A A A A A
Bible in one year
January 30

Ecsodus 9:1-35
1. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus innis dha, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:
2. Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gun cùm thu iad fhathast,
3. Feuch, bidh làmh an Tighearna air do sprèidh a tha anns a’ mhachair, air na h‑eich, air na h‑asail, air na càmhail, air a’ chrodh, agus air na caoraich: bidh plàigh ro‑mhòr ann.
4. Agus cuiridh an Tighearna dealachadh eadar sprèidh Israeil, agus chan fhaigh a’ bheag bàs a dh’aon nì as le cloinn Israeil.
5. Agus shuidhich an Tighearna àm, ag ràdh, A‑màireach nì an Tighearna an nì seo anns an tìr.
6. Agus rinn an Tighearna an nì sin air an là màireach, agus fhuair sprèidh na h‑Eiphit uile bàs: ach de sprèidh chloinn Israeil cha d’fhuair a h‑aon bàs.
7. Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus, feuch, cha robh eadhon a h‑aon de sprèidh nan Israeleach marbh. Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e an sluagh air falbh.
8. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, Gabhaibh dhuibh fhèin làn ur glac de luaith an teallaich, agus crathadh Maois i ri nèamh ann an sealladh Phàraoh:
9. Agus bidh i na duslach mìn air feadh tìr na h‑Eiphit uile, agus bidh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh, air feadh tìr na h‑Eiphit uile.
10. Agus ghabh iad luath an teallaich, agus sheas iad an làthair Phàraoh, agus chrath Maois i ri nèamh: agus rinneadh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh.
11. Agus cha b’urrainn na draoidhean seasamh an làthair Mhaois airson nan neasgaid; oir bha an neasgaid air na draoidhean, agus air na h‑Eiphitich uile.
12. Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu; mar a labhair an Tighearna ri Maois.
13. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.
14. Oir air an àm seo cuiridh mise mo phlàighean uile air do chridhe-sa, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh; a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail riumsa anns an talamh uile.
15. Oir a‑nis sìnidh mi a‑mach mo làmh, agus buailidh mi thu fhèin agus do shluagh le plàigh; agus gearrar as thu on talamh.
16. Agus gu deimhinn airson seo thog mi suas thu, a‑chum is gun nochdainn annad mo chumhachd, agus gum biodh m’ainm iomraiteach anns an domhan uile.
17. A bheil thu fhathast gad àrdachadh fhèin an aghaidh mo shluaigh, air chor is nach leig thu leo imeachd?
18. Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich-mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Eiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis.
19. Uime sin a‑nis cuir fios uat, agus cruinnich do sprèidh, agus gach nì a tha agad anns a’ mhachair; oir air gach duine agus ainmhidh a gheibhear anns a’ mhachair, agus nach cruinnichear dhachaigh, thig a’ chlach-mheallain a‑nuas, agus gheibh iad bàs.
20. An tì a ghabh eagal ro fhacal an Tighearna am measg seirbhisich Phàraoh, thug e air a sheirbhisich agus air a sprèidh teicheadh do na taighean.
21. Agus esan nach do ghabh suim de fhacal an Tighearna, dh’fhàg e a sheirbhisich agus a sprèidh anns a’ mhachair.
22. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh gu nèamh, a‑chum is gum bi clach-mheallain ann an tìr na h‑Eiphit uile, air duine, agus air ainmhidh, agus air uile luibh na machrach ann an tìr na h‑Eiphit.
23. Agus shìn Maois a‑mach a shlat gu nèamh; agus rinn an Tighearna tàirneanach agus clach-mheallain, agus ruith tein-adhair air uachdar na talmhainn; agus fhras an Tighearna clach-mheallain air tìr na h‑Eiphit.
24. Mar seo bha clach-mheallain ann, agus teine measgte leis a’ chloich-mheallain, ro‑mhòr, aig nach robh a samhail ann an tìr na h‑Eiphit uile o rinneadh dùthaich dhith.
25. Agus bhuail a’ chlach-mheallain air feadh tìr na h‑Eiphit uile gach nì a bha anns a’ mhachair, araon duine agus ainmhidh: agus bhuail a’ chlach-mheallain uile luibh na machrach, agus bhris i uile chraobhan na machrach.
26. A‑mhàin ann an tìr Ghòsein, far an robh clann Israeil, cha robh clach-mheallain.
27. Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e riu, Pheacaich mi an uair seo: tha an Tighearna ceart, agus mise agus mo shluagh aingidh.
28. Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.
29. Agus thubhairt Maois ris, Cho luath is a thèid mise a‑mach as a’ bhaile, sìnidh mì mo làmhan a‑mach a‑chum an Tighearna: agus sguiridh an tàirneanach, agus cha bhi a’ chlach-mheallain ann nas mò; a‑chum is gum bi fhios agad gur leis an Tighearna an talamh.
30. Ach air do shon-sa, agus airson do sheirbhiseach, tha fhios agam nach bi eagal oirbh fhathast ron Tighearna Dia.
31. Agus bhuaileadh an lìon agus an t‑eòrna; oir bha an t‑eòrna fo dhèis, agus an lìon fo fhrois.
32. Ach cha do bhuaileadh an cruithneachd agus an seagal: oir cha robh iad air fàs suas.
33. Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh as a’ bhaile, agus shìn e a‑mach a làmhan a‑chum an Tighearna; agus sguir an tàirneanach agus a’ chlach-mheallain, agus cha do dhòirteadh an t‑uisge air an talamh.
34. Agus nuair a chunnaic Phàraoh gun do sguir an t‑uisge, agus a’ chlach-mheallain, agus an tàirneanach, pheacaich e fhathast mar an ceudna, agus chruadhaich e a chridhe, e fhèin agus a sheirbhisich.
35. Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e clann Israeil air falbh, mar a labhair an Tighearna le Maois.

Ecsodus 10:1-29
1. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a‑steach gu Phàraoh; oir chruadhaich mi a chridhe, agus cridhe a sheirbhiseach, a‑chum gun nochdainn iad sin mo chomharraidhean na làthair:
2. Agus gun innseadh tu ann an cluasan do mhic, agus mac do mhic, na nithean a dh’obraich mi anns an Eiphit, agus mo chomharraidhean a rinn mi nam measg; agus gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna.
3. Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:
4. Ach ma dhiùltas tu leigeadh lem shluagh imeachd, feuch, bheir mise a‑màireach na lòcaist a‑steach dod chrìochan:
5. Agus còmhdaichidh iad aghaidh na talmhainn, air chor is nach urrainn neach an talamh fhaicinn: agus ithidh iad fuidheall an nì sin a thèid as, a dh’fhanas agaibh on chloich-mheallain, agus ithidh iad gach craobh a tha a’ fàs dhuibh as a’ mhachair.
6. Agus lìonaidh iad do thaighean, agus taighean do sheirbhiseach uile, agus taighean nan Eiphiteach uile; nì nach faca aon chuid d’athraichean, no athraichean d’athraichean, on là a bha iad air an talamh gus an là‑an‑diugh. Agus thill e e fhèin, agus chaidh e a‑mach o Phàraoh.
7. Agus thubhairt seirbhisich Phàraoh ris, Cia fhada a bhios an duine seo na ribe dhuinne? Leig leis na daoine falbh, a‑chum gun dèan iad seirbhis don Tighearna an Dia: nach eil fhios agad fhathast gu bheil an Eiphit air a milleadh?
8. Agus thugadh Maois agus Aaron a‑rìs gu Phàraoh: agus thubhairt e riu, Rachaibh, dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia: ach cò iad a thèid?
9. Agus thubhairt Maois, Le ar n‑òigridh agus le ar daoine aosmhor thèid sinn; le ar mic agus le ar buar thèid sinn; oir is èiginn dhuinn fèill a chumail don Tighearna.
10. Agus thubhairt e riu, Gu robh an Tighearna mar sin maille ribh, mar a leigeas mise leibh fhèin agus le ur cloinn bhig imeachd: amhaircibh, oir tha olc romhaibh.
11. Chan ann mar sin: imichibh a‑nis, sibhse a tha nur daoine, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna, oir is e seo an nì a dh’iarr sibh. Agus dh’fhuadaicheadh a‑mach iad à làthair Phàraoh.
12. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh thar tìr na h‑Eiphit, airson nan lòcast, a‑chum is gun tig iad suas air tìr an h‑Eiphit, agus gun ith iad uile luibh na talmhainn, eadhon gach nì a dh’fhàg a’ chlach-mheallain.
13. Agus shìn Maois a‑mach a shlat thar tìr na h‑Eiphit, agus thug an Tighearna gaoth an ear air an tìr rè an là sin uile, agus rè na h‑oidhche uile: agus anns a’ mhadainn thug a’ ghaoth an ear a‑steach na lòcaist.
14. Agus chaidh na lòcaist suas thar tìr na h‑Eiphit uile, agus dh’fhan iad ann an crìochan na h‑Eiphit uile, gu ro‑dhiùbhalach; romhpa cha robh riamh an leithidean de lòcaist, agus nan dèidh cha bhi an leithidean.
15. Oir chòmhdaich iad aghaidh na talmhainn uile, air chor is gun do dhorchaicheadh an talamh; agus dh’ith iad uile luibh na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, a dh’fhàg a’ chlach-mheallain: agus cha d’fhàgadh nì sam bith glas anns na craobhan, no ann an luibhean na machrach ann an tìr na h‑Eiphit uile.
16. An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron le cabhaig, agus thubhairt e, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna ur Dia, agus nur n‑aghaidh-se.
17. A‑nis uime sin maith, guidheam ort, mo pheacadh a‑mhàin an uair seo, agus guidhibh air an Tighearna ur Dia gun toir e air falbh uam a‑mhàin am bàs seo.
18. Agus chaidh e a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna.
19. Agus thionndaidh an Tighearna gaoth an iar ro‑làidir, a thug air falbh na lòcaist, agus a thilg iad anns a’ mhuir ruaidh: cha d’fhan aon lòcast ann an crìochan na h‑Eiphit uile.
20. Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e air falbh clann Israeil.
21. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh gu nèamh, agus bidh dorchadas air feadh tìr na h‑Eiphit, eadhon dorchadas a dh’fhaodar a làimhseachadh.
22. Agus shìn Maois a‑mach a làmh gu nèamh: agus bha tiugh-dhorchadas ann an tìr na h‑Eiphit uile rè trì làithean.
23. Chan fhaca aon dhiubh a chèile, cha mhò a dh’èirich neach o a àite rè trì làithean: ach bha aig cloinn Israeil uile solas nan àitean-còmhnaidh.
24. Agus ghairm Phàraoh air Maois, agus thubhairt e, Rachaibh-se, dèanaibh seirbhis don Tighearna: a‑mhàin fanadh ur treudan agus ur buar; rachadh ur clann bheag mar an ceudna maille ribh.
25. Agus thubhairt Maois, Feumaidh tu, mar an ceudna, ìobairtean a thoirt dhuinn, agus tabhartasan-loisgte, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.
26. Agus, mar an ceudna, thèid ar sprèidh maille rinn; chan fhàgar ionga nar dèidh, oir is èiginn dhuinn gabhail dhiubh gu seirbhis a dhèanamh don Tighearna ar Dia; agus chan eil fhios againn cia leis a nì sinn seirbhis don Tighearna, gus an tig sinn an sin.
27. Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha leigeadh e leo imeachd.
28. Agus thubhairt Phàraoh ris, Imich a‑mach uam; thoir an aire dhut fhèin, na faic m’aghaidh nas mò; oir anns an là sin anns am faic thu m’aghaidh, gheibh thu bàs.
