A A A A A
Bible in one year
January 16

Genesis 31:1-55
1. Agus chuala e briathran mic Làbain, ag ràdh, Thug Iàcob leis gach nì a bha aig ar n‑athair, agus on nì sin a bu le ar n‑athair-ne fhuair e dha fhèin a’ mhòrachd seo uile.
2. Agus chunnaic Iàcob gnùis Làbain, agus, feuch, cha robh i leis mar a bha i roimhe sin.
3. Agus thubhairt an Tighearna ri Iàcob, Till gu dùthaich d’athraichean agus a dh’ionnsaigh do dhìlsean; agus bidh mise maille riut.
4. Agus chuir Iàcob teachdaire uaithe, agus ghairm e Rachel agus Lèah don mhachair a dh’ionnsaigh a threuda,
5. Agus thubhairt e riu, Tha mi a’ faicinn gnùis ur n‑athar, nach eil i leam mar a bha i roimhe: ach bha Dia m’athar maille riumsa.
6. Agus tha fhios agaibh fhèin, lem uile dhìcheall gun do rinn mi seirbhis dur n‑athair.
7. Gidheadh mheall ur n‑athair mi, agus mhùth e mo thuarasdal deich uairean: ach cha do leig Dia leis cron a dhèanamh orm.
8. Ma thubhairt e mar seo, Bidh an sprèidh bhreac nan tuarasdal agad, an sin rug an sprèidh uile àl breac: agus ma thubhairt e mar seo, Bidh an sprèidh stiallach nan tuarasdal agad, an sin rug an sprèidh uile àl stiallach.
9. Mar seo thug Dia air falbh sprèidh ur n‑athar, agus thug e dhòmhsa iad.
10. Agus nuair a dh’fhàs an sprèidh torrach, thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi ann an aisling, agus, feuch, bha na reitheachan, a bha a’ reithe na sprèidhe, stiallach, breac, agus grìs-fhionn.
11. Agus thubhairt aingeal an Tighearna rium ann an aisling, A Iàcoib: agus thubhairt mise, Tha mi an seo.
12. Agus thubhairt esan, Tog suas a‑nis do shùilean, agus faic na reitheachan uile, a tha a’ reithe na sprèidhe, gu bheil iad stiallach, breac, agus grìs-fhionn: oir chunnaic mise gach nì a rinn Làban ort.
13. Is mise Dia Bheteil, far an d’ung thu an carragh, far an do bhòidich thu dhòmhsa bòid: a‑nis èirich, imich a‑mach as an tìr seo, agus till gu tìr do dhìlsean.
14. Agus fhreagair Rachel agus Lèah agus thubhairt iad ris, A bheil fhathast cuibhreann no oighreachd air bith againne ann an taigh ar n‑athar?
15. Nach eil sinn air ar meas leis mar choigrich? Oir reic e sinn, agus straoidh e mar an ceudna gu tur ar n‑airgead:
16. Oir an saoibhreas sin uile a thug Dia o ar n‑athair, is leinn fhèin, agus le ar cloinn e: a‑nis, uime sin, gach nì a thubhairt Dia riutsa, dèan e.
17. An sin dh’èirich Iàcob suas, agus chuir e a mhic agus a mhnathan air càmhail;
18. Agus thug e leis a sprèidh uile, agus a mhaoin uile a fhuair e, sprèidh a chosnaidh, a fhuair e am Padan-àram, gu dol a dh’ionnsaigh Isaaic a athair gu tìr Chanàain.
19. Agus chaidh Làban a lomairt a chaorach; agus ghoid Rachel na dealbhan a bu le a h‑athair.
20. Agus ghoid Iàcob air falbh gun fhios do Làban an Sirianach, a chionn nach d’innis e dha gu robh e gu teicheadh.
21. Agus theich e leis gach nì a bha aige; agus dh’èirich e suas, agus chaidh e thar an abhainn, agus chuir e a aghaidh ri sliabh Ghilead.
22. Agus dh’innseadh do Làban, air an treas là, gun do theich Iàcob.
23. Agus thug e a bhràithrean leis, agus lean e e astar seachd làithean, agus rug e air ann an sliabh Ghilead.
24. Agus thàinig Dia gu Làban an Sirianach ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.
25. An sin rug Làban air Iàcob. A‑nis shuidhich Iàcob a bhùth anns an t‑sliabh, agus shuidhich Làban maille ra bhràithrean ann an sliabh Ghilead.
26. Agus thubhairt Làban ri Iàcob, Ciod seo a rinn thu, gun do ghoid thu air falbh gun fhios dhomh, agus gun tug thu leat mo nigheanan, mar bhraighdean a thugadh a‑mach leis a’ chlaidheamh?
27. Carson a theich thu air falbh gu h‑uaigneach, agus a ghoid thu uam, agus nach d’innis thu dhomh, agus gun cuirinn air falbh thu le subhachas, agus le òrain, le tiompan, agus le clàrsaich?
28. Agus nach do leig thu leam mo mhic agus mo nigheanan a phògadh? A‑nis is amaideach a fhuaireadh thu le seo a dhèanamh.
29. Tha e an comas mo làimhe-sa cron a dhèanamh ort: ach labhair Dia d’athar rium a‑raoir, ag ràdh, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.
30. Agus a‑nis, ged b’èiginn dhut falbh, a chionn gu robh thu gu ro‑mhòr an geall air taigh d’athar, gidheadh carson a ghoid thu mo dhiathan?
31. Agus fhreagair Iàcob, agus thubhairt e ri Làban, A chionn gu robh eagal orm: oir thubhairt mi, Theagamh gun tugadh tu uam do nigheanan le ainneart.
32. Ge bè neach aig am faigh thu do dhiathan, na maireadh e beò: an làthair ar bràithrean faic ciod a tha agam a bhuineas dhut, agus gabh thugad e; oir cha robh fhios aig Iàcob gun do ghoid Rachel iad.
33. Agus chaidh Làban a‑steach do bhùth Iàcoib, agus do bhùth Lèah, agus do bhùth an dà bhanoglaich; ach cha d’fhuair e iad. An sin chaidh e a‑mach à bùth Lèah, agus chaidh e a‑steach do bhùth Racheil.
34. A‑nis ghoid Rachel na dealbhan, agus chuir i iad ann an acfhainn a’ chàmhail, agus shuidh i orra. Agus rannsaich Làban am bùth uile, ach cha d’fhuair e iad.
35. Agus thubhairt i ra h‑athair, Na cuireadh e corraich air mo thighearna nach urrainn mi èirigh suas ad fhianais, oir tha orm a rèir gnàth nam ban: agus rannsaich e, ach cha d’fhuair e na dealbhan.
36. Agus bha fearg air Iàcob, agus throid e ri Làban: agus fhreagair Iàcob, agus thubhairt e ri Làban, Ciod i mo choire, agus ciod e mo pheacadh, gu robh thu cho dian air mo thòir?
37. An dèidh dhut m’àirneis uile a rannsachadh, ciod a fhuair thu de uile àirneis do thaighe? Cuir an seo e an làthair mo bhràithrean-sa agus do bhràithrean fhèin, agus gun tabhair iad breith eadarainn nar dithis.
38. A‑nis fichead bliadhna bha mi maille riut; cha do thilg do chaoraich an uain, no do ghobhair am minn, agus reitheachan do threuda cha d’ith mi.
39. An nì sin a reubadh le fiadh-bheathaichean cha tug mi ad ionnsaigh; ghiùlain mi fhèin a chall: om làimh-sa dh’iarr thu e, co‑dhiù a ghoideadh e anns an là, no a ghoideadh e anns an oidhche.
40. Mar seo bha mi; anns an là chlaoidh an teas mi, agus an reodhadh anns an oidhche; agus dhealaich mo chadal rim shùilean.
41. Mar seo bha mi fichead bliadhna ad thaigh: ceithir-bliadhna-deug rinn mi seirbhis dhut airson do dhithis nighean, agus sia bliadhna airson do sprèidhe; agus mhùth thu mo thuarasdal deich uairean.
