A A A A A
Bible in one year
April 13

Iosua 15:1-63
1. B’e seo uime sin crannchur treubh chloinn Iùdah a rèir an teaghlaichean, eadhon gu crìch Edoim, gu fàsach Shin ri deas on chuid as fhaide a‑mach den iomall dheas.
2. Agus bha an crìoch mu dheas o thràigh na mara salainn, on lùib a tha ag amharc ri deas.
3. Agus chaidh i a‑mach a dh’ionnsaigh an taoibh mu dheas gu uchdaich Acrabim, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Sin, agus chaidh i suas air an taobh mu dheas gu Cadeis-barnea, agus chaidh i air a h‑aghaidh gu Hesron, agus chaidh i suas gu Adar, agus ghabh i mun cuairt gu Carcaa.
4. Uaithe sin ghabh i a dh’ionnsaigh Asmoin, agus chaidh i a‑mach gu Abhainn na h‑Eiphit, agus bha dol a‑mach na crìche sin aig a’ mhuir: bidh seo agaibh na crìch mu dheas.
5. Agus b’i a’ chrìoch an ear a’ mhuir shalainn, eadhon gu ceann Iòrdain: agus bha a’ chrìoch air an taobh mu thuath o lùib na mara, aig a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Iòrdan.
6. Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Beth-oglah, agus ghabh i air a h‑aghaidh air an taobh mu thuath de Bhet-arabah; agus chaidh a’ chrìoch suas gu cloich Bhohain mhic Reubein.
7. Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Debir o ghleann Achoir, agus ri tuath ag amharc ri Gilgal, a tha fa chomhair uchdach Aduimim, a tha air taobh deas na h‑aibhne; agus chaidh a’ chrìoch thairis gu uisgeachan En‑semeis, agus bha a’ dol a‑mach aig En‑rogel.
8. Agus chaidh a’ chrìoch suas gu gleann mac Hinoim, gu taobh deas an Iebusaich; (is e sin Ierusalem:) agus chaidh a’ chrìoch suas gu mullach na beinne, a tha ro ghleann Hinoim, air an làimh an iar, a tha aig ceann gleann nam famhairean ri tuath.
9. Agus thàirngeadh a’ chrìoch o mhullach an t‑slèibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i a‑mach gu bailtean sliabh Ephroin, agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Bàalah; (is e sin Ciriat-iearim.)
10. Agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt o Bhàalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sliabh Iearim (is e sin Chesalon), air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet-semes, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Timnah:
11. Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach gu taobh Ecroin ri tuath; agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhàalah, agus chaidh i a‑mach gu Iabneel: agus bha dol a‑mach na crìche aig a’ mhuir.
12. Agus bha a’ chrìoch an iar gus an fhairge mhòir agus a h‑oirthir: b’i sin crìoch chloinn Iùdah mun cuairt, a rèir an teaghlaichean.
13. Agus do Chàleb mac Iephuneh, thug e roinn am measg chloinn Iùdah, a rèir àithne an Tighearna do Iosua, eadhon baile Arbah, athair Anaic: (is e sin Hebron).
14. Agus dh’fhògair Càleb a‑mach as a sin triùir mhac Anaic, Sesai, agus Ahiman, agus Talmai, clann Anaic.
15. Agus chaidh e suas o sin gu luchd-àiteachaidh Dhebir: agus b’e ainm Dhebir roimhe Ciriat-sepher.
16. Agus thubhairt Càleb, Esan a bhuaileas Ciriat-sepher, agus a ghlacas e, dhàsan bheir mi Achsah mo nighean na mnaoi.
17. Agus ghlac Otniel, mac Chenais, bràthair Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi.
18. Agus thàrladh, nuair a thàinig i da ionnsaigh, gun do bhrosnaich i e gu achadh iarraidh air a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail, agus thubhairt Càleb rithe, Ciod a b’àill leat?
19. Agus fhreagair ise, Thoir dhomh beannachadh; oir thug thu dhomh fearann mu dheas, thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge; agus thug e dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach.
20. B’i sin oighreachd treubh chloinn Iùdah, a rèir an teaghlaichean.
21. Agus b’iad na bailtean a b’fhaide a‑mach, le treubh chloinn Iùdah, leth ri crìch Edoim mu dheas, Cabseel, agus Eder, agus Iagur,
22. Agus Cinah, agus Dimonah, agus Adsadah,
23. Agus Cedes, agus Hasor, agus Itnan,
24. Siph, agus Telem, agus Bealot,
25. Agus Hasor, Hadatah, agus Ceriot, agus Hesron (is e sin Hasor),
26. Amam, agus Sema, agus Moladah,
27. Agus Hsaar-gadah, agus Hesmon, agus Bet-palet,
28. Agus Hasar-sual, agus Beer-sèba, agus Bis-iotiah,
29. Bàalah, agus Iim, agus Asem,
30. Agus Eltolad, agus Chesil, agus Hormah,
31. Agus Siclag, agus Madmanah, agus Sansanah,
32. Agus Lebaot, agus Silhim, agus Ain, agus Rimon: b’iad na mòr-bhailtean uile naoi-ar‑fhichead, maille rim bailtean beaga.
33. Agus anns a’ chòmhnard, Estaol, agus Soreah, agus Asnah,
34. Agus Sanòah, agus Enganim, Tapuah, agus Enam,
35. Iarmut, agus Adulam, Sochoh, agus Asecah,
36. Agus Sàraim, agus Aditaim, agus Gederah, agus Gederotaim; ceithir mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.
37. Senan, agus Hadasah, agus Migdal-gad,
38. Agus Dilean, agus Mispeh, agus Iocteel,
39. Lachis, agus Boscat, agus Eglon,
40. Agus Cabon, agus Lahmas, agus Citlis,
41. Agus Gederot, Bet-dagon, agus Nàamah, agus Macedah: sia mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.
42. Libnah, agus Eter, agus Asan,
43. Agus Iiphtah, agus Asnah, agus Nesib,
44. Agus Ceilah, agus Achsib, agus Maresah: naoi bailtean mòra lem bailtean beaga.
45. Ecron le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga.
46. O Ecron, eadhon gus an fhairge, iadsan uile a bha làimh ri Asdod, lem bailtean beaga.
47. Asdod le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, Gàsah le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, gu abhainn na h‑Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a crìch.
48. Agus anns na beanntan, Samir, agus Iatir, agus Socoh,
49. Agus Danah, agus Ciriat-sanah, eadhon Debir,
50. Agus Anab, agus Estemoh, agus Anim,
51. Agus Gòsen, agus Holon, agus Giloh: aon mhòr-bhaile deug lem bailtean beaga.
52. Arab, agus Dumah, agus Esean,
53. Agus Ianum, agus Bet-tapuah, agus Aphecah,
54. Agus Humtah, agus Ciriat-arbah (is e sin Hebron), agus Sior; naoi bailtean mòra lem bailtean beaga.
55. Maon, Carmel, agus Siph, agus Iutah,
56. Agus Iesreel, agus Iocdeam, agus Sanòah,
57. Càin, Gibeah, agus Timnah: deich bailtean mòra lem bailtean beaga.
58. Halhul, Bet-sur, agus Gedor,
59. Agus Maarat, agus Betanot, agus Eltecon: sia bailtean mòra lem bailtean beaga.
60. Ciriat-bàal (is e sin Ciriat-iearim), agus Rabah: dà bhaile mhòr lem bailtean beaga.
61. Anns an fhàsach, Bet-arabah, Midin, agus Secacah,
62. Agus Nibsan, agus baile an t‑salainn, agus En‑gedi: sia bailtean mòra lem bailtean beaga.
63. A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

Iosua 16:1-10
1. Agus chaidh crannchur chloinn Iòseiph a‑mach o Iòrdan làimh ri Iericho gu uisgeachan Iericho air an làimh an ear, a dh’ionnsaigh an fhàsaich a’ dol suas o Iericho gu sliabh Bheteil,
2. Agus tha e a’ dol a‑mach o Bhetel gu Luds, agus a’ gabhail seachad gu crìochan Archi gu Atarot,
3. Agus a’ gabhail sìos a làimh na h‑àird an iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet-horoin ìochdaraich, agus gu Gèser: agus tha a dhol a‑mach aig an fhairge.
4. Mar sin ghabh clann Iòseiph, Manaseh, agus Ephraim, an oighreachd.
5. Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot-adar, gu Bet-horon uachdarach:
6. Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach a dh’ionnsaigh na fairge, gu Michmetah air an taobh mu thuath; agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt a làimh na h‑àird an ear gu Taanot-siloh, agus ghabh i seachad air an taobh an ear gu Ianohah:
7. Agus chaidh i sìos o Ianohah gu Atarot, agus gu Naarat, agus thàinig i gu Iericho, agus chaidh i a‑mach aig Iòrdan.
8. Chaidh a’ chrìoch a‑mach o Thapuah a làimh na h‑àird an iar gu sruth Chanah; agus bha a dol a‑mach aig an fhairge. B’i sin oighreachd treubh chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean.
9. Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile lem bailtean beaga.
10. Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.

Salm 45:1-5
1. Don àrd-fhear-ciùil air Sosanim, airson mic Chòrah. Maschil. Oran gràidh. Tha mo chridhe a’ deachdadh deagh nì; cuiridh mi an cèill na nithean a rinn mi don Rìgh; bidh mo theanga mar pheann fir-sgrìobhaidh dheis.
2. Is maisiche thu na clann nan daoine; dhòrtadh gràs ann ad bhilean; uime sin bheannaich Dia thu gu bràth.
3. Crioslaich do chlaidheamh air do leis, O ghaisgich, led ghlòir agus led mhòralachd.
4. Marcaich air d’aghaidh gu buadhach air sgàth na fìrinn agus na macantachd agus na fìreantachd, agus teagaisgidh do dheaslàmh dhut nithean uamhasach.
5. Is geur do shaighdean, tuitidh na slòigh fodhad; is geur iad ann an cridhe naimhdean an Rìgh.

Gnàth-fhacal 14:4-5
4. Far nach bi daimh, bidh a’ phrasach glan; ach bidh fàs mòr le neart an daimh.
5. Cha dèan an fhianais dhìleas breug; ach labhraidh an fhianais chealgach breugan.

Lùcas 11:29-54
29. Agus nuair a chruinnich an sluagh gu tiugh da ionnsaigh, thòisich e air a ràdh, Is droch ghinealach seo: tha iad ag iarraidh comharraidh; agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh Iònais am fàidh.
30. Oir mar a bha Iònas na chomharradh do mhuinntir Ninebheh, is ann mar sin mar an ceudna a bhios Mac an Duine don ghinealach seo.
31. Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas suas anns a’ bhreitheanas maille ri daoine a’ ghinealaich seo, agus dìtidh i iad: oir thàinig ise o iomallan na talmhainn, a dh’èisdeachd ri gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo.
32. Eiridh muinntir Ninebheh suas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e: oir rinn iadsan aithreachas le searmoin Iònais; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo.
33. Chan eil neach sam bith, air dha coinneal a lasadh, a chuireas am falach i no fo shoitheach; ach ann an coinnleir, a‑chum gum faic an dream a thig a‑steach an solas.
34. Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin nuair a bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais: ach nuair a bhios do shùil olc, bidh do chorp mar an ceudna dorcha.
35. Uime sin thoir an aire nach bi an solas a tha annad na dhorchadas.
36. Air an adhbhar sin, ma bhios do chorp uile soillseach, gun chuid sam bith dheth dorcha, bidh e soillseach gu h‑iomlan, mar nuair a shoillsicheas coinneal thu le a dealradh.
37. Agus a’ labhairt dhàsan, dh’iarr Pharasach àraidh air a dhìnnear a ghabhail maille ris: agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e a‑chum bìdh.
38. Agus nuair a chunnaic am Pharasach sin, b’ioghnadh leis nach d’ionnlaid e e fhèin ro a dhìnneir.
39. Agus thubhairt an Tighearna ris, A‑nis, Pharasacha, glanaidh sibhse an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis: ach tha an taobh a‑staigh dhibh làn reubainn agus aingidheachd.
40. Amadana, an tì a rinn an nì a tha an taobh a‑muigh, nach do rinn e an nì a tha an taobh a‑staigh mar an ceudna?
41. Ach thugaibh uaibh dèirc de na nithean a tha agaibh: agus, feuch, tha na h‑uile nithean glan dhuibh.
42. Ach is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir tha sibh a’ toirt deichimh à mionnt, agus à rù, agus as gach uile ghnè luibhean, agus a’ gabhail thairis air breitheanas agus air gràdh Dhè: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh.
43. Is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir is ionmhainn leibh na ciad àitheachan-suidhe anns na sionagogan, agus fàilte fhaotainn air na margaidhean.
44. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh mar uaighean nach faicear, agus do nach toir na daoine a tha ag imeachd thairis orra an aire.
45. Agus fhreagair duine àraidh den luchd-lagha, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, le seo a labhairt tha thu a’ toirt maslaidh dhuinne mar an ceudna.
46. Agus thubhairt esan, Is an‑aoibhinn dhuibhse mar an ceudna, a luchd-lagha: oir tha sibh a’ cur uallaichean troma, do‑ghiùlan air daoine, agus cha bhean sibh fhèin ris na h‑uallaichean le aon de ur meuran.
47. Is an‑aoibhinn dhuibh: oir tha sibh a’ togail àitean-adhlaic nam fàidhean, agus is iad ur n‑athraichean a mharbh iad.
48. Gu deimhinn tha sibh a’ toirt fianais gu bheil sibh ag aontachadh le gnìomharan ur n‑athraichean: oir mharbh iadsan gu deimhinn iad, agus tha sibhse a’ togail an àitean-adhlaic.
49. Air an adhbhar sin thubhairt gliocas Dhè, Cuiridh mise fàidhean agus abstoil dan ionnsaigh, agus cuid dhiubh marbhaidh iad, agus cuid eile geur-leanaidh iad:
50. A‑chum gun agrar air a’ ghinealach seo fuil nam fàidhean uile a dhòirteadh o thoiseach an domhain;
51. O fhuil Abeil gu fuil Shachariais, a chaidh a mhilleadh eadar an altair agus an teampall: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun agrar i air a’ ghinealach seo.
52. Is an‑aoibhinn dhuibh, a luchd-lagha: oir thug sibh air falbh iuchair an eòlais: cha deachaidh sibh fhèin a‑steach, agus an dream a bha a’ dol a‑steach, bhac sibh iad.
53. Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air a chur thuige gu dian, agus a tharraing gu labhairt air mòran de nithean;
54. A’ dèanamh feall-aire air, agus ag iarraidh nì‑eigin a ghlacadh as a bheul, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.