Instagram
English
A A A A A
Bible in one year
April 22

Britheamhan 9:1-57
1. Agus chaidh Abimelech mac Ierubàail do Shechem, gu bràithrean a mhàthar, agus labhair e riu, agus ri teaghlach taigh athair a mhàthar uile, ag ràdh,
2. Labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasan maithean Shecheim uile, Cia dhiubh as fheàrr dhuibh, trì-fichead agus deichnear fear (eadhon mic Ierubàail uile) a bhith nan uachdarain oirbh, no aon fhear a bhith na uachdaran oirbh? Cuimhnichibh mar an ceudna gur mise ur cnàimh agus ur feòil.
3. Agus labhair bràithrean a mhàthar uime ann an cluasan maithean Shecheim uile na briathran sin uile: agus dh’aom an cridheachan an dèidh Abimeleich; oir thubhairt iad, Is e ar bràthair e.
4. Agus thug iad dha trì-fichead agus deich buinn airgid à taigh Bhàail-bherit, leis an do thuarasdalaich Abimelech daoine faoine agus aotrom, a lean e.
5. Agus chaidh e gu taigh a athar ann an Ophrah, agus mharbh e a bhràithrean, mic Ierubàail, eadhon deichnear agus trì-fichead fear, air aon chloich: gidheadh, dh’fhàgadh Iotam, am mac a b’òige aig Ierubàal; oir dh’fhalaich e e fhèin.
6. Agus chruinnich maithean Shecheim uile ri chèile, agus taigh Mhilo uile, agus chaidh iad agus rinn iad Abimelech na rìgh, làimh ri còmhnard a’ charraigh a bha ann an Sechem.
7. Agus nuair a dh’innis iad seo do Iotam, chaidh e agus sheas e air mullach sliabh Gheridsim, agus thog e suas a ghuth, agus ghlaodh e, agus thubhairt e riu, Eisdibh riumsa, sibhse a mhaithean Shecheim, a‑chum gun èisd Dia ribhse.
8. Chaidh na craobhan a‑mach air àm àraidh a dh’ungadh rìgh os an cionn fhèin, agus thubhairt iad ris a’ chrann-ola, Bi‑sa ad rìgh oirnn.
9. Ach thubhairt an crann-ola riu, Am fàgainn-sa mo reamhrachd, leis a bheil iad leamsa a’ toirt urraim do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh?
10. Agus thubhairt na craobhan ris a’ chrann-fhìge, Thig-sa agus bi ad rìgh oirnn.
11. Ach thubhairt an crann-fìge riu, Am fàgainn-sa mo mhìlseachd, agus mo dheagh mheas, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh?
12. Agus thubhairt na craobhan ris an fhìonain, Thig-sa, agus bi ad rìgh oirnn.
13. Agus thubhairt an fhìonain riu, Am fàgainn-sa m’fhìon, a tha a’ toirt subhachais do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh?
14. An sin thubhairt na craobhan uile ris an dris, Thig-sa, agus bi ad rìgh oirnn.
15. Agus thubhairt an dris ris na craobhan, Mas e is da‑rìribh gun ung sibh mise am rìgh oirbh, thigibh, cuiribh ur dòchas am sgàil-sa: agus mura dèan sibh seo, thigeadh teine a‑mach as an dris, agus loisgeadh e seudair Lebanoin.
16. A‑nis uime sin, ma rinn sibh gu fìrinneach agus gu treibhdhireach nuair a rinn sibh Abimelech na rìgh, agus ma bhuin sibh gu math ri Ierubàal agus ra thaigh, agus ma rinn sibh ris a rèir toillteanas a làmh:
17. (Oir chog m’athair-sa air ur son, agus chuir e a anam ann an cunnart mòr, agus shaor e sibh a làimh Mhidiain;
18. Agus tha sibh air èirigh suas an aghaidh taigh m’athar-sa an‑diugh, agus mharbh sibh a mhic, trì-fichead agus deichnear fear, air aon chloich, agus rinn sibh Abimelech, mac a bhan-oglaich, na rìgh os cionn maithean Shecheim, a chionn gur e ur bràthair e:)
19. Uime sin, ma bhuin sibh gu fìrinneach agus gu treibhdhireach ri Ierubàal agus ra thaigh an‑diugh, dèanaibh gàirdeachas ann an Abimelech, agus dèanadh esan mar an ceudna gàirdeachas annaibh-se:
20. Ach mura do rinn sibh mar sin, thigeadh teine a‑mach o Abimelech, agus loisgeadh e maithean Shecheim, agus taigh Mhilo; agus thigeadh teine a‑mach o mhaithean Shecheim, agus o thaigh Mhilo, agus loisgeadh e Abimelech.
