A A A A A
Bible in one year
October 18

Ieremiah 21:1-14
1. Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, nuair a chuir an rìgh Sedeciah da ionnsaigh Pasur mac Mhelciah, agus Sephaniah mac Mhaaseiah an sagart, ag ràdh,
2. Fiosraich, guidheamaid ort, den Tighearna air ar son-ne, oir tha Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin a’ cogadh nar n‑aghaidh; a dh’fheuchainn an dèan an Tighearna rinn a rèir a uile bheartan iongantach, a‑chum gun tèid e suas uainn.
3. Agus thubhairt Ieremiah riu, Mar seo their sibh ri Sedeciah;
4. Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Feuch, tionndaidhidh mise air an ais na h‑airm-chogaidh a tha nur làmhan, leis a bheil sibh a’ cogadh an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus an aghaidh nan Caldèanach a tha gur teannachadh air taobh a‑muigh a’ bhalla, agus cruinnichidh mi iad ann am meadhon a’ bhaile seo.
5. Agus nì mise fhèin cogadh nur n‑aghaidh le làimh sìnte a‑mach, agus le gàirdean treun, eadhon ann am feirg, agus ann am boile, agus ann an corraich mhòir.
6. Agus buailidh mi luchd-àiteachaidh a’ bhaile seo, eadar dhuine agus ainmhidh; gheibh iad bàs le plàigh mhòir.
7. Agus na dhèidh sin, deir an Tighearna, bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a òglaich, agus an sluagh, eadhon na dh’fhàgar anns a’ bhaile seo on phlàigh, on chlaidheamh, agus on ghorta, do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, agus buailidh e le faobhar a’ chlaidheimh iad: cha ghabh e truas dhiubh, cha mhò a choigleas e, cha mhò a nì e tròcair.
8. Agus ris an t‑sluagh seo their thu, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cur mur coinneamh slighe na beatha, agus slighe a’ bhàis.
9. Esan a dh’fhanas anns a’ bhaile seo, bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh: ach esan a thèid a‑mach, agus a thèid thairis a dh’ionnsaigh nan Caldèanach a tha gur teannachadh mun cuairt, mairidh e beò, agus bidh a anam aige mar chobhartaich.
10. Oir chuir mise mo ghnùis an aghaidh a’ bhaile seo airson uilc, agus chan ann airson maith, deir an Tighearna; do làimh rìgh Bhàbiloin bheirear thairis e, agus loisgidh esan e le teine.
11. Agus mu thimcheall taigh rìgh Iùdah, cluinnibh-se facal an Tighearna:
12. O thaigh Dhaibhidh, mar seo deir Iehòbhah, Dèanaibh gu moch breitheanas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir-shàrachaidh, mun tèid mo chorraich-sa a‑mach mar theine, agus mun las i air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.
13. Feuch, tha mise ad aghaidh, O thusa a tha a chòmhnaidh anns a’ ghleann, air carraig a’ chòmhnaird, deir an Tighearna; sibhse a tha ag ràdh, Cò a thig a‑nuas nar n‑aghaidh? No cò a thig a‑steach dar n‑ionadan-còmhnaidh?
14. Ach smachdaichidh mise sibh a rèir toradh ur dèanadais, deir an Tighearna; agus lasaidh mi teine na coilltean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha.

