A A A A A
Bible in one year
October 10

Ieremiah 5:1-31
1. Ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh air feadh sràidean Ierusaleim, agus faicibh a‑nis, agus biodh fhios agaibh, agus iarraibh na h‑ionadan farsaing, am faigh sibh aon duine, a bheil neach sam bith ann a tha a’ cur an gnìomh breitheanais, a tha ag iarraidh na fìrinn; agus bheir mise dhi maitheanas.
2. Ach ged their iad, Mar as beò an Tighearna, gu deimhinn tha iad a’ mionnachadh gu breugach.
3. O Thighearna, nach eil do shùilean-sa air an fhìrinn? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh.
4. An sin thubhairt mise, Gu cinnteach is iad seo na daoine ìosal; tha iad gun chèill, a chionn nach aithne dhaibh slighe an Tighearna, breitheanas an Dè.
5. Ruigidh mi na daoine uasal agus labhraidh mi riùsan; oir is aithne dhaibhsan slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. Ach spealg iad seo gu h‑iomlan a’ chuing, sgaoil iad as a chèile na cuibhrichean.
6. Uime sin nì leòmhann as a’ choille an sgrios, nì madadh-allaidh an fhàsaich am milleadh; nì liopard faire os cionn am bailtean: gach aon a thèid a‑mach asda reubar e na bhloighdean; a chionn gu bheil an lochdan lìonmhor, an cùl-sleamhnachadh minig.
7. Cionnas a mhaitheas mi seo dhut? Thrèig do chlann mise, agus mhionnaich iad orra sin nach eil idir nan diathan: nuair a shàsaich mise iad le lòn, an sin rinn iad adhaltranas, agus ann an taigh na strìopaich chruinnich iad nam buidhnean.
8. Bha iad mar òg‑eich bhiadhte anns a’ mhadainn; gach aon a’ sitrich an dèidh bean a choimhearsnaich.
9. Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna; agus air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?
10. Rachaibh-se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna.
11. Oir bhuin taigh Israeil agus taigh Iùdah gu ro‑chealgach riumsa, deir an Tighearna.
12. Dh’àich iad an Tighearna, agus thubhairt iad, Chan e a tha ann; cha mhò a thig olc oirnn; agus an claidheamh no a’ ghort chan fhaic sinn.
13. Ach bidh na fàidhean mar ghaoith; agus chan eil am facal annta: mar seo nìthear orra fhèin.
14. Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh: A chionn gu bheil sibh a’ labhairt an fhacail seo, feuch, nì mise m’fhacal ann ad bheul-sa na theine, agus an sluagh seo nan connadh, agus loisgidh e suas iad.
15. Feuch, bheir mi nur n‑aghaidh cinneach o chèin, O thaigh Israeil, deir an Tighearna: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro‑shean e; cinneach nach aithne dhut an cainnt, cha mhò a thuigeas tu ciod a their iad.
16. Tha am balg-saighead mar uaigh fhosgailte; tha iad uile nan daoine treuna.
17. Agus caithidh iad d’fhogharadh agus d’aran; caithidh iad do mhic agus do nigheanan; caithidh iad do chaoraich agus do chrodh; caithidh iad d’fhìonainean agus do chroinn-fhìge; nì iad bochd leis a’ chlaidheamh na bailtean daingnichte anns an robh thu a’ cur do dhòchais.
18. Gidheadh anns na làithean sin, deir an Tighearna, cha toir mi crìoch iomlan oirbh.
19. Agus tàrlaidh, nuair a their sibh, Cuime an do rinn an Tighearna ar Dia rinn na nithean seo uile? An sin freagraidh tusa iad, Amhail a thrèig sibhse mise, is a rinn sibh seirbhis do dhiathan coimheach nur tìr, mar sin nì sibh seirbhis do choigrich ann an dùthaich nach leibh fhèin.
