A A A A A
Bible in one year
April 21

Britheamhan 7:1-25
1. An sin dh’èirich Ierubàal, eadhon Gideon, agus an sluagh uile a bha maille ris, suas gu moch, agus champaich iad làimh ri tobar Haroid: agus bha feachd nam Midianach air an taobh mu thuath dhiubh, làimh ri sliabh Mhòreh, anns a’ ghleann.
2. Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Tha an sluagh a tha maille riut tuilleadh is lìonmhor gu mise a thoirt nam Midianach nan làimh, air eagal gun dèanadh Israel uaill am aghaidh, ag ràdh, Shaor mo làmh fhèin mi.
3. Agus a‑nis uime sin gairm ann an cluasan an t‑sluaigh, ag ràdh, Ge bè neach air a bheil eagal agus geilt, tilleadh e, agus imicheadh e gu moch o shliabh Ghilead. Agus thill den t‑sluagh dà mhìle ar fhichead, agus dh’fhan deich mìle.
4. Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Tha an sluagh fhathast tuilleadh is lìonmhor; thoir sìos iad a dh’ionnsaigh an uisge, agus dearbhaidh mise dhut iad an sin: agus tàrlaidh, ge bè fear mun abair mise riut, Thèid am fear seo maille riut, gun tèid esan maille riut; agus ge bè fear mun abair mi riut, Cha tèid am fear seo maille riut, nach tèid esan ann.
5. Mar sin thug e sìos an sluagh a dh’ionnsaigh an uisge: agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Gach aon a dh’imlicheas an t‑uisge le a theangaidh, mar a dh’imlicheas cù, cuiridh tu esan air leth; mar an ceudna gach aon a chromas sìos air a ghlùinean a dh’òl.
6. Agus b’e àireamh na muinntir a dh’imlich, a’ cur an làimhe rim beul, trì cheud fear: ach chrom a’ chuid eile uile den t‑sluagh sìos air an glùinean a dh’òl uisge.
7. Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Leis an trì cheud fear seo a dh’imlich, saoraidh mise sibh, agus bheir mi na Midianaich thairis dod làimh: agus rachadh am mòr-shluagh uile, gach duine da àite fhèin.
8. Agus ghabh an sluagh lòn nan làimh, agus an trompaidean: agus gach fear eile de Israel chuir e air falbh gach aon da bhùth, agus ghlèidh e an trì cheud fear seo. Agus bha sluagh Mhidiain fodha anns a’ ghleann.
9. Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Eirich, falbh sìos a dh’ionnsaigh an fheachd, oir thug mise thairis e dod làimh.
10. Ach ma tha eagal ort dol sìos, falbh-sa agus Phurah d’òglach sìos a dh’ionnsaigh an fheachd:
11. Agus cluinnidh tu ciod a their iad; agus na dhèidh sin neartaichear do làmhan, agus thèid thu sìos a dh’ionnsaigh an fheachd. An sin chaidh e sìos maille ri Phurah a òglach gu taobh a‑muigh nan daoine armaichte a bha anns an fheachd.
12. Agus bha na Midianaich, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear uile nan laighe anns a’ ghleann mar na lòcaist air lìonmhorachd; agus bha an càmhail gun àireamh, mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge air lìonmhorachd.
13. Agus nuair a thàinig Gideon, feuch, bha duine ag innse aislinge da chompanach, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi aisling, agus, feuch, thàinig breacag de aran eòrna car air char a‑steach do champ Mhidiain, agus thàinig i gu bùth, agus bhuail i e, agus thuit e, agus thilg i bun-os‑cionn e, agus thuit am bùth sìos.
14. Agus fhreagair a chompanach, agus thubhairt e, Cha nì sam bith seo ach claidheamh Ghideoin mhic Iòais, duine de Israel: thug Dia thairis da làimh-san Midian, agus an sluagh uile.
