A A A A A
Bible in one year
November 11

Eseciel 13:1-23
1. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2. A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh fàidhean Israeil, a tha ri fàistneachd, agus abair thusa riùsan a tha ri fàistneachd as an cridhe fhèin, Eisdibh-se facal an Tighearna;
3. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn do na fàidhean amaideach, a tha a’ leantainn an spioraid fhèin, agus nach faca nì sam bith!
4. O Israeil, is cosmhail d’fhàidhean ris na sionnaich anns na fàsaichean.
5. Cha deachaidh sibh suas a‑chum nam beàrnan, cha mhò a rinn sibh suas a’ challaid do thaigh Israeil, gu seasamh anns a’ chath ann an là an Tighearna.
6. Chunnaic iad dìomhanas, agus rinn iad fiosachd bhrèige, ag ràdh, Deir an Tighearna, nuair nach do chuir an Tighearna a‑mach iad: agus thug iad air daoine earbsa gun daingnicheadh iad am facal.
7. Nach faca sibh sealladh faoin, agus nach do labhair sibh fiosachd bhrèige, le bhith ag ràdh, Thubhairt an Tighearna, ged nach do labhair mise?
8. Air an adhbhar sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do labhair sibh dìomhanas, agus gum faca sibh breugan, uime sin feuch, tha mise nur n‑aghaidh, deir an Tighearna Dia.
9. Agus bidh mo làmh air na fàidhean a chì dìomhanas, agus a tha a’ fàistneachd bhreug: cha bhi iad ann an coitheanal mo shluaigh, cha mhò a bhios iad air an sgrìobhadh ann an sgrìobhadh taigh Israeil, cha mhò a thèid iad a‑steach do fhearann Israeil; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia.
10. A chionn, eadhon a chionn gun tug iad air mo shluagh dol air seachran, ag ràdh, Sìth, agus gun sìth a bhith ann: agus thog aon suas balla, agus, feuch, thilg càch thairis e le criadh gun obrachadh;
11. Abair riùsan a tha ga thilgeadh thairis le criadh gun obrachadh gun tuit e: bidh fras thuilteach ann, agus tùirlingidh sibhse, O chlachan-meallain mòra; agus nì gaoth dhoineannach a bhriseadh.
12. Feuch, nuair a thuiteas am balla, nach abrar ribh, Càit a bheil a’ chriadh leis an do thilg sibh thairis e?
13. Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nì mise fòs a bhriseadh le gaoith dhoineannaich ann am fheirg: agus bidh fras thuilteach ann am chorraich-sa ann, agus clachan-meallain mòra ann am dhian-fheirg ga mhilleadh.
14. Mar sin brisidh mi sìos am balla a thilg sibh thairis le criadh gun obrachadh, agus bheir mi a‑nuas gu làr e, air chor is gun leigear ris a bhunaitean; agus tuitidh e, agus bidh sibhse air ur milleadh na mheadhon: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
15. Mar seo coileanaidh mi mo chorraich air a’ bhalla, agus orrasan a thilg thairis e le criadh gun obrachadh, agus their mi ribh, Chan eil am balla ann, cha mhò a tha iadsan a thilg thairis e;
16. Eadhon fàidhean Israeil a tha ri fàistneachd mu thimcheall Ierusaleim, agus a tha a’ faicinn sealladh sìth-thàimh dhi, agus gun sìth idir ann, deir an Tighearna Dia.
17. Mar an ceudna, thusa a mhic an duine, cuir d’aodann an aghaidh nigheanan do shluaigh, a tha ri fàistneachd as an cridhe fhèin, agus dèan-sa fàistneachd nan aghaidh.
18. Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is truagh do na mnathan a tha a’ fuaigheal chluasag ris na h‑uile asgaltan, agus a’ cur bhrèidean air ceann gach aoise, a dhèanamh seilg air anaman. An dèan sibh sealg air anaman mo shluaigh-sa, agus an coimhead sibh beò anaman na muinntir a tha a’ teachd thugaibh?
19. Agus an truaill sibh mise am measg mo shluaigh airson glacaidean eòrna, agus airson mìrean arain, a mharbhadh nan anaman nach bu chòir bàsachadh, agus a choimhead beò nan anaman nach bu chòir a bhith beò, le ur breugan dom shluagh-sa a tha ag èisdeachd ur breug?
20. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh ur cluasag, leis a bheil sibh an sin a’ sealg air na h‑anaman, a‑chum an glacadh; agus spìonaidh mise iad o ur gàirdeanan, agus leigidh mi air falbh na h‑anaman, na h‑anaman sin air a bheil sibh a’ sealg a‑chum an glacadh.
21. Reubaidh mi fòs ur brèidean, agus saoraidh mi mo shluagh a‑mach as ur làimh, agus cha bhi iad nas mò nur làimh gu bhith air an sealg: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
22. A chionn le breugan gun do rinn sibh cridhe an ionracain dubhach, agus nach do rinn mise dubhach e; agus gun do neartaich sibh làmhan an aingidh, a‑chum nach tilleadh e o a dhroch shlighe, le bhith a’ gealltainn beatha dha.
23. Uime sin chan fhaic sibh dìomhanas nas mò, agus cha dèan sibh fàistneachd tuilleadh; oir saoraidh mise mo shluagh as ur làimh, agus bidh fhios agaibh gur mi an Tighearna.