Ieremiah 22:1-30
1. Mar seo thubhairt an Tighearna, Falbh sìos gu taigh rìgh Iùdah, agus an sin labhraidh tu am facal seo,
2. Agus their thu, Cluinn facal an Tighearna, O rìgh Iùdah, a tha ad shuidhe air rìgh-chathair Dhaibhidh, thu fhèin, agus d’òglaich; agus do shluagh a tha a’ dol a‑steach air na dorsan seo;
3. Mar seo deir an Tighearna, Cuiribh an gnìomh breitheanas agus ceartas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir-shàrachaidh: agus na dèanaibh foill: na dèanaibh ainneart air a’ choigreach, air an dìlleachdan, air a’ bhantraich, cha mhò a dhòirteas sibh fuil neo-chiontach anns an àite seo.
4. Oir ma nì sibh gun amharas a rèir an fhacail seo, an sin thig a‑steach air geatachan an taighe seo rìghrean a shuidheas ann an àite Dhaibhidh, air a rìgh-chathair, a’ marcachd air carbadan agus air eich, gach aon, a òglaich, agus a shluagh.
5. Ach mura toir sibh èisdeachd do na briathran seo, orm fhèin thug mise mionnan, deir an Tighearna, Gu cinnteach nìthear ionad fàs den taigh seo.
6. Oir mar seo thubhairt an Tighearna a‑thaobh taigh rìgh Iùdah, Tha thu mar Ghilead dhòmhsa, O mhullaich Lebanoin; ach nì mi gu cinnteach fàsach dhìot, bailtean nach bi àitichte.
7. Agus òrdaichidh mi ann ad aghaidh luchd-millidh, gach aon le a airm; agus gearraidh iad sìos rogha do sheudar, agus tilgidh iad anns an teine iad.
8. Agus gabhaidh mòran chinneach seachad air a’ chathair seo, agus their iad, gach aon ra choimhearsnach, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris a’ chathair mhòir seo?
9. An sin freagraidh iad, A chionn gun do thrèig iad coicheangal an Tighearna an Dia, agus gun tug iad adhradh do dhiathan coimheach, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh.
10. Na guilibh airson a’ mhairbh, cha mhò a nì sibh caoidh air a shon: guilibh gu goirt air a shon-san a dh’imich air falbh: oir cha till e nas mò, agus chan fhaic e tuilleadh tìr a dhùthchais.
11. Oir mar seo deir Iehòbhah mu thimcheall Shaluim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, a rìghich an àite Iosiah a athair, a chaidh a‑mach as an àite seo, Cha till e thuige nas mò:
12. Ach anns an àite gus an tug iad air falbh e ann am braighdeanas, gheibh e bàs; agus an tìr seo chan fhaic e nas mò.
13. Is an‑aoibhinn dhàsan a thogas a thaigh le eucoir, agus àrd-sheòmraichean le ana-cothrom; a ghabhas saothair a choimhearsnaich an asgaidh, agus airson obrach nach toir dha dìoladh.
14. A tha ag ràdh, Togaidh mi dhomh fhèin taigh mòr, agus seòmraichean farsaing; a’ gearradh a‑mach dha fhèin mar an ceudna uinneagan, ga chòmhdachadh fòs le seudar, agus ga dhath le corcar.
15. An rìgh thu a chionn gu bheil thu gad dhùnadh fhèin ann an seudar? Nach d’ith agus nach d’òl d’athair, agus nach do rinn e cothrom agus ceartas? An sin shoirbhich leis.
16. Dhìon e cùis a’ bhochd agus an fheumaich; an sin dh’èirich gu math dha. Nach b’e seo eòlas a ghabhail ormsa? deir an Tighearna.
17. Ach chan eil do shùilean-sa agus do chridhe ach air d’ana-miannan fhèin, agus air fuil nan neochiontach, a‑chum a dòrtadh, agus air sàrachadh agus fòirneart, a‑chum a dhèanamh.
18. Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och mo bhràthair! no, Och mo phiuthar! Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och a thighearna! no, Och a ghlòir-san!
19. Le adhlacadh asail adhlaicear e, air a tharraing air falbh, agus air a thilgeadh an taobh a‑muigh de gheatachan Ierusaleim.
20. Imich suas gu Lebanon agus èigh; agus air Basan tog an àird do ghuth, agus glaodh o na crìochan mun cuairt, oir chlaoidheadh iadsan uile a thug gràdh dhut.
21. Labhair mi riut ann an àm do shoirbheachaidh, thubhairt thu, Chan èisd mi; b’e seo do chleachdadh od òige.
22. A chionn nach d’èisd thu rim ghuth-sa, ithidh osann suas an t‑iomlan ded aodhairean, agus imichidh do luchd-gaoil air falbh ann am braighdeanas: gu cinnteach an sin bidh nàire ort, agus còmhdaichear thu le amhluadh airson d’uile dhroch dhèanadais.
23. O thusa a tha ag àiteachadh Lebanoin, a tha a’ dèanamh do nid ann an seudaran, cia gràsmhor a bhios tu nuair a nì piantan greim ort, goimh amhail mnà ri saothair!
24. Mar as beò mise, deir an Tighearna, ged b’e Coniah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, am fàinne air mo làimh dheis, gidheadh as a sin dhèanainn do spìonadh;
25. Agus bheir mi thu do làimh na muinntir a tha ag iarraidh d’anama, agus do làimh na muinntir ro a bheil eagal ort, eadhon do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh nan Caldèanach.
26. Agus tilgidh mi a‑mach thu fhèin, agus do mhàthair a rug thu, gu dùthaich choimhich, far nach robh sibh air ur breith, agus an sin gheibh sibh bàs.
27. Agus gus an talamh dom bu mhiannach leo tilleadh, gu sin cha till iad.
28. An dealbh suarach briste an duine seo Coniah? No an soitheach e anns nach eil aig aon neach tlachd? Cuime a bheil iad air an tilgeadh a‑mach, e fhèin agus a shliochd, agus air an iomain gu tìr anns nach eil iad eòlach?
29. O thalamh, a thalamh, a thalamh! Cluinn facal an Tighearna.
30. Mar seo deir an Tighearna, Sgrìobhaibh-se am fear seo gun chlann, duine nach soirbhich na làithean; oir cha soirbhich duine de a shliochd a shuidheas air cathair Dhaibhidh, agus a riaghlas na dhèidh seo ann an Iùdah.