21. Agus ruith Iotam air falbh, agus theich e, agus chaidh e gu Beer, agus ghabh e còmhnaidh an sin, air eagal Abimeleich, a bhràthair.
22. Agus rìghich Abimelech trì bliadhna air Israel.
23. Agus chuir Dia droch spiorad eadar Abimelech agus maithean Shecheim; agus bhuin maithean Shecheim gu fealltach ri Abimelech:
24. A‑chum gun tigeadh an t‑ainneart a rinneadh air deichnear agus trì-fichead mac Ierubàail, agus gun laigheadh am fuil air Abimelech am bràthair, a mharbh iad; agus air maithean Shecheim, a neartaich a làmhan ann am marbhadh a bhràithrean.
25. Agus chuir maithean Shecheim luchd feall-fhalaich air a shon air mullaichean nam beann, agus rinn iad reubainn air gach neach a chaidh seachad orra anns an t‑slighe sin: agus dh’innseadh sin do Abimelech.
26. Agus thàinig Gaal mac Ebeid agus a bhràithrean, agus chaidh iad thairis gu Sechem; agus chuir maithean Shecheim an dòchas ann.
27. Agus chaidh iad a‑mach don fhearann, agus chruinnich iad toradh am fìonliosan, agus bhrùth iad na fìon-dhearcan, agus rinn iad gàirdeachas, agus chaidh iad a‑steach do thaigh an diathan, agus dh’ith agus dh’òl iad, agus mhallaich iad Abimelech.
28. Agus thubhairt Gaal mac Ebeid, Cò e Abimelech, agus cò e Sechem, gun dèanamaid-ne seirbhis dha? Nach e mac Ierubàail e, agus Sebul, ceannard a shlòigh? Dèanaibh seirbhis do dhaoine Hamoir, athair Shecheim; oir carson a dhèanamaid seirbhis dhàsan?
29. Agus b’e mo ghuidhe gun tugte an sluagh seo dom làimh-sa! An sin dh’atharraichinn Abimelech. Agus thubhairt e ri Abimelech, Meudaich d’armailt, agus thig a‑mach.
30. Agus nuair a chuala Sebul, uachdaran a’ bhaile, briathran Ghaail mhic Ebeid, las a chorraich.
31. Agus chuir e teachdairean gu Abimelech os ìosal, ag ràdh, Feuch, thàinig Gaal mac Ebeid, agus a bhràithrean, do Shechem; agus, feuch, tha iad a’ teannachadh a’ bhaile ad aghaidh.
32. A‑nis uime sin, èirich suas anns an oidhche, thu fhèin agus an sluagh a tha maille riut, agus dèan feall-fhalach anns an fhearann:
33. Agus anns a’ mhadainn mu èirigh na grèine, èiridh tu gu moch, agus bheir thu ionnsaigh air a’ bhaile: agus, feuch, nuair a thig e fhèin agus an sluagh a tha maille ris a‑mach ad aghaidh, an sin nì thu orra mar a bhios ad chomas.
34. Agus dh’èirich Abimelech suas, agus an sluagh uile a bha maille ris, anns an oidhche, agus rinn iad feall-fhalach an aghaidh Shecheim, nan ceithir cuideachdan.
35. Agus chaidh Gaal mac Ebeid a‑mach, agus sheas e ann an dol a‑steach geata a’ bhaile. Agus dh’èirich Abimelech, agus an sluagh a bha maille ris, on fheall-fhalach.
36. Agus nuair a chunnaic Gaal an sluagh, thubhairt e ri Sebul, Feuch, tha sluagh a’ teachd a‑nuas o mhullach nam beann. Agus thubhairt Sebul ris, Tha thu a’ faicinn sgàil nam beann mar dhaoine.
37. Agus labhair Gaal a‑rìs, agus thubhairt e, Feuch, tha sluagh a’ teachd a‑nuas o mheadhon na tìre, agus tha cuideachd eile a’ teachd air an aghaidh rathad còmhnard Mhehonenim.
38. An sin thubhairt Sebul ris, Càit a‑nis a bheil do bheul, leis an dubhairt thu, Cò e Abimelech gun dèanamaid seirbhis dha? Nach e seo an sluagh air an do rinn thu tàir? Falbh a‑mach, guidheam ort a‑nis, agus cog riu.
39. Agus chaidh Gaal a‑mach ro mhaithean Shecheim, agus chog e ri Abimelech.
40. Agus chuir Abimelech an ruaig air, agus theich e roimhe; agus thuit mòran a chaidh a leònadh, eadhon gu ruig dol a‑steach a’ gheata.
41. Agus ghabh Abimelech còmhnaidh ann an Arumah: agus dh’fhuadaich Sebul a‑mach Gaal agus a bhràithrean, a‑chum nach gabhadh iad còmhnaidh ann an Sechem.
42. Agus air an là màireach chaidh an sluagh a‑mach don mhachair; agus dh’innis iad sin do Abimelech.
43. Agus ghabh e an sluagh, agus roinn e iad nan trì cuideachdan, agus rinn e feall-fhalach anns a’ mhachair, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha an sluagh air dol a‑mach as a’ bhaile; agus dh’èirich e nan aghaidh, agus bhuail e iad.
44. Agus thug Abimelech agus a’ chuideachd a bha maille ris ionnsaigh, agus sheas iad ann an dol a‑steach geata a’ bhaile; agus thug an dà chuideachd eile ionnsaigh orrasan uile a bha anns a’ mhachair, agus bhuail iad iad.
45. Agus chog Abimelech an aghaidh a’ bhaile rè an là sin: agus ghlac e am baile, agus mharbh e an sluagh a bha ann, agus leag e sìos am baile, agus chuir e le salann e.
46. Agus nuair a chuala uile mhuinntir tùr Shecheim sin, chaidh iad a‑steach do dhaingneach taigh an dè, Berit.
47. Agus dh’innseadh do Abimelech gu robh uile mhuinntir tùr Shecheim air cruinneachadh ri chèile.
48. Agus chaidh Abimelech suas gu sliabh Shalmoin, e fhèin agus an sluagh uile a bha maille ris; agus ghlac Abimelech tuagh na làimh, agus gheàrr e sìos geug o na craobhan, agus ghabh e i, agus chuir e air a ghualainn i, agus thubhairt e ris an t‑sluagh a bha maille ris, An nì a chunnaic sibh mise a’ dèanamh, greasaibh, dèanaibh mar a rinn mise.
49. Agus gheàrr mar an ceudna an sluagh uile sìos gach duine a gheug, agus lean iad Abimelech, agus chuir iad ris an daingneach iad, agus chuir iad an daingneach ri theine orra: mar sin fhuair daoine tùr Shecheim bàs uile mar an ceudna, mu thimcheall mìle fear agus bean.
50. An sin chaidh Abimelech gu Tebes, agus champaich e an aghaidh Thebeis, agus ghlac e e.
51. Ach bha tùr làidir ann am meadhon a’ bhaile, agus gu sin theich na fir agus na mnathan uile, agus muinntir a’ bhaile uile, agus dhùin iad orra fhèin e, agus chaidh iad suas air mullach an tùir.
52. Agus thàinig Abimelech gu ruig an tùr, agus chog e na aghaidh, agus dhlùthaich e ri doras an tùir a‑chum a losgadh le teine.
53. Agus thilg bean àraidh mìr de chloich-mhuillinn air ceann Abimeleich, agus bhris i a chlaigeann.
54. An sin ghairm e gu luath air an òganach a bha ag iomchar a arm, agus thubhairt e ris, Tarraing do chlaidheamh, agus marbh mi, air eagal gun abair iad umam, Mharbh bean e. Agus shàth an t‑òganach aige troimhe e, agus fhuair e bàs.
55. Agus nuair a chunnaic fir Israeil gun d’fhuair Abimelech bàs, dh’imich iad gach fear da àite fhèin.
56. Agus dhìol Dia olc Abimeleich, a rinn e air a athair, le a thrì-fichead agus a dheichnear bhràithrean a mharbhadh.
57. Agus uile olc daoine Shecheim dhìol Dia air an ceann fhèin: agus thàinig orra mallachadh Iotaim mhic Ierubàail.

Britheamhan 10:1-18
1. Agus dh’èirich an dèidh Abimeleich, a shaoradh Israeil, Tola mac Phuah mhic Dhodo, duine de Isachar; agus bha e a chòmhnaidh ann an Samir ann an sliabh Ephraim.
2. Agus thug e breith air Israel trì-bliadhna-fichead: agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samir.
3. Agus na dhèidh-san dh’èirich Iair, Gileadach, agus thug e breith air Israel dà bhliadhna ar fhichead.
4. Agus bha deich-ar‑fhichead mac aige, a mharcaich air deich-ar‑fhichead asal òg; agus bha deich-ar‑fhichead baile aca, air an tugadh Habhot-iair mar ainm gu ruig an là‑an‑diugh, a tha ann an tìr Ghilead.
