A A A A A
Bible in one year
April 12

Iosua 13:1-33
1. A‑nis bha Iosua sean agus air teachd air aghaidh ann am bliadhnachan; agus thubhairt an Tighearna ris, Tha thusa sean agus air teachd air d’aghaidh ann am bliadhnachan, agus tha fhathast ro‑mhòran fearainn ra shealbhachadh.
2. Is e seo am fearann a tha fhathast an làthair; uile chrìochan nam Philisteach agus Gesuri uile,
3. O Shihor, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, eadhon gu crìch Ecroin mu thuath, a mheasar don Chanàanach: còig tighearnan nam Philisteach; na Gàsataich, agus na h‑Asdodaich, na h‑Escalonaich, na Gitich, agus na h‑Ecronaich, agus na h‑Abhaich:
4. On taobh mu dheas, uile fhearann nan Canàanach, agus Mearah, a tha làimh ris na Sìdonaich, gu Aphec, gu crìch nan Amorach;
5. Agus fearann nan Gibleach, agus Lebanon uile leth ri èirigh na grèine, o Bhàal-gad fo shliabh Hermoin, gu ruig an dol a‑steach do Hamat:
6. Uile luchd-àiteachaidh nam beann o Lebanon gu Misrephot-maim, agus na Sìdonaich uile, iadsan fògraidh mi a‑mach ro chloinn Israeil; a‑mhàin roinn e le crannchur do na h‑Israelich mar oighreachd, mar a dh’àithn mise dhut.
7. A‑nis uime sin, roinn am fearann seo mar oighreachd do na naoi treubhan, agus do leth-threubh Mhanaseh;
8. Maille ris an leth-threubh eile fhuair na Reubenich agus na Gadaich an oighreachd-san a thug Maois dhaibh an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon mar a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh;
9. O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus còmhnard Mhedebah uile gu Dibon;
10. Agus uile bhailtean Shihoin, rìgh nan Amorach, a rìghich ann an Hesbon, gu crìch chloinn Amoin;
11. Agus Gilead, agus crìoch nan Gesurach, agus nam Maachatach, agus sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu Salcah;
12. Uile rìoghachd Og ann am Basan, a rìghich ann an Astarot agus ann an Edrei, a mhair de iarmad nam famhairean: oir iad sin bhuail Maois, agus dh’fhògair e a‑mach iad.
13. Gidheadh, cha d’fhògair clann Israeil a‑mach na Gesuraich, no na Maachataich; ach tha na Gesuraich agus na Maachataich nan còmhnaidh am measg nan Israelach gus an là‑an‑diugh.
14. A‑mhàin do threubh Lèbhi cha tug e oighreachd sam bith; is iad ìobairtean an Tighearna Dia Israeil, a bheirear suas le teine, an oighreachd-san, mar a thubhairt e riu.
15. Agus thug Maois do threubh chloinn Reubein oighreachd a rèir an teaghlaichean:
16. Agus bha an crìoch o Aroer a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus an còmhnard uile gu Medebah;
17. Hesbon, agus a bhailtean uile a tha anns a’ chòmhnard; Dibon, agus Bamot-bàal, agus Bet-ball-meon,
18. Agus Iahasa, agus Cedemot, agus Mephaat,
19. Agus Ciriataim, agus Sibmah, agus Saret-sahar ann an sliabh a’ ghlinne,
20. Agus Bet-peor, agus Asdod-pisgah, agus Bet-iesimot,
21. Agus uile bhailtean a’ chòmhnaird, agus uile rìoghachd Shihoin, rìgh nan Amorach, a rìghich ann an Hesbon, a bhuail Maois maille ri ceannardan Mhidiain, Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Rebah, cinn-fheadhna Shihoin, a bha a chòmhnaidh anns an tìr.
22. Balàam mar an ceudna, mac Bheoir, am fiosaiche, mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh nam measg-san a mharbhadh leo.
23. Agus b’i crìoch chloinn Reubein, Iòrdan agus a crìoch-se. B’i sin oighreachd chloinn Reubein a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.
24. Agus thug Maois oighreachd do threubh Ghad, eadhon do chloinn Ghad a rèir an teaghlaichean.
25. Agus b’i an crìoch Iaser, agus uile bhailtean Ghilead, agus leth fearann chloinn Amoin, gu Aroer a tha fa chomhair Rabah:
26. Agus o Hesbon gu Ramat-mhispeh, agus Betonim; agus o Mhahanaim gu crìch Dhebir;
27. Agus anns a’ ghleann, Betaram, agus Bet-nimrah, agus Sucot, agus Saphon, a’ chuid eile de rìoghachd Shihoin rìgh Hesboin, Iòrdan agus a crìoch, eadhon gu oir fairge Chineret, air taobh eile Iòrdain a làimh na h‑àird an ear.
28. B’i sin oighreachd chloinn Ghad, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.
29. Agus thug Maois oighreachd do leth-threubh Mhanaseh: agus b’i seo sealbh leth-threubh chloinn Mhanaseh, a rèir an teaghlaichean.
30. Agus bha an crìoch o Mhahanaim, Basan uile, uile rìoghachd Og rìgh Bhasain, agus uile bhailtean Iair, a tha ann am Basan, trì-fichead baile mòr:
31. Agus leth Ghilead, agus Astarot, agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan, bhuin iad do chloinn Mhachir mhic Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mhachir, a rèir an teaghlaichean.
32. Is iad sin na dùthchannan a roinn Maois mar oighreachd ann an còmhnardan Mhòaib, air an taobh eile de Iòrdan làimh ri Iericho, air an taobh an ear.
33. Ach do threubh Lèbhi cha tug Maois oighreachd: b’e an Tighearna Dia Israeil e fhèin an oighreachd-san, mar a thubhairt e riu.

