhuiltich; nì mise fòs a’ chruach-theine mòr.
10. Càrnaibh connadh, fadaibh an teine, caithibh an fheòil, cuiribh oirre spìosraidh gu leòr, agus loisgear na cnàmhan.
11. An sin cuir falamh e air èibhlean a‑chum gun teasaich a’ phràis, agus gun loisg i, agus gum bi a salchar air a leaghadh innte, air chor is gum bi a sal air a chaitheamh.
12. Lean a sal rithe gu teann, agus cha do dhealaich e rithe; tha a salchar mòr, tha a salchar breun.
13. Ann ad shalchar tha neòghlaine, do bhrìgh gun do ghlan mi thu, agus nach robh thu glan; cha bhi thu air do ghlanadh od thruaillidheachd nas mò, gus an toir mise air mo chorraich gun gabh i tàmh ort.
14. Mise Iehòbhah labhair, thig e gu crìch, agus coileanaidh mise e, cha tèid mi air m’ais, cha mhò a choigleas mi, no a ghabhas mi aithreachas; a rèir do shlighe, agus a rèir do dhèanadais, bheir iad breith ort, deir an Tighearna Dia.
15. Mar an ceudna thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
16. A mhic an duine, feuch, bheir mise air falbh uat miann do shùl le buille: gidheadh cha dèan thu bròn no gul, cha mhò a shileas do dheòir.
17. Leig dhìot glaodhaich, na dèan caoidh airson nam marbh, ceangail culaidh do chinn ort, agus cuir do bhrògan air do chasan, agus na falaich do ghnùis, agus na ith aran luchd-bròin.
18. Mar sin labhair mi ris na daoine anns a’ mhadainn, agus dh’eug mo bhean mun anmoch; agus rinn mi anns a’ mhadainn mar a dh’àithneadh dhomh.
19. Agus thubhairt an sluagh rium, Nach innis thu dhuinn ciod ar gnothach-ne ris na nithean seo a tha thu a’ dèanamh?
20. An sin fhreagair mi iad, Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
21. Labhair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, truaillidh mise m’ionad naomh, òirdheirceas ur treise, miann ur sùl, agus an nì as caomh le ur n‑anam: agus ur mic agus ur nigheanan a dh’fhàgadh, tuitidh leis a’ chlaidheamh.
22. Agus nì sibh mar a rinn mise: chan fhalaich sibh ur n‑aghaidh, agus chan ith sibh aran luchd-bròin.
23. Agus bidh ur n‑èideadh air ur cinn, agus ur brògan air ur casan: cha dèan sibh bròn no gul, ach seargaidh sibh as airson ur n‑euceartan, agus nì sibh bròn, gach aon ri chèile.
24. Mar seo tha Eseciel dhuibh na chomharradh: a rèir gach nì a rinn esan, nì sibhse; agus nuair a thig seo, aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia.
25. Mar an ceudna, a mhic an duine, nach tachair e anns an là anns am buin mise uapa an neart, aoibhneas an glòire, miann an sùl, agus an nì sin air an suidhich iad an inntinn, am mic, agus an nigheanan;
26. Gun tig esan a thèid as air an là sin dod ionnsaigh, a thoirt ort a chluinntinn led chluasan?
27. Anns an là sin fosglar do bheul don tì a thèid as, agus labhraidh tu, agus cha bhi thu nas mò balbh, agus bidh tu dhaibh mar chomharradh, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Salm 127:1-5
1. Laoidh nan ceum, le Solamh. Mura tog an Tighearna an taigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd-togail; mura glèidh an Tighearna am baile, gu dìomhain nì am fear-coimhead faire.
2. Is dìomhain dhuibhse a bhith ag èirigh gu moch, a bhith a’ suidhe gu h‑anmoch, ag ithe aran a’ bhròin, nuair a bheir esan cadal do fhear a’ ghràidh.
3. Feuch, is iad clann oighreachd an Tighearna, toradh na bronn a dhuais.
4. Mar shaighdean ann an làimh gaisgich, mar sin tha mic na h‑òige.
5. Is sona am fear aig a bheil a bhalg-saighead làn dhiubh; cha bhi nàire orra nuair a labhras iad rin naimhdean anns a’ gheata.

Gnàth-fhacal 28:24-24
24. An tì a nì reubainn air a athair no air a mhàthair, agus a their, Chan eil cionta ann, is companach e do fhear-millidh.

Eabhraidhich 11:1-16
1. A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.
2. Oir is ann tre seo a fhuair na sinnsirean deagh theisteas.
3. Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn.
4. Tre chreideamh thug Abel suas do Dhia ìobairt na b’fheàrr na Càin, tre an tugadh teisteas dha gu robh e na fhìrean, air a bhith do Dhia a’ dèanamh fianais de a thìodhlacan: agus tre sin, air dha a bhith marbh, tha e fhathast a’ labhairt.
5. Tre chreideamh dh’atharraicheadh Enoch a‑chum nach faiceadh e bàs; agus cha d’fhuaireadh e, do bhrìgh gun d’atharraich Dia e: oir ro a atharrachadh thugadh fianais dha gun do thaitinn e ri Dia.
6. Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.
7. Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.
8. Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.
9. Tre chreideamh bha e air chuairt ann an tìr a’ gheallaidh, mar ann an tìr choimhich, a’ gabhail còmhnaidh ann am pàilleanan maille ri Isaac agus Iàcob, co‑oighreachan a’ gheallaidh cheudna.
10. Oir bha sùil aige ri baile aig a bheil bunaitean, air a bheil Dia na fhear-dealbhaidh agus na fhear-togail.
11. Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh.
12. Uime sin ghineadh o aon a‑mhàin, agus esan ionnan agus marbh, sliochd mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd, agus mar a’ ghaineamh air tràigh na fairge do‑àireamh.
13. Fhuair iad seo uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaotainn, ach air dhaibh am faicinn fad o làimh (agus an làn-chreidsinn), ghabh iad riu, agus dh’aidich iad gum bu choigrich agus luchd-cuairt air an talamh iad fhèin.
14. Oir an dream a tha ag ràdh nan nithean sin, tha iad a’ nochdadh gu soilleir gu bheil iad ag iarraidh dùthcha.
15. Agus gu fìrinneach nam biodh iad cuimhneachail air an dùthaich sin as an tàinig iad a‑mach, dh’fhaodadh iad àm iomchaidh fhaghail air tilleadh:
16. Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia-san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile.