A A A A A
Bible in one year
January 17

Genesis 33:1-20
1. Agus thog Iàcob suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha Esau a’ teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e a’ chlann do Lèah, agus do Rachel, agus don dà bhanoglaich.
2. Agus chuir e na banoglaich agus an clann air thoiseach, agus Lèah agus a clann nan dèidh, agus Rachel agus Iòseph air dheireadh.
3. Agus chaidh e fhèin air aghaidh romhpa, agus chrom e e fhèin gu làr seachd uairean, gus an tàinig e dlùth da bhràthair.
4. Agus ruith Esau na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e: agus ghuil iad.
5. Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnathan agus a’ chlann; agus thubhairt e, Cò iad sin a tha maille riut? Agus thubhairt esan, A’ chlann a thug Dia gu gràsmhor dod sheirbhiseach.
6. An sin thàinig na banoglaich am fagas, iad fhèin agus an clann, agus chrom iad iad fhèin.
7. Agus thàinig Lèah cuideachd am fagas maille ra cloinn, agus chrom iad iad fhèin; agus an dèidh sin thàinig Iòseph am fagas agus Rachel, agus chrom iad iad fhèin.
8. Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh-ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna.
9. Agus thubhairt Esau, Tha agamsa pailteas, a bhràthair; glèidh dhut fhèin na bheil agad.
10. Agus thubhairt Iàcob, Chan eadh, guidheam ort, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin gabh mo thìodhlac om làimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gum faicinn gnùis Dhè, agus thaitinn mi riut.
11. Gabh, guidheam ort, mo bheannachadh a thugadh ad ionnsaigh, do bhrìgh gun do bhuin Dia gu toirbheartach rium, agus gu bheil agam mòr phailteas: agus rinn e ro‑earail air, agus ghabh e e.
12. Agus thubhairt e, Gabhamaid ar turas, agus bitheamaid ag imeachd, agus thèid mise maille riut.
13. Agus thubhairt e ris, Tha fhios aig mo thighearna gu bheil a’ chlann maoth, agus na treudan agus an fheudail a tha maille rium trom le àl; agus ma dh’iomainear iad gu dian aon là, gheibh an treud uile bàs.
14. Rachadh, guidheam ort, mo thighearna seachad ro a sheirbhiseach: agus gabhaidh mise an t‑slighe gu socrach, a rèir mar a bhios an sprèidh a tha romham, agus a’ chlann, comasach air fhulang, gus an tig mi a dh’ionnsaigh mo thighearna gu Seir.
15. Agus thubhairt Esau, Leig leam a‑nis cuid den mhuinntir a tha maille rium fhàgail maille riut. Agus thubhairt esan, Carson sin? Faigheam-sa deagh-ghean ann an sùilean mo thighearna.
16. Mar sin thill Esau anns an là sin fhèin air a shlighe gu Seir.
17. Agus dh’imich Iàcob gu Sucot, agus thog e dha fhèin taigh, agus rinn e bothain da sprèidh: air an adhbhar sin thugadh Sucot mar ainm air an àite.
18. Agus thàinig Iàcob do Shàlem, baile Shecheim a tha ann an tìr Chanàain, nuair a thàinig e o Phadan-àram; agus shuidhich e a bhùth fa chomhair a’ bhaile.
19. Agus cheannaich e mìr fearainn, far an do shuidhich e a bhùth, o làimh clann Hamoir athair Shecheim, air ceud bonn airgid.
20. Agus chuir e suas altair an sin, agus thug e El‑Elohe-Israel mar ainm oirre.

Genesis 34:1-31
1. Agus chaidh Dinah nighean Lèah, a rug i do Iàcob, a‑mach a dh’fhaicinn nigheanan na tìre.
2. Agus nuair a chunnaic Sechem mac Hamoir, an t‑Hibheach, uachdaran na tìre, i, ghabh e i, agus laigh e leatha, agus thruaill e i.
3. Agus dhlùth-lean a anam ri Dinah nighean Iàcoib, agus ghràdhaich e a’ ghruagach, agus labhair e gu caomh ris a’ ghruagaich.
4. Agus labhair Sechem ri Hamor a athair, ag ràdh, Faigh dhòmhsa a’ ghruagach seo mar mhnaoi.
5. Agus chuala Iàcob gun do thruaill e Dinah a nighean. A‑nis bha a mhic maille ra sprèidh anns a’ mhachair; agus bha Iàcob na thosd gus an tàinig iad.
6. Agus chaidh Hamor, athair Shecheim, a‑mach a dh’ionnsaigh Iàcoib, a labhairt ris.
7. Agus thàinig mic Iàcoib on mhachair nuair a chuala iad e, agus bha na daoine duilich, agus bha fearg mhòr orra; a chionn gun do rinn e amaideachd ann an Israel, ann an laighe le nighinn Iàcoib, nì nach bu chòir a dhèanamh.
8. Agus labhair Hamor riu, ag ràdh, Tha anam mo mhic Sechem an ro‑gheall air ur nighinn: thugaibh dha i, guidheam oirbh, mar mhnaoi.
9. Agus dèanaibh ceanglaichean-pòsaidh rinne; ur nigheanan-sa thugaibh dhuinne, agus ar nigheanan-ne gabhaidh sibh dhuibhse.
10. Agus maille rinne gabhaidh sibh còmhnaidh; agus bidh an tìr romhaibh; gabhaibh còmhnaidh, agus dèanaibh reic agus ceannachd innte, agus faighibh sealbh innte.
11. Agus thubhairt Sechem ra h‑athair agus ra bràithrean, Faigheam deagh-ghean nur sùilean; agus ge bè nì a their sibh rium, bheir mi dhuibh.
12. Air a mheud is gun dèan sibh an dubhairidh orm, agus an tìodhlac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium: a‑mhàin thugaibh dhomh a’ ghruagach mar mhnaoi.
13. Agus fhreagair mic Iàcoib Sechem agus Hamor a athair le ceilg, agus labhair iad, a chionn gun do thruaill e Dinah am piuthar,
14. Agus thubhairt iad riu, Chan fhaod sinne an nì seo a dhèanamh, ar piuthar a thoirt do dhuine neo-thimcheall-gheàrrte; oir bhiodh sin na mhasladh dhuinne.
15. Ach an seo aontaichidh sinn leibh; ma bhios sibhse mar a tha sinne, gun timcheall-ghearrar gach fireannach nur measg:
16. An sin bheir sinne ar nigheanan dhuibhse, agus ur nigheanan-se gabhaidh sinn dhuinne, agus gabhaidh sinn còmhnaidh maille ribh, agus bidh sinn nar n‑aon sluagh.
17. Ach mura èisd sibh rinne, sibh a bhith air ur timcheall-ghearradh, an sin gabhaidh sinne ar nighean, agus falbhaidh sinn.
18. Agus thaitinn am briathran ri Hamor, agus ri Sechem mac Hamoir.
19. Agus cha do chuir an t‑òganach dàil anns an nì a dhèanamh, a chionn gu robh tlachd aige ann an nighinn Iàcoib: agus bha e na b’urramaiche na taigh a athar uile.
20. Agus thàinig Hamor agus Sechem a mhac gu geata am baile, agus labhair iad ri daoine am baile, ag ràdh,
21. Tha na daoine seo sìochail maille rinn; air an adhbhar sin gabhadh iad còmhnaidh anns an tìr, agus dèanadh iad reic agus ceannachd innte; a‑thaobh an fhearainn, feuch, tha e farsaing nas leòr dhaibh: an nigheanan-san gabhaidh sinne dhuinne mar mhnathan, agus ar nigheanan-ne bheir sinne dhaibhsan.
22. A‑mhàin anns an nì seo aontaichidh na daoine leinn, gu còmhnaidh a ghabhail maille rinn, gu bhith nar n‑aon sluagh, ma thimcheall-ghearrar gach fireannach againne, mar a tha iadsan air an timcheall-ghearradh.
23. Nach leinne an sprèidh, agus am maoin, agus an ainmhidhean uile? A‑mhàin aontaicheamaid leo, agus gabhaidh iad còmhnaidh maille rinn.
24. Agus dh’èisd gach neach a chaidh a‑mach air geata a’ bhaile ri Hamor agus ri Sechem a mhac: agus thimcheall-ghearradh gach fireannach, iadsan uile a chaidh a‑mach air geata a’ bhaile.
25. Agus air an treas là, nuair bha iad air an cràdh, an sin ghabh dithis de mhic Iàcoib, Simeon agus Lèbhi, bràithrean Dhinah, gach fear aca a chlaidheamh, agus thàinig iad air a’ bhaile gu dàna; agus mharbh iad gach fireannach.
26. Agus mharbh iad Hamor agus Sechem a mhac le faobhar a’ chlaidheimh, agus thug iad Dinah à taigh Shecheim, agus chaidh iad a‑mach.
27. Thàinig mic Iàcoib air na mairbh, agus chreach iad am baile, a chionn gun do thruaill iad am piuthar.
28. An caoraich, agus am buar, agus an asail, agus na bha anns a’ bhaile, agus na bha anns an fhearann, thog iad:
29. Agus am maoin uile, agus an clann bheag uile, agus am mnathan thug iad leo ann an daorsa, agus thog iad anns a’ chreich eadhon gach nì a bha a‑staigh.
30. Agus thubhairt Iàcob ri Simeon agus ri Lèbhi, Chuir sibh trioblaid orm lem dhèanamh gràineil am measg luchd-àiteachaidh na tìre, am measg nan Canàanach, agus nam Peridseach: agus air dhòmhsa a bhith gann an àireamh, cruinnichidh iad iad fhèin cuideachd am aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as dhomh, agus dom thaigh.
31. Agus thubhairt iad, Am bu chòir dha buntainn ri ar piuthair-ne mar ri strìopaich?

