A A A A A
Bible in one year
October 3

Isaiah 57:1-21
1. Tha an duine ionraic a’ bàsachadh, agus gun aon neach a’ toirt fa‑near; agus na daoine tròcaireach air an toirt air falbh, agus gun aon neach a’ tuigsinn gu bheil an t‑ionracan air a thoirt air falbh on olc a tha ri teachd.
2. Siùbhlaidh e ann an sìth; gabhaidh esan a tha ag imeachd na ionracas fois na leabaidh.
3. Ach thigibh-se am fagas an seo, a mhaca na ban-fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich.
4. Cò da bheil sibh a’ dèanamh àbhachd? Ris a bheil sibh a’ dèanamh beòil fharsaing, agus a’ sìneadh a‑mach na teangaidh? Nach clann sibh a chlaon a lethtaobh, sìol na foill?
5. A’ fadadh ur n‑ana-miann le iodhalan fo gach crann uaine; a’ marbhadh na cloinne anns na glinn, fo sgoltan nan creag.
6. Am measg mìn-chlachan a’ ghlinne tha do chuibhreann: is iad sin, is iad sin do chrannchur; eadhon dhaibh seo dhòirt thu a‑mach tabhartas-dibhe, dh’ìobair thu tìodhlac. An gabhainn-sa tlachd annta sin?
7. Air sliabh cruachach àrd shuidhich thu do leabaidh; eadhon don àite sin chaidh thu suas a thoirt seachad ìobairt.
8. Air cùl an dorais agus na h‑ursainn chuir thu suas do chuimhneachan; dh’imich thu air falbh uamsa, agus chaidh thu suas; leudaich thu do leabaidh, agus rinn thu coicheangal riu; thug thu gràdh don leabaidh-san, ge bè àite anns am faca tu i.
9. Agus chaidh thu a dh’amharc an rìgh le ola-ungaidh, agus mheudaich thu do bholtraichean; agus chuir thu do theachdairean am fad, agus dh’ìslich thu thu fhèin eadhon gus an uaigh.
10. Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu; ach cha dubhairt thu, Chan eil dòchas ann; fhuair thu beatha do làimhe; air an adhbhar sin cha d’fhannaich thu.
11. Agus cò as a ghabh thu eagal agus fiamh, gun do rinn thu breug, agus nach do chuimhnich thu ormsa, cha mhò a thug thu fa‑near? Nach d’fhan mise am thosd eadhon o chian, agus chan eil eagal ort romham?
12. Leigidh mise ris d’fhìreantachd, agus do ghnìomharan; oir cha dèan iad feum dhut.
13. Nuair a ghlaodhas tu, dèanadh do chuideachdan do thèarnadh; ach togaidh a’ ghaoth air falbh iad uile, bheir an ceò as iad; ach an neach a chuireas a dhòchas annamsa, sealbhaichidh e am fearann, agus gheibh e mar oighreachd mo shliabh naomh.
14. An sin their mi, Tilgibh suas, tilgibh suas; ullaichibh an t‑slighe; thugaibh air falbh gach ceap-tuislidh à rathad mo shluaigh.
15. Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
16. Oir cha bhi mi a’ cronachadh gu sìor, agus cha bhi fearg orm an còmhnaidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham, agus na h‑anaman a rinn mi fhèin.
17. Airson cionta a shannta bha corraich orm, agus bhuail mi e, a’ falach mo ghnùise ann am feirg; agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chridhe fhèin.
18. Dh’amhairc mise air a shlighean, agus lèighsidh mi e; seadh, treòraichidh mi e, agus aisigidh mi sòlasan dhàsan agus da luchd-bròin.
19. Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.
20. Ach tha na h‑aingidh cosmhail ris a’ mhuir bhuairte, oir chan urrainn i a bhith aig fois, ach tha a h‑uisgeachan a’ dùsgadh a‑nìos salchair agus làthaich.
21. Chan eil sìth, deir mo Dhia, do na h‑aingidh.

