A A A A A
Bible in one year
April 16

Iosua 21:1-45
1. An sin thàinig cinn athraichean nan Lèbhitheach am fagas do Eleàsar an sagart, agus do Iosua mac Nuin, agus do chinn athraichean treubhan chloinn Israeil;
2. Agus labhair iad riu aig Siloh ann an tìr Chanàain, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois bailtean a thoirt dhuinn gu còmhnaidh a ghabhail annta, lem fearann co‑roinn dar sprèidh.
3. Agus thug clann Israeil do na Lèbhithich, as an oighreachd, air àithne an Tighearna, na bailtean seo agus am fearann co‑roinn.
4. Agus thàinig an crannchur a‑mach airson teaghlaichean nan Cohatach; agus bha aig cloinn Aaroin, an sagart, a bha de na Lèbhitich, le crannchur à treubh Iùdah, agus à treubh Shimeoin, agus à treubh Bheniàmin, trì-bailtean-deug.
5. Agus bha aig a’ chuid eile de chloinn Chohait le crannchur à teaghlaichean treubh Ephraim, agus à treubh Dhain, agus à leth-threubh Mhanaseh, deich bailtean.
6. Agus bha aig cloinn Ghersoin le crannchur, à teaghlaichean treubh Isachair, agus à treubh Aseir, agus à treubh Naphtali, agus à leth-threubh Mhanaseh ann am Basan, trì-bailtean-deug.
7. Bha aig cloinn Mherari, a rèir an teaghlaichean, à treubh Reubein, agus à treubh Ghad, agus à treubh Shebuluin, dà‑bhaile-dheug.
8. Agus thug clann Israeil le crannchur do na Lèbhitich na bailtean sin lem fearann co‑roinn, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois.
9. Agus thug iad a‑mach à treubh chloinn Iùdah, agus à treubh chloinn Shimeoin, na bailtean seo a tha air an ainmeachadh,
10. A bha aig cloinn Aaroin de theaghlaichean nan Cohatach, muinntir a bha de chloinn Lèbhi: (oir bu leòsan an ciad chrannchur).
11. Agus thug iad dhaibh mòr-bhaile Arba, athair Anaic (eadhon Hebron) ann an sliabh Iùdah, maille ra fhearann co‑roinn mun cuairt air.
12. Ach fearann a’ mhòr-bhaile, agus a bhailtean beaga, thug iad do Chàleb mac Iephuneh mar a sheilbh.
13. Mar seo thug iad do chloinn Aaroin, an sagart, Hebron maille ra fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Libnah le a fhearann co‑roinn.
14. Agus Iatir le a fhearann co‑roinn, agus Estemoah le a fhearann co‑roinn,
15. Agus Holon le a fhearann co‑roinn, agus Debir le a fhearann co‑roinn,
16. Agus Ain le a fhearann co‑roinn, agus Iutah le a fhearann co‑roinn, agus Bet-semes le a fhearann co‑roinn: naoi bailtean as an dà threubh sin.
17. Agus à treubh Bheniàmin, Gibeon le a fhearann co‑roinn, Gebah le a fhearann co‑roinn,
18. Anatot le a fhearann co‑roinn, agus Almon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.
19. B’iad uile bhailtean chloinn Aaroin, na sagartan, trì-bailtean-deug lem fearann co‑roinn.
20. Agus bha aig teaghlaichean chloinn Chohait, na Lèbhithich, a mhair de chloinn Chohait, eadhon acasan, bailtean an crannchuir à treubh Ephraim.
21. Oir thug iad dhaibh Sechem le a fhearann co‑roinn ann an sliabh Ephraim, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Gèser le a fhearann co‑roinn.
22. Agus Cibsaim le a fhearann co‑roinn, agus Bet-horon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.
23. Agus à treubh Dhain, Elteceh le a fhearann co‑roinn, Gibeton le a fhearann co‑roinn,
24. Aialon le a fhearann co‑roinn: Gat-rimon le a fhearann co‑roinn, ceithir bailtean.
25. Agus à leth-threubh Mhanaseh, Taanach le a fhearann co‑roinn, agus Gat-rimon le a fhearann co‑roinn: dà bhaile.
26. B’iad na bailtean uile lem fearann co‑roinn deich, airson teaghlaichean chloinn Chohait a mhair gun an oighreachd fhaghail.
