A A A A A
Bible in one year
November 1

Ieremiah 49:1-39
1. Mu thimcheall nan Amonach. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Nach eil mic idir aig Israel? Nach eil oighre sam bith aige? Cuime a bheil sealbh aig Milcom air Gad, agus a shluagh a chòmhnaidh na bhailtean?
2. Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise fa‑near gun cluinnear ann an Rabah nan Amonach caismeachd cogaidh: agus bidh e na thòrr lèirsgrios, agus loisgear a nigheanan le teine: an sin bidh Israel na oighre air an dream a bha nan oighreachan airsan, deir an Tighearna.
3. Dèan ulartaich, O Hesboin, oir chreachadh Ai: èighibh, a nigheanan Rabah, cuiribh umaibh aodach-saic: dèanaibh tuireadh agus ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh ri taobh nan callaidean; oir falbhaidh Milcom ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris.
4. Cuime a bheil thu ri uaill ann an gleanntan? Ged tha do ghleann torrach, O nighean cheannairceach; ag earbsa as a h‑ionmhasan, ag ràdh, Cò thig am ionnsaigh-sa?
5. Feuch, bheir mise uamhas ort, tha an Tighearna, Dia nan sluagh, ag ràdh, o gach uile thaobh mun cuairt dhut; agus iomainear a‑mach sibh, gach aon roimhe, agus cha bhi neach ann a chruinnicheas air an ais a’ mhuinntir a ghabhas an ruaig.
6. Ach na dhèidh sin bheir mise air a h‑ais bruid cloinn Amoin, deir an Tighearna.
7. Mu thimcheall Edoim. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Nach eil gliocas nas mò ann an Teman? An do bhàsaich comhairle nan daoine glice? An deachaidh an gliocas am mugha?
8. Teichibh, tillibh air ur n‑ais, rachaibh domhain a ghabhail còmhnaidh, O luchd-àiteachaidh Dhedain; oir bheir mise dòrainn Esau air, nuair a smachdaicheas mi e.
9. Ma thig luchd-tionail fhìondhearc ad ionnsaigh, chan fhàg iad uiread is dìoghlam: ma thig gadaichean anns an oidhche, creachaidh iad gus am bi aca nas leòr.
10. Oir rùisg mise Esau, leig mi ris a ionadan diamhair, air chor is nach faod e e fhèin fhalach; chreachadh a shliochd, agus a bhràithrean, agus a choimhearsnaich, agus chan eil e fhèin ann.
11. Fàg do dhìlleachdain, gleidhidh mise beò iad; agus cuireadh do bhantraichean an dòchas annamsa.
12. Seadh, mar seo deir an Tighearna, Feuch, iadsan nach robh cho toillteanach air òl den chuaich, dh’òl iad dhith gu deimhinn, agus am faod thusa dol saor as? Cha tèid thu as, ach gu deimhinn òlaidh tu.
13. Oir orm fhèin mhionnaich mise, deir an Tighearna, gum bi Bosrah na lèirsgrios, na mhasladh, na fhàsach, agus na mhallachadh; agus gum bi a uile bhailtean nam fàsaichean sìorraidh.
14. Chuala mi aithris on Tighearna, agus chuireadh teachdaire a‑chum nan cinneach, ag ràdh, Cruinnichibh ri chèile, agus thigibh na h‑aghaidh, agus èiribh suas a‑chum a’ chatha.
15. Oir feuch, nì mise beag thu am measg nan cinneach, agus suarach am measg dhaoine.
16. Rinn do mhòr-chumhachd do mhealladh, uabhar do chridhe, O thusa tha ag àiteachadh uamhan na carraig, a tha a’ gleidheadh àird a’ chnuic: ged dhèan thu gu h‑àrd, mar an iolair, do nead, as a sin bheir mise a‑nuas thu, deir an Tighearna.
17. Agus bidh Edom na fhàsach: bidh uamhann air gach neach a thèid seachad air, agus nì iad sgeig ma uile lèirsgrios.
18. Ceart mar ann an sgrios Shòdoim agus Ghomorrah, agus nan ionadan a bha dlùth dhaibh, deir an Tighearna, cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann.
19. Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu ionad-còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mi os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?
20. Air an adhbhar sin èisdibh rùn an Tighearna, a rùnaich e an aghaidh Edoim, agus a smuaintean a smaoinich e an aghaidh luchd-àiteachaidh Themain: gu deimhinn spìonar air falbh àlach an treud, gu deimhinn nìthear lèirsgrios os an cionn den àite-còmhnaidh.
