A A A A A
Bible in one year
November 10

Eseciel 11:1-25
1. Agus thog an spiorad suas mi, agus thug e mi gu geata an ear taigh an Tighearna, a tha ag amharc ris an àird an ear; agus, feuch, aig doras a’ gheata, còig fir ar fhichead: agus chunnaic mi nam measg Iaasaniah mac Asuir, agus Pelatiah mac Bhenaiah, uachdarain an t‑sluaigh.
2. An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, seo na daoine a tha a’ dealbh uilc, agus a’ toirt droch chomhairle anns a’ bhaile seo;
3. A tha ag ràdh, Chan eil e dlùth; togamaid taighean: is e am baile seo an coire, agus sinne an fheòil.
4. Air an adhbhar sin, dèan fàistneachd nan aghaidh, dèan fàistneachd, a mhic an duine.
5. Agus thuit orm Spiorad an Tighearna, agus thubhairt e rium, Abair, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mar seo thubhairt sibh, O thaigh Israeil: oir is aithne dhòmhsa na nithean a tha a’ teachd nur n‑inntinn, gach uile nì dhiubh.
6. Mheudaich sibh ur mairbh anns a’ chathair seo, agus lìon sibh a sràidean leòsan a mharbhadh.
7. Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ur mairbh a chuir sibh na meadhon, is iadsan an fheòil, agus is i a’ chathair seo an coire; ach bheir mise sibh a‑mach as a meadhon.
8. Bha eagal oirbh ron chlaidheamh; agus bheir mise claidheamh oirbh, deir an Tighearna Dia.
9. Agus bheir mi sibh a‑mach as a meadhon, agus bheir mi thairis sibh do làmhan choimheach, agus nì mi breitheanais nur measg.
10. Tuitidh sibh leis a’ chlaidheamh: bheir mise breitheanas oirbh ann an iomall Israeil, agus bidh fhios agaibh gur mi an Tighearna.
11. Chan i a’ chathair seo a bhios na coire dhuibh, cha mhò a bhios sibhse na meadhon mar fheòil: ann an iomall Israeil bheir mise breith oirbh.
12. Agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna; oir cha do ghluais sibh ann am reachdan, cha mhò a rinn sibh mo bhreitheanais, ach rinn sibh a rèir nòs nan cinneach a tha air gach taobh mun cuairt dhuibh.
13. Agus thàrladh an tràth a rinn mise fàistneachd gun d’eug Pelatiah mac Bhenaiah: an sin thuit mi sìos air m’aghaidh, agus ghlaodh mi le guth àrd, agus thubhairt mi, Ah! Thighearna Dhia, an dèan thu làn-chrìoch air iarmad Israeil?
14. A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
15. A mhic an duine, is iad do bhràithrean, eadhon do bhràithrean, fir do dhìlseachd, agus uile thaigh Israeil gu h‑iomlan, ris an dubhairt luchd-àiteachaidh Ierusaleim, Imichibh am fad on Tighearna: dhuinne thugadh am fearann seo mar sheilbh.
16. Air an adhbhar sin abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ged a thilg mi fada uam iad am measg nan cinneach, agus ged a sgap mi iad am measg nan dùthchannan, gidheadh bidh mi dhaibh ann am naomh-ionad beag anns na dùthchannan gus an tig iad.
17. Uime sin abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nì mi eadhon ur tional o na cinnich, agus ur cruinneachadh as na dùthchannan anns an robh sibh air ur sgapadh, agus bheir mi dhuibh fearann Israeil.
18. Agus thig iad da ionnsaigh, agus bheir iad uile nithean fuathach agus uile ghràinealachdan air falbh as.
19. Agus bheir mi dhaibh aon chridhe, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a‑staigh dhiubh; agus bheir mi an cridhe cloiche as am feòil, agus bheir mi dhaibh cridhe feòla;
20. A‑chum gun gluais iad ann am reachdan, agus gun coimhead iad m’òrdaighean, agus gun dèan iad iad: agus bidh iad nam poball dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan.
21. Ach don taobh-san a thionndaidheas an cridhe a rèir cridhe an nithean fuathach, agus an gràinealachdan, dìolaidh mise an slighe air an ceann fhèin, deir an Tighearna Dia.
22. An sin thog na ceruban suas an sgiathan, agus na rothan làimh riu; agus bha glòir Dia Israeil tharta os an cionn.
23. Agus chaidh glòir an Tighearna suas o mheadhon a’ bhaile, agus sheas i air an t‑sliabh a tha air an taobh an ear den bhaile.
24. Na dhèidh sin ghlac an spiorad suas mi, agus thug e mi ann an taisbeanadh le Spiorad Dhè gu Caldèa, a‑chum nam braighdean. Mar sin chaidh an sealladh a chunnaic mi suas uam.
25. An sin labhair mi riùsan a bha anns an daorsa na h‑uile nithean a thaisbein an Tighearna dhomh.