Iosua 14:1-15
1. Agus is iad seo na dùthchannan a fhuair clann Israeil mar oighreachd ann an tìr Chanàain, a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn-fheadhna athraichean treubhan chloinn Israeil mar oighreachd dhaibh.
2. Le crannchur bha an oighreachd, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do na naoi treubhan agus an leth-threubh.
3. Oir bha Maois air tabhairt oighreachd do dhà threubh, agus do leth-threubh, air an taobh eile de Iòrdan: ach do na Lèbhithich cha tug e oighreachd sam bith nam measg.
4. Oir bha clann Iòseiph nan dà threubh, Manaseh agus Ephraim: uime sin cha tug iad roinn sam bith do na Lèbhithich anns an fhearann, saor o bhailtean gu còmhnaidh a ghabhail annta, maille rim fearann co‑roinn dan sprèidh, agus dam maoin.
5. Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil, agus roinn iad am fearann.
6. An sin thàinig clann Iùdah gu Iosua ann an Gilgal; agus thubhairt Càleb mac Iephuneh an Ceniseach ris, Tha fhios agad air an nì a thubhairt an Tighearna ri Maois, òglach Dhè, am thaobh-sa, agus ad thaobh fhèin, ann an Cadeis-barnea.
7. Dà‑fhichead bliadhna a dh’aois bha mise nuair a chuir Maois, òglach Dhè, mi o Chadeis-barnea, a rannsachadh a‑mach an fhearainn; agus thug mi air ais fios da ionnsaigh, mar a bha e ann am chridhe.
8. Gidheadh, thug mo bhràithrean, a chaidh suas maille rium, air cridhe an t‑sluaigh leaghadh: ach lean mise gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.
9. Agus mhionnaich Maois air an là sin, ag ràdh, Gu cinnteach bidh am fearann, air an do shaltair do chas, agad fhèin mar oighreachd, agus aig do chloinn gu bràth; a chionn gun do lean thu gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.
10. Agus a‑nis, feuch, ghlèidh an Tighearna mi beò, mar a thubhairt e, na còig agus an dà‑fhichead bliadhna seo, eadhon o labhair an Tighearna am facal seo ri Maois, am feadh a dh’imich clann Israeil anns an fhàsach; agus a‑nis, feuch, tha mi an‑diugh ceithir-fichead agus còig bliadhna a dh’aois.
11. Fhathast tha mi cho làidir an‑diugh is a bha mi anns an là anns an do chuir Maois uaithe mi: mar a bha mo neart an sin, mar sin tha mo neart a‑nis, a‑chum cogaidh, agus a dhol a‑mach, agus a theachd a‑steach.
12. A‑nis uime sin thoir dhomh a’ bheinn seo, mun do labhair an Tighearna anns an là ud; (oir chuala tu anns an là ud cionnas a bha na h‑Anacaich an sin, agus gu robh na bailtean mòr agus daingnichte;) ma thàrlas gum bi an Tighearna leam, an sin fògraidh mi a‑mach iad, mar a thubhairt an Tighearna.
13. Agus bheannaich Iosua e, agus thug e do Chàleb mac Iephuneh Hebron mar oighreachd.
14. Rinneadh uime sin Hebron na oighreachd do Chàleb mac Iephuneh, an Ceniseach, gus an là‑an‑diugh, a chionn gun do lean e gu h‑iomlan an Tighearna Dia Israeil.
15. Agus b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat-arba; bha an t‑Arba seo na dhuine mòr am measg nan Anacach. Agus bha fois aig an tìr o chogadh.

