A A A A A
Bible in one year
October 12

Ieremiah 9:1-26
1. Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh!
2. Och, nach robh agam anns an fhàsach pàillean fir-thurais, a‑chum gum fàgainn mo shluagh, agus gun imichinn uapa! Oir is luchd-adhaltranais iad uile, coitheanal de dhaoine cealgach.
3. Agus tha iad a’ lùbadh an teangaidh mar am bogha a‑chum ceilge; ach chan eil iad treubhach airson na fìrinn anns an talamh: oir tha iad a’ dol air an aghaidh o olc gu olc, agus chan eil eòlas aca ormsa, deir an Tighearna.
4. Bithibh air ur faicill, gach aon ro a choimhearsnach, agus na earbaibh à bràthair air bith: oir le foill meallaidh gach bràthair, agus gluaisidh gach companach gu cealgach.
5. Agus meallaidh iad, gach aon a choimhearsnach, agus cha labhair iad an fhìrinn: chleachd iad an teanga ri labhairt bhreug; sgìthich iad iad fhèin, a’ cur an gnìomh dòbheairt.
6. Tha do chòmhnaidh ann am meadhon ceilge; ann an ceilg tha iad a’ diùltadh eòlas a ghabhail ormsa, deir an Tighearna.
7. Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, leaghaidh mi iad, agus dearbhaidh mi iad; oir ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh a‑thaobh nighean mo shluaigh?
8. Tha an teanga mar shaighead fir-mhillidh; is cealg as cainnt dhi: le a bheul labhraidh neach gu sìochail ra choimhearsnach, ach na chridhe tha e a’ caitheamh foill air.
9. Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc? deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?
10. Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh.
11. Agus nì mise Ierusalem na cùirn, na h‑uaimh dhràgon; agus bailtean Iùdah nì mi nam fàsach, gun neach gan àiteachadh.
12. Cò e an duine glic, a thuigeas seo, agus ris an do labhair beul an Tighearna, a‑chum gun cuireadh e an cèill e? Carson a tha an tìr air a milleadh, air a losgadh suas mar fhàsach, nach eil aon neach ag imeachd troimhpe?
13. Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gun do thrèig iad mo reachd a chuir mise fan comhair, agus nach robh iad umhail dom ghuth, cha mhò a ghluais iad da rèir;
14. Ach gun do ghluais iad a rèir breithneachadh an cridhe fhèin, agus an dèidh nan dia a theagaisg an athraichean dhaibh:
15. Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, beathaichidh mise iad, eadhon an sluagh seo, le searbh-luibhean, agus bheir mi uisge domblais dhaibh ra òl.
16. Sgapaidh mi iad mar an ceudna am measg nan cinneach, air nach robh aon chuid iad fhèin no an athraichean eòlach; agus cuiridh mi an claidheamh air an tòir, gus an cuir mi as dhaibh.
17. Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Thugaibh fa‑near, agus gairmibh mnathan-tuiridh, agus thigeadh iad; agus cuiribh fios air mnathan seòlta, agus thigeadh iadsan:
18. Agus deifricheadh iad, agus togadh iad suas caoidh air ar son, a‑chum gun ruith ar sùilean sìos le deòir, agus gum brùchd ar rosgan a‑mach le uisgeachan.
19. Gun amharas chualas guth caoidh à Sion, Cionnas a tha sinn air ar creachadh! Tha sinn air ar maslachadh gu ro‑mhòr! A chionn gun do thrèig sinn am fearann, a chionn gun do thilg iad sìos ar n‑ionadan-còmhnaidh.
20. Air an adhbhar sin èisdibh, O mhnathan, facal an Tighearna, agus glacadh ur cluas facal a bheòil; agus teagaisgibh dur nigheanan caoidh, agus gach aon da bana-choimhearsnaich tuireadh:
21. Oir tha am bàs air teachd an àird gus ar n‑uinneagan, air teachd a‑steach gus ar lùchairtean; thàinig e a ghearradh sìos araon an naoidhein anns a’ mhachair agus nan òganach anns na sràidean.
22. Abair, Mar seo deir an Tighearna, Tuitidh eadhon colainnean dhaoine mar aolach air aghaidh na faiche, agus mar an dlagh an dèidh a’ bhuanaiche nuair nach bi aon neach ann gu a thional.
23. Mar seo deir an Tighearna, Na dèanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na dèanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na dèanadh an duine saoibhir uaill as a shaoibhreas:
24. Ach dèanadh esan a nì uaill, uaill à seo, gu bheil tuigse agus eòlas aige ormsa, gur mi an Tighearna a nochdas coibhneas gràdhach, breitheanas, agus ceartas air an talamh; oir anns na nithean seo tha mo thlachd-sa, deir an Tighearna.
25. Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an smachdaich mise na h‑uile a tha timcheall-gheàrrte, maille ris an neo-thimcheall-gheàrrte;
26. An Eiphit, agus Iùdah, agus Edom, agus clann Amoin, agus Mòab, agus na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach, a tha a chòmhnaidh anns an fhàsach: oir tha na cinnich seo uile neo-thimcheall-gheàrrte, agus tha taigh Israeil uile neo-thimcheall-gheàrrte nan cridhe.