Eseciel 12:1-28
1. Thàinig facal an Tighearna fòs am ionnsaigh, ag ràdh,
2. A mhic an duine, tha thu a chòmhnaidh ann am meadhon taighe ceannaircich, aig a bheil sùilean gu faicinn, ach chan eil iad a’ faicinn; tha cluasan aca gu cluinntinn, ach chan eil iad a’ cluinntinn: oir is taigh ceannairceach iad.
3. Uime sin, a mhic an duine, deasaich dhut fhèin àirneis airson dol air imrich, agus atharraich anns an là nan sealladh; agus atharraichidh tu od àite gu àit eile nan sealladh; theagamh gun toir iad fa‑near, ged is taigh ceannairceach iad.
4. An sin bheir thu a‑mach d’àirneis anns an là nan sealladh, mar àirneis airson imrich: agus thèid thu a‑mach anns an anmoch nan sealladh, mar iadsan a thèid a‑mach ann am braighdeanas.
5. Cladhaich tron bhalla nan sealladh, agus thoir a‑mach tro sin.
6. Nan sealladh giùlainidh tu air do ghuaillean, bheir thu a‑mach anns an dubh-anmoch: còmhdaichidh tu d’aghaidh air chor is nach faic thu an làr: oir chuir mi thu mar chomharradh do thaigh Israeil.
7. Agus rinn mi ceart mar a dh’àithneadh dhomh: thug mi a‑mach m’àirneis anns an là, mar àirneis airson braighdeanais, agus anns an anmoch chladhaich mi tron bhalla lem làimh; thug mi a‑mach i anns an dubh-anmoch, agus ghiùlain mi air mo ghuaillean i nan sealladh.
8. Agus air madainn thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
9. A mhic an duine, nach dubhairt taigh Israeil, an taigh ceannairceach, riut, Ciod a tha thu a’ dèanamh?
10. Abair thusa riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Don phrionnsa ann an Ierusalem buinidh an t‑uallach seo, agus do thaigh Israeil a tha nam measg.
11. Abair, Thu mise ann am chomharradh dhuibh; amhail a rinn mise, mar sin nìthear riùsan: atharraichidh iad, agus thèid iad air falbh ann am braighdeanas.
12. Agus am prionnsa a tha nam measg giùlainidh e air a ghuaillean anns an dubh-anmoch, agus thèid e a‑mach: cladhaichidh iad tron bhalla, a‑chum giùlan a‑mach troimhe; còmhdaichidh e a aghaidh, air chor is nach faic e an làr le a shùilean.
13. Sgaoilidh mise fòs lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, gu tìr nan Caldèanach; gidheadh chan fhaic e i, ged gheibh e bàs an sin.
14. Agus sgapaidh mi ris gach aon ghaoith na h‑uile tha ma thimcheall ga chòmhnadh, agus a uile bhuidhnean; agus tàirngidh mi a‑mach an claidheamh nan dèidh.
15. Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a sgapas mi iad am measg nan cinneach, agus a sgaoileas mi iad air feadh nan dùthchannan.
16. Agus fàgaidh mi beagan fhear dhiubh on chlaidheamh, on ghort, agus on phlàigh, a‑chum gun cuir iad an cèill an uile ghràinealachdan am measg nan cinneach gus an tig iad; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.
17. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh ag ràdh,
18. A mhic an duine, ith d’aran le crith, agus òl d’uisge le ball-chrith agus le cùram.
19. Agus abair ri sluagh na tìre, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh mu thimcheall luchd-àiteachaidh Ierusaleim agus dùthaich Israeil, Ithidh iad an aran le cùram, agus òlaidh iad an uisge le uamhas, air chor is gum bi am fearann fàs on iomlan a tha ann, airson fòirneart na muinntir sin uile a tha a chòmhnaidh ann.
20. Agus nìthear na bailtean a tha air an àiteachadh fàs, agus bidh am fearann falamh;
21. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
22. A mhic an duine, Ciod e an gnàth-fhacal sin a tha agaibh ann am fearann Israeil, ag ràdh, Tha na làithean air an sìneadh, agus dh’fhàilnich gach uile fhoillseachadh?
23. Innis dhaibh uime sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bheir mise air a’ ghnàth-fhacal seo sgur, agus cha labhair iad e nas fhaide mar ghnàth-fhacal ann an Israel: ach abair riu, Tha na làithean aig làimh, agus buil gach aon taisbeanaidh.
24. Oir cha bhi nas mò aon taisbeanadh faoin no fàistneachd mhiodalach an taobh a‑staigh de thaigh Israeil.
25. Oir mise Iehòbhah, labhraidh mi, agus am facal a labhras mi thig gu crìch: cha dèan e nas fhaide moille; oir nur làithean-se, O thaigh cheannaircich, labhraidh mise am facal, agus nì mi e, deir an Tighearna Dia.
26. A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
27. A mhic an duine, feuch tha taigh Israeil ag ràdh, Tha an taisbeanadh a tha e a’ faicinn airson mòran làithean, agus tha e ri fàistneachd mu na h‑aimsirean fad as.
28. Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cha bhi aon dem bhriathran-sa air a shìneadh nas fhaide; ach am facal a labhras mi, coileanar e, deir an Tighearna Dia.

