A A A A A
Bible in one year
January 21

Genesis 41:1-57
1. Agus an ceann dà bhliadhna iomlan chunnaic Phàraoh aisling; agus feuch, sheas e làimh ris an abhainn:
2. Agus, feuch, thàinig a‑nìos as an abhainn seachd bà, sgiamhach rim faicinn, agus reamhar ann am feòil; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn-fheur,
3. Agus, feuch, thàinig seachd bà eile a‑nìos nan dèidh as an abhainn, grànda rim faicinn, agus caol nam feòil: agus sheas iad làimh ris na bà eile, air bruaich na h‑aibhne.
4. Agus dh’ith na bà a bha grànda rim faicinn, agus caol nam feòil, suas na seachd bà sgiamhach agus reamhar. Mar sin dhùisg Phàraoh.
5. Agus chaidil e, agus chunnaic e aisling an dara uair: agus, feuch, dh’èirich suas seachd diasan arbhair air aon choinnlein, reachdmhor agus math.
6. Agus, feuch, dh’fhàs suas nan dèidh seachd diasan caola, agus air an seargadh leis a’ ghaoith an ear.
7. Agus shluig na seachd diasan caola suas na seachd diasan reachdmhor agus làn: agus dhùisg Phàraoh, agus, feuch, b’aisling a bha ann.
8. Agus anns a’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh; agus chuir e fios uaithe, agus ghairm e uile dhraoidhean na h‑Eiphit, agus a daoine glice uile: agus dh’innis Phàraoh a aislingean dhaibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar-mhìnicheadh iad do Phàraoh.
9. An sin labhair an t‑àrd-bhuidealair ri Phàraoh, ag ràdh, An‑diugh tha mise a’ cuimhneachadh mo lochdan:
10. Bha fearg air Phàraoh ra sheirbhisich, agus chuir e mise an làimh ann an taigh ceannard an fhreiceadain, araon mise agus an t‑àrd-fhuineadair:
11. Agus chunnaic sinn aisling anns an aon oidhche, mise agus esan: chunnaic gach fear againn aisling a rèir eadar-mhìneachadh a aislinge.
12. Agus bha an sin maille rinn òganach Eabhraidheach, seirbhiseach do cheannard an fhreiceadain; agus dh’innis sinn dha, agus dh’eadar-mhìnich e dhuinn ar n‑aislingean: do gach fear againn a rèir a aislinge dh’eadar-mhìnich e.
13. Agus mar a dh’eadar-mhìnich e dhuinn, mar sin bha e: mise chuir e a‑rìs ann am àite, agus esan chroch e.
14. Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e Iòseph, agus thug iad le cabhaig a‑mach as an t‑sloc e: agus bheàrr e e fhèin agus mhùth e a aodach, agus thàinig e a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh.
15. Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Chunnaic mi aisling, agus chan eil neach ann a dh’eadar-mhìnicheas i: agus chuala mi air a ràdh mud thimcheall-sa, nuair a chluinneas tu aisling, gur aithne dhut a h‑eadar-mhìneachadh.
16. Agus fhreagair Iòseph Phàraoh, ag ràdh, Chan eil e annamsa: bheir Dia freagradh sìthe do Phàraoh.
17. Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Ann am aisling, feuch, sheas mi air bruaich na h‑aibhne:
18. Agus, feuch, thàinig a‑nìos as an abhainn seachd bà, reamhar am feòil, agus sgiamhach ann an cruth; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn-fheur;
19. Agus, feuch, thàinig seachd bà eile a‑nìos nan dèidh, bochd agus ro‑ghrànda, agus caol ann am feòil: chan fhaca mi an samhail riamh ann an uile thìr na h‑Eiphit air olcas:
20. Agus dh’ith na bà caola agus grànda suas na ciad seachd bà reamhar:
21. Agus nuair a dh’ith iad suas iad chan aithnichte orra gun d’ith iad iad; ach bha iad grànda rim faicinn, mar an toiseach. An sin dhùisg mi.
22. Agus chunnaic mi am aisling; agus, feuch, thàinig a‑nìos seachd diasan air aon choinnlein, làn agus math:
23. Agus, feuch, dh’fhàs suas nan dèidh seachd diasan, air an crìonadh, caol, agus seargte leis a’ ghaoith an ear;
24. Agus shluig na diasan caola suas na seachd diasan matha: agus dh’innis mi seo do na draoidhean; ach cha robh neach ann a b’urrainn a’ chùis fhoillseachadh dhomh.
25. Agus thubhairt Iòseph ri Phàraoh, Aisling Phàraoh, is aon i: an nì sin a tha Dia gus a dhèanamh, dh’fhoillsich e do Phàraoh.
26. Na seachd bà matha, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan matha, is seachd bliadhna iad: is aon an aisling.
27. Agus na seachd bà caola agus grànda a thàinig a‑nìos nan dèidh, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan fàs, seargte leis a’ ghaoith an ear, bidh iad nan seachd bliadhna gorta.
28. Seo an nì a thubhairt mi ri Phàraoh: An nì a tha Dia gus a dhèanamh, nochd e do Phàraoh.
29. Feuch, tha seachd bliadhna mòr-phailteis a’ teachd air feadh tìr na h‑Eiphit uile:
30. Agus èiridh seachd bliadhna gorta suas nan dèidh, agus dìochuimhnichear am pailteas uile ann an tìr na h‑Eiphit; agus claoidhidh a’ ghorta an tìr;
31. Agus chan aithnichear am pailteas anns an tìr, airson na gorta a leanas, oir bidh i ro‑throm.
32. Agus a‑thaobh gun do dhùblaicheadh an aisling do Phàraoh dà uair, tha sin a chionn gu bheil an nì air a shuidheachadh le Dia; agus bheir Dia ann an aithghearradh gu crìch e.
33. A‑nis uime sin, amhairceadh Phàraoh a‑mach airson duine a tha tuigseach agus glic, agus cuireadh e os cionn tìr na h‑Eiphit e.
34. Dèanadh Phàraoh seo, agus òrdaicheadh e luchd-riaghlaidh os cionn na tìre, agus togadh iad an còigeamh cuid de thoradh tìr na h‑Eiphit anns na seachd bliadhna pailteis.
35. Agus cruinnicheadh iad uile bhiadh nam bliadhnachan matha sin ri teachd, agus taisgeadh iad suas arbhar fo làimh Phàraoh, agus gleidheadh iad biadh anns na bailtean.
36. Agus bidh am biadh sin na thaisgeach don tìr, fa chomhair nan seachd bliadhna gorta a bhios ann an tìr na h‑Eiphit; a‑chum is nach tèid as don tìr leis a’ ghorta.
37. Agus bha a’ chomhairle math ann an sùilean Phàraoh, agus ann an sùilean a sheirbhiseach uile.
38. Agus thubhairt Phàraoh ra sheirbhisich, A bheil e an comas dhuinn a leithid seo de dhuine fhaotainn, anns a bheil spiorad Dhè?
39. Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, A‑thaobh gun d’fhoillsich Dia seo uile dhut, chan eil neach ann cho tuigseach agus cho glic riut fhèin:
40. Bidh tu os cionn mo thaighe-sa, agus a rèir d’fhacail bidh mo shluagh uile air an riaghladh: a‑mhàin anns an rìgh-chathair bidh mise nas mò na thu.
41. Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Faic, chuir mi thu os cionn uile thìr na h‑Eiphit.
42. Agus thug Phàraoh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus chuir e air làimh Iòseiph e; agus sgeadaich e e ann an trusgan de lìon-aodach grinn, agus chuir e slabhraidh òir ma mhuineal.
43. Agus thug e air marcachd anns an dara carbad a bha aige fhèin; agus ghlaodh iad roimhe, Lùbaibh an glùn; agus rinn e e na uachdaran air tìr na h‑Eiphit uile.
44. Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Is mise Phàraoh, agus as d’eugmhais-sa cha tog duine suas a làmh no a chas ann an tìr na h‑Eiphit uile.
45. Agus thug Phàraoh Saphnat-paaneah mar ainm air Iòseph; agus thug e dha Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, mar mhnaoi: agus chaidh Iòseph a‑mach air feadh uile thìr na h‑Eiphit.
46. Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.
47. Agus thug an talamh a‑mach anns na seachd bliadhna pailteis na ghlacaidean.
48. Agus chruinnich e ri chèile uile bhiadh nan seachd bliadhna, a bha ann an tìr na h‑Eiphit; agus thaisg e suas biadh anns na bailtean: biadh fearann gach baile, a bha mun cuairt air, thaisg e suas ann.