Ieremiah 10:1-25
1. Cluinnibh am facal a tha an Tighearna a’ labhairt ribh, O thaigh Israeil.
2. Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa.
3. Oir tha gnàthachadh nan slògh na fhìor-dhìomhanas: oir tha iad a’ gearradh craoibhe as a’ choille, obair-làmh an fhir a dh’obraicheas le inneal geur.
4. Le airgead agus le òr tha iad ga dèanamh maiseach, le tàirngean agus le ùird tha iad ga dèanamh daingeann, air chor is nach gluais i.
5. Mar chrann-pailme tha iad seo rag, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas.
6. Chan eil aon neach ann cosmhail riutsa, O Thighearna; Is mòr thu, agus is mòr d’ainm ann an cumhachd.
7. Cò air nach biodh eagal romhadsa, O Rìgh nan slògh? Oir dhutsa buinidh urram; a chionn nach eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach, agus am measg an uile rìoghachdan, aon neach cosmhail riut.
8. Ach tha iad gu h‑iomlan brùideil agus mì‑thuigseach: tha am fiodh e fhèin a’ cur an cèill an dìomhanais.
9. Bheirear airgead air a bhualadh a‑mach o Tharsis, agus òr o Uphas; obair an fhir-obrach, agus làmh an òr‑cheàird: is gorm agus dearg as èideadh dhaibh: is iad gu lèir obair dhaoine seòlta.
10. Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich-san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan.
11. Mar seo their sibh riu, Na diathan nach do rinn na nèamhan no an talamh, sgriosar iad a‑mach on talamh, agus o bhith fo na nèamhan seo.
12. Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan.
13. Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, bheir e air a’ cheò dol suas o chrìochan na talmhainn: nì e dealanach le frasan, agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh.
14. Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheard le ìomhaigh leaghte; oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus anail air bith chan eil annta.
15. Is nì faoin iad, obair mhearachd: ann an àm an smachdachaidh thèid iad am mugha.
16. Cha chosmhail riu seo cuibhreann Iàcoib; oir is esan fear-cumaidh an domhain, agus is e Israel slat a oighreachd; Tighearna nan sluagh is ainm dha.
17. Cruinnich suas do mhaoin as an fhearann, O thusa a tha ag àiteachadh an daingnich:
18. Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mi urchair do luchd-àiteachaidh na tìre, air a’ chuairt seo, agus claoidhidh mi iad, air chor is gum mothaich iad mo dhìoghaltas.
19. Mo thruaighe mise a‑thaobh mo dhochainn! Is cràiteach mo chreuchd: ach thubhairt mi, Gu deimhinn is deacair seo, ach is èiginn a fhulang.
20. Tha mo phàillean air a chur fàs, agus tha mo chùird gu lèir air am briseadh; dh’imich mo chlann a‑mach uam, agus chan eil iad ann: chan eil neach ann a sgaoileas mo phàillean a‑mach nas mò, no a chuireas suas mo sgàil.
21. Oir tha na h‑aodhairean air fàs brùideil, agus chan eil iad ag iarraidh an Tighearna: uime sin cha soirbhich leo fhèin, agus bidh an treudan uile air an sgapadh.
22. Fuaim an iomraimh! Feuch, tha i a’ teachd dlùth, eadhon gluasad mòr on tìr mu thuath, a dhèanamh bailtean Iùdah nam fàsach, nan àite-còmhnaidh do dhràgonan.
23. Is aithne dhomh, a Thighearna, nach eil slighe duine na chomas fhèin: chan eil e an comas duine a tha ag imeachd a cheum a stiùradh.
24. O Thighearna, cronaich mi, ach ann an tomhas; chan ann ad chorraich, air eagal gun cuir thu as dhomh.
25. Dòirt a‑mach do dhian-chorraich air na cinnich nach do ghabh eòlas ort, agus air na teaghlaichean nach eil a’ gairm air d’ainm; oir dh’ith iad suas Iàcob, ga ithe agus ga chaitheamh, agus rinn iad a àite-còmhnaidh fàsail.