Eseciel 14:1-23
1. An sin thàinig cuid de sheanairean Israeil am ionnsaigh, agus shuidh iad mum choinneamh.
2. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
3. A mhic an duine, chuir na daoine seo suas an iodhalan nan cridhe, agus chuir iad ceap-tuislidh an aingidheachd fan comhair: an leig mise dhaibh air aon chor m’iarraidh?
4. Uime sin labhair riu, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gach duine de thaigh Israeil a chuireas suas iodhalan na chridhe, agus a chuireas ceap-tuislidh aingidheachd fa chomhair, agus a thig a‑chum an fhàidh, bheir mise Iehòbhah freagradh dhàsan a thig, a rèir lìonmhorachd a iodhalan;
5. A‑chum gun glac mi taigh Israeil nan cridhe fhèin, a chionn gu bheil iad uile air dol air seachran uamsa tre an iodhalan.
6. Air an adhbhar sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑iodhalan; agus tionndaidhibh ur n‑aghaidh air falbh o ur n‑uile ghràinealachdan.
7. Oir gach aon de thaigh Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israel a tha ga sgaradh fhèin uamsa, agus a’ cur suas iodhalan na chridhe, agus a’ cur ceap-tuislidh aingidheachd fa chomhair, agus a’ teachd a‑chum fàidh, a dh’fhiosrachadh dheth mum thimcheall-sa; bheir mise Iehòbhah freagradh dha leam fhèin.
8. Agus cuiridh mi mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus nì mi e na chomharradh agus na ghnàth-fhacal, agus gearraidh mi as e o mheadhon mo shluaigh; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
9. Agus ma bhios am fàidh air a mhealladh an tràth a labhair e nì, is mise an Tighearna a mheall am fàidh sin; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach air, agus sgriosaidh mi e o mheadhon mo phobaill Israeil.
10. Agus giùlainidh iad peanas an euceartan: bidh peanas an fhàidh amhail peanas an tì a dh’iarras thuige;
11. A‑chum nach tèid taigh Israeil nas mò air seachran uamsa, agus nach bi iad air an truailleadh nas mò len uile chionta; ach a‑chum gum bi iad dhòmhsa nam poball, agus mise dhaibhsan ann am Dhia, deir an Tighearna Dia.
12. Thàinig a‑rìs facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
13. A mhic an duine, tràth pheacaicheas an tìr ann am aghaidh-sa le ciontachadh gu ro‑mhòr, an sin sìnidh mi a‑mach mo làmh oirre, agus brisidh mi lorg a h‑arain, agus cuiridh mi gort oirre, agus gearraidh mi uaipe duine agus ainmhidh.
14. Ged bhiodh an triùir fhear seo, Nòah, Daniel, agus Iob innte, cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd, deir an Tighearna Dia.
15. Ma bheir mise air beathaichean cronail dol tron fhearann, agus gum mill iad e, air chor is gum bi e fàs, ionnas nach faod neach air bith dol troimhe airson nam beathaichean:
16. Ged bhiodh an triùir dhaoine seo ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mic no nigheanan; shaorte iad fhèin a‑mhàin, ach bhiodh am fearann fàs.
17. No ma bheir mise claidheamh air an fhearann seo, agus gun abair mi, A chlaidheimh, imich tron fhearann; air chor is gun geàrr mi duine agus ainmhidh a‑mach as:
18. Ged bhiodh an triùir dhaoine seo ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mic no nigheanan, ach bhiodh a‑mhàin iad fhèin air an saoradh.
19. No ma chuireas mi plàigh don fhearann sin, agus gun dòirt mi mo chorraich a‑mach air ann am fuil, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as:
20. Ged bhiodh Nòah, Daniel, agus Iob ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mac no nighean: cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd.
21. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cia mò gu mòr tràth chuireas mi mo cheithir breitheanais ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as!
22. Gidheadh feuch, fàgar iarmad ann, a bheirear a‑mach, mic agus nigheanan: feuch, thig iad a‑mach thugaibh, agus chì sibh an slighe, agus an gnìomharan: agus gheibh sibh comhfhurtachd a‑thaobh an uilc a thug mise air Ierusalem, a‑thaobh gach nì a thug mi air.
23. Agus bheir iad comhfhurtachd dhuibh, nuair a chì sibh an slighe, agus an gnìomharan: agus aithnichidh sibh nach ann gun adhbhar a rinn mise gach nì a rinn mi ann, deir an Tighearna Dia.

