Ieremiah 5:1-31 |
1. Ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh air feadh sràidean Ierusaleim, agus faicibh a‑nis, agus biodh fhios agaibh, agus iarraibh na h‑ionadan farsaing, am faigh sibh aon duine, a bheil neach sam bith ann a tha a’ cur an gnìomh breitheanais, a tha ag iarraidh na fìrinn; agus bheir mise dhi maitheanas. |
2. Ach ged their iad, Mar as beò an Tighearna, gu deimhinn tha iad a’ mionnachadh gu breugach. |
3. O Thighearna, nach eil do shùilean-sa air an fhìrinn? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh. |
4. An sin thubhairt mise, Gu cinnteach is iad seo na daoine ìosal; tha iad gun chèill, a chionn nach aithne dhaibh slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. |
5. Ruigidh mi na daoine uasal agus labhraidh mi riùsan; oir is aithne dhaibhsan slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. Ach spealg iad seo gu h‑iomlan a’ chuing, sgaoil iad as a chèile na cuibhrichean. |
6. Uime sin nì leòmhann as a’ choille an sgrios, nì madadh-allaidh an fhàsaich am milleadh; nì liopard faire os cionn am bailtean: gach aon a thèid a‑mach asda reubar e na bhloighdean; a chionn gu bheil an lochdan lìonmhor, an cùl-sleamhnachadh minig. |
7. Cionnas a mhaitheas mi seo dhut? Thrèig do chlann mise, agus mhionnaich iad orra sin nach eil idir nan diathan: nuair a shàsaich mise iad le lòn, an sin rinn iad adhaltranas, agus ann an taigh na strìopaich chruinnich iad nam buidhnean. |
8. Bha iad mar òg‑eich bhiadhte anns a’ mhadainn; gach aon a’ sitrich an dèidh bean a choimhearsnaich. |
9. Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna; agus air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas? |
10. Rachaibh-se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna. |
11. Oir bhuin taigh Israeil agus taigh Iùdah gu ro‑chealgach riumsa, deir an Tighearna. |
12. Dh’àich iad an Tighearna, agus thubhairt iad, Chan e a tha ann; cha mhò a thig olc oirnn; agus an claidheamh no a’ ghort chan fhaic sinn. |
13. Ach bidh na fàidhean mar ghaoith; agus chan eil am facal annta: mar seo nìthear orra fhèin. |
14. Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh: A chionn gu bheil sibh a’ labhairt an fhacail seo, feuch, nì mise m’fhacal ann ad bheul-sa na theine, agus an sluagh seo nan connadh, agus loisgidh e suas iad. |
15. Feuch, bheir mi nur n‑aghaidh cinneach o chèin, O thaigh Israeil, deir an Tighearna: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro‑shean e; cinneach nach aithne dhut an cainnt, cha mhò a thuigeas tu ciod a their iad. |
16. Tha am balg-saighead mar uaigh fhosgailte; tha iad uile nan daoine treuna. |
17. Agus caithidh iad d’fhogharadh agus d’aran; caithidh iad do mhic agus do nigheanan; caithidh iad do chaoraich agus do chrodh; caithidh iad d’fhìonainean agus do chroinn-fhìge; nì iad bochd leis a’ chlaidheamh na bailtean daingnichte anns an robh thu a’ cur do dhòchais. |
18. Gidheadh anns na làithean sin, deir an Tighearna, cha toir mi crìoch iomlan oirbh. |
19. Agus tàrlaidh, nuair a their sibh, Cuime an do rinn an Tighearna ar Dia rinn na nithean seo uile? An sin freagraidh tusa iad, Amhail a thrèig sibhse mise, is a rinn sibh seirbhis do dhiathan coimheach nur tìr, mar sin nì sibh seirbhis do choigrich ann an dùthaich nach leibh fhèin. |
20. Innsibh-se seo ann an taigh Iàcoib, agus cuiribh an cèill e ann an Iùdah, ag ràdh, |
21. Eisdibh seo a‑nis, O shluagh amaideach agus mhì-chèillidh, aig a bheil sùilean, ach nach faic; aig a bheil cluasan, ach nach cluinn. |
22. Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide? |
23. Ach aig an t‑sluagh seo tha cridhe eas-umhail agus ceannairceach: chaidh iad air an ais, agus dh’imich iad air falbh. |
24. Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son. |
25. Thill ur n‑aingidheachd na nithean seo air falbh; agus chùm ur lochdan an nì a tha math air ais uaibh. |
26. Oir gheibhear am measg mo shluaigh-sa droch dhaoine: tha iad ri feall-fhalach, mar neach a’ suidheachadh lìon; tha iad a’ leagadh ribe, tha iad a’ glacadh dhaoine. |
27. Mar chliabh a tha làn eun, mar sin tha an taighean làn de cheilg: uime sin tha iad air fàs mòr, agus air cinntinn saoibhir. |
28. Tha iad air fàs reamhar, tha iad dealrach: seadh, thug iad bàrr air gnìomharan nan aingidh: chan eil iad a’ toirt breith air a’ chùis, cùis an dìlleachdain, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh; agus còir an uireasbhaich chan eil iad a’ seasamh. |
29. Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas? |
30. Tha nì uamhasach agus ro‑eagalach ga chur an gnìomh anns an tìr: |
31. Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise? |
Ieremiah 6:1-30 |
1. Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath, agus dòrainn mhòr. |
2. Cosmhail ri àite-ionaltraidh taitneach rinn mise nighean Shion. |
3. Da h‑ionnsaigh thig na buachaillean len treudan: suidhichidh iad am pàilleanan na h‑aghaidh air gach taobh; ionaltraidh iad gach aon na àite fhèin. |
4. Deasaichibh cogadh na h‑aghaidh. Eiribh, agus rachamaid suas mu mheadhon là. Mo thruaighe sinne! Oir tha an là air dol seachad; oir tha dubharan an anmoich air an sìneadh a‑mach. |
5. Eiribh, agus rachamaid suas anns an oidhche, agus milleamaid a lùchairtean. |
6. Oir mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Gearraibh sìos craobhan, agus tilgibh tòrr an aghaidh Ierusaleim: is i seo a’ chathair a tha gu bhith air a smachdachadh; is fòirneart i gu h‑iomlan an taobh a‑staigh dhith. |
7. Amhail a chuireas tobar a‑mach uisgeachan, mar sin tha ise a’ cur a‑mach a droch-bheairt: tha ainneart agus creach ri chluinntinn innte: am làthair-sa a‑ghnàth tha bròn agus lotadh. |
8. Gabh fòghlam, O Ierusaleim, air eagal gun dealaich m’anam riut; air eagal gun dèan mi fàsach dhìot, fearann neo-àitichte. |
9. Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dìoghlamaidh iad gu buileach mar fhìonain iarmad Israeil: till air a h‑ais do làmh, mar fhear-tionail nam fìondhearcan gus na cliabhan. |
10. Cò ris an labhair mi, agus don toir mi rabhadh, air chor is gun cluinn iad? Feuch, tha an cluas gun timcheall-ghearradh, agus chan urrainn iad èisdeachd: feuch, tha facal Iehòbhah dhaibhsan na mhasladh; chan eil tlachd aca ann. |
11. Air an adhbhar sin tha mise làn de chorraich an Tighearna: tha mi sgìth ga cumail a‑steach: dòirtidh mi a‑mach i air a’ chloinn anns na sràidean, agus air an òigridh a tha cruinn le chèile: seadh, glacar am fear, agus fòs a’ bhean, an t‑aosda, maille ris an tì bhios làn de làithean. |
12. Agus bheirear thairis an taighean do dhaoine eile, am fearann agus na mnathan mar an ceudna; oir sìnidh mise mo làmh a‑mach an aghaidh luchd-àiteachaidh na tìre, deir an Tighearna. |
13. Oir on aon as lugha gus an aon as mò dhiubh, tha gach neach ga thoirt fhèin suas da ana-miannan; agus on fhàidh fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge. |
