A A A A A
Bible in one year
October 15

Ieremiah 15:1-21
1. An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.
2. Agus tàrlaidh, mar a their iad riut, Càit an siubhail sinn air falbh? An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Iadsan a tha airson bàis, a‑chum bàis; agus iadsan a tha airson a’ chlaidheimh, a‑chum a’ chlaidheimh; agus iadsan a tha airson na gorta, a-chum na gorta; agus iadsan a tha airson na bruid, a‑chum braighdeanais.
3. Agus òrdaichidh mise os an cionn ceithir seòrsan, deir an Tighearna; an claidheamh gu marbhadh, agus na coin gu reubadh, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, gu ithe agus gu milleadh.
4. Agus fuadaichidh mi iad air feadh uile rìoghachdan an domhain, airson Mhanaseh mhic Heseciah, rìgh Iùdah, airson nan nithean sin a rinn e ann an Ierusalem.
5. Oir cò a ghabhas truas dhìot, O Ierusaleim? No cò a nì bròn leat? No cò a thèid a lethtaobh, a dh’fheòrach cionnas a tha thu?
6. Thrèig thu mise, deir an Tighearna, chaidh thu air d’ais; air an adhbhar sin, sìnidh mise mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgìth de ghabhail aithreachais.
7. Uime sin dh’fhuadaich mi iad le inneal-fasgnaidh ann an geatachan na tìre: dh’fhàg mi gun chlann, sgrios mi mo shluagh; on slighean cha do thill iad.
8. Rinneadh am bantraichean na bu lìonmhoire leamsa na gaineamh na fairge: thug mi an aghaidh na màthar agus nam mac fear-millidh ann am meadhon an là: thug mi air nàmhaid agus air uamhasan bualadh oirre gu h‑obann.
9. Dh’fhannaich ise a rug seachdnar, thug i suas an deò; chaidh a grian sìos am feadh a bha fhathast an là ann; nàraicheadh agus mhaslaicheadh i: agus na mhaireas dhiubh bheir mise don chlaidheamh ann am fianais an naimhdean, deir an Tighearna.
10. Mo thruaighe mise, O mo mhàthair! Oir rug thu mi am fhear-strì, agus am fhear-connsachaidh anns an fhearann uile; cha tug mi seachad air ocar, cha mhò a thug aon neach air ocar dhomh; gidheadh tha iad uile gam mhallachadh.
11. Thubhairt an Tighearna, Gu cinnteach èiridh gu math dod iarmaid; gu cinnteach bheir mi air an nàmhaid a bhith bàidheil riut ann an àm na h‑airce, agus ann an àm a’ chruaidh-chàis.
12. Am bris esan iarann na bhloighdean, iarann o thuath, agus umha?
13. Do mhaoin agus d’ionmhasan bheir mise mar chreich, chan ann airson luach, ach airson d’uile lochdan; seadh ann ad uile chrìochan.
14. Agus bheir mi orra siubhal air falbh led naimhdean gu fearann air nach robh thu eòlach; oir tha teine air fhadadh ann am fheirg, agus lasaidh e nur n‑aghaidh.
15. Agadsa tha fhios, O Thighearna; cuimhnich ormsa, agus thig gam amharc, agus thoir dhomh aichmheil air mo luchd-tòrachd; ann am buanas d’fheirge na toir air falbh mi; thoir fa‑near gun d’fhuiling mi masladh air do sgàth.
16. Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh.
17. Cha do shuidh mi ann an cuideachd luchd-fochaid, cha mhò a bha mi subhach; airson do làimh-sa shuidh mi ann am aonar; a chionn gun do lìon thusa mi le boile.
18. Cuime a bheil mo ghoimh gun lasachadh? Agus mo chreuchd bàsmhor, a’ diùltadh a bhith air a leigheas? Carson a bhios tusa dhomh uile gu lèir amhail sruthan mealltach, as nach faodar earbsa?
19. Uime sin mar seo deir an Tighearna, Ma thilleas tu, an sin bheir mise air d’ais thu, agus seasaidh tu ann am làthair; agus ma sgaras tu an luachmhor on nì nach fiù, mar mo bheul-sa bidh tu: tillidh iad seo riutsa, ach cha till thusa riùsan.
20. Agus nì mise dhìot, an aghaidh an t‑sluaigh seo, balla làidir umha; nuair a chathaicheas iad ad aghaidh, cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut, a‑chum do dhìon, agus a‑chum do thèarnadh, deir an Tighearna.
21. Agus saoraidh mi thu o làimh nan aingidh, agus fuasglaidh mi thu o ghreim nan uamhasach.

