A A A A A
Bible in one year
April 20

Britheamhan 5:1-31
1. Agus chan Deborah, agus Barac mac Abinoaim, air an là sin, ag ràdh,
2. A chionn gun do ghabh Israel dìoghaltas, a chionn gun do thairg an sluagh iad fhèin gu toileach, molaibh-se an Tighearna.
3. Eisdibh, a rìghrean; thugaibh aire, a cheannardan: canaidh mise, mise fhèin, don Tighearna; canaidh mi don Tighearna Dia Israeil.
4. A Thighearna, nuair a chaidh thu a‑mach à Seir, nuair a shiubhail thu a‑mach à tìr Edoim, chriothnaich an talamh, agus shil na nèamhan; shil na neòil mar an ceudna uisge.
5. Leagh na slèibhtean o làthair an Tighearna, Sinài sin fhèin o làthair an Tighearna, Dia Israeil.
6. Ann an làithean Shamgair mhic Anait, ann an làithean Iaeil, bha na rathaidean mòra gun tathaich, agus dh’imich an luchd-turais air rathaidean seachranach.
7. Sguir luchd-àiteachaidh nam bailtean ann an Israel, sguir iad gus an d’èirich mise Deborah, gus an d’èirich mise am mhàthair ann an Israel.
8. Thagh iad diathan nuadha; an sin bha cogadh anns na geatachan: an robh sgiath no sleagh rim faicinn am measg dà‑fhichead mìle ann an Israel?
9. Tha mo chridhe le uachdarain Israeil, a thairg iad fhèin gu toileach am measg an t‑sluaigh. Beannaichibh an Tighearna.
10. Sibhse a tha a’ marcachd air asail gheala, sibhse a tha nur suidhe am breitheanas, agus a’ siubhal an ròid, labhraibh.
11. Iadsan a tha air an saoradh o fhuaim nam fear-bogha ann an ionadan tarraing an uisge, an sin aithrisidh iad gnìomharan cothromach an Tighearna, eadhon na gnìomharan cothromach a‑thaobh luchd-àiteachaidh a bhailtean ann an Israel: an sin thèid sluagh an Tighearna sìos a dh’ionnsaigh nan geatachan.
12. Dùisg, dùisg, a Dheborah; dùisg, dùisg; can òran: èirich, a Bharaic, agus thoir do bhruid ann am braighdeanas, thusa a mhic Abinoaim.
13. An sin thug e airsan a mhaireas tighearnas a bhith aige air na h‑uaislean am measg an t‑sluaigh: thug an Tighearna ormsa tighearnas a bhith agam os cionn nan cumhachdach.
14. A Ephraim bha freumh dhiubh an aghaidh Amaleic; ad dhèidh-sa, a Bheniàmin, am measg do sluaigh: à Machir thàinig a‑nuas lagh-thabhairtairean, agus à Sebulun iadsan a làimhsicheas peann an sgrìobhadair.
15. Agus bha ceannardan Isachair le Deborah, eadhon Isachar, agus mar an ceudna Barac: don ghleann chuireadh esan sìos da chois. Airson roinnean Reubein bha smuaintean mòra cridhe.
16. Carson a dh’fhuirich thu am measg cròthan nan caorach, a chluinntinn mèilich nan treud? Airson roinnean Reubein bha smuaintean mòra cridhe.
17. Dh’fhan Gilead an taobh thall de Iòrdan: agus carson a dh’fhuirich Dan ann an longan? Dh’fhan Aseir air tràigh na fairge, agus na bheàrnan ghabh e còmhnaidh.
18. Bu shluagh Sebulun agus Naphtali a chuir an anaman ann an cunnart gu bàs ann an àitean àrda an fhearainn.
19. Thàinig na rìghrean agus chog iad; an sin chog rìghrean Chanàain ann an Taanach làimh ri uisgeachan Mhegido; cha do ghabh iad buannachd air bith airgid.
20. O nèamh chog na reultan; on slighean àrda chog iad an aghaidh Shisera.
21. Sguab sruth Chisoin air falbh iad, an seann sruth sin, sruth Chisoin. O m’anam, shaltair thu sìos neart.
22. An sin bhruthadh iongannan nan each le leumnaich, leumnaich an aona cumhachdaich.
23. Mallaichibh-se Meros, (thubhairt aingeal an Tighearna); mallaichibh gu mòr a luchd-àiteachaidh: a chionn nach tàinig iad gu còmhnadh an Tighearna, gu còmhnadh an Tighearna an aghaidh nan cumhachdach.