21. Le fuaim an leagaidh tha crith air an talamh; tha a ghaoir a’ dol a‑mach; aig a’ Mhuir-ruaidh chualas an èigheach.
22. Feuch, thig e a‑nìos mar iolair ag itealaich, agus sgaoilidh e a sgiathan thar Bhosrah; agus bidh cridheachan laochraidh Edoim anns an là sin mar chridhe mnà ri saothair.
23. Mu thimcheall Dhamascais, Chuireadh gu amhluadh Hamat agus Arphad, oir chuala iad droch sgeul; tha iad fo iomagain mar mhuir bhuairte nach faod a bhith sàmhach.
24. Tha Damascas air fàs lag, tha e ga thionndadh fhèin gu teicheadh, agus fhuair eagal greim air; ghlac teanntachd e, agus ioghannan, mar mhnaoi ri saothair.
25. Cionnas nach maireann cathair a’ mholaidh, baile mo shòlais!
26. Uime sin tuitidh a h‑òganaich na sràidean, agus gearrar as na fir-chogaidh uile anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh.
27. Agus fadaidh mise teine ann am balla Dhamascais, agus loisgidh lùchairtean Bhenhadaid.
28. A‑thaobh Chedair, agus a‑thaobh rìoghachdan Hasoir, a bhuail Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin. Mar seo thubhairt an Tighearna, Eiribh, rachaibh suas gu Cedar, agus creachaibh daoine na h‑àird an ear.
29. Am bùthan agus an treudan glacadh iad, an cùirteinean agus an àirneis uile; agus an càmhalan gabhadh iad dhaibh fhèin; agus abradh iad riu, Uamhas air gach taobh.
30. Teichibh, imichibh gu luath, rachaibh domhain a ghabhail còmhnaidh, O luchd-àiteachaidh Hasoir, deir an Tighearna; oir ghabh Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin comhairle nur n‑aghaidh, agus dhealbh e innleachd nur n‑aghaidh.
31. Eiribh, rachaibh suas an aghaidh cinnich shuaimhnich, a tha a’ gabhail còmhnaidh gun chùram, deir an Tighearna; aig nach eil aon chuid dorsan no croinn; a tha a chòmhnaidh air leth leo fhèin.
32. Agus bidh an càmhalan nan cobhartaich, agus pailteas an sprèidhe na chreich, agus sgapaidh mise gus na h‑uile ghaothan iadsan a tha anns na ceàrnan iomallach, agus o gach uile thaobh dheth bheir mise an dòrainn, deir an Tighearna.
33. Agus bidh Hasor na ionad-còmhnaidh dhràgon, na fhàsach bith-bhuan; cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann.
34. Facal an Tighearna a thàinig gu Ieremiah am fàidh mu thimcheall Elaim, ann an toiseach linn Shedeciah rìgh Iùdah, ag ràdh,
35. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feuch, brisidh mise bogha Elaim, a’ chuid as trèine den cumhachd.
36. Agus bheir mise air Elam ceithir gaothan o cheithir ceàrnan nèimh, agus sgapaidh mi iad ro na gaothan seo uile; agus cha bhi cinneach sam bith gus nach tig iadsan a dh’fhògradh o Elam.
37. Oir bheir mise air Elam a bhith fo gheilt ron naimhdean, agus ron mhuinntir a tha ag iarraidh an anama; agus bheir mi aimhleas orra, teas mo chorraich, deir an Tighearna; agus cuiridh mi nan dèidh an claidheamh gus an cuir mi as dhaibh.
38. Agus cuiridh mi mo rìgh-chathair ann an Elam, agus sgriosaidh mi as a sin an rìgh agus na ceannardan, deir an Tighearna.
39. Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach, gun toir mise air a h‑ais bruid Elaim, deir an Tighearna.

Ieremiah 50:1-46
1. Am facal a labhair an Tighearna mu thimcheall Bhàbiloin, agus mu thimcheall fearann nan Caldèanach, le Ieremiah am fàidh.
2. Cuiribh an cèill am measg nan cinneach, agus foillsichibh, agus cuiribh suas a’ bhratach; foillsichibh, na ceilibh: abraibh, Ghlacadh Bàbilon, mhaslaicheadh Bel, bhriseadh Merodach na bloighdean, chlaoidheadh a h‑iodhalan, bhriseadh nam bloighdean a dealbhan.
3. Oir tha cinneach a’ teachd a‑nìos na h‑aghaidh on àird a tuath a nì a fearann na fhàsach, air chor is nach gabh aon neach còmhnaidh ann; eadar dhuine agus ainmhidh gluaisidh iad, siùbhlaidh iad air falbh.