Salm 44:20-26
20. Ma dhìochuimhnich sinn ainm ar Dè, no ma shìn sinn ar làmhan gu Dia coimheach,
21. Nach rannsaich Dia seo a‑mach, oir tha fhios aigesan air nithean diamhair a’ chridhe?
22. Ach air do shonsa mharbhadh sinn rè an là gu lèir; mheasadh sinn mar chaoraich a‑chum casgraidh.
23. Mosgail! Carson a chaidleas tu, a Thighearna? Dùisg; na tilg sinn uat gu bràth.
24. Carson a dh’fhalaicheas tu do ghnùis, a dhìochuimhnicheas tu ar n‑àmhghar agus ar fòirneart?
25. Oir chromadh sìos ar n‑anam don ùir; dhlùth-lean ar com ris an talamh.
26. Eirich, cuidich leinn, agus saor sinn air sgàth do thròcair.

Gnàth-fhacal 14:3-3
3. Ann am beul an amadain tha slat uabhair; ach gleidhidh bilean nan daoine glice iad.

Lùcas 11:1-28
1. Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin.
2. Agus thubhairt e riu, Nuair a nì sibh ùrnaigh, abraibh, Ar n‑Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d’ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil, mar air nèamh, guma h‑amhlaidh sin air thalamh.
3. Thoir dhuinn o là gu là ar n‑aran làitheil.
4. Agus maith dhuinn ar peacaidhean: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn on olc.
5. Agus thubhairt e riu, Cò agaibhse aig am bi caraid, agus a thèid da ionnsaigh air mheadhon-oidhche, agus a their ris, A charaid, thoir dhomh trì buileannan an iasad;
6. Oir thàinig caraid dhomh am ionnsaigh as a shlighe, agus chan eil nì agam a chuireas mi na làthair?
7. Agus gum freagair esan on taobh a‑staigh agus gun abair e, Na cuir dragh orm: tha an doras a‑nis air a dhùnadh, agus tha mo chlann maille rium anns an leabaidh; chan fhaigh mi èirigh agus an toirt dhut.
8. Tha mi ag ràdh ribh, ged nach èirich e agus nach toir e dha, airson gur e a charaid e; gidheadh airson a liosdachd, èiridh e agus bheir e dha a mheud is a tha a dh’uireasbhaidh air.
9. Agus tha mise ag ràdh ribh, Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh; buailibh an doras, agus fosglar dhuibh.
10. Oir gach neach a dh’iarras, glacaidh e: agus an tì a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas, fosglar.
11. Ma dh’iarras mac aran air aon neach agaibhse a tha na athair, an toir e dha clach? No ma dh’iarras e iasg, an toir e nathair dha an àit èisg?
12. No ma dh’iarras e ubh, an toir e scorpion dha?
13. Air an adhbhar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thoirt dur cloinn, nach mòr as mò na sin a bheir ur n‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh’iarras air e?
14. Agus bha e a’ tilgeadh a‑mach deamhain, agus bha e balbh. Agus air dol don deamhan a‑mach, labhair am balbhan; agus ghabh an sluagh iongantas.
15. Ach thubhairt cuid dhiubh, Is ann tro Bheelsebub, ceannard nan deamhan, a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.
16. Agus dh’iarr dream eile dhiubh, ga dhearbhadh, comharradh air o nèamh.
17. Ach air dhàsan an smuaintean a thuigsinn, thubhairt e riu, Gach rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, fàsaichear i; agus gach taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, tuitidh e.
18. Agus ma tha Sàtan mar an ceudna air a roinn na aghaidh fhèin, cionnas a sheasas a rìoghachd? Oir tha sibhse ag ràdh gu bheil mise tro Bheelsebub a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.
19. Agus mas ann tro Bheelsebub a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, cò e tro a bheil ur clann-se gan tilgeadh a‑mach? Uime sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh.
20. Ach mas ann le meur Dhè a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, tha rìoghachd Dhè, gun teagamh, air teachd oirbhse.
21. Nuair a ghleidheas duine làidir fo airm a thalla fhèin, tha na bhuineas dha ann an sìth:
22. Ach nuair a thig duine as treasa na e, agus a bheir e buaidh air, bheir e uaithe a armachd uile anns an robh a dhòigh, agus roinnidh e a’ chreach.
23. An neach nach eil leamsa, tha e am aghaidh; agus an neach nach eil a’ cruinneachadh leam, tha e a’ sgapadh.
24. Nuair a thèid an spiorad neòghlan a‑mach à duine, imichidh e tro ionadan tioram, ag iarraidh foise: agus nuair nach faigh e sin, their e, Tillidh mi a dh’ionnsaigh mo thaighe as an tàinig mi.
25. Agus air dha teachd, gheibh e e air a sguabadh agus air a dhèanamh maiseach.
26. An sin imichidh e, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin; agus air dhaibh dol a‑steach, gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh crìoch an duine sin nas miosa na a thoiseach.
27. Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo, thog bean àraidh den t‑sluagh a guth, agus thubhairt i ris, Is beannaichte a’ bhrù a ghiùlain thu, agus na cìochan a dheoghail thu.
28. Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a choimheadas e.