49. Agus chuir Iòseph ri chèile sìol mar ghaineamh na fairge, ro‑mhòran, gus an do sguir e de a àireamh: oir bha e gun àireamh.
50. Agus do Iòseph rugadh dithis mhac mun tàinig bliadhnachan na gorta, a rug Asenat dha, nighean Photipherah, sagart Oin.
51. Agus thug Iòseph Manaseh mar ainm air a’ chiad-ghin; oir thug Dia orm, arsa esan, mo shaothair uile a dhìochuimhneachadh, agus taigh m’athar uile.
52. Agus air an dara mac thug e Ephraim mar ainm; oir thug Dia orm, arsa esan, a bhith sìolmhor ann an tìr m’àmhghair.
53. Agus chrìochnaicheadh seachd bliadhna a’ phailteis a bha ann an tìr na h‑Eiphit.
54. Agus thòisich seachd bliadhna na gorta ri teachd, mar a thubhairt Iòseph; agus bha a’ ghorta anns na dùthchannan uile: ach ann an uile thìr na h‑Eiphit bha aran.
55. Agus nuair a bha tìr na h‑Eiphit uile ann an uireasbhaidh, an sin ghlaodh an sluagh ri Phàraoh airson arain: agus thubhairt Phàraoh ris na h‑Eiphitich uile. Ruigibh Iòseph; an nì sin a their e ribh, dèanaibh.
56. Agus bha a’ ghorta air aghaidh na talmhainn uile: agus dh’fhosgail Iòseph na taighean-taisge uile, agus reic e ris na h‑Eiphitich: agus bhuadhaich a’ ghorta ann an tìr na h‑Eiphit.
57. Agus thàinig gach dùthaich don Eiphit a dh’ionnsaigh Iòseiph a cheannach bìdh; oir bhuadhaich a’ ghorta anns gach dùthaich.

Genesis 42:1-38
1. A‑nis nuair a chunnaic Iàcob gu robh sìol anns an Eiphit, thubhairt e ra mhic, Carson a tha sibh ag amharc air a chèile?
2. Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi gu bheil sìol anns an Eiphit; rachaibh sìos an sin, agus ceannaichibh dhuinn as a sin, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs.
3. Agus chaidh deichnear bhràithrean Iòseiph sìos a cheannach sìl anns an Eiphit.
4. Ach cha do chuir Iàcob Beniàmin, bràthair Iòseiph, maille ra bhràithrean: oir thubhairt e, Air eagal gun èirich olc dha.
5. Agus thàinig mic Israeil a cheannach sìl am measg na muinntir a thàinig: oir bha a’ ghorta ann an tìr Chanàain.
6. Agus bha Iòseph na uachdaran air an tìr: b’esan a bha a’ reic ri sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Iòseiph, agus chrom iad iad fhèin sìos dha, len aghaidh gu làr.
7. Agus chunnaic Iòseph a bhràithrean, agus dh’aithnich e iad, ach rinn e e fhèin na choigreach dhaibh, agus labhair e gu coimheach riu; agus thubhairt e riu, Cia as a thàinig sibhse? Agus thubhairt iadsan ris, A tìr Chanàain a cheannach bìdh.
8. Agus dh’aithnich Iòseph a bhràithrean, ach cha d’aithnich iadsan esan.
9. Agus chuimhnich Iòseph air na h‑aislingean a chunnaic e man timcheall, agus thubhairt e riu, Is luchd-brathaidh sibh; a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre thàinig sibh.
10. Agus thubhairt iad ris, Chan eadh, mo thighearna, ach is ann a thàinig do sheirbhisich a cheannach bìdh:
11. Is mic aon duine sinne uile, is daoine fìrinneach sinn; cha luchd-brathaidh do sheirbhisich.
12. Agus thubhairt esan riu, Chan eadh, ach is ann a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre a thàinig sibh.
13. Agus thubhairt iad, Is dà‑bhràthair-dheug do sheirbhisich, mic aon duine ann an tìr Chanàain; agus, feuch, tha am fear as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair, agus tha aon nach maireann.
14. Agus thubhairt Iòseph riu, Seo an nì a thubhairt mi ribh, ag ràdh, Is luchd-brathaidh sibh:
15. Mar seo dearbhar sibh; mar as beò Phàraoh, cha tèid sibh a‑mach à seo, mura tig ur bràthair as òige an seo.
16. Cuiribh uaibh fear agaibh, agus thugadh e leis ur bràthair, agus gleidhear sibhse ann am prìosan, a‑chum is gun dearbhar ur briathran, a bheil no nach eil fìrinn annaibh: no, mar as beò Phàraoh, gu cinnteach is luchd-brathaidh sibh.