4. Ach anns na làithean sin, agus air an àm sin, deir an Tighearna, thig clann Israeil, iad fhèin agus clann Iùdah le chèile, ag imeachd, agus a’ gul nan imeachd, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia.
5. Iarraidh iad an t‑slighe gu Sion len aghaidh da h‑ionnsaigh, ag ràdh, Thigibh agus naisgeamaid sinn fhèin ris an Tighearna ann an coicheangal sìorraidh nach leigear air dìochuimhn.
6. Bu chaoraich chaillte mo shluagh-sa: thug an aodhairean orra dol air seachran, tharraing iad a thaobh iad air na slèibhtean; shiubhail iad o shliabh gu cnoc, leig iad an àite-fois air dìochuimhn.
7. Iadsan uile a fhuair iad, shluig iad suas iad; oir thubhairt an naimhdean, Chan eil sinn ri cron air bith, a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna, àite-tàimh a’ cheartais; eadhon an Tighearna, dòchas an athraichean.
8. Gluaisibh a‑mach à meadhon Bhàbiloin, agus imichibh à tìr nan Caldèanach, agus bithibh mar na gobhraichean fireann air toiseach nan treudan.
9. Oir feuch, dùisgidh mise, agus bheir mi a‑nìos an aghaidh Bhàbiloin coitheanal chinneach mòra on tìr mu thuath; agus cuiridh iad iad fhèin an òrdagh na h‑aghaidh, air sheòl is gun glacar i: bidh an saighdean mar gum b’ann o ghaisgeach seòlta; cha till aon dhiubh gu dìomhain.
10. Agus bidh Caldèa na creich, iadsan uile a chreachas i gheibh iad an sàth, deir an Tighearna.
11. A chionn gu bheil sibh ri gàirdeachas, a chionn gu bheil sibh ri aighear, O sibhse a chreach m’oighreachd; a chionn gu bheil sibh air fàs reamhar mar agh biadhte, agus ri sitrich mar eich mheanmnach.
12. Maslaichear ur màthair gu mòr, nàraichear ise a rug sibh; feuch ise, deireadh nan cinneach na fàsach, na fearann tioram agus falamh.
13. Airson corraich an Tighearna cha bhi i nas mò air a h‑àiteachadh, ach bidh i na fàsach gu h‑iomlan: bidh uamhann air gach aon a thèid seachad air Bàbilon, agus nì e sgeig ma h‑uile phlàighean.
14. Cuiribh sibh fhèin ann an òrdagh an aghaidh Bhàbiloin air gach taobh: sibhse uile a lùbas am bogha, caithibh oirre, na caomhnaibh saighdean; oir chiontaich i an aghaidh an Tighearna.
15. Eighibh os a cionn air gach taobh: strìochd i i fhèin; thuit a daingnichean, thilgeadh sìos a ballachan: oir is e seo dìoghaltas an Tighearna, dèanaibh-se dìoghaltas oirre: mar a rinn i fhèin, dèanaibh-se rithe.
16. Gearraibh o Bhàbilon am fear-cuir, agus esan a ghlacas an corran ann an àm an fhogharaidh: air eagal claidheamh a’ mhillteir, tillidh iad, gach aon ga shluagh, teichidh iad gach aon ga dhùthaich.
17. Is treud sgapte Israel; rinn leòmhainn a ruagadh; an toiseach, chaith rìgh Asiria suas e; agus mu dheireadh, dh’ith Nebuchadnesar seo, rìgh Bhàbiloin, gu ruig an cnàmh e.
18. Air an adhbhar sin mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, smachdaichidh mise rìgh Bhàbiloin agus a fhearann, mar a smachdaich mi rìgh Asiria.
19. Ach bheir mi Israel air ais gu a àite-còmhnaidh fhèin, agus ionaltraidh e air Carmel agus Basan, agus air sliabh Ephraim agus air Gilead sàsaichear a anam anns na làithean sin.
20. Agus anns an àm sin, deir an Tighearna, iarrar aingidheachd Israeil, agus cha bhi i ann; agus lochdan Iùdah, ach cha bhi iad rim faotainn: oir bheir mise maitheanas dhaibh sin a chaomhaineas mi.
21. An aghaidh fearann nan ceannairceach imich suas; air fhèin, agus air a luchd-àiteachaidh dèan peanas, O chlaidheimh, agus cuir as gu buileach dan gineil, deir an Tighearna, agus coilean gach nì mar a dh’àithn mise dhut.
