A A A A A
Bible in one year
January 29

Ecsodus 7:1-25
1. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, rinn mi thu ad dhia do Phàraoh: agus bidh do bhràthair Aaron na fhàidh agad.
2. Labhraidh tusa gach nì a dh’àithneas mise dhut: agus labhraidh Aaron do bhràthair ri Phàraoh, esan a chur cloinn Israeil a‑mach as a thìr.
3. Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus nì mi mo chomharraidhean agus m’iongantasan lìonmhor ann an tìr na h‑Eiphit.
4. Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Eiphit, le breitheanais mhòra.
5. Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg.
6. Agus rinn Maois agus Aaron mar a dh’àithn an Tighearna dhaibh, mar sin rinn iad.
7. Agus bha Maois ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, agus Aaron ceithir-fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a labhair iad ri Phàraoh.
8. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,
9. Nuair a labhras Phàraoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas air ur son fhèin; an sin their thu ri Aaron, Gabh do shlat, agus tilg sìos i an làthair Phàraoh, agus fàsaidh i na nathair.
10. Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus rinn iad mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna: agus thilg Aaron sìos a shlat an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, agus rinneadh i na nathair.
11. An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan:
12. Oir thilg iad sìos gach duine a shlat, agus rinneadh iad nan nathraichean: ach shluig slat Aaroin suas an slatan-san.
13. Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, air chor is nach d’èisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna.
14. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, tha e a’ diùltadh leigeadh leis an t‑sluagh falbh.
15. Imich-sa a dh’ionnsaigh Phàraoh anns a’ mhadainn; feuch, tha e a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge, agus seasaidh tu na choinneamh air bruach na h‑aibhne; agus an t‑slat a thionndaidheadh na nathair, gabhaidh tu ad làimh.
16. Agus their thu ris, Chuir an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhòmhsa anns an fhàsach: agus, feuch, gus a seo cha b’àill leat èisdeachd.
17. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh. Ann an seo aithnichidh tu gur mise an Tighearna: feuch, buailidh mi leis an t‑slait a tha am làimh na h‑uisgeachan a tha anns an abhainn, agus tionndaidhear iad gu fuil.
18. Agus gheibh an t‑iasg a tha anns an abhainn bàs, agus lobhaidh an abhainn; agus bidh gràin air na h‑Eiphitich uisge òl as an abhainn.
19. Agus labhair an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Gabh do shlat, agus sìn a‑mach do làmh air uisgeachan na h‑Eiphit, air an aibhnichean, air an sruthan, agus air an lochan, agus air uile cho-chruinneachadh an uisgeachan, a‑chum is gum fàs iad nam fuil: agus bidh fuil air feadh tìr na h‑Eiphit uile, araon ann an soithichean fiodha, agus ann an soithichean cloiche.
20. Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna, agus thog e suas an t‑slat, agus bhuail e na h‑uisgeachan a bha anns an abhainn, ann an sealladh Phàraoh, agus ann an sealladh a sheirbhiseach: agus thionndaidheadh na h‑uisgeachan uile a bha anns an abhainn gu fuil.
21. Agus fhuair an t‑iasg a bha anns an abhainn bàs: agus lobh an abhainn, agus cha b’urrainn na h‑Eiphitich uisge òl as an abhainn, agus bha an fhuil ann an tìr na h‑Eiphit uile.
22. Agus rinn draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.
23. Agus thill Phàraoh, agus chaidh e da thaigh: agus cha do shocraich e a chridhe air seo cuideachd.
24. Agus chladhaich na h‑Eiphitich uile timcheall na h‑aibhne airson uisge ra òl: oir cha b’urrainn iad òl de uisge na h‑aibhne.
25. Agus choileanadh seachd làithean an dèidh don Tighearna an abhainn a bhualadh.

