A A A A A
Bible in one year
January 1

Genesis 1:1-31
1. Anns an toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh.
2. Agus bha an talamh gun dealbh agus falamh; agus bha dorchadas air aghaidh na doimhne. Agus bha Spiorad Dhè a’ gluasad air aghaidh nan uisgeachan.
3. Agus thubhairt Dia, Biodh solas ann: agus bha solas ann.
4. Agus chunnaic Dia an solas, gu robh e math: agus chuir Dia dealachadh eadar an solas agus an dorchadas.
5. Agus thug Dia mar ainm air an t‑solas Là, agus air an dorchadas thug e mar ainm Oidhche. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ciad là.
6. Agus thubhairt Dia, Biodh adhar ann am meadhon nan uisgeachan, agus cuireadh e dealachadh eadar uisgeachan agus uisgeachan.
7. Agus rinn Dia an t‑adhar, agus chuir e dealachadh eadar na h‑uisgeachan a bha fon adhar, agus na h‑uisgeachan a bha os cionn an adhair: agus bha e mar sin.
8. Agus thug Dia mar ainm air an adhar Nèamh. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an dara là.
9. Agus thubhairt Dia, Cruinnichear na h‑uisgeachan a tha fo nèamh a dh’aon àite, agus leigear ris an tìr thioram: agus bha e mar sin.
10. Agus thug Dia mar ainm air an tìr thioraim Talamh; agus air cruinneachadh nan uisgeachan thug e mar ainm Fairgeachan: agus chunnaic Dia gu robh e math.
11. Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a‑mach feur, luibh a ghineas sìol, craobh-mheas a bheir a‑mach meas a rèir a gnè, aig a bheil a sìol innte fhèin, air an talamh: agus bha e mar sin.
12. Agus thug an talamh a‑mach feur, luibh a ghineas sìol a rèir a gnè, agus craobh a bheir a‑mach meas, aig a bheil a sìol innte fhèin, a rèir a gnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
13. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an treas là.
14. Agus thubhairt Dia, Biodh solais ann an speuran nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche; agus biodh iad airson chomharraidhean, agus airson aimsirean, agus airson làithean, agus bhliadhnachan:
15. Agus biodh iad mar sholais ann an speuran nèimh, a thoirt solais air an talamh: agus bha e mar sin.
16. Agus rinn Dia dà sholas mhòr; an solas as mò a riaghladh an là, agus an solas as lugha a riaghladh na h‑oidhche: agus na reultan.
17. Agus shuidhich Dia iad ann an speuran nèimh, a thoirt solais air an talamh,
18. Agus a riaghladh anns an là, agus anns an oidhche, agus a chur dealachaidh eadar an solas agus an dorchadas: agus chunnaic Dia gu robh e math.
19. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ceathramh là.
20. Agus thubhairt Dia, Thugadh na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt an creutair gluasadach anns a bheil beatha, agus biodh eunlaith ag itealaich os cionn na talmhainn air aghaidh speuran nèimh.
21. Agus chruthaich Dia mucan-mara mòra, agus gach uile chreutair beò a ghluaiseas, a thug na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt, a rèir an gnè, agus gach eun iteagach a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
22. Agus bheannaich Dia iad, ag ràdh, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh na h‑uisgeachan anns na fairgeachan, agus fàsadh an eunlaith lìonmhor air an talamh.
23. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an còigeamh là.
24. Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a‑mach an creutair beò a rèir a ghnè, sprèidh, agus gach nì a shnàigeas, agus beathaichean na talmhainn a rèir an gnè: agus bha e mar sin.
25. Agus rinn Dia beathaichean na talmhainn a rèir an gnè, agus an sprèidh a rèir an gnè, agus gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
26. Agus thubhairt Dia, Dèanamaid duine nar dealbh fhèin, a rèir ar coslais fhèin, agus biodh uachdaranachd aca os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn na sprèidhe, agus os cionn na talmhainn uile, agus os cionn gach nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh.
27. Agus chruthaich Dia an duine na dhealbh fhèin, ann an dealbh Dhè chruthaich e e: fireannach agus boireannach chruthaich e iad.
28. Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh.
29. Agus thubhairt Dia, Feuch, thug mi dhuibh gach luibh a ghineas sìol, a tha air aghaidh na talmhainn uile, agus gach craobh anns a bheil meas craoibhe a ghineas sìol; dhuibhse bidh e mar bhiadh.
30. Agus do uile bheathaichean na talmhainn, agus do uile eunlaith nan speur, agus do gach nì a shnàigeas air an talamh, anns a bheil beatha, thug mi gach luibh ghorm mar bhiadh: agus bha e mar sin.
31. Agus chunnaic Dia gach nì a rinn e, agus, feuch, bha e ro‑mhath. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an siathamh là.