22. Tha fuaim a’ chatha anns an fhearann, eadhon milleadh ro‑mhòr.
23. Cionnas a bhriseadh agus a spealgadh òrd an domhain uile! Cionnas a dh’fhàs Bàbilon na fàsach sgaoilte am measg nan cinneach!
24. Leag mise ribe air do shon, agus bha thu fòs air do ghlacadh, O Bhàbilon, nuair nach do shaoil thu: fhuaireadh, agus fòs ghlacadh thu, a chionn gun do rinn thu strì an aghaidh an Tighearna.
25. Dh’fhosgail an Tighearna a thaigh-arm, agus thug e a‑mach airm a chorraich: oir is i seo obair Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann an tìr nan Caldèanach.
26. Thigibh na h‑aghaidh on cheàrn as iomallaiche, fosglaibh a taighean-tasgaidh, cuiribh fo ur casan i mar thòrr, agus sgriosaibh i gu buileach; na biodh fuidheall dhith air fhàgail.
27. Marbhaibh a daimh air fad: rachadh iad sìos a‑chum an àir. Is truagh dhaibhsan, oir tha an là air teachd, àm an smachdachaidh!
28. Guth na muinntir a theich, agus a chaidh as o thìr Bhàbiloin, a dh’fhoillseachadh ann an Sion dìoghaltas an Tighearna ar Dia-ne, dìoghaltas a theampaill.
29. Gairmibh sluagh lìonmhor an aghaidh Bhàbiloin; sibhse uile a tha a’ lùbadh a’ bhogha, cuartaichibh le feachd i air gach làimh; na rachadh cuid air bith dhith as; dìolaibh rithe a rèir a h‑obrach, a rèir gach nì a rinn i, dèanaibh rithe; a chionn gun do rinn i gu h‑uaibhreach an aghaidh an Tighearna, an aghaidh Tì naomh Israeil.
30. Air an adhbhar sin tuitidh a h‑òganaich na sràidean, agus bidh a fir-chogaidh uile air an gearradh as anns an là sin, deir an Tighearna.
31. Feuch tha mise ad aghaidh, O uaibhrich, deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh: gu cinnteach tha do là air teachd, an t‑àm anns an dèan mise do smachdachadh.
32. Agus gheibh an t‑uaibhreach tuisleadh agus leagadh, agus cha bhi neach ann a thogas suas e: agus fadaidh mise teine na bhailtean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha.
33. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Shàraicheadh clann Israeil agus clann Iùdah le chèile; agus rinn iadsan uile a thug ann am braighdeanas iad greim daingeann orra; dhiùlt iad an leigeadh air falbh.
34. Is cumhachdach am fear-saoraidh: Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm: tagraidh e gu daingeann an cùis, a‑chum gun toir e suaimhneas don talamh agus mì‑shuaimhneas do luchd-àiteachaidh Bhàbiloin.
35. Bidh claidheamh air na Caldèanaich, tha an Tighearna ag ràdh, agus air luchd-àiteachaidh Bhàbiloin, agus air a h‑uachdarain, agus air a daoine glice;
36. Claidheamh air na breugairean, agus bidh iad air mhì-chèill; claidheamh air a daoine cumhachdach agus bidh iad fo uamhann.
37. Claidheamh air a h‑eich, agus air a carbadan, agus air a h‑uile sluagh co‑mheasgte a tha na meadhon, agus bidh iad mar mhnathan: claidheamh aig a h‑ionmhasan, agus bidh iad air an spùinneadh;
38. Tiormachd air a h‑uisgeachan, agus tiormaichear suas iad: a chionn gur i tìr nan dealbh snaidhte, agus as a h‑iodhalan gu bheil i a’ dèanamh uaille.
39. Air an adhbhar sin gabhaidh fiadh-bheathaichean nam fàsach, agus madaidhean-allaidh nan coilltean, tàmh an sin; an sin fòs nì nigheanan na caillich-oidhche còmhnaidh: agus chan àitichear i tuilleadh gu sìorraidh; cha mhò a ghabhar còmhnaidh innte o linn gu linn.
40. Amhail nuair a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean a bha dlùth dhaibh, deir an Tighearna, cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann.
41. Feuch, sluagh a’ teachd on àird a tuath, eadhon cinneach mòr, agus dùisgear mòran rìghrean o chrìochan an domhain.
42. Am bogha agus an t‑sleagh glacaidh iad: tha iad fuileachdach, agus cha nochd iad tròcair: beucaidh an guth mar an fhairge, agus marcaichidh iad air eich ann an òrdagh mar dhaoine a‑chum a’ chatha, ann ad aghaidh-sa, O nighean Bhàbiloin.