Salm 119:9-16
9. Ciod leis an glan an t‑òganach a shlighe? Trìd faicill, a rèir d’fhacail.
10. Lem uile chridhe dh’iarr mi thu; na leig dhomh dol air seachran o d’àitheantan.
11. Am chridhe dh’fhalaich mi d’fhacal, a‑chum nach peacaichinn ad aghaidh.
12. Is beannaichte thusa, a Thighearna; teagaisg dhomh do reachdan.
13. Lem bhilean chuir mi an cèill uile bhreitheanais do bheòil.
14. Ann an slighe do theisteis rinn mi gàirdeachas, mar os cionn gach uile shaoibhreis.
15. Air d’àitheantan beachd-smaoinichidh mi, agus dearcaidh mi air do cheuman.
16. Ann ad reachdan gabhaidh mi tlachd; cha dìochuimhnich mi do bhriathran.

Gnàth-fhacal 27:14-14
14. An tì a bheannaicheas a charaid le guth àrd, ag èirigh gu moch anns a’ mhadainn, measar e dha mar mhallachadh.

1 Tesalònianaich 5:1-28
1. Ach mu thimcheall nan aimsirean agus nan àm chan eil feum agaibhse, a bhràithrean, mise a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh.
2. Oir tha sàr fhios agaibh fhèin gun tig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche.
3. Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as.
4. Ach chan eil sibhse, a bhràithrean, anns an dorchadas, ionnas gum beireadh an là sin oirbh mar ghadaiche.
5. Is sibhse uile clann an t‑solais, agus clann an là: chan ann den oidhche, no den dorchadas sinn.
6. Uime sin na caidleamaid mar dhaoine eile; ach dèanamaid faire agus bitheamaid stuama.
7. Oir an dream a chaidleas, is anns an oidhche a chaidleas iad: agus an dream a tha air mhisg, is anns an oidhche tha iad air mhisg.
8. Ach bitheamaid-ne, a tha den là, stuama, a’ cur oirnn uchd-èideadh a’ chreidimh agus a’ ghràidh, agus mar chlogaid, dòchas na slàinte:
9. Oir cha d’òrdaich Dia sinn a‑chum feirge; ach a‑chum slàinte fhaotainn tre ar Tighearna Iosa Crìosd,
10. A fhuair bàs air ar son, a‑chum cia aca is faireachadh no cadal dhuinn, gum bitheamaid beò maille ris-san.
11. Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile, agus togaibh suas gach aon a chèile, eadhon mar tha sibh a’ dèanamh.
12. Agus guidheamaid oirbh, a bhràithrean, aithne a bhith agaibh air an dream a tha a’ saothrachadh nur measg, agus a tha os ur cionn anns an Tighearna, agus a tha gur comhairleachadh;
13. Agus meas mòr a bhith agaibh dhiubh ann an gràdh airson an obrach. Bithibh sìochail nur measg fhèin.
14. A‑nis guidheamaid oirbh, a bhràithrean, thugaibh rabhadh dhaibhsan a tha mì‑riaghailteach, thugaibh comhfhurtachd dhaibhsan a tha lag-chridheach, cumaibh suas iadsan a tha anfhann, bithibh foighidinneach a‑thaobh nan uile dhaoine.
15. Feuchaibh nach ìoc neach olc airson uilc do dhuine sam bith; ach leanaibh-se a‑ghnàth an nì a tha math, araon dur taobh fhèin, agus a‑thaobh nan uile dhaoine.
16. Dèanaibh gàirdeachas a‑ghnàth.
17. Dèanaibh ùrnaigh gun sgur.
18. Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh.
19. Na mùchaibh an Spiorad.
20. Na dèanaibh tàir air fàidheadaireachd.
21. Dearbhaibh na h‑uile nithean: cumaibh gu daingeann an nì sin a tha math.
22. Seachnaibh gach uile choslas uilc.
23. Agus gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan; agus gun deònaicheadh Dia gum bi ur n‑uile spiorad, agus anam, agus chorp, air an gleidheadh gu neo-choireach, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd.
24. Is fìrinneach an Tì a tha gur gairm, neach mar an ceudna a nì e.
25. A bhràithrean, dèanaibh ùrnaigh air ar son-ne.
26. Cuiribh fàilte air na bràithrean uile le pòig naoimh.
27. Tha mi a’ sparradh oirbh à uchd an Tighearna gun leughar an litir seo do na bràithrean naomha uile.
28. Gu robh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd maille ribh. Amen.