Genesis 2:1-25
1. Agus chrìochnaicheadh na nèamhan agus an talamh, agus an sluagh uile.
2. Agus chrìochnaich Dia air an t‑seachdamh là a obair a rinn e; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là o a obair uile a rinn e.
3. Agus bheannaich Dia an seachdamh là, agus naomhaich e e: do bhrìgh gur ann air a ghabh e fois o a obair uile a chruthaich Dia agus a rinn e.
4. Is iad seo ginealaichean nan nèamh agus na talmhainn nuair a chruthaicheadh iad, anns an là anns an do rinn an Tighearna Dia an talamh agus na nèamhan.
5. Agus cha robh aon de phreasan na machrach fhathast anns an talamh, agus cha d’fhàs fhathast aon de lusan na machrach; do bhrìgh nach tug an Tighearna Dia air uisge frasadh air an talamh, agus cha robh duine ann a shaothrachadh na talmhainn.
6. Ach chaidh ceò suas on talamh, agus dh’uisgich e aghaidh na talmhainn uile.
7. Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine de dhuslach na talmhainn: agus shèid e ann an cuinneinean a shròine anail na beatha; agus dh’fhàs an duine na anam beò.
8. Agus shuidhich an Tighearna Dia gàrradh ann an Eden, anns an àird an ear; agus chuir e an sin an duine a dhealbh e.
9. Agus thug an Tighearna Dia air gach uile chraoibh fàs as an talamh a tha taitneach don t‑sealladh, agus math a‑chum bìdh; craobh na beatha mar an ceudna ann am meadhon a’ ghàrraidh, agus craobh eòlas a’ mhaith agus an uilc.
10. Agus chaidh abhainn a‑mach à Eden a dh’uisgeachadh a’ ghàrraidh; agus as a sin roinneadh i, agus dh’fhàs i na ceithir cinn.
11. Is e ainm na ciad aibhne Pison; seo i a tha a’ cuartachadh tìr Habhilah uile, far a bheil òr.
12. Agus tha òr na tìre sin math: an sin tha bdellium agus a’ chlach onics.
13. Agus is e ainm na dara aibhne Gihon: is i sin a tha a’ cuartachadh tìr Chuis uile.
14. Agus is e ainm na treas aibhne Hidecel: is i sin a tha a’ dol don taobh an ear de Asiria. Agus is i an ceathramh abhainn Euphràtes.
15. Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir e e ann an gàrradh Edein, ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh.
16. Agus dh’àithn an Tighearna Dia don duine, ag ràdh, De gach uile chraoibh anns a’ ghàrradh faodaidh tu ithe gu saor:
17. Ach de chraoibh eòlas a’ mhaith agus an uilc, chan ith thu dhith sin; oir anns an là a dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu.
18. Agus thubhairt an Tighearna Dia, Chan eil e math gum biodh an duine na aonar: nì mi dha còmhnadh da rèir fhèin.
19. Agus dhealbh an Tighearna Dia as an talamh uile bheathaichean na machrach, agus uile eunlaith nan speur; agus thug e iad a‑chum Adhaimh, a dh’fhaicinn cionnas a dh’ainmicheadh e iad: agus ge bè ainm a thug Adhamh air gach creutair beò, b’e sin a b’ainm dha.
20. Agus thug Adhamh ainmean don sprèidh uile, agus do eunlaith nan speur, agus do uile bheathaichean na machrach; ach do Adhamh cha d’fhuaireadh còmhnadh da rèir fhèin.
21. Agus thug an Tighearna Dia air cadal trom tuiteam air Adhamh, agus chaidil e: agus ghabh e aon de a aisnean, agus dhùin e an fheòil suas na h‑àite;
22. Agus thog an Tighearna Dia an aisne a thug e on duine suas na mnaoi, agus thug e i a‑chum an duine.
23. Agus thubhairt Adhamh, Seo a‑nis cnàimh dem chnàmhan, agus feòil dem fheòil-sa: goirear bean dhith, do bhrìgh gur ann as an duine a thugadh i.
24. Air an adhbhar sin fàgaidh fear a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad nan aon fheòil.
25. Agus bha iad le chèile lomnochd, an duine agus a bhean, agus cha robh nàire orra.