15. Agus nuair a chuala Gideon aithris na h‑aislinge, agus a h‑eadar-mhìneachadh, rinn e adhradh; agus thill e gu feachd Israeil, agus thubhairt e, Eiribh, oir thug an Tighearna thairis dur làimh feachd Mhidiain.
16. Agus roinn e an trì cheud fear nan trì cuideachdan, agus chuir e trompaid ann an làimh gach aoin dhiubh, maille ri soithichean falamh, agus lòchrain anns na soithichean.
17. Agus thubhairt e riu, Amhaircibh ormsa, agus dèanaibh-se mar an ceudna: agus, feuch, nuair a thig mi gu taobh a‑muigh a’ champa, tàrlaidh, mar a nì mise, mar sin gun dèan sibhse.
18. Nuair a shèideas mise le trompaid, mi fhèin agus iadsan uile a tha maille rium, an sin sèidibh-se na trompaidean mar an ceudna mu thimcheall a’ champa uile, agus abraibh, Claidheamh an Tighearna agus Ghideoin.
19. Mar sin thàinig Gideon agus an ceud fear a bha maille ris gu taobh a‑mach a’ champa, ann an toiseach na faire meadhonaich; agus cha robh iad ach air ùr‑shuidheachadh na faire: agus shèid iad na trompaidean, agus bhris iad na soithichean a bha nan làimh.
20. Agus shèid na trì cuideachdan na trompaidean, agus bhris iad na soithichean, agus chùm iad na lòchrain nan làimh chlì, agus na trompaidean nan làimh dheis gu sèideadh leò: agus ghlaodh iad, Claidheamh an Tighearna agus Ghideoin.
21. Agus sheas iad, gach duine na àite fhèin, mu thimcheall a’ champa: agus bhriseadh am feachd uile, agus ghlaodh iad, agus theich iad.
22. Agus shèid an trì cheud na trompaidean, agus chuir an Tighearna claidheamh gach duine an aghaidh a chompanaich, eadhon air feadh an fheachd uile; agus theich an sluagh gu Betsitah ann an Sererat, agus gu crìch Abeil-meholah, làimh ri Tabat.
23. Agus chruinnicheadh fir Israeil ri chèile à Naphtali, agus à Aser, agus à Manaseh uile, agus chaidh iad air tòir nam Midianach.
24. Agus chuir Gideon teachdairean air feadh sliabh Ephraim uile, ag ràdh, Thigibh a‑nuas an aghaidh nam Midianach, agus glacaibh romhpa na h‑uisgeachan gu Bet-barah agus Iòrdan. An sin chruinnicheadh fir Ephraim uile ri chèile, agus ghlac iad na h‑uisgeachan gu Bet-barah agus Iòrdan.
25. Agus ghlac iad dà cheannard nam Midianach, Oreb agus Seeb; agus mharbh iad Oreb air carraig Oreib, agus Seeb mharbh iad aig amar-bruthaidh fìon Sheeib, agus chaidh iad air tòir Mhidiain, agus thug iad cinn Oreib agus Sheeib gu Gideon air an taobh eile de Iòrdan.

Britheamhan 8:1-35
1. Agus thubhairt fir Ephraim ris, Ciod e an nì seo a rinn thu oirnn, nach do ghairm thu oirnn nuair a chaidh thu a chogadh an aghaidh nam Midianach? Agus throid iad ris gu geur.
2. Agus thubhairt e riu, Ciod a‑nis a rinn mise an coimeas ribhse? Nach fheàrr dìoghlam fìondhearcan Ephraim na fìonfhoghar Abieseir?
3. Thug Dia thairis dur làimh ceannardan Mhidiain, Oreb agus Seeb: agus ciod a b’urrainn mise a dhèanamh an coimeas ribhse? An sin thraogh am fearg ris, nuair a thubhairt e sin.
4. Agus thàinig Gideon gu Iòrdan, agus chaidh e thairis, e fhèin agus an trì cheud fear a bha maille ris, sgìth, gidheadh air an tòir.
5. Agus thubhairt e ri fir Shucoit, Thugaibh, guidheam oirbh, buileannan arain don t‑sluagh a tha gam leantainn; oir tha iad sgìth, agus tha mi air tòir Shèba agus Shalmuna, rìghrean Mhidiain.
6. Agus thubhairt ceannardan Shucoit, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ann ad làimh, gun tugamaid aran dod armailt?
7. Agus thubhairt Gideon, Uime sin nuair a bheir an Tighearna Sèba agus Salmuna thairis dom làimh, an sin reubaidh mi ur feòil le sgitheach an fhàsaich, agus le drisean.
8. Agus chaidh e suas a sin gu Penuel, agus labhair e riùsan air a’ mhodh cheudna: agus fhreagair daoine Phenueil e, mar a fhreagair daoine Shucoit.
9. Agus labhair e cuideachd ri daoine Phenueil, ag ràdh, Nuair a thig mi a‑rìs ann an sìth, brisidh mi sìos an tùr seo.
10. A‑nis bha Sèba agus Salmuna ann an Carcor, agus an slòigh maille riu, mu thimcheall còig-mìle-deug fear, an t‑iomlan a dh’fhàgadh de shlòigh clann na h‑àird an ear uile: oir thuit ceud agus fichead mìle fear a tharraing claidheamh.
11. Agus chaidh Gideon suas air slighe na muinntir a tha nan còmhnaidh ann am bùthan, air an làimh an ear de Nobah, agus de Iogbehah, agus bhuail e an sluagh; oir bha an sluagh gun umhail.
12. Agus nuair a theich Sèba agus Salmuna, chaidh e air an tòir, agus ghlac e dà rìgh Mhidiain, Sèba agus Salmuna, agus chuir e geilt air an t‑sluagh uile.
13. Agus thill Gideon mac Iòais on chath ro èirigh na grèine.
14. Agus ghlac e òigfhear de dhaoine Shucoit, agus dh’fhiosraich e dheth: agus sgrìobh e dha ainmean ceannardan Shucoit, agus a sheanairean, trì-fichead agus seachd-fir-dheug.
15. Agus thàinig e gu fir Shucoit, agus thubhairt e, Feuchaibh, Sèba agus Salmuna a thilg sibh orm, ag ràdh, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ad làimh-sa, gun tugamaid aran dod dhaoine a tha sgìth?
16. Agus ghlac e seanairean a’ bhaile, agus ghabh e sgitheach an fhàsaich agus drisean, agus leò seo reub e fir Shucoit.
17. Agus leag e sìos tùr Phenueil, agus mharbh e fir a’ bhaile.
18. An sin thubhairt e ri Sèba agus ri Salmuna, Ciod a’ ghnè dhaoine a mharbh sibh ann an Tabor? Agus fhreagair iad, Mar tha thusa, is amhail a bha iadsan; gach aon cosmhail ri cloinn rìgh.
19. Agus thubhairt e, B’iad sin mo bhràithrean-sa, mic mo mhàthar: mar as beò an Tighearna, nan do ghlèidh sibh beò iadsan, cha mharbhainn-sa sibhse.
20. Agus thubhairt e ri Ieter a chiad-ghin, Eirich, marbh iad: ach cha do tharraing an t‑òganach a chlaidheamh; oir bha eagal air, a chionn gu robh e fhathast na òganach.
21. An sin thubhairt Sèba agus Salmuna, Eirich fhèin, agus buail oirnn: oir mar an duine, tha a neart. Agus dh’èirich Gideon, agus mharbh e Sèba agus Salmuna, agus thug e leis na h‑usgraichean a bha air amhaichean an càmhal.
22. An sin thubhairt fir Israeil ri Gideon, Bi‑sa ad uachdaran oirnn, thu fhèin, agus do mhac, agus mac do mhic mar an ceudna: oir shaor thu sinn à làimh Mhidiain.
23. Agus thubhairt Gideon riu, Cha bhi mise am uachdaran oirbh, cha mhò a bhios mo mhac na uachdaran oirbh; bidh an Tighearna na uachdaran oirbh.
24. Agus thubhairt Gideon riu, Dh’iarrainn aon athchuinge oirbh, gun tugadh gach duine dhibh cluas-fhàinnean a chreiche dhomh: (oir bha cluas-fhàinnean òir aca, a chionn gum b’Ismaelich iad).
25. Agus fhreagair iad, Bheir sinne gu toileach dhut iad. Agus sgaoil iad aodach, agus thilg iad an sin, gach duine cluas-fhàinnean a chreiche.
26. Agus b’e cudthrom nan cluas-fhàinnean òir a dh’iarr e mìle agus seachd ceud secel òir, a thuilleadh air usgraichean, agus cluigeinean, agus aodach corcair a bha air rìghrean Mhidiain, agus a thuilleadh air na slabhraidhean a bha air amhaichean an càmhal.
27. Agus rinn Gideon èphod dheth, agus chuir e i na bhaile fhèin, eadhon ann an Ophrah; agus chaidh Israel uile an sin le strìopachas na dèidh; agus rinneadh sin na ribe do Ghideon agus da thaigh.
28. Mar seo chìosnaicheadh Midian ro chloinn Israeil, agus cha do thog iad an ceann tuilleadh: agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna ann an làithean Ghideoin.
29. Agus chaidh Ierubàal mac Iòais, agus ghabh e còmhnaidh na thaigh fhèin.
30. Agus bha aig Gideon deichnear agus trì-fichead mac a thàinig o a leasraidh fhèin; oir bha mòran bhan aige.
31. Agus a choileabach a bha ann an Sechem, rug ise mar an ceudna mac dha, air an tug e Abimelech mar ainm.
32. Agus fhuair Gideon mac Iòais bàs ann an deagh sheann aois, agus dh’adhlaiceadh e ann an uaigh Iòais, a athair, ann an Ophrah nan Abiesrach.
33. Agus cho luath is a fhuair Gideon bàs, thill clann Israeil a‑rìs, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh Bhàalim, agus rinn iad Bàal-berit na dhia dhaibh fhèin.
34. Agus cha do chuimhnich clann Israeil an Tighearna an Dia, a shaor iad à làimh an naimhdean uile air gach taobh:
35. Cha mhò a nochd iad coibhneas do thaigh Ierubàail, eadhon Gideon, a rèir a’ mhathais sin uile a nochd e do Israel.

Salm 49:10-20
10. Oir chì e gum faigh na daoine glice bàs, gun sgriosar le chèile an t‑amadan agus an t‑ùmpaidh, agus gum fàg iad am beartas aig daoine eile.
11. Is iad smuaintean an cridhe gum mair an taighean gu bràth, an ionadan-còmhnaidh o linn gu linn; bheir iad ainm air am fearann a rèir an ainme fhèin.
12. Ach ged robh an duine ann an urram, cha mhair e; is cosmhail e ris na h‑ainmhidhean, a ghearrar as.
13. Is i seo an slighe, eadhon an amaideachd; gidheadh gabhaidh an sliochd tlachd nan cainnt. Selah.
14. Mar chaoraich cuirear iad anns an uaigh; ithidh am bàs iad, agus bidh uachdaranachd aig na fìreanan os an cionn anns a’ mhadainn; seargaidh an dreach as anns an uaigh, an ionad-còmhnaidh.
15. Ach saoraidh Dia m’anam-sa o chumhachd na h‑uaighe, oir gabhaidh e mi da ionnsaigh. Selah.
16. Na gabh thusa eagal nuair a dh’fhàsas duine beartach, nuair a mheudaichear glòir a thaighe;
17. Oir nuair a gheibh e bàs, cha toir e nì air bith leis; cha tèid a ghlòir sìos na dhèidh,
18. Ged bheannaich e a anam fhèin, nuair a tha e beò; agus molar thusa nuair a nì thu math dhut fhèin.
19. Thèid e gu àl a shinnsear; gu bràth chan fhaic iadsan solas.
20. Tha an duine a tha ann an urram agus a tha gun tuigse cosmhail ris na h‑ainmhidhean, a ghearrar as.

Gnàth-fhacal 14:22-24
22. Nach tèid iadsan air seachran a dhealbhas an t‑olc? Ach bidh tròcair agus fìrinn acasan a dhealbhas am math.
23. Anns gach saothair bidh tairbhe; ach thig cainnt nam bilean a‑mhàin gu uireasbhaidh.
24. Is e crùn nan daoine glice an saoibhreas; ach is amaideachd amaideachd nan amadan.

Lùcas 15:11-32
11. Agus thubhairt e, Bha aig duine àraidh dithis mhac:
12. Agus thubhairt am mac a b’òige dhiubh ra athair, Athair, thoir dhòmhsa a’ chuid-roinn a thig orm ded mhaoin. Agus roinn e eatorra a bheathachadh.
13. Agus an dèidh beagan làithean, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thuras do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha straoidheasaich.
14. Agus nuair a chaith e a chuid uile, dh’èirich gort ro‑mhòr anns an tìr sin; agus thòisich e ri bhith ann an uireasbhaidh.
15. Agus chaidh e agus cheangail e e fhèin ri aon de shaor-dhaoine na dùthcha sin; agus chuir e da fhearann e, a bhiadhadh mhuc.
16. Agus bu mhiann leis a bhrù a lìonadh de na plaoisg a bha na mucan ag ithe; oir cha tug neach air bith dha.
17. Agus nuair a thàinig e da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, Cia lìon de luchd-tuarasdail m’athar-sa aig a bheil aran gu leòr agus ra sheachnadh, nuair a tha mise a’ bàsachadh le gort?
18. Eiridh mi, agus thèid mi a dh’ionnsaigh m’athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa.
19. Agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac-sa dhìom: dèan mi mar aon ded luchd-tuarasdail.
20. Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh a athar. Ach air dha a bhith fhathast fada uaithe, chunnaic a athair e, agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e.
21. Agus thubhairt am mac ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa, agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac dhìom.
22. Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:
23. Agus thugaibh an seo an laogh biadhte, agus marbhaibh e; agus itheamaid agus bitheamaid subhach:
24. Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; bha e caillte, agus fhuaireadh e. Agus thòisich iad air a bhith subhach.
25. A‑nis bha a mhac a bu shine a‑muigh anns an fhearann: agus nuair a thàinig e, agus a thàr e am fagas don taigh, chuala e an ceòl agus an dannsa.
26. Agus ghairm e da ionnsaigh aon de na h‑òglaich, agus dh’fhiosraich e ciod a bu chiall do na nithean sin.
27. Agus thubhairt esan ris, Thàinig do bhràthair: agus mharbh d’athair an laogh biadhte, a chionn gun d’fhuair e a‑rìs slàn fallain e.
28. Agus ghabh esan fearg, agus cha b’àill leis dol a‑steach: air an adhbhar sin thàinig a athair a‑mach, agus chuir e impidh air.
29. Ach fhreagair esan agus thubhairt e ra athair, Feuch, tha mise a’ dèanamh seirbhis dhut an uiread seo de bhliadhnachan, agus uair air bith cha do bhris mi d’àithne, gidheadh cha tug thu meann riamh dhomh, a‑chum gum bithinn subhach maille rim chàirdean.
30. Ach nuair a thàinig do mhac seo, a dh’ith suas do bheathachadh maille ri strìopaichean, mharbh thu an laogh biadhte dha.
31. Agus thubhairt e ris, A mhic, tha thusa a‑ghnàth maille rium, agus na h‑uile nithean as leamsa, is leatsa iad.
32. Bu chòir dhuinn a bhith subhach, agus aoibhneach; oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; agus bha e caillte, agus fhuaireadh e.