5. Agus fhuair Iair bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Camon.
6. Agus rinn clann Israeil a‑rìs olc ann an sùilean an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim, agus do Astarot, agus do dhiathan Shiria, agus do dhiathan Shìdoin, agus do dhiathan Mhòaib, agus do dhiathan chloinn Amoin, agus do dhiathan nam Philisteach; agus thrèig iad an Tighearna, agus cha do rinn iad seirbhis dha.
7. Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh nam Philisteach, agus do làimh chloinn Amoin.
8. Agus chlaoidh agus rinn iad fòirneart air cloinn Israeil anns an àm sin rè ochd-bliadhna-deug, air cloinn Israeil uile a bha air an taobh eile de Iòrdan, ann an tìr nan Amorach, a tha ann an Gilead.
9. Agus chaidh clann Amoin thar Iòrdan a chogadh mar an ceudna an aghaidh Iùdah, agus an aghaidh Bheniàmin, agus an aghaidh taigh Ephraim; agus bha Israel ann an teanntachd ro‑mhòir.
10. Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, ag ràdh, Pheacaich sinn ad aghaidh, an dà chuid a chionn gun do thrèig sinn ar Dia, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim.
11. Agus thubhairt an Tighearna ri cloinn Israeil, Nach do shaor mise sibh o na h‑Eiphitich, agus o na h‑Amoraich, o chloinn Amoin, agus o na Philistich?
12. Rinn mar an ceudna na Sìdonaich, agus na h‑Amalecich, agus na Maonaich fòirneart oirbh, agus ghlaodh sibh riumsa, agus shaor mi sibh as an làimh.
13. Gidheadh thrèig sibh mi, agus rinn sibh seirbhis do dhiathan eile: uime sin cha saor mi sibh nas mò.
14. Rachaibh agus gairmibh air na diathan a roghnaich sibh: saoradh iad sibh ann an àm ur teanntachd.
15. Agus thubhairt clann Israeil ris an Tighearna, Pheacaich sinn; dèan-sa rinn a rèir gach nì a tha math ad shùilean; a‑mhàin saor sinn, guidheamaid ort, air an là‑an‑diugh.
16. Agus chuir iad air falbh na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis don Tighearna: agus bha doilgheas air a anam airson truaighe Israeil.
17. An sin ghairmeadh clann Amoin cuideachd, agus champaich iad ann an Gilead: agus chruinnich clann Israeil iad fhèin an ceann a chèile, agus champaich iad ann am Mispeh.
18. Agus thubhairt an co‑chruinneachadh, uachdarain Ghilead, gach aon ri chèile, Cia am fear sin a thòisicheas ri cogadh an aghaidh chloinn Amoin? Bidh esan na cheann air uile luchd-àiteachaidh Ghilead.

Salm 50:1-6
1. Salm le Asaph. Labhair Dia nan dia, Iehòbhah, agus ghairm e an talamh o èirigh gu ruig laighe grèine.
2. A‑mach à Sion, iomlaine na maise, dhealraich Dia.
3. Thig ar Dia-ne, agus cha bhi e na thosd; ro a ghnùis lasaidh teine millteach, agus mun cuairt air bidh doineann mhòr.
4. Gairmidh e air na nèamhan on àirde agus air an talamh, a‑chum breith a thoirt air a shluagh.
5. Cruinnichibh mo naoimh am ionnsaigh, iadsan a rinn coicheangal rium le ìobairt.
6. Agus cuiridh na nèamhan an cèill a cheartas; oir is e Dia fhèin as Britheamh ann. Selah.

Gnàth-fhacal 14:25-27
25. Saoraidh fianais fhìor anaman; ach labhraidh fianais chealgach breugan.
26. Ann an eagal an Tighearna tha adhbhar earbsa làidir; agus aig a chloinn bidh dìdean.
27. Is e eagal an Tighearna tobar na beatha, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis.

Lùcas 16:1-31
1. Agus thubhairt e mar an ceudna ra dheisciobail, Bha duine saoibhir àraidh ann aig an robh stiùbhard; agus chasaideadh ris e, mar neach a bha a’ dèanamh ana-caithimh air a mhaoin.
2. Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard.
3. An sin thubhairt an stiùbhard ann fhèin, Ciod a nì mi? Oir tha mo mhaighistir a’ toirt na stiùbhardachd uam: chan urrainn mi ruamhar a dhèanamh, is nàir leam dèirc iarraidh.