Ecsodus 8:1-32
1. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.
2. Agus ma dhiùltas tu an leigeadh air falbh, feuch, buailidh mi do chrìochan uile le losgannan:
3. Agus brùchdaidh an abhainn a‑mach losgannan, agus thèid iad suas, agus thig iad a‑steach dod thaigh, agus dod sheòmar-leapa, agus air uachdar do leapa, agus do thaigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus dod àmhainnean, agus dod amair-fhuinidh.
4. Agus thèid na losgannan suas ort fhèin, agus air do shluagh, agus air do sheirbhisich uile.
5. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do làmh led shlait os cionn nan aibhnichean, os cionn nan allt, agus os cionn nan lochan; agus thoir air na losgannan dol suas air talamh na h‑Eiphit.
6. Agus shìn Aaron a‑mach a làmh os cionn uisgeachan na h‑Eiphit; agus chaidh na losgannan suas, agus chòmhdaich iad talamh na h‑Eiphit.
7. Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan, agus thug iad suas losgannan air talamh na h‑Eiphit.
8. An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.
9. Agus thubhairt Maois ri Phàraoh, Dèan uaill tharam: cuin a ghuidheas mi air do shon, agus airson do sheirbhiseach, agus airson do shluaigh, gun cuirear as do na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, air chor is gum mair iad a‑mhàin anns an abhainn?
10. Agus thubhairt esan, A‑màireach. Agus thubhairt e, Biodh e a rèir d’fhacail: a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail ris an Tighearna ar Dia.
11. Agus falbhaidh na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, agus od sheirbhisich, agus od shluagh; a‑mhàin anns an abhainn mairidh iad.
12. Agus chaidh Maois agus Aaron a‑mach o Phàraoh; agus dh’èigh Maois ris an Tighearna a‑thaobh nan losgann, a thug e an aghaidh Phàraoh.
13. Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois: agus bhàsaich na losgannan as na taighean, as na bailtean, agus as na machraichean.
14. Agus chruinnich iad ri chèile nan dùin iad; agus lobh an tìr.
15. Ach nuair a chunnaic Phàraoh gu robh fois ann, chruadhaich e a chridhe, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.
16. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do shlat, agus buail duslach na talmhainn, a‑chum gum fàs e na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile.
17. Agus rinn iad mar sin; oir shìn Aaron a‑mach a làmh le a shlait, agus bhuail e duslach na talmhainn, agus rinneadh e na mhialan air duine agus air ainmhidh: rinneadh uile dhuslach na talmhainn na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile.
18. Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan a thoirt a‑mach mhial, ach cha b’urrainn iad; agus bha mialan air duine agus air ainmhidh.
19. An sin thubhairt na draoidhean ri Phàraoh, Is e meur Dhè a tha ann: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.
20. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh (feuch, tha e a’ teachd a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge) agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.
21. Ach mura leig thu lem shluagh imeachd, feuch, cuiridh mi sgaoth chuileag ort fhèin, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh, agus ann ad thaighean: agus lìonar taighean nan Eiphiteach leis an sgaoth chuileag, agus mar an ceudna an talamh air a bheil iad.
22. Agus cuiridh mi air leth, air an là sin fhèin, fearann Ghòsein, anns a bheil mo shluagh a chòmhnaidh, air chor is nach bi cuileagan sam bith an sin; a‑chum is gum bi fhios agad gur mise an Tighearna ann am meadhon na talmhainn.
23. Agus cuiridh mi dealachadh eadar mo shluagh-sa agus do shluagh-sa: air an là màireach bidh an comharradh seo.
24. Agus rinn an Tighearna mar sin: agus thàinig sgaoth anabarrach chuileag do thaigh Phàraoh, agus do thaighean a sheirbhiseach, agus do thìr na h‑Eiphit uile: thruailleadh an talamh a‑thaobh nan cuileag.
25. Agus ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Rachaibh, ìobraibh dur Dia anns an tìr.
26. Agus thubhairt Maois, Chan eil e iomchaidh sinn a dhèanamh mar sin; oir ìobraidh sinn gràinealachd nan Eiphiteach don Tighearna ar Dia. Feuch, an ìobair sinne gràinealachd nan Eiphiteach fa chomhair an sùl, agus nach clach iad sinn?
27. Thèid sinn astar trì làithean don fhàsach, agus ìobraidh sinn don Tighearna ar Dia, mar a dh’àithneas e dhuinn.
28. Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa.
29. Agus thubhairt Maois, Feuch, thèid mise a‑mach uat, agus guidhidh mi air an Tighearna gum falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh, a‑màireach: ach na buineadh Phàraoh gu cealgach tuilleadh, ann an diùltadh leigeadh don t‑sluagh dol a dh’ìobradh don Tighearna.
30. Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna.
31. Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois; agus chuir e air falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh: cha d’fhan a h‑aon.
32. Agus chruadhaich Phàraoh a chridhe air an àm seo mar an ceudna, agus cha do leig e leis an t‑sluagh imeachd.

Salm 17:1-7
1. Ùrnaigh le Daibhidh. Eisd ri ceartas, a Thighearna, thoir aire dom ghlaodh; cluinn m’ùrnaigh, a thig a‑mach chan ann o bhilean cealgach.
2. Od fhianais thigeadh mo bhreith; faiceadh do shùilean nithean cothromach.
3. Dhearbh thu mo chridhe; dh’fhiosraich thu mi anns an oidhche; rannsaich thu mi, cha d’fhuair thu a’ bheag; is e mo rùn nach ciontaich mo bheul.
4. A‑thaobh gnìomharan dhaoine, le facal do bhilean sheachain mi ceuman a’ mhillteir.
5. Cùm suas mo cheuman ann ad shlighean, a‑chum nach sleamhnaich mo chasan.
6. Ghairm mi ort, oir èisdidh tu rium, a Dhè; aom do chluas am ionnsaigh, cluinn mo chainnt.
7. Taisbein do choibhneas iongantach, O thusa a shaoras led dheaslàimh iadsan a dh’earbas asad, uapasan a dh’èireas suas nan aghaidh.