27. Agus do chloinn Ghersoin de theaghlaichean nan Lèbhitheach, à leth eile treubh Mhanaseh, thug iad Golan ann am Basan le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Bees-tèrah, le a fhearann co‑roinn: dà bhaile.
28. Agus à treubh Isachair, Cison le a fhearann co‑roinn, Dabareh le a fhearann co‑roinn,
29. Iarmut le a fhearann co‑roinn, En‑ganim le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.
30. Agus à treubh Aseir, Misal le a fhearann co‑roinn, Abdon le a fhearann co‑roinn,
31. Helcat le a fhearann co‑roinn, agus Rehob le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.
32. Agus à treubh Naphtali, Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Hamot-dor le a fhearann co‑roinn, agus Cartan le a fhearann co‑roinn: trì bailtean.
33. B’iad uile bhailtean nan Gersonach a rèir an teaghlaichean, trì-bailtean-deug lem fearann co‑roinn.
34. Agus do theaghlaichean chloinn Mherari, a’ chuid eile de na Lèbhithich, à treubh Shebuluin, Iocneam le a fhearann co‑roinn, agus Cartah le a fhearann co‑roinn,
35. Dimnah le a fhearann co‑roinn, Nahalal le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.
36. Agus à treubh Reubein, Beser le a fhearann co‑roinn, agus Iahasah le a fhearann co‑roinn,
37. Cedemot le a fhearann co‑roinn, agus Mephaat le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.
38. Agus à treubh Ghad, Ramot ann an Gilead le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Mahanaim le a fhearann co‑roinn,
39. Hesbon le a fhearann co‑roinn, Iaser le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean anns an iomlan.
40. Mar sin b’iad na bailtean uile airson chloinn Mherari, a rèir an teaghlaichean, a mhair de theaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir an crannchuir, dà‑bhaile-dheug.
41. B’iad uile bhailtean nan Lèbhitheach, an taobh a‑staigh de sheilbh chloinn Israeil, ochd bailtean agus dà‑fhichead lem fearann co‑roinn.
42. Bha na bailtean sin gach aon lem fearann co‑roinn man timcheall: mar seo bha na bailtean sin uile.
43. Agus thug an Tighearna do Israel am fearann uile a mhionnaich e a thoirt dan athraichean; agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnaidh ann.
44. Agus thug an Tighearna dhaibh fois mun cuairt, a rèir nan uile nithean a mhionnaich e dan athraichean; agus cha do sheas duine den naimhdean uile romhpa; thug an Tighearna thairis an naimhdean uile dan làimh.
45. Cha d’fhàilnich a’ bheag de gach nì math a labhair an Tighearna ri taigh Israeil: thàinig an t‑iomlan gu crìch.

Iosua 22:1-34
1. An sin ghairm Iosua na Reubenich, agus na Gadaich, agus leth-threubh Mhanaseh,
2. Agus thubhairt e riu, Ghlèidh sibh na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, agus thug sibh gèill dom ghuth-sa anns na h‑uile nithean a dh’àithn mi dhuibh.
3. Cha d’fhàg sibh ur bràithrean rè mhòrain de làithean gus an là‑an‑diugh, ach ghlèidh sibh cùram àithne an Tighearna ur Dia.
4. Agus a‑nis thug an Tighearna ur Dia fois dur bràithrean, mar a gheall e dhaibh; a‑nis uime sin tillibh, agus rachaibh dur pàilleanan, agus gu fearann ur seilbh, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh thall de Iòrdan.
5. Ach thugaibh ro‑aire gun coilean sibh an àithne agus an lagh, a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, gràdh a thoirt don Tighearna ur Dia, agus gluasad na uile shlighean, agus a àitheantan a ghleidheadh, agus dlùth-leantainn ris, agus seirbhis a dhèanamh dha le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.
6. Mar sin bheannaich Iosua iad, agus chuir e air falbh iad: agus chaidh iad dam pàilleanan.
7. A‑nis do aon leth-threubh Mhanaseh, thug Maois sealbh ann am Basan; ach don leth-threubh eile dhiubh thug Iosua sealbh am measg am bràithrean air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar. Agus cuideachd, nuair a chuir Iosua air falbh iad dam pàilleanan, an sin bheannaich e iad.
8. Agus labhair e riu, ag ràdh, Le mòr shaoibhreas tillibh dur pàilleanan, agus le ro‑mhòran sprèidhe, le airgead, agus le òr, agus le umha, agus le iarann, agus le ro‑mhòran aodaich; roinnibh creach ur naimhdean ri ur bràithrean.
9. Agus thill clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, agus dh’fhalbh iad o chloinn Israeil à Siloh, a tha ann an tìr Chanàain, gu dol do thìr Ghilead, gu fearann an seilbhe, a shealbhaich iad, a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.
10. Agus nuair a thàinig iad gu crìochan Iòrdain, a tha ann an tìr Chanàain, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh altair an sin làimh ri Iòrdan, altair mhòr ri amharc oirre.
11. Agus chuala clann Israeil air a ràdh, Feuch, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, altair thall fa chomhair tìr Chanàain, ann an crìochan Iòrdain, far an tàinig clann Israeil thairis.
12. Agus nuair a chuala clann Israeil seo, chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile iad fhèin an ceann a chèile aig Siloh, gu dol suas a chogadh nan aghaidh.
13. Agus chuir clann Israeil a dh’ionnsaigh cloinn Reubein, agus a dh’ionnsaigh cloinn Ghad, agus gu leth-threubh Mhanaseh, do thìr Ghilead, Phinehas mac Eleàsair an sagart;
14. Agus deich ceannardan maille ris, ceannard de gach prìomh-thaigh, air feadh uile threubhan Israeil, agus b’e gach fear dhiubh ceann taigh an athraichean, air feadh mìltean Israeil.
15. Agus thàinig iad gu cloinn Reubein, agus gu cloinn Ghad, agus gu leth-threubh Mhanaseh, gu tìr Ghilead, agus labhair iad riu, ag ràdh,
16. Mar seo tha co‑chruinneachadh an Tighearna uile ag ràdh, Ciod e an cionta seo a rinn sibh an aghaidh Dia Israeil, tilleadh air falbh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail dhuibh fhèin, a‑chum ceannairc a dhèanamh an‑diugh an aghaidh an Tighearna?
17. An ro‑bheag dhuinn cionta Pheoir, o nach eil sinn air ar glanadh gus an là‑an‑diugh, (agus airson an robh plàigh ann an co‑chruinneachadh an Tighearna,)
18. Ach gun tilleadh sibh air falbh an‑diugh on Tighearna a leantainn? Agus tàrlaidh, do bhrìgh gu bheil sibh a’ dèanamh ceannairc an‑diugh an aghaidh an Tighearna, a‑màireach gun las a fhearg an aghaidh uile cho-chruinneachadh Israeil.
19. Gidheadh, ma tha fearann ur seilbhe neòghlan, rachaibh thairis do fhearann sealbh an Tighearna, far a bheil pàillean an Tighearna a chòmhnaidh, agus gabhaibh sealbh nar measg-ne: ach na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc nar n‑aghaidh-ne, le altair a thogail dhuibh fhèin, a thuilleadh air altair an Tighearna ar Dia.
20. Nach do rinn Achan mac Sherah cionta anns an nì mhallaichte, agus thuit fearg air uile cho-chruinneachadh Israel? Agus cha b’e an duine sin na aonar a bhàsaich na chionta.
21. An sin fhreagair clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, agus thubhairt iad ri ceannardan mìltean Israeil,
22. Aig an Tighearna Dia nan diathan, aig an Tighearna Dia nan diathan e fhèin tha fhios, agus aig Israel bidh fhios, mas ann an ceannairc, no ann an easaontas an aghaidh an Tighearna, (mas ann, na saor sinn an‑diugh,)
23. A thog sinne dhuinn fhèin altair, gu tilleadh air falbh on Tighearna a leantainn, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairt-loisgte, no tabhartais-bìdh, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairtean thabhartas-sìth, an sin agradh an Tighearna fhèin e;
24. Agus mura ann air eagal an nì seo a rinn sinn e, ag ràdh, Anns an àm ri teachd dh’fhaodadh ur clann-se labhairt ri ar cloinn-ne, ag ràdh, Ciod ur gnothach-se ris an Tighearna Dia Israeil?
25. Oir rinn an Tighearna Iòrdan na crìch eadar sinne agus sibhse, a chlann Reubein, agus a chlann Ghad; chan eil agaibhse cuibhreann air bith anns an Tighearna: mar seo bheir ur clann-se air ar cloinn-ne sgur de eagal an Tighearna a bhith orra.
26. Uime sin thubhairt sinn, Gabhamaid a‑nis mu altair a thogail dhuinn fhèin, chan ann airson tabhartais-loisgte, no airson ìobairt;
27. Ach a‑chum gum bi i na fianais eadar sinne agus sibhse, agus ar sliochd nar dèidh, a‑chum gun dèan sinn seirbhis an Tighearna na làthair le ar tabhartasan-loisgte, agus le ar n‑ìobairtean, agus le ar tabhartasan-sìth, a‑chum nach abair ur clann-se ri ar cloinn-ne anns an àm ri teachd, Chan eil cuibhreann agaibh anns an Tighearna.
28. Uime sin thubhairt sinn, gun tachair e, nuair a their iad seo rinne, no ri ar sliochd anns an àm ri teachd, gum bi againn ri ràdh a‑rìs, Faicibh samhladh altair an Tighearna, a rinn ar n‑athraichean, chan ann airson thabhartas-loisgte, no airson ìobairtean; ach is fianais i eadar sinne agus sibhse.
29. Guma fada e uainne ceannairc a dhèanamh an aghaidh an Tighearna, agus tilleadh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail airson thabhartas-loisgte, airson thabhartasan-bìdh, no airson ìobairtean, seach altair an Tighearna ar Dia, a tha air beulaibh a’ phàillein.
30. Agus nuair a chuala Phinehas an sagart, agus ceannardan a’ cho-chruinneachaidh, agus cinn mìltean Israeil a bha maille ris, na briathran a labhair clann Reubein, agus clann Ghad, agus clann Mhanaseh, thaitinn e riu.
31. Agus thubhairt Phinehas mac Eleàsair an sagart ri cloinn Reubein, agus ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Mhanaseh, An‑diugh tha fhios againn gu bheil an Tighearna nar measg, a chionn nach do rinn sibh an cionta seo an aghaidh an Tighearna: a‑nis shaor sibh clann Israeil à làimh an Tighearna.
32. Agus thill Phinehas mac Eleàsair an sagart, agus na ceannardan, o chloinn Reubein, agus o chloinn Ghad, à tìr Ghilead gu tìr Chanàain, gu cloinn Israeil, agus thug iad fios dan ionnsaigh a‑rìs.
33. Agus thaitinn a’ chùis ri cloinn Israeil, agus bheannaich clann Israeil Dia, agus cha robh rùn aca dol suas nan aghaidh gu cath, a sgrios na tìre anns an robh clann Reubein agus Ghad nan còmhnaidh.
34. Agus thug clann Reubein agus clann Ghad Ed mar ainm air an altair: oir bidh i na fianais eadarainn, gur e an Tighearna as Dia ann.

Salm 46:7-11
7. Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.
8. Thigibh, faicibh obraichean an Tighearna, gach lèirsgrios a rinn e air thalamh.
9. Caisgidh e an cogadh gu iomall na talmhainn; brisidh e am bogha, agus gearraidh e an t‑sleagh; na carbadan-cogaidh loisgidh e le teine.
10. Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.
11. Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Gnàth-fhacal 14:12-13
12. Tha slighe ann a chìthear dìreach le duine; ach is iad a crìoch slighean a’ bhàis.
13. Ann an gàire fhèin bidh an cridhe brònach; agus is e deireadh an t‑subhachais sin tùirse.

Lùcas 13:1-22
1. Agus bha an làthair anns an àm sin daoine àraidh a dh’innis dha mu thimcheall nan Galilèach, muinntir a mheasg Pilat am fuil maille rin ìobairtean.
2. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, A bheil sibh a’ saoilsinn gu robh na Galilèaich sin nam peacaich nas mò na na Galilèaich uile, airson gun d’fhuiling iad a leithid seo?
3. Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.
4. No na h‑ochd-fir-dheug sin air an do thuit an tùr ann an Silòam, agus a mharbh iad, an saoil sibh gu robh iadsan nam peacaich os cionn nan uile dhaoine a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem?
5. Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.
6. Labhair e mar an ceudna an cosamhlachd seo: Bha aig duine àraidh crann-fìge suidhichte na ghàrradh-fìona: agus thàinig e ag iarraidh toraidh air, agus cha d’fhuair e.
7. An sin thubhairt e ris a’ ghàrradair, Feuch, tha mi rè trì bliadhna a’ teachd a dh’iarraidh toraidh air a’ chrann-fhìge seo, agus chan eil mi a’ faotainn a’ bheag: geàrr sìos e, carson a tha e a’ fàsachadh na talmhainn?
8. Agus fhreagair esan agus thubhairt e ris, A thighearna, leig leis air a’ bhliadhna seo mar an ceudna, gus an cladhaich mi ma thimcheall, agus gun cuir mi aolach ma bhun:
9. Agus ma ghiùlaineas e toradh, is math: ach mura giùlain, na dhèidh sin gearraidh tu sìos e.
10. Agus bha e a’ teagasg ann an aon de na sionagogan air an t‑sàbaid.
11. Agus, feuch, bha bean àraidh an làthair aig an robh spiorad anfhainneachd rè ochd-bliadhna-deug, agus bha i air a cromadh ri chèile, agus gun chomas aice air chor sam bith i fhèin a dhìreachadh.
12. Agus nuair a chunnaic Iosa i, ghairm e da ionnsaigh i, agus thubhairt e rithe, A bhean, tha thu air d’fhuasgladh od anfhainneachd.
13. Agus chuir e a làmhan oirre; agus air ball rinneadh dìreach i, agus thug i glòir do Dhia.
14. Agus fhreagair uachdaran an t‑sionagoig, agus e làn feirge airson gun do rinn Iosa leigheas air là na sàbaid, agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Tha sia làithean anns an còir obair a dhèanamh: orra seo air an adhbhar sin thigibh, agus bithibh air ur leigheas, agus na b’ann air là na sàbaid.
15. An sin fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, A chealgair, nach fuasgail gach aon agaibh a dhamh no a asal on phrasaich, agus nach toir e gu uisge e air là na sàbaid?
16. Agus nach bu chòir a’ bhean seo, a tha na nighinn do Abrahàm, a cheangail Sàtan a‑nis rè ochd-bliadhna-deug, a bhith air a fuasgladh on chuibhreach seo air là na sàbaid?
17. Agus nuair a thubhairt e na nithean sin, chuireadh a naimhdean uile gu nàire; ach rinn an sluagh uile gàirdeachas, airson nan uile nithean glòrmhor a rinneadh leis.
18. An sin thubhairt e, Cò ris a tha rìoghachd Dhè cosmhail, agus cò ris a shamhlaicheas mi i?
19. Tha i cosmhail ri gràinne de shìol mustaird a ghabh duine, agus a chuir e na ghàrradh: agus dh’fhàs e, agus rinneadh craobh mhòr dheth; agus rinn eunlaith an adhair nid na geugan.
20. Agus thubhairt e a‑rìs, Cò ris a shamhlaicheas mi rìoghachd Dhè?
21. Tha i cosmhail ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fhalaich i ann an trì tomhaisean mine, gus an do ghortaicheadh an t‑iomlan.
22. Agus chaidh e tro gach cathair agus baile beag, a’ teagasg, agus a’ gabhail na slighe gu Ierusalem.