17. Agus chuir e am prìosan iad uile rè trì làithean.
18. Agus thubhairt Iòseph riu air an treas là, Dèanaibh seo, agus bithibh beò: oir tha eagal Dhè ormsa:
19. Mas daoine fìrinneach sibh, fàgar aon de ur bràithrean ceangailte ann an taigh ur prìosain: agus imichibh-se, thugaibh leibh sìol airson gorta ur teaghlaichean:
20. Ach thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh-sa; mar sin dearbhar ur briathran, agus chan fhaigh sibh bàs. Agus rinn iad mar sin.
21. Agus thubhairt iad ri chèile. Tha sinn gu deimhinn ciontach a‑thaobh ar bràthar, do bhrìgh gum faca sinn cràdh a anama, nuair a ghuidh e oirnn, agus nach d’èisd sinn ris; uime sin thàinig an airc seo oirnn.
22. Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na peacaichibh an aghaidh an leinibh? Agus cha d’èisd sibh: uime sin, feuch, mar an ceudna tha a fhuil air a h‑iarraidh oirnn.
23. Agus cha robh fhios acasan gu robh Iòseph gan tuigsinn; oir bha eadar-theangair eatorra.
24. Agus thionndaidh e e fhèin uapa, agus ghuil e; agus thill e a‑rìs dan ionnsaigh, agus labhair e riu, agus thug e Simeon uapa, agus cheangail e e fa chomhair an sùl.
25. An sin dh’àithn Iòseph an saic a lìonadh le sìol, agus airgead gach duine a chur air ais na shac, agus biadh a thoirt dhaibh airson na slighe: agus is ann mar seo a rinn e riu.
26. Agus thog iad an sìol air an asail, agus dh’imich iad a sin.
27. Agus nuair a dh’fhosgail fear dhiubh a shac, a thoirt bìdh da asal anns an taigh-òsda, chunnaic e a airgead; oir, feuch, bha e am beul a shaic.
28. Agus thubhairt e ra bhràithrean, Thugadh air ais m’airgead-sa; agus, feuch, tha e eadhon am shac. Agus dh’fhàilnich an cridhe, agus bha eagal orra, ag ràdh, gach fear ri chèile, Ciod e seo a rinn Dia oirnn?
29. Agus thàinig iad a‑chum Iàcoib an athair, do thìr Chanàain, agus dh’innis iad dha gach nì a thachair dhaibh, ag ràdh,
30. Labhair an duine a tha na uachdaran air an tìr rinn gu coimheach, agus ghabh e sinn mar luchd-brathaidh air an dùthaich.
31. Agus thubhairt sinn ris, Is daoine fìrinneach sinne; cha luchd-brathaidh idir sinn:
32. Is dà‑bhràthair-dheug sinn, mic ar n‑athar; tha aon mhac nach maireann, agus tha am mac as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair ann an tìr Chanàain.
33. Agus thubhairt an duine, uachdaran na tìre, rinn, Mar seo aithnichidh mi gur daoine fìrinneach sibh; fàgaibh aon de ur bràithrean maille riumsa, agus gabhaibh biadh airson gorta ur teaghlaichean, agus bithibh ag imeachd.
34. Agus thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh-sa; an sin bidh fhios agam nach luchd-brathaidh sibh, ach gur daoine fìrinneach sibh: mar sin bheir mise ur bràthair dhuibh, agus nì sibh ceannachd anns an tìr.
35. Agus nuair a thaom iad an saic, feuch, bha ceanglachan airgid gach duine na shac fhèin, agus nuair a chunnaic iad fhèin agus an athair na ceanglachain airgid, bha eagal orra.
36. Agus thubhairt Iàcob an athair riu, Thug sibh uamsa mo chlann: Iòseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniàmin bheir sibh air falbh: am aghaidh-sa tha na nithean sin uile.
37. Agus labhair Reuben ra athair, ag ràdh, Cuir gu bàs mo dhithis mhac, mura toir mi ad ionnsaigh e: thoir thairis dom làimh-sa e, agus bheir mise ad ionnsaigh a‑rìs e.
38. Agus thubhairt e, Cha tèid mo mhac sìos maille ribh; oir tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar: ma thachras olc dha anns an t‑slighe air an tèid sibh, an sin bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn don uaigh.

Salm 10:12-18
12. Eirich, a Thighearna Dhè, tog suas do làmh; na dìochuimhnich na daoine bochda.
13. Carson a rinn an t‑aingidh tàir air Dia, a thubhairt e na chridhe, Chan iarr thu e?
14. Chunnaic thu e, oir is lèir dhut olc agus mìorun, a‑chum an dìoladh led làimh: ortsa fàgaidh an duine bochd e fhèin; is tu fear-cuideachaidh an dìlleachdain.
15. Bris thusa gàirdean an aingidh agus an droch dhuine; rannsaich a‑mach a aingidheachd gus nach faigh thu i.
16. Tha an Tighearna na Rìgh gu saoghal nan saoghal; sgriosadh na cinnich a‑mach as a thìr.
17. A Thighearna, chuala tu miann nan daoine bochda; deasaichidh tu an cridhe; bheir thu air do chluais èisdeachd,
18. A chumail còir ris an dìlleachdan agus ris an truaghan, a‑chum nach dèan duine on ùir fòirneart nas mò.

Gnàth-fhacal 4:7-9
7. Is e gliocas an nì sònraichte; faigh gliocas, agus maille rid uile fhaghail faigh tuigse.
8. Ardaich i, agus cuiridh i suas thu; bheir i gu urram thu, nuair a ghabhas tu ad ghlacan i.
9. Bheir i dod cheann coron maise: crùn glòire bheir i seachad dhut.

Mata 14:1-21
1. Anns an àm sin chuala Herod an tretrarch cliù Iosa,
2. Agus thubhairt e ra sheirbhisich, Is e seo Eòin Baistidh; dh’èirich e o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.
3. Oir air do Herod Eòin a ghlacadh, cheangail e e, agus thilg e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean Philip, a bhràthair fhèin.
4. Oir thubhairt Eòin ris, Chan eil e dligheach dhut i a bhith agad.
5. Agus nuair a bu mhiann leis a chur gu bàs, bha eagal a’ phobaill air, oir bha meas fàidh aca air.
6. Ach nuair a bha co‑ainm là‑breithe Heroid air a chumail, rinn nighean Heròdiais dannsa nan làthair, agus thaitinn i ri Herod:
7. Ionnas gun do gheall e le mionnan gun tugadh e dhi ge bè air bith nì a dh’iarradh i.
8. Agus air dhise a bhith air a teagasg le a màthair ro‑làimh, thubhairt i, Thoir dhomh an seo ceann Eòin Baistidh air mèis.
9. Agus bha an rìgh duilich: ach airson a mhionnan, agus na muinntir a bha nan suidhe aig biadh maille ris, dh’àithn e a thabhairt dhi.
10. Agus air cur fir-marbhaidh uaithe, bhuin e a cheann de Eòin anns a’ phrìosan.
11. Agus thugadh a cheann air mèis, agus thugadh don chailinn e: agus thug ise da màthair e.
12. Agus thàinig a dheisciobail, agus thug iad an corp leo, agus dh’adhlaic iad e, agus thàinig iad agus dh’innis iad sin do Iosa.
13. Nuair a chuala Iosa seo, chaidh e as a sin air luing gu ionad fàsail air leth: agus nuair a chuala am poball sin, lean iad dan cois e as na bailtean.
14. Agus air dol a‑mach do Iosa, chunnaic e coitheanal mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, agus shlànaich e an dream aca a bha easlan.
15. Agus nuair a b’fheasgar e, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Is àite fàsail seo, agus tha an t‑àm a‑nis air dol seachad; cuir an sluagh air falbh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin.
16. Ach thubhairt Iosa riu, Cha ruig iad a leas falbh; thugaibh-se dhaibh ra ithe.
17. Agus thubhairt iad ris, Chan eil againn an seo ach còig buileannan agus dà iasg.
18. Thubhairt esan riu, Thugaibh an seo iad am ionnsaigh-sa.
19. Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus ghlac e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air amharc dha suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e, agus thug e na buileannan da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.
20. Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn dà‑chlèibh-dheug den bhiadh bhriste, a bha a dh’fhuidheall aca.
21. Agus bha iadsan a dh’ith mu thimcheall còig mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.