43. Chuala rìgh Bhàbiloin iomradh orra, agus dh’fhàs a làmhan lag: ghlac àmhghar e, goimh, amhail mnà ri saothair.
44. Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mise os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?
45. Air an adhbhar sin èisdibh rùn an Tighearna a rùnaich e an aghaidh Bhàbiloin, agus a smuaintean a smaoinich e an aghaidh tìr Chaldèa. Gu deimhinn spìonar air falbh àlach an treud, gu deimhinn nìthear lèirsgrios os an cionn, den àite-còmhnaidh.
46. Leis an fhuaim, Ghlacadh Bàbilon, tha an talamh air a luasgadh, agus chualas a’ ghaoir am measg nan cinneach.

Salm 119:121-128
121. Rinn mi breitheanas agus ceartas; na fàg mi dom luchd-fòirneart.
122. Bi‑sa an urras air d’òglach a‑chum maith; na dèanadh na h‑uaibhrich fòirneart orm.
123. Tha mo shùilean air an caitheamh le bhith a’ sealltainn airson do shlàinte agus airson facal d’fhìreantachd.
124. Buin rid òglach a rèir do thròcair, agus teagaisg dhomh do reachdan.
125. Is mi d’òglach; thoir tuigse dhomh, a‑chum gum bi eòlas agam air do theisteis.
126. Is mithich dhut, a Thighearna, a bhith a’ dèanamh; bhris iad do lagh.
127. Uime sin is annsa leamsa d’àitheantan na an t‑òr, seadh na an t‑òr fìorghlan.
128. Uime sin measaidh mi do reachdan uile a‑thaobh gach nì a bhith ceart; is fuathach leam gach slighe bhreugach.

Gnàth-fhacal 28:6-6
6. Is fheàrr am bochd a dh’imicheas na ionracas, na esan a tha fiar na shlighean, ged robh e saoibhir.

Tìtus 1:1-16
1. Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd;
2. Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;
3. Ach dh’fhoillsich e a fhacal fhèin ann an àm iomchaidh tre shearmonachadh, a dh’earbadh riumsa, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear;
4. A‑chum Thìtuis, mo dhearbh mhac fhèin a rèir a’ chreidimh choitchinn: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, ar Slànaighear.
5. Air a shon seo dh’fhàg mi thu ann an Crete, a‑chum gun cuireadh tu an òrdagh na nithean a dh’fhàgadh gun dèanamh, agus gun suidhicheadh tu seanairean anns gach baile, a rèir mar a dh’àithn mise dhut.
6. Ma tha neach sam bith neo-lochdach, na fhear aon mhnà, aig a bheil a chlann creidmheach, nach eil fo mhì-chliù a‑thaobh ana-caitheimh, no eas-umhail:
7. Oir is còir do easbaig a bhith neo-choireach, mar stiùbhard Dhè, gun a bhith fèin-thoileil, no feargach, no òlmhor, no tuasaideach, no cionail air buannachd shalaich;
8. Ach aoidheil, dèidheil air daoine matha, ciallach, cothromach, naomh, measarra;
9. A’ cumail an fhacail fhìor gu daingeann, a rèir teagaisg, a‑chum gum bi e comasach le teagasg fallain, araon earail a thabhairt, agus an dream a sheas na aghaidh a chur as am barail.
10. Oir tha mòran ann a tha mì‑riaghailteach, a labhras gu dìomhain, agus a tha nam mealltairean, gu h‑àraidh iadsan a tha den timcheall-ghearradh:
11. Muinntir as còir am beul a dhruideadh, dream a tha a’ tionndadh thaighean iomlan bun-os‑cionn, a’ teagasg nan nithean nach còir, air ghaol buannachd shalaich.
12. Thubhairt neach àraidh dhiubh fhèin, eadhon fàidh dhiubh fhèin, Is breugairean a‑ghnàth na Crètich, droch fhiadh-bheathaichean, builg mhall.
13. Tha an fhianais seo fìor: air an adhbhar sin cronaich gu geur iad, a‑chum gum bi iad fallain anns a’ chreideamh;
14. Gun a bhith a’ toirt aire do fhaoin-sgeulachdan Iùdhach, agus do àitheantan dhaoine, a thionndaidheas on fhìrinn.
15. Oir gu deimhinn tha na h‑uile nithean glan don dream a tha glan: ach dhaibhsan a tha salach, agus mì‑chreidmheach, chan eil aon nì glan; ach tha an inntinn agus an cogais fhèin air an salachadh.
16. Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas-umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.