Salm 118:5-9
5. Ann an teinn ghairm mi air an Tighearna; fhreagair an Tighearna mi, gam chur ann an ionad farsaing.
6. Tha an Tighearna leam, chan eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.
7. Tha an Tighearna am measg mo luchd-cuideachaidh, agus chì mi crìoch mo luchd-fuatha.
8. Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à duine.
9. Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à uachdarain.

Gnàth-fhacal 27:7-7
7. Gabhaidh an t‑anam làn gràin den chìr-mheala; ach don anam acrach is milis gach nì searbh.

Colosianach 3:1-25
1. Uime sin ma dh’èirich sibh maille ri Crìosd, iarraibh na nithean a tha shuas, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deaslàimh Dhè.
2. Suidhichibh ur n‑aigne air na nithean a tha shuas, agus chan ann air na nithean a tha air an talamh.
3. Oir tha sibh marbh, agus tha ur beatha falaichte maille ri Crìosd ann an Dia.
4. Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha-ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir.
5. Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn-collaidh, ana-miannan, agus sannt, nì as iodhal-adhradh;
6. Nithean airson a bheil fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas-ùmhlachd,
7. Anns an robh sibhse mar an ceudna a’ gluasad uaireigin, nuair a bha sibh a’ caitheamh ur beatha annta.
8. Ach a‑nis cuiribh uaibh na nithean seo uile: fearg, corraich, mìorun, toibheum, cainnt shalach as ur beul.
9. Na dèanaibh breug da chèile, do bhrìgh gun do chuir sibh dhibh an seann duine maille ra ghnìomharan,
10. Agus gun do chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air ath-nuadhachadh ann an eòlas, a rèir ìomhaigh an tì a chruthaich e:
11. Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall-ghearradh, no neo-thimcheall-ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile.
12. Uime sin cuiribh-se umaibh (mar dhaoine taghte Dhè, naomh agus ionmhainn), innidh thròcairean, caomhalachd, irioslachd inntinn, macantas, fad-fhulangas;
13. A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis-ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.
14. Agus thar na nithean seo uile, cuiribh umaibh gràdh, nì as e coicheangal na foirfeachd.
15. Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.
16. Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.
17. Agus gach nì air bith a nì sibh ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Iosa, a’ toirt buidheachais do Dhia, eadhon an t‑Athair trìd-san.
18. A mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, mar as cubhaidh, anns an Tighearna.
19. Fheara-pòsda, gràdhaichibh ur mnathan, agus na bithibh searbh nan aghaidh.
20. A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns na h‑uile nithean: oir tha seo taitneach don Tighearna.
21. Athraichean, na brosnaichibh ur clann a‑chum feirge, air eagal gun caill iad am misneach.
22. A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, anns na h‑uile nithean; chan ann le seirbhis-sùl, mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach ann an treibhdhireas cridhe, ann an eagal Dhè:
23. Agus ge bè air bith nì a nì sibh, dèanaibh o ur cridhe e, mar don Tighearna, agus chan ann do dhaoine;
24. Air dhuibh fios a bhith agaibh gum faigh sibh on Tighearna duais na h‑oighreachd: oir is ann don Tighearna Crìosd a tha sibh a’ dèanamh seirbhis.
25. Ach an tì a nì eucoir, gheibh e toillteanas na h‑eucoir a rinn e: agus chan eil leth-bhreith ann.