20. Innsibh-se seo ann an taigh Iàcoib, agus cuiribh an cèill e ann an Iùdah, ag ràdh,
21. Eisdibh seo a‑nis, O shluagh amaideach agus mhì-chèillidh, aig a bheil sùilean, ach nach faic; aig a bheil cluasan, ach nach cluinn.
22. Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?
23. Ach aig an t‑sluagh seo tha cridhe eas-umhail agus ceannairceach: chaidh iad air an ais, agus dh’imich iad air falbh.
24. Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son.
25. Thill ur n‑aingidheachd na nithean seo air falbh; agus chùm ur lochdan an nì a tha math air ais uaibh.
26. Oir gheibhear am measg mo shluaigh-sa droch dhaoine: tha iad ri feall-fhalach, mar neach a’ suidheachadh lìon; tha iad a’ leagadh ribe, tha iad a’ glacadh dhaoine.
27. Mar chliabh a tha làn eun, mar sin tha an taighean làn de cheilg: uime sin tha iad air fàs mòr, agus air cinntinn saoibhir.
28. Tha iad air fàs reamhar, tha iad dealrach: seadh, thug iad bàrr air gnìomharan nan aingidh: chan eil iad a’ toirt breith air a’ chùis, cùis an dìlleachdain, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh; agus còir an uireasbhaich chan eil iad a’ seasamh.
29. Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?
30. Tha nì uamhasach agus ro‑eagalach ga chur an gnìomh anns an tìr:
31. Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?

Ieremiah 6:1-30
1. Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath, agus dòrainn mhòr.
2. Cosmhail ri àite-ionaltraidh taitneach rinn mise nighean Shion.
3. Da h‑ionnsaigh thig na buachaillean len treudan: suidhichidh iad am pàilleanan na h‑aghaidh air gach taobh; ionaltraidh iad gach aon na àite fhèin.
4. Deasaichibh cogadh na h‑aghaidh. Eiribh, agus rachamaid suas mu mheadhon là. Mo thruaighe sinne! Oir tha an là air dol seachad; oir tha dubharan an anmoich air an sìneadh a‑mach.
5. Eiribh, agus rachamaid suas anns an oidhche, agus milleamaid a lùchairtean.
6. Oir mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Gearraibh sìos craobhan, agus tilgibh tòrr an aghaidh Ierusaleim: is i seo a’ chathair a tha gu bhith air a smachdachadh; is fòirneart i gu h‑iomlan an taobh a‑staigh dhith.
7. Amhail a chuireas tobar a‑mach uisgeachan, mar sin tha ise a’ cur a‑mach a droch-bheairt: tha ainneart agus creach ri chluinntinn innte: am làthair-sa a‑ghnàth tha bròn agus lotadh.
8. Gabh fòghlam, O Ierusaleim, air eagal gun dealaich m’anam riut; air eagal gun dèan mi fàsach dhìot, fearann neo-àitichte.
9. Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dìoghlamaidh iad gu buileach mar fhìonain iarmad Israeil: till air a h‑ais do làmh, mar fhear-tionail nam fìondhearcan gus na cliabhan.
10. Cò ris an labhair mi, agus don toir mi rabhadh, air chor is gun cluinn iad? Feuch, tha an cluas gun timcheall-ghearradh, agus chan urrainn iad èisdeachd: feuch, tha facal Iehòbhah dhaibhsan na mhasladh; chan eil tlachd aca ann.
11. Air an adhbhar sin tha mise làn de chorraich an Tighearna: tha mi sgìth ga cumail a‑steach: dòirtidh mi a‑mach i air a’ chloinn anns na sràidean, agus air an òigridh a tha cruinn le chèile: seadh, glacar am fear, agus fòs a’ bhean, an t‑aosda, maille ris an tì bhios làn de làithean.
12. Agus bheirear thairis an taighean do dhaoine eile, am fearann agus na mnathan mar an ceudna; oir sìnidh mise mo làmh a‑mach an aghaidh luchd-àiteachaidh na tìre, deir an Tighearna.
13. Oir on aon as lugha gus an aon as mò dhiubh, tha gach neach ga thoirt fhèin suas da ana-miannan; agus on fhàidh fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.