29. Agus thubhairt Maois, Labhair thu gu math: chan fhaic mi d’aghaidh nas mò.

Salm 17:8-15
8. Glèidh mi mar chloich na sùla, fo sgàil do sgiathan falaich mi,
9. O ghnùis nan droch dhaoine a tha ri fòirneart orm, naimhdean m’anama a tha gam chuartachadh air gach taobh.
10. Nan saill tha iad air an druideadh suas; lem beul labhraidh iad gu h‑uaibhreach.
11. Nar ceum a‑nis chuartaich iad sinn; shuidhich iad an sùilean, a’ cromadh sìos gu làr;
12. Cosmhail ri leòmhann a tha gionach a‑chum cobhartaich, agus ri leòmhann òg a’ feitheamh ann an ionadan diamhair.
13. Eirich, a Thighearna, cuir roimhe, leag sìos e, saor m’anam on aingidh led chlaidheamh;
14. O dhaoine led làimh, a Thighearna, o dhaoine an t‑saoghail, dom bheil an cuibhreann anns a’ bheatha seo, agus don do lìon thu am brù led ionmhas falaichte: sàsaichear an clann, agus fàgaidh iad am fuidheall dan naoidheanan.
15. Air mo shonsa, ann am fìreantachd chì mi do ghnùis; sàsaichear mi, nuair a dhùisgeas mi, led choslas.

Gnàth-fhacal 5:21-23
21. Oir fa chomhair sùilean an Tighearna tha slighean an duine, agus tha e a’ cothromachadh a cheuman uile.
22. Glacaidh a euceartan fhèin an t‑aingidh, agus le cùird a pheacaidh ceanglar e.
23. Bàsaichidh e gun teagasg; agus ann am meud a amaideachd thèid e air seachran.

Mata 20:1-16
1. Oir is cosmhail rìoghachd nèimh ri fear-taighe, a chaidh a‑mach moch air mhadainn a thuarasdalachadh luchd-obrach da ghàrradh-fìona.
2. Agus an dèidh dha còrdadh ris an luchd-obrach air pèighinn Ròmanaich anns an là, chuir e da ghàrradh-fìona iad.
3. Agus nuair a chaidh e a‑mach timcheall na treas uaire, chunnaic e dream eile nan seasamh dìomhanach anns a’ mhargadh,
4. Agus thubhairt e riu, Imichibh-se mar an ceudna don ghàrradh-fhìona, agus ge bè nì a bhios ceart, bheir mi dhuibh e. Agus dh’imich iad.
5. Nuair a chaidh e a‑mach a‑rìs timcheall na siathamh agus na naoidheamh uaire, rinn e mar an ceudna.
6. Agus nuair a chaidh e a‑mach mu thimcheall na h‑aon-uaire-deug, fhuair e dream eile nan seasamh dìomhanach, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur seasamh an seo feadh an là dìomhanach?
7. Thubhairt iad ris, A chionn nach do thuarasdalaich duine air bith sinn. Thubhairt esan riu, Imichibh-se mar an ceudna don ghàrradh-fhìona, agus ge bè nì a tha ceart, gheibh sibh e.
8. Agus nuair a thàinig am feasgar, thubhairt tighearna a’ ghàrraidh-fhìona sin ra stiùbhard, Gairm an luchd-obrach, agus thoir dhaibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh on dream a thàinig mu dheireadh gu ruig na ciad daoine.
9. Agus nuair a thàinig iadsan a thuarasdalaicheadh mu thimcheall na h‑aon-uaire-deug, fhuair gach duine dhiubh pèighinn.
10. Ach nuair a thàinig an ciad dream, shaoil iadsan gum faigheadh iad na bu mhò; ach fhuair gach aon dhiubh mar an ceudna pèighinn.
11. Agus air dhaibh a fhaotainn, rinn iad gearan an aghaidh fhir-an‑taighe.
12. Ag ràdh, An dream sin a thàinig mu dheireadh, cha do rinn iad obair ach aon uair, agus rinn thu iad ionnan rinne, a ghiùlain uallach agus teas an là.
13. Ach fhreagair esan agus thubhairt e ri fear dhiubh, A charaid, chan eil mi a’ dèanamh eucoir ort: nach do chòrd thu rium air pèighinn?
14. Tog leat do chuid fhèin, agus imich romhad: is i mo thoil-sa a thabhairt don tì seo a thàinig mu dheireadh, mar a thug mi dhutsa.
15. Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil-sa olc, airson gu bheil mise math?
16. Mar sin bidh an dream dheireannach air thoiseach, agus an dream a tha air thoiseach air dheireadh: oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh.