Instagram
English
A A A A A
Bible in one year
April 11

Iosua 11:1-23
1. Agus nuair a chuala Iabin rìgh Hasoir na nithean sin, chuir e fios gu Iobab rìgh Mhadoin, agus gu rìgh Shimroin, agus gu rìgh Achsaiph,
2. Agus a dh’ionnsaigh nan rìgh a bha mu thuath anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard mu dheas de Chinerot, agus anns a’ ghleann, agus ann an crìochan Dhoir, air an làimh an iar;
3. Agus a dh’ionnsaigh a’ Chanàanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsaigh an Amoraich agus an Hitich, agus a’ Pheridsich, agus an Iebusaich anns na beanntan, agus a dh’ionnsaigh an Hibhich fo Hermon, ann an tìr Mhispeh.
4. Agus chaidh iad a‑mach, iad fhèin agus am feachd uile maille riu, sluagh lìonmhor, eadhon mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd, le eich agus carbadan ro‑lìonmhor.
5. Agus nuair a bha na rìghrean sin uile air coinneachadh a chèile, thàinig iad agus champaich iad cuideachd aig uisgeachan Mheroim, a chogadh an aghaidh Israeil.
6. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na biodh eagal ort romhpa; oir a‑màireach, mun àm seo, bheir mise suas iad uile marbh am fianais Israeil: gearraidh tu iosgaidean an each, agus loisgidh tu an carbadan le teine.
7. Agus thàinig Iosua, agus an sluagh cogaidh uile maille ris, orra aig uisgeachan Mheroim gu h‑obann, agus bhuail iad orra.
8. Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.
9. Agus rinn Iosua riu mar a dh’iarr an Tighearna air: gheàrr e iosgaidean an each, agus loisg e an carbadan le teine.
10. Agus thill Iosua anns an àm sin air ais, agus ghlac e Hasor, agus bhuail e a rìgh leis a’ chlaidheamh: oir b’e Hasor roimhe sin ceann nan rìoghachdan sin uile.
11. Agus bhuail iad na h‑anaman uile a bha ann le faobhar a’ chlaidheimh gan lèirsgrios: cha d’fhàgadh aon anns an robh anail; agus loisg e Hasor le teine.
12. Agus uile bhailtean nan rìgh sin, agus an rìghrean uile, ghlac Iosua, agus bhuail e iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus sgrios e gu tur iad, mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna.
13. Ach a‑thaobh nam bailtean sin uile a sheas a‑ghnàth nan neart, cha do loisg Israel aon dhiubh sin, saor o Hasor a‑mhàin; sin loisg Iosua.
14. Agus uile chreach nam bailtean sin, agus an sprèidh, ghabh clann Israeil mar chobhartach dhaibh fhèin; ach bhuail iad gach duine le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuir iad as dhaibh; cha d’fhàg iad neach air bith anns an robh anail.
15. Mar a dh’àithn an Tighearna da òglach Maois, mar sin dh’àithn Maois do Iosua, agus mar sin rinn Iosua: cha d’fhàg e nì gun dèanamh de na h‑uile a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
16. Mar sin ghlac Iosua am fearann sin uile, na slèibhtean, agus an tìr mu dheas uile, agus fearann Ghòsein uile, agus an gleann, agus an còmhnard, agus sliabh Israeil, agus a ghleann;
17. O shliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir, eadhon gu Bàal-gad ann an gleann Lebanoin, fo shliabh Hermoin: agus an rìghrean uile ghlac e, agus bhuail e iad, agus mharbh e iad.
18. Rè ùine fhada rinn Iosua cogadh ris na rìghrean sin uile.
19. Cha robh baile mòr air bith a rinn sìth ri cloinn Israeil, saor o na Hibhich, luchd-àiteachaidh Ghibeoin; càch uile ghlac iad ann an cath.
20. Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
21. Agus anns an àm sin thàinig Iosua, agus gheàrr e as na h‑Anacaich o na slèibhtean, o Hebron, o Dhebir, o Anab, agus o bheanntan Iùdah uile, agus o bheanntan Israeil uile: sgrios Iosua gu tur iad lem bailtean.
22. Cha d’fhàgadh aon de na h‑Anacaich ann am fearann chloinn Israeil; a‑mhàin ann an Gàsa, ann an Gat, agus ann an Asdod, dh’fhàgadh iad.
23. Mar sin ghlac Iosua an tìr uile, a rèir nan uile a thubhairt an Tighearna ri Maois, agus thug Iosua i mar oighreachd do chloinn Israeil, ann an earrannan a rèir an treubhan. Agus fhuair an tìr fois o chogadh.

Iosua 12:1-24
1. A‑nis is iad seo rìghrean an fhearainn a bhuail clann Israeil; agus shealbhaich iad am fearann air taobh eile Iòrdain leth ri èirigh na grèine, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin, agus an còmhnard uile air an làimh an ear:
2. Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus a riaghlaich o Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus o mheadhon an t‑srutha, agus leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin:
3. Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet-iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot-pisgah:
4. Agus crìoch Og rìgh Bhasain, a bha de iarmad nam famhairean a bha a chòmhnaidh ann an Astarot, agus ann an Edrei,
5. Agus a rìghich ann an sliabh Hermoin, agus ann an Salcah, agus ann am Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch Shihoin, rìgh Hesboin:
6. Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-threubh Mhanaseh.
7. Agus is iad seo rìghrean na tìre a bhuail Iosua agus clann Israeil air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar, o Bhaal-gad ann an gleann Lebanoin, eadhon gu sliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir: a thug Iosua do threubhan Israeil mar sheilbh, a rèir an roinnean:
8. Anns na beanntan, agus anns na gleanntan, agus anns na còmhnardan, agus anns na tobraichean, agus anns an fhàsach, agus anns an tìr mu dheas: na Hitich, na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, na Peridsich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich:
9. Rìgh Iericho, aon; rìgh Ai, a tha làimh ri Betel, aon;
10. Rìgh Ierusaleim, aon; rìgh Hebroin, aon;
11. Rìgh Iarmuit, aon; rìgh Lachis, aon;
12. Rìgh Egloin, aon; rìgh Ghèseir, aon;
13. Rìgh Dhebir, aon; rìgh Ghedeir, aon;
14. Rìgh Hormah, aon; rìgh Araid, aon;
15. Rìgh Libnah, aon; rìgh Adulaim, aon;
16. Rìgh Mhacedah, aon; rìgh Bheteil, aon;
17. Rìgh Thapuah, aon; rìgh Hepheir, aon;
18. Rìgh Apheic, aon; rìgh Lasaroin, aon;
19. Rìgh Mhadoin, aon; rìgh Hasoir, aon;
20. Rìgh Shimron-meroin, aon; rìgh Achsaiph, aon;
21. Rìgh Thaanaich, aon; rìgh Mhegido, aon;
22. Rìgh Chedeis, aon; rìgh Iocneaim o Charmel, aon;
23. Rìgh Dhoir, ann an crìch Dhoir, aon; rìgh chinneach Ghilgail, aon;
24. Rìgh Thirsah, aon; na rìghrean uile, deich-ar‑fhichead agus aon.