14. Leighis iad mar an ceudna lot nighean mo shluaigh-sa gu faoin, ag ràdh, Sìth, sìth; agus gun sìth ann. |
15. An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha do ghabh iad nàire air aon chor; cha mhò a bha rudhadh air an gruaidh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc, tilgear sìos iad, deir an Tighearna. |
16. Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte. |
17. Chuir mi mar an ceudna luchd-faire os ur cionn, ag ràdh, Eisdibh ri fuam na trompaid. Ach thubhairt iadsan, Chan èisd sinn. |
18. Uime sin cluinnibh, O fhineachan, is biodh fhios agaibh, O choitheanail; an nì sin a tha nam measg cluinn, O thalamh! |
19. Feuch, bheir mise dòrainn air an t‑sluagh seo, toradh an smuaintean fhèin; a chionn nach tug iad èisdeachd dom bhriathran; agus a‑thaobh mo reachd, chuir iad eadhon cùl ris. |
20. Cuime an tig thugamsa tùis o Shèba, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad as? Chan eil ur tabhartasan-loisgte taitneach, cha mhò a tha tlachd agamsa nur n‑ìobairtean. |
21. Air an adhbhar sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, leagaidh mi ceapan-tuislidh an rathad an t‑sluaigh seo, agus tuitidh na h‑athraichean agus na mic orra; an coimhearsnach agus a charaid bàsaichidh le chèile. |
22. Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha sluagh a’ teachd o fhearann na h‑àird a tuath, agus dùisgear cinneach mòr o chrìochan na talmhainn. |
23. Glacaidh iad am bogha agus an t‑sleagh: tha iad an‑iochdmhor, agus cha ghabh iad truas; beucaidh an guth mar an fhairge agus marcaichidh iad air eich, air an tarraing an òrdagh mar dhaoine gu cogadh ann ad aghaidh-sa, O nighean Shioin. |
24. Chuala sinn iomradh air seo: dh’fhàs ar làmhan lag: tha goimh air dèanamh greim oirnn; pian, amhail mnà ri saothair chloinne. |
25. Na rachaibh a‑mach don mhachair, na siùbhlaibh anns an t‑slighe; oir an sin tha claidheamh an nàmhaid, uamhas air gach taobh. |
26. O nighean mo shluaigh, èid thu fhèin le aodach-saic, agus aornagain thu fhèin ann an luaithre: dèan caoidh mar airson aon mhic, cumha ro‑gheur: oir gu h‑obann thig an creachadair oirnn. |
27. Shònraich mi thusa gu bhith ad bhaideal, ad dhaingneach am measg mo shluaigh; agus aithnichidh tu, agus dearbhaidh tu an slighe. |
28. Tha iad uile nan daoine a thug barrachd ann an ceannairc, a’ gluasad gu cealgach: is umha agus iarann iad; an t‑iomlan dhiubh nan innealan truaillidheachd. |
29. Loisgeadh na builg leis an teine, chaitheadh an luaithe; leagh am fear-leaghaidh gu dìomhain; oir chan eil iadsan a tha olc air an sgaradh air falbh: |
30. Airgead nach fiù theirear riu, a chionn gun do chuir an Tighearna cùl riu. |
Salm 117:1-2 |
1. Molaibh an Tighearna, sibhse a chinneacha uile; molaibh e, a shlòigh uile; |
2. Oir is mòr a thròcair chaomh dar taobh-ne; agus mairidh fìrinn an Tighearna gu bràth. Molaibh-se an Tighearna. |
Gnàth-fhacal 27:3-4 |
3. Is trom clach, agus is cudthromach a’ ghaineamh; ach is truime corraich amadain na iad le chèile. |
4. Is an‑iochdmhor corraich, agus mar thuil tha fearg: ach cò as urrainn seasamh am fianais tnù? |
Colosianach 1:1-29 |
1. Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus ar bràthair, |
2. A‑chum nan naomh agus nam bràthair dìleas ann an Crìosd, a tha ann an Colose: gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus an Tighearna Iosa Crìosd. |
3. Tha sinn a’ toirt buidheachais do Dhia, agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a’ sìor-dhèanamh ùrnaigh air ur son-se; |
4. O chuala sinn iomradh ur creidimh ann an Iosa Crìosd, agus ur gràidh do na naoimh uile; |
5. Airson an dòchais a tha air a thasgadh fa ur comhair air nèamh, air an cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil: |
6. A thàinig dur n‑ionnsaigh-se, mar anns an t‑saoghal uile; agus a tha a’ toirt toraidh uaithe, mar a tha e a’ dèanamh mar an ceudna nur measg-se, on là anns an cuala sibh e, agus anns an d’fhuair sibh eòlas air gràs Dhè ann am fìrinn. |
7. A rèir fòs mar a dh’fhòghlaim sibh o Epaphras, ar co‑sheirbhiseach gràdhach-ne, a tha air ur son-se na mhinistear dìleas do Chrìosd; |
8. A chuir an cèill dhuinne mar an ceudna ur gràdh-se anns an Spiorad. |
9. Air an adhbhar seo, chan eil sinne mar an ceudna a’ sgur on là a chuala sinn e, a dhèanamh ùrnaigh air ur son-se, agus a ghuidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoile, anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail; |
10. A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè; |
11. Air ur neartachadh leis an uile neart a rèir a chumhachd ghlòrmhoir-san, a‑chum an uile fhoighidinn agus fhad-fhulangais maille ri gàirdeachas; |
12. A’ tabhairt buidheachais don Athair, a rinn sinn iomchaidh a‑chum a bhith nar luchd-compàirt de oighreachd nan naomh anns an t‑solas: |
13. A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh-san: |
14. Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil, eadhon maitheanas nam peacaidhean: |
15. Neach as e ìomhaigh an Dè neo-fhaicsinnich, ciad-ghin a’ chruthachaidh uile: |
16. Oir is ann leis-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo-fhaicsinneach, mas àrd-chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis-san agus air a shon-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean: |
17. Agus tha esan ro na h‑uile nithean, agus trìdsan tha na h‑uile nithean a’ co‑sheasamh. |
18. Agus is e ceann a’ chuirp, eadhon na h‑eaglais: neach as e an toiseach, an ciad-ghin o na mairbh; a‑chum gum biodh aige àrd-cheannas anns na h‑uile. |
19. Oir b’e deagh thoil an Athar gun còmhnaicheadh gach uile iomlanachd annsan; |
20. Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn-cheusaidh-san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh. |
21. Agus sibhse a bha uaireigin nur coimhich, agus nur naimhdean nur n‑inntinn a‑thaobh dhroch obraichean, a‑nis rinn e rèidh ris fhèin, |
22. Ann an corp a fheòla fhèin tre an bhàs, a‑chum sibhse a chur naomh, agus neo-lochdach, agus neo-choireach, na làthair: |
23. Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear. |
24. Tha mi a‑nis a’ dèanamh gàirdeachais ann am fhulangais air ur son-se, agus a’ coileanadh a mheud is a tha a dhèidh-làimh de àmhgharan Chrìosd ann am fheòil, airson a chuirp-san, eadhon na h‑eaglais: |
25. Don do rinneadh mise am mhinistear, a rèir stiùbhartachd Dhè a thugadh dhomh air ur son-se, a choileanadh facal Dhè; |
26. Eadhon an rùn-diamhair a bha falaichte o na linntean, agus o na ginealaichean a chaidh seachad, ach a‑nis a tha air fhoillseachadh da naoimh-san: |
27. Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire; |
28. Neach a tha sinne a’ searmonachadh, a’ toirt rabhaidh do gach duine, agus a’ teagasg gach uile dhuine anns an uile ghliocas; a‑chum gun nochd sinn gach uile dhuine na làthair-san iomlan ann an Iosa Crìosd: |
29. An nì a‑chum a bheil mise mar an ceudna a’ saothrachadh, a’ dèanamh spàirn a rèir a obrachaidh-san, a tha ag obrachadh annam gu cumhachdach. |