Ieremiah 16:1-21
1. Thàinig facal an Tighearna fòs am ionnsaigh, ag ràdh,
2. Cha ghabh thu dhut fhèin bean, cha mhò a bhios agad mic no nigheanan anns an àite seo.
3. Oir mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh nam mac, agus a‑thaobh nan nigheanan, a tha air am breith anns an àite seo, agus a‑thaobh am màthraichean a rug iad, agus a‑thaobh an athraichean a ghin iad, anns an tìr seo;
4. Le bàs doilgheasach bàsaichidh iad; chan adhlaicear iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad; le claidheamh fòs, agus le gorta, caithear iad; agus bidh an cairbhean mar lòn do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.
5. Oir mar seo deir an Tighearna, Cha tèid thu a‑steach do thaigh a’ bhròin, cha mhò a thèid thu a dhèanamh caoidh, no a thoirt dhaibh comhfhurtachd; oir thug mise air falbh mo shìth on t‑sluagh seo, deir an Tighearna, eadhon coibhneas gràdhach, agus caomh-thròcairean.
6. Agus gheibh iad bàs, eadar bheag agus mhòr, anns an tìr seo; chan adhlaicear iad, agus cha dèanar caoidh air an son; cha gheàrr aon neach e fhèin, cha mhò a nì aon neach e fhèin maol air an son.
7. Agus cha bhris daoine aran nam measg ri àm bròin, a‑chum comhfhurtachd a thoirt dhaibh airson neach a fhuair bàs; cha mhò a bheirear dhaibh deoch à cupan na comhfhurtachd, airson athair neach, no airson a mhàthar.
8. Mar an ceudna cha tèid thu gu taigh na cuirme gu suidhe sìos maille riu a dh’ithe agus a dh’òl.
9. Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, cuiridh mise na thosd anns an àite seo, fa chomhair ur sùl-se agus ur làithean, guth an t‑subhachais, agus guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda.
10. Agus tàrlaidh, nuair a dh’innseas tu don t‑sluagh seo na nithean seo uile, agus a their iad riut, Carson a labhair an Tighearna nar n‑aghaidh an t‑olc mòr seo uile? Agus ciod i ar n‑aingidheachd, agus ciod e ar lochd, a chuir sinn an gnìomh an aghaidh an Tighearna ar Dia?
11. An sin their thusa riu, A chionn gun do thrèig ur n‑athraichean mise, deir an Tighearna, agus gun deachaidh iad air lorg dhia eile, agus gun tug iad seirbhis dhaibh, agus gun tug iad dhaibh adhradh, agus gun do thrèig iad mise, agus nach do choimhead iad mo reachd.
12. Agus gun do rinn sibhse nas miosa na ur n‑athraichean; oir feuch, tha sibh ag imeachd, gach aon a rèir ais-innleachd a dhroch chridhe fhèin, gun ghèill a thoirt dhòmhsa.
13. Uime sin tilgidh mi sibh a‑mach as an tìr seo, gu tìr air nach d’fhuair sibh eòlas, sibh fhèin no ur n‑athraichean; agus an sin nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, a là agus a dh’oidhche, a chionn nach dèan mise tròcair oirbh.
14. Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abrar nas mò, Mar as beò an Tighearna, a thug a‑nìos clann Israeil à tìr na h‑Eiphit:
15. Ach, Mar as beò an Tighearna, a thug air an ais clann Israeil o thalamh na h‑àird a tuath, agus o gach talamh gus an d’fhògair e iad; oir bheir mise air an ais iad gu am fearann fhèin, a thug mi don athraichean.
16. Feuch, cuiridh mi fios air mòran iasgairean, deir an Tighearna, agus nì iad an iasgach; agus na dhèidh sin, cuiridh mi fios air mòran shealgairean, agus nì iad an sealg, o gach uile shliabh, agus o gach uile chnoc, agus o sgoltan nan creag.
17. Oir tha mo shùilean-sa air an uile shlighean; chan eil iad falaichte om ghnùis, cha mhò a tha an aingidheachd air a còmhdachadh o fhradharc mo shùl.
18. Agus dìolaidh mi le tomhas dùbailte an aingidheachd agus an lochd, a chionn gun do thruaill iad m’fhearann le sailchead an gnìomharan fuathach; agus len gràinealachdan lìon iad m’oighreachd.
19. O Thighearna, mo neart, agus mo dhaingneach, agus mo dhìdean ann an là na h‑airce; ad ionnsaigh-sa thig na cinnich o chrìochan na talmhainn, agus their iad, Gu deimhinn shealbhaich ar n‑athraichean nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithean gun tairbhe.
20. An dèan duine dha fhèin diathan, agus nach eil iad nan diathan?
21. Air an adhbhar sin, foillsichidh mi dhaibh, air an aon uair seo, foillsichidh mi dhaibh mo làmh agus mo chumhachd; agus bidh fhios aca gur e m’ainm Iehòbhah.