Salm 44:4-19
4. Is tu fhèin mo Rìgh, a Dhè; àithn thusa saorsa do Iàcob.
5. Tromhadsa buailidh sinn air naimhdean; trìd d’ainme-sa saltraidh sinn orrasan a dh’èireas nar naghaidh.
6. Oir as mo bhogha chan earb mi, agus cha saor mo chlaidheamh mi.
7. Ach shaor thusa sinn o ar naimhdean, agus nàraich thu iadsan aig an robh fuath dhuinn.
8. A Dia nì sinne uaill air feadh an là, agus d’ainm-sa molaidh sinn gu sìorraidh. Selah.
9. Ach a‑nis thilg thu uat sinn, agus nàraich thu sinn, agus chan eil thu a’ dol a‑mach le ar n‑armailtean.
10. Thug thu oirnn tionndadh air ar n‑ais on nàmhaid, agus tha iadsan lem fuathach sinn gar creachadh.
11. Thug thu sinn mar chaoraich airson bìdh, agus am measg nan cinneach sgap thu sinn.
12. Reic thu do shluagh gun fhiach, agus cha do mheudaich thu do mhaoin len luach.
13. Rinn thu sinn nar masladh dar coimhearsnaich, nar ball-fanaid agus magaidh dhaibhsan a tha mun cuairt oirnn.
14. Rinn thu gnàth-fhacal dhinn am measg nan cinneach, adhbhar crathadh cinn am measg an t‑sluaigh.
15. Fad an là tha m’amhluadh am fhianais, agus chòmhdaich nàire mo ghnùise mi,
16. Airson guth an fhir a bheir masladh agus toibheum, airson fianais an nàmhaid agus an dìoghaltaich.
17. Thàinig seo uile oirnn; gidheadh, cha do dhìochuimhnich sinn thu, agus cha do rinn sinn cealg ann ad choicheangal.
18. Cha do thionndaidh ar cridhe air ais, agus cha do chlaon ar cas od shlighe,
19. Ged mhìn-phronn thu sinn ann an ionad dhràgon, agus ged chòmhdaich thu sinn le sgàil a’ bhàis.

Gnàth-fhacal 14:1-2
1. Cuiridh gach bean ghlic a taigh suas; ach leagaidh a’ bhean amaideach sìos e le a làmhan fhèin.
2. Esan a ghluaiseas na ionracas bidh eagal an Tighearna air; ach esan a tha fiar na shlighean nì e tàir air.

Lùcas 10:25-42
25. Agus, feuch, sheas fear-lagha àraidh suas ga dhearbhadh, agus ag ràdh, A Mhaighistir, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?
26. Agus thubhairt e ris, Ciod a tha sgrìobhte anns an lagh? Cionnas a leughas tu?
27. Agus a’ freagairt dhàsan, thubhairt e, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart, agus led uile inntinn; agus do choimhearsnach mar thu fhèin.
28. Agus thubhairt esan ris, Is ceart a fhreagair thu: dèan-sa seo, agus bidh tu beò.
29. Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach?
30. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Chaidh duine àraidh sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg luchd-reubainn, agus air dhaibh a rùsgadh agus a lotadh, dh’imich iad romhpa, air dhaibh esan fhàgail leth-mharbh.
31. Agus thàrladh gun d’imich sagart àraidh sìos air an t‑slighe sin: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile.
32. Agus mar an ceudna, air do Lèbhitheach a bhith dlùth don ionad sin, thàinig e agus dh’amhairc e air, agus ghabh e seachad air an taobh eile.
33. Ach air do Shamaritanach àraidh a bhith a’ gabhail an rathaid, thàinig e far an robh esan: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e truas mòr dheth,
34. Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth.
35. Agus air an là màireach, nuair a dh’fhalbh e, thug e a‑mach dà phèighinn Ròmanach, agus thug e do fhear an taigh-òsda iad, agus thubhairt e ris, Gabh cùram dheth; agus ge bè nì tuilleadh a chaitheas tu, an tràth a thilleas mise air m’ais, dìolaidh mi dhut e.
36. Cò a‑nis den triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg an luchd-reubainn?
37. Agus thubhairt esan, An tì a rinn tròcair air. An sin thubhairt Iosa ris, Imich thusa, agus dèan mar an ceudna.
38. Agus ag imeachd dhaibh, chaidh e a‑steach do bhaile àraidh; agus ghabh bean àraidh dom b’ainm Marta da taigh fhèin e.
39. Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa, agus a bha ag èisdeachd a fhacail.
40. Ach bha Marta air a ro‑chùradh le mòran frithealaidh, agus air seasamh dhi na làthair thubhairt i, A Thighearna, nach eil suim agad gun d’fhàg mo phiuthar mise am aonar ri frithealadh? Uime sin abair rithe cuideachadh leam.
41. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean:
42. Ach tha aon nì feumail. Agus rinn Muire roghainn den chuid mhaith sin, nach toirear uaipe.