Salm 122:1-5
1. Laoidh nan ceum, le Daibhidh. Bha aoibhneas orm nuair a thubhairt iad rium, Do thaigh an Tighearna thèid sinn.
2. Seasaidh ar casan an taobh a‑staigh ded gheatachan, O Ierusaleim.
3. Tha Ierusalem air a togail mar àrd-bhaile a tha air a choicheangal ri chèile,
4. Don tèid na treubhan suas, treubhan an Tighearna, gu teisteas Israeil, a thoirt buidheachais do ainm an Tighearna.
5. Oir an sin tha cathraichean breitheanais air an suidheachadh, cathraichean taigh Dhaibhidh.

Gnàth-fhacal 28:17-18
17. An duine a nì ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an sloc; na cumadh aon duine e.
18. An tì a ghluaiseas gu h‑ionraic, tèarnar e; ach esan tha fiar na shlighean, tuitidh e a dh’aon bheum.

Eabhraidhich 6:1-20
1. Uime sin air fàgail dhuinn ciad-thoiseachan teagasg Chrìosd, rachamaid air ar n‑aghaidh a‑chum foirfeachd; gun a bhith a‑rìs a’ suidheachadh bunaitean aithreachais o obraichean marbha, agus creidimh a‑thaobh Dhè;
2. Bunaitean teagasg nam baistidhean, agus leagadh nan làmh, agus aiseirigh nam marbh, agus breitheanais shìorraidh.
3. Agus nì sinn seo, ma cheadaicheas Dia.
4. Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd-compàirt den Spiorad Naomh,
5. Agus a bhlais deagh fhacal Dhè, agus cumhachdan an t‑saoghail ri teachd,
6. Agus a thuit air falbh, ath-nuadhachadh a‑chum aithreachais: do bhrìgh gu bheil iad a’ ceusadh Mac Dhè a‑rìs dhaibh fhèin, agus ga chur gu nàire fhollaisich.
7. Oir an talamh a dh’òlas a‑steach an t‑uisge a tha a’ teachd gu minig air, agus a bheir uaithe luibhean iomchaidh don dream leis an saothraichear e, gheibh e beannachadh o Dhia:
8. Ach an talamh sin a bheir uaithe droigheann agus drisean, tha e air a chur air cùl, agus fagas do mhallachadh; don deireadh a bhith air a losgadh.
9. Ach is dearbh leinn nithean as fheàrr mur timcheall-se, a mhuinntir ionmhainn, agus nithean a tha dlùth do shlàinte, ged tha sinn a’ labhairt mar seo.
10. Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.
11. Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn-dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch:
12. A‑chum nach bi sibh leisg, ach nur luchd-leanmhainn orrasan, a tha tre chreideamh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean.
13. Oir nuair a thug Dia gealladh do Abrahàm, do bhrìgh nach faodadh e mionnan a thoirt air neach a bu mhò, thug e mionnan air fhèin;
14. Ag ràdh, Gu fìrinneach, beannaichidh mi gu mòr thu, agus nì mi ro‑lìonmhor thu.
15. Agus mar sin an dèidh dhàsan feitheamh gu foighidinneach, fhuair e sealbh air a’ ghealladh.
16. Oir gu deimhinn bheir daoine mionnan air an neach as mò: agus dhaibhsan is crìoch air gach uile chonnsachadh mionnan a‑chum daingneachaidh.
17. Uime sin air a bhith do Dhia toileach air neo-chaochlaideachd a chomhairle a nochdadh na bu phailte do oighreachan a’ gheallaidh, dhaingnich e le mionnan e:
18. A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:
19. Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.
20. Far an deachaidh an ro‑ruith-fhear a‑steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard-shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.