Salm 1:1-6
1. Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd-fanaid:
2. Ach aig a bheil tlachd ann an lagh an Tighearna, agus a smaoinicheas air a lagh-san a là agus a dh’oidhche.
3. Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.
4. Chan ann mar sin a bhios na h‑aingidh, ach mar mholl a sgapas a’ ghaoth.
5. Air an adhbhar sin cha seas na h‑aingidh ann am breitheanas, no peacaich ann an coitheanal nam fìrean.
6. Oir is aithne don Tighearna slighe nam fìrean, ach sgriosar slighe nan aingidh.

Gnàth-fhacal 1:1-7
1. Gnàth-fhacail Sholaimh, mac Dhaibhidh, rìgh Israeil;
2. A dh’aithneachadh gliocais agus teagaisg, a thuigsinn briathran na tuigse;
3. A ghabhail teagasg a’ ghliocais, a’ cheartais, agus a’ bhreitheanais, agus na còrach;
4. A thoirt gèire dhaibhsan a tha baoghalta, eòlais agus cèill don òganach.
5. Eisdidh duine glic, agus meudaichidh e fòghlam; agus sealbhaichidh duine tuigseach comhairlean glice:
6. A thuigsinn gnàth-fhacail, agus eadar-mhìneachaidh; faclan nan daoine glice, agus am briathran dorcha.
7. Is e eagal an Tighearna tùs an eòlais: air gliocas agus teagasg nì amadain tàir.

Mata 1:1-25
1. Leabhar ginealach Iosa Crìosd, mhic Dhaibhidh mhic Abrahàim.
2. Ghin Abrahàm Isaac, agus ghin Isaac Iàcob, agus ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean,
3. Agus ghin Iùdas Phares agus Sara o Thamar, agus ghin Phares Esrom, agus ghin Esrom Aram,
4. Agus ghin Aram Aminadab, agus ghin Aminadab Naason, agus ghin Naason Salmon,
5. Agus ghin Salmon Bòas o Rachab, agus ghin Bòas Obed o Rut, agus ghin Obed Iese,
6. Agus ghin Iese Daibhidh an rìgh, agus ghin Daibhidh an rìgh Solamh on mhnaoi a bha aig Urias,
7. Agus ghin Solamh Rebòam, agus ghin Rebòam Abia, agus ghin Abia Asa,
8. Agus ghin Asa Iosaphat, agus ghin Iosaphat Ioram, agus ghin Ioram Osias,
9. Agus ghin Osias Ioatam, agus ghin Ioatam Achas, agus ghin Achas Esecias,
10. Agus ghin Esecias Manases, agus ghin Manases Amon, agus ghin Amon Iosias,
11. Agus ghin Iosias Iechonias agus a bhràithrean, mu àm an giùlain do Bhàbilon;
12. Agus an dèidh an toirt do Bhàbilon, ghin Iechonias Salatiel, agus ghin Salatiel Serobabel,
13. Agus ghin Serobabel Abiud, agus ghin Abiud Eliacim, agus ghin Eliacim Asor,
14. Agus ghin Asor Sadoc, agus ghin Sadoc Achim, agus ghin Achim Eliud,
15. Agus ghin Eliud Eleàsar, agus ghin Eleàsar Matan, agus ghin Matan Iàcob,
16. Agus ghin Iàcob Iòseph, fear Mhuire, on do rugadh Iosa, den goirear Crìosd.
17. Uime sin na ginealaichean uile o Abrahàm gu Daibhidh, is ceithir-ginealaichean-deug iad; agus o Dhaibhidh gu bruid Bhàbiloin, ceithir-ginealaichean-deug; agus o bhruid Bhàbiloin gu Crìosd, ceithir-ginealaichean-deug.
18. Agus mar seo bha breith Iosa Crìosd: oir an dèidh do cheangal-pòsaidh a bhith air a dhèanamh eadar a mhàthair Muire agus Iòseph, ro dhaibh teachd cuideachd, fhuaireadh torrach i on Spiorad Naomh.
19. Ach air do Iòseph a fear a bhith na dhuine cothromach, agus gun toil aige ball-sampaill a dhèanamh dhith, bu mhiann leis a cur uaithe os ìosal.
20. Ach aig smaoineachadh nan nithean sin dha, feuch, dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha ann am bruadar, ag ràdh, A Iòseiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort do bhean Muire a ghabhail ad ionnsaigh: oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.
21. Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean.
22. (Agus rinneadh seo uile a‑chum gun coileante an nì a thubhairt an Tighearna leis an fhàidh, ag ràdh,
23. Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)
24. Agus air mosgladh do Iòseph as a chadal, rinn e mar a dh’iarr aingeal an Tighearna air, agus ghabh e da ionnsaigh a bhean:
25. Agus cha d’aithnich e i gus an do rug i a ciad-ghin mic; agus thug e Iosa mar ainm air.