Salm 9:1-5
1. Don àrd-fhear-ciùil air Mut-laben. Salm le Daibhidh. Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; cuiridh mi an cèill d’obraichean iongantach gu lèir.
2. Nì mi aoibhneas agus gàirdeachas annad; seinnidh mi cliù dod ainm, O Thì as àirde.
3. Nuair a thillear mo naimhdean air an ais, tuitidh iad agus thèid as dhaibh ad fhianais;
4. Oir sheas thu dhomh mo chòir agus mo chùis; shuidh thu air do rìgh-chathair a’ toirt breith le ceartas.
5. Smachdaich thu na cinnich, sgrios thu na h‑aingidh; chuir thu as dan ainm gu saoghal nan saoghal.

Gnàth-fhacal 3:21-26
21. A mhic, na dealaicheadh iad rid shùilean: coimhead gliocas fallain agus tuigse.
22. Agus bidh iad nam beatha dod anam, agus nam maise dod mhuineal.
23. An sin imichidh tu ad shlighe gu tèarainte, agus cha tuislich do chas.
24. Nuair a laigheas tu sìos, cha bhi eagal ort: seadh, laighidh tu sìos, agus bidh do chadal milis.
25. Na biodh sgàth ort ro eagal obann, no ro fhàsachadh nan aingidh nuair a thig e.
26. Oir bidh an Tighearna na thèarmann dhut, agus gleidhidh e do chas o bhith air a glacadh.

Mata 12:1-21
1. Chaidh Iosa anns an àm sin air là na sàbaid tro na h‑achaidhean arbhair, agus bha acras air a dheisciobail, agus thòisich iad air diasan arbhair a bhuain agus ithe.
2. Ach nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ris, Feuch, tha do dheisciobail a’ dèanamh an nì nach còir a dhèanamh air là na sàbaid.
3. Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha acras air fhèin, agus air a’ mhuinntir a bha maille ris;
4. Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin?
5. No nach do leugh sibh anns an lagh gu bheil na sagartan anns an teampall air làithean na sàbaid a’ briseadh na sàbaid, agus iad neo-chiontach?
6. Ach tha mise ag ràdh ribh gu bheil anns an ionad seo neach as mò na an teampall.
7. Agus nam biodh fhios agaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair as àill leam agus chan ìobairt, cha dìteadh sibh an dream a tha neochiontach.
8. Oir is e Mac an Duine Tighearna na sàbaid.
9. Agus air dha imeachd as a sin, chaidh e a‑steach dan sionagog;
10. Agus, feuch, bha duine ann aig an robh làmh sheargte: agus (a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh,) dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air làithean na sàbaid?
11. Agus thubhairt esan riu, Cò an duine agaibhse aig am bi aon chaora, agus, ma thuiteas i ann an sloc air là na sàbaid, nach beir oirre, agus nach tog a‑nìos i?
12. Nach mòr, matà, as fheàrr duine na caora? Uime sin tha e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid.
13. An sin thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh: agus shìn e a‑mach i; agus bha i air a h‑aiseag slàn, mar an làmh eile.
14. Ach chaidh na Pharasaich a‑mach, agus chùm iad comhairle na aghaidh, cionnas a dh’fhaodadh iad a mhilleadh.
15. Ach nuair a thuig Iosa seo, dh’imich e as a sin: agus lean slòigh mhòra e, agus leighis e iad uile.
16. Agus thug e sparradh dhaibh a‑chum nach dèanadh iad aithnichte e:
17. A‑chum gun coileante an nì a labhradh le Esaias am fàidh, ag ràdh,
18. Feuch, mo sheirbhiseach a thagh mi; m’aon gràdhach anns a bheil tlachd aig m’anam: cuiridh mi mo Spiorad air, agus nochdaidh e breitheanas do na Cinnich.
19. Cha dèan e strì, agus cha ghlaodh e; cha mhò a chluinneas neach air bith a ghuth air na sràidean.
20. Cha bhris e a’ chuilc bhrùite, agus cha mhùch e an lìon as am bi deatach, gus an tabhair e a‑mach breitheanas a‑chum buaidh.
21. Agus na ainm-san bidh muinghinn aig na Cinnich.