42. Mura biodh gu robh Dia m’athar, Dia Abrahàim, agus eagal Isaaic maille rium, gu cinnteach chuireadh tu a‑nis air falbh mi falamh. Chunnaic Dia m’àmhghar agus saothair mo làmh, agus chronaich e thu a‑raoir.
43. Agus fhreagair Làban, agus thubhairt e ri Iàcob, Na nigheanan seo is iad mo nigheanan-sa, agus an sprèidh seo mo sprèidh-sa; agus gach nì a tha thu a’ faicinn, is leamsa e: agus ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh an‑diugh rim nigheanan seo, no rin cloinn a rug iad?
44. A‑nis uime sin thig-sa, dèanamaid coicheangal, mise agus thusa; agus biodh e mar fhianais eadar mise agus thusa.
45. Agus ghabh Iàcob clach, agus chuir e suas i mar charragh.
46. Agus thubhairt Iàcob ra bhràithrean, Cruinnichibh clachan: agus ghabh iad clachan, agus rinn iad càrn, agus dh’ith iad an sin air a’ chàrn.
47. Agus thug Làban mar ainm air Iegar-sahaduta: ach thug Iàcob mar ainm air Galeed.
48. Agus thubhairt Làban, Tha an càrn seo na fhianais eadar mise agus thusa an‑diugh. Uime sin thugadh Galeed mar ainm air;
49. Agus Midspah; oir thubhairt e, Dèanadh an Tighearna faire eadar mise agus thusa, nuair a bhios sinn à làthair a chèile.
50. Ma bhuineas tu gu cruaidh rim nigheanan, no ma ghabhas tu mnathan eile a thuilleadh air mo nigheanan-sa, chan eil duine sam bith maille rinn; feuch, tha Dia na fhianais eadar mise agus thusa.
51. Agus thubhairt Làban ri Iàcob, Faic an càrn seo, agus faic an carragh seo, a shuidhich mi eadar mise agus thusa.
52. Biodh an càrn seo na fhianais, agus biodh an carragh seo na fhianais, nach tèid mise ad ionnsaigh-sa thar a’ chàrn seo, agus nach tig thusa am ionnsaigh-sa thar a’ chàrn seo, agus a’ charragh seo, gu cron.
53. Gun tugadh Dia Abrahàim, agus Dia Nahoir, Dia an athar, breith eadarainn. Agus mhionnaich Iàcob air eagal a athar, Isaac.
54. An sin thug Iàcob suas ìobairtean anns an t‑sliabh, agus ghairm e air a bhràithrean a dh’ithe arain: agus dh’ith iad aran, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche anns an t‑sliabh.
55. Agus dh’èirich Làban suas moch anns a’ mhadainn, agus phòg e a mhic agus a nigheanan, agus bheannaich e iad, agus dh’fhalbh e: agus thill Làban ga àite fhèin.

Genesis 32:1-32
1. Agus dh’imich Iàcob air a shlighe, agus choinnich ainglean Dhè e.
2. Agus thubhairt Iàcob, nuair a chunnaic e iad, Is e seo feachd Dhè: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin.
3. Agus chuir Iàcob teachdairean roimhe gu Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, dùthaich Edoim.
4. Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Mar seo their sibh rim thighearna Esau, Mar seo thubhairt do sheirbhiseach Iàcob, Bha mi air chuairt maille ri Làban, agus dh’fhan mi maille ris gus a‑nis:
5. Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus banoglaich; agus chuir mi a dh’innse dom thighearna, a‑chum gum faighinn deagh-ghean ad shùilean.
6. Agus thill na teachdairean gu Iàcob, ag ràdh, Thàinig sinn a dh’ionnsaigh do bhràthar Esau, agus mar an ceudna tha e a’ teachd ad chòmhdhail agus ceithir cheud fear maille ris.
7. Agus bha Iàcob fo eagal mòr, agus ann an airc; agus roinn e an sluagh a bha maille ris, agus na treudan, agus an crodh, agus na càmhail nan dà bhuidhinn;
8. Agus thubhairt e, Ma thig Esau gu aon de na buidhnean, agus gum buail e i, an sin thèid a’ bhuidheann a dh’fhanas as uaithe.
9. Agus thubhairt Iàcob, O Dhè m’athar Abrahàm, agus a Dhè m’athar Isaac, a Thighearna a thubhairt rium, Till gud dhùthaich, agus gud dhìlsean, agus nì mi math dhut:
10. Chan airidh mi air a’ chuid as lugha de na tròcairean sin uile, no den fhìrinn sin uile, a nochd thu dod sheirbhiseach; oir lem luirg thàinig mi thar an Iòrdan seo, agus tha mi a‑nis am dhà bhuidhinn.
11. Saor mi, guidheam ort, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gun tig e, agus gum buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn.
12. Agus thubhairt thu, Gu cinnteach nì mi math dhut, agus nì mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach faodar àireamh a‑thaobh lìonmhorachd.
13. Agus dh’fhan e an sin an oidhche sin fhèin, agus ghabh e de na thàinig ga làimh tìodhlac airson Esau a bhràthair;
14. Dà cheud gobhar, agus fichead boc, dà cheud caora, agus fichead reithe,
15. Deich-càmhail-fhichead bhainne len searraich, dà‑fhichead bò agus deich tairbh, fichead asal bhoireann agus deich searraich.
16. Agus thug e iad do làimh a sheirbhiseach, gach iomain leatha fhèin; agus thubhairt e ra sheirbhisich, Imichibh romham, agus cuiribh dealachadh eadar iomain agus iomain.
17. Agus dh’àithn e dhàsan a bha air thoiseach, ag ràdh, Nuair a choinnicheas mo bhràthair Esau thu, agus a dh’fheòraicheas e dhìot, ag ràdh, Cò leis thu, agus càit a bheil thu a’ dol? Agus cò leis iad sin a tha romhad?
18. An sin their thusa, Buinidh iad dod sheirbhiseach Iàcob; is tìodhlac a tha ann, a chuireadh a dh’ionnsaigh mo thighearna Esau: agus, feuch, mar an ceudna tha e fhèin nar dèidh.
19. Agus dh’àithn e mar sin don dara seirbhiseach, agus don treas, agus dhaibhsan uile a bha a’ leantainn nan iomain, ag ràdh, Air an dòigh seo labhraidh sibh ri Esau, nuair a gheibh sibh e.
20. Agus their sibh cuideachd, Feuch, Tha do sheirbhiseach Iàcob nar dèidh-ne: oir thubhairt e, Nì mi rèidh e leis an tìodhlac a thèid romham, agus an dèidh sin chì mi a ghnùis; theagamh gun gabh e rium.
21. Mar sin chaidh an tìodhlac thairis roimhe: agus dh’fhan e fhèin an oidhche sin anns a’ chuideachd.
22. Agus dh’èirich e suas anns an oidhche sin, agus ghabh e a dhà mhnaoi, agus a dhà bhanoglaich, agus a aon-mhac-deug, agus chaidh e thairis air àth Iaboic.
23. Agus ghabh e iad, agus chuir e thairis air an t‑sruth iad, agus chuir e thairis na bha aige.
24. Agus dh’fhan Iàcob na aonar; agus ghleac duine ris, gu ruig briseadh na fàire.
25. Agus nuair a chunnaic e nach do bhuadhaich e air, an sin bhean e ri lag a shlèisde; agus chaidh lag-slèisde Iàcoib as an alt nuair a bha e a’ gleac ris.
26. Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, oir tha an fhàire a’ briseadh: agus thubhairt esan, Cha leig mi air falbh thu, mura beannaich thu mi.
27. Agus thubhairt e ris, Ciod as ainm dhut? Agas thubhairt e, Iàcob.
28. Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob nas mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoine, agus thug thu buaidh.
29. Agus dh’fhiosraich Iàcob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, d’ainm: agus thubhairt esan, Carson a tha thu a’ farraid m’ainme? Agus bheannaich e an sin e.