Salm 122:6-9
6. Guidhibh-se airson sìth Ierusaleim; soirbhichidh iadsan leis an ionmhainn thu.
7. Sìth gu robh an taobh a‑staigh ded bhallachan, suaimhneas ad lùchairtean!
8. Air sgàth mo bhràithrean agus mo chàirdean their mi a‑nis, Sìth gu robh an taobh a‑staigh dhìot!
9. Air sgàth taigh an Tighearna ar Dia, iarraidh mi math dhuibh.

Gnàth-fhacal 28:19-19
19. An tì a threabhas a fhearann, bidh pailteas arain aige; ach esan a leanas an dèidh dhaoine dìomhain, bidh bochdainn gu leòr aige.

Eabhraidhich 7:1-28
1. Oir b’e am Melchisedec seo rìgh Shàleim, sagart an Dè as ro‑àirde, neach a choinnich Abrahàm a’ tilleadh o àr nan rìghrean, agus a bheannaich e;
2. Don tug Abrahàm eadhon deicheamh den uile: neach as e air tùs, air eadar-theangachadh, rìgh na fìreantachd, agus na dhèidh sin mar an ceudna, rìgh Shàleim, is e sin rìgh na sìthe;
3. Gun athair, gun mhàthair, gun sinnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha aige; ach air a dhèanamh cosmhail ri Mac Dhè, tha e a’ fantainn na shagart gu sìorraidh.
4. A‑nis thugaibh an aire cia mòr an duine seo, don tug eadhon am prìomh-athair Abrahàm an deicheamh den chreich.
5. Agus gu deimhinn iadsan de chloinn Lèbhi, a tha a’ faotainn na sagartachd, tha àithne aca deicheamh a thogail on t‑sluagh a rèir an lagha, sin ri ràdh, om bràithrean fhèin, ged thàinig iad a‑mach à leasraidh Abrahàim:
6. Ach an tì nach eil air a shloinneadh uapasan, fhuair e deicheamh o Abrahàm, agus bheannaich e esan aig an robh na geallaidhean.
7. Agus gun ag sam bith, beannaichear an tì as lugha leis an tì as fheàrr.
8. Agus an seo tha daoine a gheibh bàs a’ faotainn deichimh: ach an sin an tì aig a bheil fianais gu bheil e beò.
9. Agus mar a dh’fhaodas mi a ràdh, fhuaireadh ann an Abrahàm deicheamh o Lèbhi fhèin, a thogas an deicheamh:
10. Oir bha e fhathast ann an leasraidh a athar, nuair a choinnich Melchisedec e.
11. A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?
12. Oir air don t‑sagartachd a bhith air a h‑atharrachadh, is èiginn an lagh a bhith air atharrachadh mar an ceudna.
13. Oir an tì air an labhrar na nithean sin, buinidh e do threubh eile, de nach do rinn aon neach frithealadh aig an altair.
14. Oir is soilleir gur ann o Iùdah a dh’èirich ar Tighearna, treubh air nach do labhair Maois nì air bith a‑thaobh sagartachd.
15. Agus tha e fhathast nas ro‑shoilleire, a mheud gun d’èirich sagart eile a rèir coslas Mhelchisedeic,
16. A rinneadh na shagart, chan ann a rèir lagh àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha gun chrìoch.
17. Oir tha e a’ dèanamh fianais gur sagart thu gach linn a rèir òrdagh Mhelchisedeic.
18. Oir gu deimhinn tha an àithne roimhe air a cur air cùl, airson i a bhith anfhann agus neo-thairbheach.
19. Oir cha do rinn an lagh nì sam bith foirfe, ach rinn toirt a‑steach dòchais as fheàrr e; tre a bheil sinn a’ teachd am fagas do Dhia.
20. Agus a mheud nach do rinneadh sagart dheth gun mhionnan;
21. (Oir rinneadh sagartan dhiubh-san as eugmhais mhionnan: ach dhethsan le mionnan, tre an tì a thubhairt ris, Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu sìorraidh, a rèir òrdagh Mhelchisedeic;)
22. Is cho mòr is sin a rinneadh Iosa na urras air coicheangal as fheàrr.
23. Agus bha gu deimhinn mòran dhiubhsan nan sagartan, do bhrìgh gun do bhacadh dhaibh leis a’ bhàs a bhith maireann:
24. Ach an duine seo, do bhrìgh gum mair e gu sìorraidh, tha sagartachd neo-chaochlaideach aige.
25. Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.
26. Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;
27. Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.
28. Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd-shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd-shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh.