A A A A A
Bible in one year
October 27

Ieremiah 39:1-18
1. Ann an naoidheamh bliadhna Shedeciah rìgh Iùdah, anns an deicheamh mìos, thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus a uile fheachd an aghaidh Ierusaleim, agus champaich iad ma timcheall.
2. Ann an aon-bhliadhna-deug Shedeciah, anns a’ cheathramh mìos, air an naoidheamh là den mhìos, bha a’ chathair air a briseadh suas.
3. Agus thàinig uile chinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin a‑steach, agus shuidh iad anns a’ gheata anns a’ mheadhon; Nergal-sareser, Samgar-nebo, Sareschim, Rabsaris, Nergal-sareser, Rabmag, leis a’ chuid eile air fad de chinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin.
4. Agus thàrladh an tràth a chunnaic Sedeciah rìgh Iùdah iad, agus na fir-chogaidh uile, gun do theich iad, agus gun deachaidh iad a‑mach as a’ chathair anns an oidhche, air slighe gàrradh an rìgh, tron gheata, eadar an dà bhalla; agus chaidh iad a‑mach air slighe a’ chòmhnaird.
5. Ach lean feachd nan Caldèanach air an tòir, agus rug iad air Sedeciah ann an còmhnardan Iericho; agus ghlac iad e, agus thug iad e gu Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, aig Riblah, ann am fearann Hamait, far an tug e breith air.
6. An sin mharbh rìgh Bhàbiloin mic Shedeciah, ann an Riblah, fa chomhair a shùl; uile mhaithean Iùdah mar an ceudna mharbh rìgh Bhàbiloin.
7. Agus chuir e a‑mach sùilean Shedeciah, agus cheangail e le slabhraidhean e, a‑chum a thoirt gu Bàbilon.
8. Agus loisg na Caldèanaich taigh an rìgh, agus taighean an t‑sluaigh le teine, agus bhris iad sìos ballachan Ierusaleim.
9. An sin thug Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, leis nam braighdean gu Bàbilon am fuidheall sluaigh a dh’fhan anns a’ bhaile, agus iadsan a theich thairis da ionnsaigh, leis a’ chuid eile den t‑sluagh a dh’fhan beò.
10. Ach cuid de bhochdan an t‑sluaigh, aig nach robh nì sam bith, dh’fhàg Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, ann am fearann Iùdah, agus thug e dhaibh fìonliosan agus machraichean anns an àm sin.
11. Agus thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin àithne mu thimcheall Ieremiah do Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, ag ràdh,
12. Thoir leat e, agus thoir aire mhath dha, agus na dèan cron sam bith air, ach dèan ris mar a their e riut.
13. Mar sin chuir Nebusaradan ceannard an fhreiceadain fios, agus Nebusasban, Rabsaris, agus Nergal-sareser, Rabmag, agus uile chinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin:
14. Chuir eadhon iadsan fios, agus thug iad Ieremiah a‑mach à cùirt a’ phrìosain, agus thug iad e do Ghedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, gu a thoirt dhachaigh: mar sin ghabh e còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.
15. Agus thàinig facal an Tighearna a‑chum Ieremiah, nuair a bha e fhathast air a dhruideadh suas ann an cùirt a’ phrìosain, ag ràdh,
16. Imich agus labhair ri Ebed-melech an t‑Etiopach, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, bheir mise mo bhriathran air a’ chathair seo airson uilc, agus chan ann airson maith; agus thig iad gu crìch ann ad fhianais-sa anns an là sin.
17. Ach tèarnaidh mi thusa anns an là sin, deir an Tighearna, agus cha toirear thairis thu do làimh na muinntir ro a bheil eagal ort.
18. Oir tèarnaidh mi thu, agus cha tuit thu leis a’ chlaidheamh, ach bidh d’anam mar chobhartach agad, a chionn gun do chuir thu do dhòchas annamsa, deir an Tighearna.

Ieremiah 40:1-16
1. Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, an dèidh do Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, a leigeadh as o Ramah, nuair a thugadh e da ionnsaigh, agus e ceangailte le slabhraidhean am measg na muinntir sin uile a thugadh air falbh nam braighdean o Ierusalem agus o Iùdah, a thugadh ann am braighdeanas gu Bàbilon.
2. Agus ghabh ceannard an fhreiceadain Ieremiah, agus thubhairt e ris, Labhair an Tighearna, do Dhia-sa, an t‑olc seo an aghaidh an àite seo.
3. A‑nis thug an Tighearna gu crìch e, agus rinn e mar a labhair e: a chionn gun do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, agus nach tug sibh gèill da ghuth, air an adhbhar sin tha an t‑olc seo air teachd oirbh.
4. Agus a‑nis feuch, tha mise gad fhuasgladh an‑diugh o na slabhraidhean a bha air do làmhan. Ma chì thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, thig; agus bheir mi aire mhath dhut: ach mura faic thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, fan: feuch, tha am fearann gu h‑iomlan fad chomhair: far am faicear ceart agus iomchaidh dhut dol, theirig ann; agus ciod air bith tuilleadh cha chumar air ais e.
5. Falbh uime sin air d’ais gu Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, a rinn rìgh Bhàbiloin na uachdaran os cionn bailtean Iùdah, agus gabh còmhnaidh leis am measg an t‑sluaigh: no falbh càit air bith am faic thu iomchaidh dol. Mar sin thug ceannard an fhreiceadain biadh agus duais dha, agus leig e dha imeachd.
6. An sin chaidh Ieremiah gu Gedaliah mac Ahicaim, gu Mispah, agus ghabh e còmhnaidh leis, am measg an t‑sluaigh a dh’fhàgadh anns an fhearann.
7. A‑nis nuair a chuala uile cheannardan an fheachd a bha anns na machraichean, iad fhèin agus an daoine, gun do rinn rìgh Bhàbiloin Gedaliah mac Ahicaim na uachdaran anns an fhearann, agus gun d’earb e ris fir, agus mnathan, agus clann, eadhon cuid de bhochdan an fhearainn, dhiubhsan nach tugadh air falbh ann am bruid gu Bàbilon;
8. An sin thàinig iad gu Gedaliah gu Mispah, eadhon Ismael mac Netaniah, agus Iohanan, agus Ionatan, mic Chareah, agus Seraiah mac Thanhumeit, agus mic Ephai an Netophataich, agus Iesaniah mac Maachataich, iad fhèin agus an daoine.
9. Agus mhionnaich Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain dhaibhsan, agus dan daoine, ag ràdh, Na biodh eagal oirbh gèill a thoirt do na Caldèanaich; gabhaibh còmhnaidh anns an tìr, agus thugaibh gèill do rìgh Bhàbiloin, agus èiridh gu math dhuibh.
10. Air mo shon-sa, feuch, nì mi còmhnaidh ann am Mispah, a fhrithealadh do na Caldèanaich a thig dar n‑ionnsaigh; ach sibhse, tionailibh fìon, agus meas samhraidh, agus ola, agus cuiribh iad nur soithichean, agus dèanaibh còmhnaidh nur bailtean air an do rinn sibh greim.
11. Air an dòigh cheudna nuair a chuala na h‑uile Iùdhaich a bha ann am Mòab, agus am measg nan Amonach, agus ann an Edom, agus a bha anns na h‑uile dhùthchannan, gun d’fhàg rìgh Bhàbiloin fuidheall de Iùdah, agus gun do chuir e os an cionn Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain;
12. An sin thill na h‑uile Iùdhaich as a h‑uile àite gus an robh iad air am fògradh, agus thàinig iad gu tìr Iùdah, gu Gedaliah, do Mhispah, agus thionail iad fìon, agus meas samhraidh, gu ro‑phailt.
13. Agus thàinig Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha anns na machraichean, gu Gedaliah do Mhispah.
14. Agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gu cinnteach gun do chuir Bàalis, rìgh nan Amonach, Ismael mac Netaniah a‑chum do mharbhadh? Ach cha do chreid Gedaliah mac Ahicaim iad.
15. An sin labhair Iohanan mac Chareah ri Gedaliah ann am Mispah gu h‑uaigneach, ag ràdh, Leig dhòmhsa dol, guidheam ort, agus marbhaidh mi Ismael mac Netaniah, agus cha bhi fhios aig duine sam bith air: cuime am marbhadh e thusa, agus gum biodh na h‑uile Iùdhaich a tha air an cruinneachadh ad ionnsaigh air an sgapadh, agus gum bàsaicheadh na tha maireann de Iùdah?
16. Ach thubhairt Gedaliah mac Ahicaim ri Iohanan mac Chareah, Cha dèan thu an nì seo, oir is breug a tha thu a’ labhairt a‑thaobh Ismaeil.

Salm 119:81-88
81. Tha m’anam air a chlaoidh le dèidh air do shlàinte; ann ad fhacal chuir mi mo dhòchas.
82. Tha mo shùilean air an caitheamh le feitheamh rid fhacal, nuair a tha mi ag ràdh, Cuin a nì thu furtachd orm?
83. Oir tha mi mar shearraig ann an deataich; gidheadh cha do dhìochuimhnich mi do reachdan.
84. Cia lìon iad làithean d’òglaich? Cuin a chuireas tu breitheanas an gnìomh orrasan a tha an tòir orm?
85. Chladhaich na h‑uaibhrich sluic dhomh, nach eil a rèir do lagha.
86. Is fìrinn d’àitheantan-sa gu lèir; gu fealltach tha iad an tòir orm; cuidich thusa leam.
87. Is beag nach do chuir iad as dhomh air thalamh; ach cha do thrèig mise do reachdan.
88. A rèir do chaomh-thròcair beòthaich thusa mi, agus gleidhidh mi teisteas do bheòil.

Gnàth-fhacal 28:1-1
1. Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann.

1 Timòteus 6:1-21
1. Measadh a mheud is a tha fon chuing, nan seirbhisich, gur airidh am maighistirean fhèin air an uile urram; a‑chum nach faigh ainm Dhè, agus a theagasg, toibheum.
2. Agus iadsan aig a bheil maighistirean creidmheach, na dèanadh iad tarcais orra, airson gur bràithrean iad: ach gum b’fheàrr leo seirbhis a dhèanamh dhaibh, do bhrìgh gu bheil iad creidmheach agus ionmhainn, nan luchd-compàirt de thìodhlac a’ ghràis. Na nithean seo teagaisg agus earailich.
3. Ma bheir aon neach atharrachadh teagaisg uaithe, agus nach aontaich e do bhriathran fallain, eadhon do bhriathran ar Tighearna Iosa Crìosd, agus don teagasg, a tha a rèir na diadhachd:
4. Tha e uaibhreach, gun eòlas aige air nì sam bith, ach tha e as a chèill mu thimcheall cheistean, agus bhriathar-connsachaidh, on tig farmad, còmhstri, ana-cainnt, droch amharasan.
5. Fiar-dheasbaireachd dhaoine aig a bheil inntinn thruaillidh, agus as eugmhais na fìrinn, a’ meas gur buannachd an diadhachd: dealaich ri an leithidean sin.
6. Ach is buannachd mhòr an diadhachd maille ri inntinn thoilichte.
7. Oir cha tug sinn nì air bith leinn don t‑saoghal seo, agus is soilleir nach urrainn sinn nì sam bith a thoirt as.
8. Uime sin air dhuinn biadh agus aodach a bhith againn, bitheamaid toilichte leo sin.
9. Ach an dream len àill a bhith beartach, tuitidh iad ann am buaireadh, agus ann an ribe, agus ann an iomadh ana-miann amaideach agus ciùrrail, a bhàthas daoine ann am milleadh agus ann an sgrios.
10. Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.
11. Ach thusa, O òglaich Dhè, teich o na nithean sin: agus lean fìreantachd, diadhachd, creideamh, gràdh, foighidinn, ceannsachd.
12. Còmhraig deagh chòmhrag a’ chreidimh, gabh greim den bheatha mhaireannaich, a‑chum mar an ceudna an do ghairmeadh thu, agus dh’aidich thu deagh aidmheil an làthair mòran fhianaisean.
13. Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, a bheothaicheas na h‑uile nithean, agus ann am fianais Iosa Crìosd, a rinn fianais air deagh aidmheil an làthair Phontiuis Philait,
14. Thu a choimhead na h‑àithne seo gun smal, gun lochd, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd:
15. Nì, na àmannan fhèin, a dh’fhoillsicheas an Tì a tha beannaichte, agus a‑mhàin cumhachdach, Rìgh nan rìgh, agus Tighearna nan tighearnan;
16. Neach na aonar aig a bheil neo-bhàsmhorachd, a tha na chòmhnaidh anns an t‑solas a dh’ionnsaigh nach faodar teachd; neach nach faca duine sam bith, agus nach mò a dh’fhaodas e fhaicinn: dhàsan gu robh urram agus cumhachd sìorraidh. Amen.
17. Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:
18. Iad a dhèanamh maith, iad a bhith saoibhir ann an deagh obraichean, ullamh gu roinn, compàirteach;
19. A’ tasgadh suas dhaibh fhèin deagh bhunait fa chomhair an àm ri teachd, a‑chum gun dèan iad greim air a’ bheatha mhaireannaich.
20. O Thimòteuis, coimhead an nì sin a dh’earbadh riut, a’ seachnadh faoin-chòmhraidh mhì-naomha, agus co‑chogadh eòlais don toirear gu breugach an t‑ainm sin:
21. Nì air a bhith do dhream àraidh ag aidmheil, chaidh iad air seachran a‑thaobh a’ chreidimh. Gràs gu robh maille riut. Amen.