30. Agus thug Iàcob Peniel mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh ri aghaidh, agus thèarnadh m’anam.
31. Agus dh’èirich a’ ghrian air, nuair a chaidh e seach Penuel, agus bha e bacach air a shliasaid.
32. Uime sin chan ith clann Israeil den fhèith a chrup, a tha air lag na slèisde, gus an là‑an‑diugh; a chionn gun do bhean e ri lag-slèisde Iàcoib anns an fhèith a chrup.

Salm 8:6-9
6. Thug thu uachdaranachd dha air obraichean do làmh; chuir thu gach nì fo a chasan;
7. Caoraich agus buar uile, agus mar an ceudna ainmhidhean na machrach;
8. Eunlaith nan speur, agus iasg na mara, a shiùbhlas air slighean nan cuan.
9. O Iehòbhah ar Tighearna, cia òirdheirc d’ainm air feadh na talmhainn uile!

Gnàth-fhacal 3:19-20
19. Le gliocas shuidhich an Tighearna an talamh; le tuigse shònraich e na nèamhan.
20. Le a eòlas-san brisear suas na doimhneachdan, agus silidh na neòil a‑nuas an drùchd.

Mata 11:1-30
1. Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa a àitheantan a thabhairt da dhà-dheisciobal-dheug, gun d’imich e as a sin a theagasg agus a shearmonachadh nam bailtean.
2. A‑nis nuair a chuala Eòin anns a’ phrìosan gnìomharan Chrìosd, chuir e dithis de a dheisciobail da ionnsaigh,
3. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?
4. Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Imichibh agus innsibh do Eòin na nithean a tha sibh a’ cluinntinn agus a’ faicinn:
5. Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.
6. Agus is beannaichte an tì nach faigh oilbheum annamsa.
7. Agus air imeachd dhaibhsan air falbh, thòisich Iosa air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, ag ràdh, Ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?
8. Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, a’ mhuinntir a chaitheas aodach mìn, is ann an taighean nan rìghrean a tha iad.
9. Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus nas mò na fàidh.
10. Oir is e seo an tì mum bheil e sgrìobhte, Feuch, cuiridh mise mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad.
11. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nam measg-san a rugadh le mnathan, nach d’èirich neach as mò na Eòin Baistidh: gidheadh, an tì sin as lugha ann an rìoghachd nèimh, is mò e na esan.
12. Agus o làithean Eòin Baistidh gus a‑nis, tha rìoghachd nèimh a’ fulang ainneirt, agus luchd na h‑ainneirt ga glacadh le làmhachas-làidir.
13. Oir rinn na fàidhean uile agus an lagh fàidheadaireachd gu àm Eòin.
14. Agus mas toigh leibh a ghabhail, is e seo Elias a bha ri teachd.
15. Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.
16. Ach cò ris a shamhlaicheas mise an ginealach seo? Is cosmhail e ri cloinn a shuidheas anns a’ mhargadh, agus ag èigheach rin companaich,
17. Agus ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, ach cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, ach cha do rinn sibhse gul.
18. Oir thàinig Eòin chan ann ag ithe no ag òl, agus tha iad ag ràdh, Tha deamhan aige.
19. Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn.
20. An sin thòisich e air achmhasan a thabhairt do na bailtean anns am mò an do rinneadh de a obraichean cumhachdach, airson nach do rinn iad aithreachas.
21. Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.
22. Ach tha mi ag ràdh ribh gum bi staid Thìruis agus Shìdoin nas so‑iomchaire ann an là a’ bhreitheanais na bhios ur staid-se.
23. Agus thusa, a Chapernàum, a tha air do thogail suas gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annadsa air an dèanamh ann an Sòdom, dh’fhan e gun a sgrios gus an‑diugh.
24. Ach tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do fhearann Shòdoim ann an là a’ bhreitheanais na dhutsa.
25. Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.
26. Seadh, Athair, do bhrìgh gum b’ann mar sin a bha do dheagh thoil-sa.
27. Tha na h‑uile nithean air an tabhairt thairis dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith am Mac, ach don Athair: cha mhò as aithne do neach air bith an t‑Athair, ach don Mhac, agus do gach aon don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
28. Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.
29. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman.
30. Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.