Isaiah 58:1-14
1. Glaodh gu h‑àrd, na caomhain; mar ghall-truimp tog suas do ghuth; agus nochd dom shluagh-sa an easaontas, agus do thaigh Iàcoib an lochdan.
2. Gidheadh o là gu là tha iad gam iarraidh-sa, agus is toil leo eòlas a ghabhail air mo shlighean; mar chinneach a tha a’ cur an gnìomh fìreantachd, agus nach do thrèig reachd an Dè; tha iad a’ fiosrachadh dhìomsa mu thimcheall reachdan na fìreantachd, agus is miann leo a bhith a’ teachd dlùth do Dhia.
3. Carson a thraisg sinn, their iad, agus nach eil thusa a’ faicinn? Carson a chràidh sinn ar n‑anam, agus nach eil thusa a’ toirt fa‑near? Feuch, ann an là ur traisg tha sibh a’ mealtainn ur sòlais, agus ur n‑uile dhlighe saothrach tha sibh ag agairt.
4. Feuch, tha sibh a’ trasgadh a‑chum connsachaidh agus aimhreit, agus a‑chum bualadh le dòrn na h‑eucorach; cha bhi sibh ri trasg mar air an là‑an‑diugh, a thoirt air ur guth gun cluinnear e gu h‑àrd.
5. An e a leithid seo de thrasgadh a roghnaich mise, gun cuireadh duine anam fo leòn car là? An e gun cromadh e a cheann mar luachair, agus gun sgaoileadh e sac-aodach agus luaithre fodha? An abair thu trasg ri seo, agus là taitneach don Tighearna?
6. Nach e seo an trasg a tha mise a’ roghnachadh: cuibhrichean na h‑aingidheachd a sgaoileadh, na h‑uallaichean troma a lasachadh, agus a’ mhuinntir shàraichte fhuasgladh; agus gach uile chuing a bhriseadh?
7. Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoidheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin?
8. An sin brisidh do sholas a mach mar a’ mhadainn, agus fàsaidh do shlàinte gu grad; agus thèid d’fhìreantachd air thoiseach ort; bidh glòir an Tighearna gad chuartachadh on taobh chùil.
9. An sin gairmidh tu, agus freagraidh an Tighearna; glaodhaidh tu, agus their e, Tha mise an seo. Ma chuireas tu air falbh as do mheadhon a’ chuing, tomhadh a’ mheòir, agus labhairt toibheim;
10. Agus ma thiomaicheas d’anam ris an acrach, agus gun sàsaich thu an t‑anam leònte; an sin èiridh do sholas ann an doilleireachd agus bidh do dhorchadas mar mheadhon-là.
11. Agus stiùraidh an Tighearna thu an còmhnaidh, agus sàsaichidh e d’anam ri àm tarta, agus ungaidh e do chnàmhan; agus bidh tu mar lios air a dheagh uisgeachadh, agus mar thobar fìor-uisge, air nach tig fàiling uisge.
12. Agus togaidh iadsan a ghinear uat na seann làraichean; togaidh tu suas bunaitean nan iomadh ginealach; agus goirear dhìot Fear-càraidh a’ bheuma, Fear-aisig nan ròidean a‑chum a bhith air an àiteachadh.
13. Ma thilleas tu air falbh do chas on t‑sàbaid, o do thoil fhèin a dhèanamh air mo là naomh-sa; agus gun abair thu ris an t‑sàbaid, Toil-inntinn; ri là naomh an Tighearna, Urramach; agus gun tabhair thu onoir dhi, gun a bhith a’ leantainn do shlighean fhèin, no a’ gabhail do shòlais fhèin, no a’ labhairt do bhriathran fhèin;
14. An sin gabhaidh tu tlachd anns an Tighearna; agus bheir mise ort marcachd air ionadan àrda na talmhainn; agus beathaichidh mi thu le oighreachd Iàcoib d’athair; oir labhair beul an Tighearna e.

Salm 114:1-8
1. Molaibh-se an Tighearna. Nuair a thàinig Israel a‑mach as an Eiphit, taigh Iàcoib o shluagh coimheach,
2. Bha Iùdah dha mar a chòmhnaidh naomh, Israel mar a thighearnas.
3. Chunnaic an cuan, agus theich e; thionndaidh Iòrdan air a h‑ais.
4. Leum na beanntan mar reitheachan, na cnuic mar uain.
5. Ciod, a chuain, a thug ort teicheadh; a Iòrdain, a thug ort tionndadh air d’ais?
6. A bheanntan, a thug oirbh leum mar reitheachan; a chnocan, mar uain?
7. Criothnaich, a thalaimh, an làthair an Tighearna, an làthair Dia Iàcoib,
8. A thionndaidheas a’ charraig gu linne uisge, an ailbhinn gu tobar uisge!

Gnàth-fhacal 26:22-22
22. Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim.

Ephèsianach 5:1-16
1. Uime sin bithibh-se nur luchd-leanmhainn air Dia, mar chloinn ghràdhaich;
2. Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.
3. Ach na biodh strìopachas, agus gach uile neòghlaine, no sannt, uiread is air an ainmeachadh nur measg, mar as cubhaidh do naoimh:
4. No draosdachd, no còmhradh amaideach, no baoth-shùgradh, nithean nach eil iomchaidh: ach gum b’fheàrr leibh breith-buidheachais.
5. Oir tha fhios agaibh air seo, nach eil aig fear-strìopachais air bith, no aig neach neòghlan, no aig duine sanntach (a tha na fhear iodhal-adhraidh), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd agus Dhè.
6. Na mealladh neach air bith sibh le briathran dìomhain: oir airson nan nithean sin tha fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas-ùmhlachd.
7. Na bithibh-se uime sin nur luchd-compàirt riu.
8. Oir bha sibh uaireigin nur dorchadas, ach a‑nis tha sibh nur solas anns an Tighearna: gluaisibh mar chloinn an t‑solais;
9. (Oir tha toradh an Spioraid anns an uile mhaitheas, agus ionracas, agus fhìrinn);
10. A’ dearbhadh ciod an nì a tha taitneach don Tighearna.
11. Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo-thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh.
12. Oir is gràineil eadhon rin innse na nithean a tha air an dèanamh leo ann an uaigneas.
13. Ach tha na h‑uile nithean a tha air an cronachadh air an dèanamh follaiseach leis an t‑solas: oir gach uile nì a nì soilleir, is solas e.
14. Uime sin tha e ag ràdh, Mosgail, thusa a tha ad chadal, agus èirich o na mairbh, agus bheir Chrìosd solas dhut.
15. Feuchaibh uime sin gun gluais sibh gu faiceallach, chan ann mar amadain, ach mar dhaoine glice,
16. Ag ath-cheannach na h‑aimsir, do bhrìgh gu bheil na làithean olc.