14. Leighis iad mar an ceudna lot nighean mo shluaigh-sa gu faoin, ag ràdh, Sìth, sìth; agus gun sìth ann.
15. An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha do ghabh iad nàire air aon chor; cha mhò a bha rudhadh air an gruaidh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc, tilgear sìos iad, deir an Tighearna.
16. Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.
17. Chuir mi mar an ceudna luchd-faire os ur cionn, ag ràdh, Eisdibh ri fuam na trompaid. Ach thubhairt iadsan, Chan èisd sinn.
18. Uime sin cluinnibh, O fhineachan, is biodh fhios agaibh, O choitheanail; an nì sin a tha nam measg cluinn, O thalamh!
19. Feuch, bheir mise dòrainn air an t‑sluagh seo, toradh an smuaintean fhèin; a chionn nach tug iad èisdeachd dom bhriathran; agus a‑thaobh mo reachd, chuir iad eadhon cùl ris.
20. Cuime an tig thugamsa tùis o Shèba, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad as? Chan eil ur tabhartasan-loisgte taitneach, cha mhò a tha tlachd agamsa nur n‑ìobairtean.
21. Air an adhbhar sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, leagaidh mi ceapan-tuislidh an rathad an t‑sluaigh seo, agus tuitidh na h‑athraichean agus na mic orra; an coimhearsnach agus a charaid bàsaichidh le chèile.
22. Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha sluagh a’ teachd o fhearann na h‑àird a tuath, agus dùisgear cinneach mòr o chrìochan na talmhainn.
23. Glacaidh iad am bogha agus an t‑sleagh: tha iad an‑iochdmhor, agus cha ghabh iad truas; beucaidh an guth mar an fhairge agus marcaichidh iad air eich, air an tarraing an òrdagh mar dhaoine gu cogadh ann ad aghaidh-sa, O nighean Shioin.
24. Chuala sinn iomradh air seo: dh’fhàs ar làmhan lag: tha goimh air dèanamh greim oirnn; pian, amhail mnà ri saothair chloinne.
25. Na rachaibh a‑mach don mhachair, na siùbhlaibh anns an t‑slighe; oir an sin tha claidheamh an nàmhaid, uamhas air gach taobh.
26. O nighean mo shluaigh, èid thu fhèin le aodach-saic, agus aornagain thu fhèin ann an luaithre: dèan caoidh mar airson aon mhic, cumha ro‑gheur: oir gu h‑obann thig an creachadair oirnn.
27. Shònraich mi thusa gu bhith ad bhaideal, ad dhaingneach am measg mo shluaigh; agus aithnichidh tu, agus dearbhaidh tu an slighe.
28. Tha iad uile nan daoine a thug barrachd ann an ceannairc, a’ gluasad gu cealgach: is umha agus iarann iad; an t‑iomlan dhiubh nan innealan truaillidheachd.
29. Loisgeadh na builg leis an teine, chaitheadh an luaithe; leagh am fear-leaghaidh gu dìomhain; oir chan eil iadsan a tha olc air an sgaradh air falbh:
30. Airgead nach fiù theirear riu, a chionn gun do chuir an Tighearna cùl riu.

Salm 117:1-2
1. Molaibh an Tighearna, sibhse a chinneacha uile; molaibh e, a shlòigh uile;
2. Oir is mòr a thròcair chaomh dar taobh-ne; agus mairidh fìrinn an Tighearna gu bràth. Molaibh-se an Tighearna.

Gnàth-fhacal 27:3-4
3. Is trom clach, agus is cudthromach a’ ghaineamh; ach is truime corraich amadain na iad le chèile.
4. Is an‑iochdmhor corraich, agus mar thuil tha fearg: ach cò as urrainn seasamh am fianais tnù?

Colosianach 1:1-29
1. Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus ar bràthair,
2. A‑chum nan naomh agus nam bràthair dìleas ann an Crìosd, a tha ann an Colose: gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus an Tighearna Iosa Crìosd.
3. Tha sinn a’ toirt buidheachais do Dhia, agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a’ sìor-dhèanamh ùrnaigh air ur son-se;
4. O chuala sinn iomradh ur creidimh ann an Iosa Crìosd, agus ur gràidh do na naoimh uile;
5. Airson an dòchais a tha air a thasgadh fa ur comhair air nèamh, air an cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil:
6. A thàinig dur n‑ionnsaigh-se, mar anns an t‑saoghal uile; agus a tha a’ toirt toraidh uaithe, mar a tha e a’ dèanamh mar an ceudna nur measg-se, on là anns an cuala sibh e, agus anns an d’fhuair sibh eòlas air gràs Dhè ann am fìrinn.
7. A rèir fòs mar a dh’fhòghlaim sibh o Epaphras, ar co‑sheirbhiseach gràdhach-ne, a tha air ur son-se na mhinistear dìleas do Chrìosd;
8. A chuir an cèill dhuinne mar an ceudna ur gràdh-se anns an Spiorad.
9. Air an adhbhar seo, chan eil sinne mar an ceudna a’ sgur on là a chuala sinn e, a dhèanamh ùrnaigh air ur son-se, agus a ghuidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoile, anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail;
10. A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè;
11. Air ur neartachadh leis an uile neart a rèir a chumhachd ghlòrmhoir-san, a‑chum an uile fhoighidinn agus fhad-fhulangais maille ri gàirdeachas;
12. A’ tabhairt buidheachais don Athair, a rinn sinn iomchaidh a‑chum a bhith nar luchd-compàirt de oighreachd nan naomh anns an t‑solas:
13. A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh-san:
14. Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil, eadhon maitheanas nam peacaidhean:
15. Neach as e ìomhaigh an Dè neo-fhaicsinnich, ciad-ghin a’ chruthachaidh uile:
16. Oir is ann leis-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo-fhaicsinneach, mas àrd-chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis-san agus air a shon-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean:
17. Agus tha esan ro na h‑uile nithean, agus trìdsan tha na h‑uile nithean a’ co‑sheasamh.
18. Agus is e ceann a’ chuirp, eadhon na h‑eaglais: neach as e an toiseach, an ciad-ghin o na mairbh; a‑chum gum biodh aige àrd-cheannas anns na h‑uile.
19. Oir b’e deagh thoil an Athar gun còmhnaicheadh gach uile iomlanachd annsan;
20. Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn-cheusaidh-san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh.
21. Agus sibhse a bha uaireigin nur coimhich, agus nur naimhdean nur n‑inntinn a‑thaobh dhroch obraichean, a‑nis rinn e rèidh ris fhèin,
22. Ann an corp a fheòla fhèin tre an bhàs, a‑chum sibhse a chur naomh, agus neo-lochdach, agus neo-choireach, na làthair:
23. Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.
24. Tha mi a‑nis a’ dèanamh gàirdeachais ann am fhulangais air ur son-se, agus a’ coileanadh a mheud is a tha a dhèidh-làimh de àmhgharan Chrìosd ann am fheòil, airson a chuirp-san, eadhon na h‑eaglais:
25. Don do rinneadh mise am mhinistear, a rèir stiùbhartachd Dhè a thugadh dhomh air ur son-se, a choileanadh facal Dhè;
26. Eadhon an rùn-diamhair a bha falaichte o na linntean, agus o na ginealaichean a chaidh seachad, ach a‑nis a tha air fhoillseachadh da naoimh-san:
27. Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;
28. Neach a tha sinne a’ searmonachadh, a’ toirt rabhaidh do gach duine, agus a’ teagasg gach uile dhuine anns an uile ghliocas; a‑chum gun nochd sinn gach uile dhuine na làthair-san iomlan ann an Iosa Crìosd:
29. An nì a‑chum a bheil mise mar an ceudna a’ saothrachadh, a’ dèanamh spàirn a rèir a obrachaidh-san, a tha ag obrachadh annam gu cumhachdach.