Salm 118:21-24
21. Molaidh mi thu, oir dh’èisd thu rium, agus is tu mo shlàinte.
22. A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh i na cloich-chinn na h‑oisinn.
23. On Tighearna a tha seo; is iongantach e nar sùilean-ne!
24. Is e seo an là a rinn an Tighearna; dèanamaid gàirdeachas, agus bitheamaid ait air.

Gnàth-fhacal 27:10-10
10. Na trèig do charaid fhèin, no caraid d’athar, agus na rach a‑steach do thaigh do bhràthar ann an là d’àmhghair: is fheàrr coimhearsnach am fagas na bràthair fad as.

1 Tesalònianaich 2:1-20
1. Oir is aithne dhuibh fhèin, a bhràithrean, ar dol-ne a‑steach dur n‑ionnsaigh, nach robh e ann an dìomhain:
2. Ach fòs air dhuinn fulang roimhe, agus an dèidh ar maslachaidh ann am Philipi, mar as aithne dhuibh, bha dànachd againn nar Dia soisgeul Dhè a labhairt ribhse ann am mòr-ghleac.
3. Oir cha robh ar n‑earail o mhealltaireachd, no o neòghlaine, no ann an ceilg:
4. Ach mar a mheasadh sinn le Dia iomchaidh gum biodh an soisgeul air earbsa rinn, is amhail sin a labhramaid, chan ann mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach Dhè, a tha a’ dearbhadh ar cridheachan.
5. Oir cha do ghnàthaich sinn uair air bith briathran miodalach, mar as aithne dhuibh, no leisgeul sannt; is e Dia ar fianais:
6. Cha mhò a dh’iarr sinn urram o dhaoine, no uaibhse, no o dhaoine eile, ged dh’fhaodamaid ar trom a leagail oirbh, mar abstoil Chrìosd.
7. Ach bha sinn caomh nur measg, amhail a dh’altramas banaltram a clann fhèin:
8. Mar sin, air a bhith dhuinne ro‑dhèidheil oirbhse, bu toileach leinn chan e a‑mhàin soisgeul Dhè a phàirteachadh ribh, ach mar an ceudna ar n‑anaman fhèin, do bhrìgh gu robh sibh ro‑ionmhainn leinn.
9. Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean, ar saothair, agus ar sgìos: oir air dhuinn a bhith ri obair a dh’oidhche agus a là, a‑chum nach cuireamaid trom air neach sam bith agaibh, shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.
10. Is fianaisean sibhse, agus Dia, cia naomh, agus cia cothromach, agus neo-lochdach a ghiùlain sinn sinn fhèin nur measg-se a tha a’ creidsinn:
11. Mar as aithne dhuibh cionnas a dh’earailich sinn, agus a thug sinn comhfhurtachd, agus a chuir sinn impidh air gach aon agaibh fa leth (mar a nì athair ra chloinn),
12. Gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh do Dhia, a ghairm sibh a‑chum a rìoghachd agus a ghlòire fhèin.
13. Uime sin tha sinne mar an ceudna a’ toirt buidheachais do Dhia gun sgur, do bhrìgh nuair a ghabh sibh ri facal Dhè a chuala sibh uainne, gun do ghabh sibh ris chan ann mar fhacal dhaoine, ach (mar as e gu fìrinneach) facal Dhè, a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annaibhse a tha a’ creidsinn.
14. Oir rinneadh sibhse, a bhràithrean, nur luchd-leanmhainn air eaglaisean Dhè, ann an Iudèa, a tha ann an Iosa Crìosd: oir dh’fhuiling sibh na nithean ceudna o ur luchd-dùthcha fhèin, mar a dh’fhuiling iadsan o na h‑Iùdhaich:
15. A chuir araon an Tighearna Iosa agus am fàidhean fhèin gu bàs, agus a rinn geur-leanmhainn oirnne; agus nach eil a’ toileachadh Dhè, agus a tha an aghaidh nan uile dhaoine:
16. A tha a’ bacadh dhuinne labhairt ris na Cinnich, a‑chum gum biodh iad air an tèarnadh, a‑chum sìor-lìonadh suas am peacaidhean: oir thàinig an fhearg orra mu dheireadh.
17. Ach air dhuinne, a bhràithrean, a bhith air ar dealachadh uaibhse rè tamaill bhig ann am pearsa, ach chan ann an cridhe, is ro‑mhò a rinn sinn dìcheall air ur n‑aghaidh fhaicinn le mòr-thogradh.
18. Uime sin bu mhiann leinn teachd dur n‑ionnsaigh (eadhon leamsa Pòl), uair no dhà: ach bhac Sàtan sinn.
19. Oir ciod e ar dòchas-ne, no ar n‑aoibhneas, no ar crùn uaille? Nach sibhse fhèin e ann am fianais ar Tighearna Iosa Crìosd aig a theachd?
20. Oir is sibhse ar glòir-ne agus ar n‑aoibhneas.