Gnàth-fhacal 5:15-20
15. Ol uisgeachan as do shoitheach fhèin; agus uisgeachan-ruith as do thobar fhèin.
16. Biodh do thobraichean air an sgaoileadh a‑mach; do shruthan uisge anns na sràidean.
17. Biodh iad agad fhèin a‑mhàin, agus na b’ann aig coigrich maille riut.
18. Biodh do thobar beannaichte; agus dèan gàirdeachas maille ri mnaoi-phòsda d’òige.
19. Biodh i mar an eilid ghràdhach, agus mar an earba thaitneach; sàsaicheadh a cìochan thu anns gach àm: le a gràdh bi a‑ghnàth air do lìonadh.
20. Agus carson, a mhic, a mheallar thu le mnaoi choimhich, agus a dhlùthaicheas tu ri broilleach bana-choigrich?

Mata 19:1-30
1. Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran sin, gun d’imich e o Ghalile, agus thàinig e gu crìochan Iudèa, air an taobh thall de Iòrdan:
2. Agus lean sluagh mòr e, agus shlànaich e iad an sin.
3. Thàinig na Pharasaich mar an ceudna da ionnsaigh ga dhearbhadh, agus ag ràdh ris, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur uaithe air gach uile adhbhar?
4. Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nach do leugh sibh, An tì a rinn air tùs iad, gun do rinn e iad fear agus bean?
5. Agus thubhairt e, Air an adhbhar seo fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad araon nan aon fheòil.
6. Air an adhbhar sin, cha dithis iad nas mò, ach aon fheòil. Uime sin, an nì a cheangail Dia, na sgaoileadh duine.
7. Thubhairt iad ris, Carson, mas eadh, a dh’àithn Maois litir-dhealachaidh a thabhairt dhi, agus a cur air falbh?
8. Thubhairt esan riu, Dh’fhuiling Maois dhuibhse, airson cruas ur cridhe, ur mnathan a chur uaibh: ach cha robh e mar sin o thùs.
9. Agus tha mise ag ràdh ribh, ge bè a chuireas uaithe a bhean, ach airson strìopachais, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais: agus ge bè neach a phòsas ise a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais.
10. Thubhairt a dheisciobail ris, Mas e sin cor an fhir ra mhnaoi, chan eil am pòsadh math ra dhèanamh.
11. Ach thubhairt esan riu, Chan eil na h‑uile dhaoine comasach air a’ chainnt seo a ghabhail, ach iadsan don tugadh e.
12. Oir tha cuid nan caillteanaich, a rugadh mar sin o bhroinn am màthar; agus tha cuid de chaillteanaich ann a rinneadh nan caillteanaich le daoine; agus tha caillteanaich ann a rinn iad fhèin nan caillteanaich airson rìoghachd nèimh. Ge bè neach a tha comasach air a ghabhail da ionnsaigh, gabhadh e e.
13. An sin thugadh clann bheag da ionnsaigh, a‑chum gun cuireadh e a làmhan orra, agus gun dèanadh e ùrnaigh: agus chronaich na deisciobail iad.
14. Ach thubhairt Iosa, Fuilingibh do na leanaban, agus na bacaibh dhaibh teachd am ionnsaigh: oir is ann dan leithidean sin a tha rìoghachd nèimh.
15. Agus an dèidh dha a làmhan a chur orra, dh’imich e as a sin.
16. Agus, feuch, thàinig neach agus thubhairt e ris, A Mhaighistir mhaith, ciod am math a nì mi a‑chum gum faigh mi a’ bheatha mhaireannach?
17. Agus thubhairt esan ris, Carson a ghoireadh tu math dhìomsa? Chan eil aon neach math ach a h‑aon, eadhon Dia: ach mas àill leat dol a‑steach a‑chum na beatha, coimhead na h‑àitheantan.
18. Thubhairt esan ris, Cia iad? Agus thubhairt Iosa, Na dèan mortadh. Na dèan adhaltranas. Na goid. Na toir fianais bhrèige.
19. Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.
20. Thubhairt an t‑òganach ris, Choimhead mi iad sin uile om òige: ciod a tha a dh’uireasbhaidh orm fhathast?
21. Thubhairt Iosa ris, Mas àill leat a bhith coileanta, imich, reic na bheil agad, agus tabhair do na bochdan, agus gheibh thu ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.
22. Ach nuair a chuala an t‑òganach na briathran sin, dh’fhalbh e gu brònach: oir bha mòr-shaoibhreas aige.
23. An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gu bheil e cruaidh air duine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd nèimh.
24. Agus a‑rìs tha mi ag ràdh ribh gur fhasa do chàmhal dol tro chrò snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
25. Agus nuair a chuala a dheisciobail seo, ghabh iad iongantas mòr, ag ràdh, Cò mas eadh an neach a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh?
26. Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.
27. An sin fhreagair Peadar, agus thubhairt e ris, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa; air an adhbhar sin ciod a gheibh sinn?
28. Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
29. Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme-sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd.
30. Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh; agus air dheireadh, a bhios air thoiseach.