4. Tha fhios agam ciod a nì mi, a‑chum nuair a chuirear as an stiùbhardachd mi, gun gabh iad a‑steach dan taighean mi.
5. Agus air dha gach aon dhiubhsan air an robh fiachan aig a thighearna a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e ris a’ chiad fhear, Cia mheud a tha aig mo thighearna ortsa?
6. Agus thubhairt esan, Ceud tomhas ola. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus suidh sìos gu h‑ealamh, agus sgrìobh lethcheud.
7. An sin thubhairt e ri fear eile, Agus cia mheud a tha aige ortsa? Agus thubhairt esan, Ceud tomhas cruithneachd. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus sgrìobh ceithir-fichead.
8. Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais.
9. Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean-còmhnaidh sìorraidh.
10. An tì a tha fìrinneach anns an nì as lugha, tha e fìrinneach mar an ceudna ann am mòran; agus an tì a tha eucorach anns an nì as lugha, tha e eucorach ann am mòran mar an ceudna.
11. Air an adhbhar sin, mura robh sibh fìrinneach anns an t‑saoibhreas eucorach, cò a dh’earbas ribh an saoibhreas fìor?
12. Agus mura robh sibh fìrinneach ann an cuid duine eile, cò a bheir dhuibh an nì as leibh fhèin?
13. Chan eil seirbhiseach sam bith comasach air seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna; oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh, agus bheir e gràdh don fhear eile; no gabhaidh e le aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan eil sibh comasach air seirbhis a dhèanamh do Dhia agus Mhamon.
14. Agus chuala na Pharasaich, a bha sanntach, na nithean sin uile: agus rinn iad fanaid air.
15. Agus thubhairt e riu, Is sibhse an dream a tha gur fìreanachadh fhèin am fianais dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an nì sin a tha ro‑mheasail aig daoine, is gràinealachd e am fianais Dhè.
16. Bha an lagh agus na fàidhean ann gu teachd Eòin: o sin tha rìoghachd Dhè air a searmonachadh, agus tha gach duine a’ dol le dian strì a‑steach innte.
17. Agus is fhasa do nèamh agus don talamh dol thairis, na do aon lide den lagh tuiteam.
18. Gach neach a chuireas uaithe a bhean, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais; agus ge bè neach a phòsas a’ bhean a chuireadh air falbh o a fear, tha e a’ dèanamh adhaltranais.
19. Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon-aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr-ghreadhnachas:
20. Agus bha duine bochd àraidh ann dom b’ainm Làsaras, a chuireadh na laighe aig a dhoras, làn de chreuchdan.
21. Agus bu mhiann leis a bhith air a shàsachadh leis an spruileach a bha a’ tuiteam o bhòrd an duine shaoibhir; seadh, agus thàinig na madaidhean agus dh’imlich iad a chreuchdan.
22. Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e.
23. Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean, air dha a bhith ann am piantan, agus chunnaic e Abrahàm fada uaithe, agus Làsaras na uchd.
24. Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras, a‑chum gun tum e bàrr a mheòir ann an uisge, agus gum fuaraich e mo theanga; oir tha mi air mo ro‑phianadh anns an lasair seo.
25. Ach thubhairt Abrahàm, A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa do nithean matha ri àm dhut a bhith beò, agus Làsaras mar an ceudna droch nithean; ach a‑nis tha esan a’ faotainn sòlais, agus tha thusa air do phianadh.
26. Agus a bhàrr air seo uile, tha doimhne mhòr air a cur eadar sinne agus sibhse, air chor agus iadsan lem b’àill dol a seo dur n‑ionnsaigh-se, nach eil e an comas dhaibh; agus nach mò a tha e an comas do aon neach teachd as a sin dar n‑ionnsaigh-ne.
27. An sin thubhairt e, Uime sin tha mi a’ guidhe ort, athair, gun cuireadh tu e gu taigh m’athar:
28. Oir tha còignear bhràithrean agam; a‑chum gun toir e fianais dhaibh, air eagal gun tig iadsan mar an ceudna don ionad ro‑phiantach seo.
29. Thubhairt Abrahàm ris, Tha Maois agus na fàidhean aca; èisdeadh iad riùsan.
30. Agus thubhairt esan, Chan eadh, Athair Abrahàim: ach ma thèid neach dan ionnsaigh o na mairbh, nì iad aithreachas.
31. Agus thubhairt e ris, Mura èisd iad ri Maois agus ris na fàidhean, cha mhò a chreideas iad, ged èireadh neach o na mairbh.