24. Beannaichte os cionn bhan bidh Iael bean Hebeir, an Ceneach; beannaichte bidh i os cionn bhan anns a’ bhùth.
25. Dh’iarr e uisge, thug i dha bainne; ann an soitheach uasal thug i an làthair ìm.
26. Chuir i a làmh ris an tarraing, a làmh dheas ri òrd an luchd-obrach: agus leis an òrd bhuail i Sisera; bhuail i a cheann, agus lot i, agus shàth i tro a lethcheann.
27. Aig a casan chrom e, thuit e, laigh e sìos: aig a casan chrom e, thuit e; far an do chrom e, an sin thuit e sìos marbh.
28. A‑mach air uinneig dh’amhairc màthair Shisera, agus ghlaodh i tron chlèith, Carson a tha a charbad cho fada a’ teachd? Carson a tha rothan a charbaid a’ dèanamh moille?
29. Fhreagair a ban-tighearnan glice i, seadh, thug i freagradh dhi fhèin.
30. Nach d’fhuair iad, nach eil iad a’ roinn na creiche? Maighdeann no dhà do gach fear? Creach iomadh-dathach do Shisera, creach iomadh-dathach de obair snàthaide, iomadh-dathach de obair snàthaide air gach taobh, airson muinealan na muinntir sin a ghlacas a’ chreach?
31. Mar sin rachadh as dod naimhdean uile, a Thighearna; ach biodh iadsan leis an ionmhainn e mar a’ ghrian nuair a thèid i a‑mach na neart. Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna.

Britheamhan 6:1-40
1. Agus rinn clann Israeil olc ann an sùilean an Tighearna, agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Mhidiain rè seachd bliadhna.
2. Agus bhuadhaich làmh Mhidiain an aghaidh Israeil: agus air sgàth nam Midianach rinn clann Israeil dhaibh fhèin na sluic a tha anns na beanntan, agus na h‑uamhan, agus na daingnichean làidir.
3. Agus thachair, nuair a chuir clann Israeil sìol, gun tàinig na Midianaich a‑nìos, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear, thàinig eadhon iadsan a‑nìos nan aghaidh.
4. Agus champaich iad nan aghaidh, agus mhill iad toradh na talmhainn, gus an tig thu gu Gàsa: agus cha d’fhàg iad teachd-an‑tìr sam bith do Israel, aon chuid caora, no bò, no asal.
5. Oir thàinig iad a‑nìos len sprèidh, agus lem bùthan, agus thàinig iad mar na lòcaist air lìonmhorachd; oir bha an dà chuid iad fhèin agus an càmhail gun àireamh: agus chaidh iad a‑steach don tìr a‑chum a milleadh.
6. Agus thugadh Israel gu bochdainn ro‑mhòir leis na Midianaich; agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna.
7. Agus nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna airson nam Midianach,
8. Chuir an Tighearna fàidh a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thug mi a‑nìos sibh on Eiphit, agus thug mi a‑mach sibh à taigh na daorsa;
9. Agus shaor mi sibh à làimh nan Eiphiteach, agus à làimh nan uile a rinn fòirneart oirbh, agus dh’fhuadaich mi a‑mach iad romhaibh, agus thug mi dhuibh am fearann:
10. Agus thubhairt mi ribh, Is mise an Tighearna ur Dia; na biodh eagal diathan nan Amorach oirbh, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nam fearann: ach cha d’èisd sibh rim ghuth.
11. Agus thàinig aingeal an Tighearna agus shuidh e fo dharaig a bha ann an Ophrah, a bhuin do Iòas an t‑Abiesrach: agus bha a mhac Gideon a’ bualadh arbhair ann an amar-bruthaidh an fhìona, ga fhalach o na Midianaich.
12. Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Tha an Tighearna maille riut, a dhuine thrèin ann an neart.
13. Agus thubhairt Gideon ris, Och mo thighearna, ma tha an Tighearna maille rinn, carson a thàinig seo uile oirnn? Agus càit a bheil a mhìorbhailean uile a dh’innis ar n‑athraichean dhuinn, ag ràdh, Nach tug an Tighearna sinn a‑nìos on Eiphit? Ach a‑nis thrèig an Tighearna sinn, agus thug e thairis sinn do làimh nam Midianach.
14. Agus dh’amhairc an Tighearna air, agus thubhairt e, Imich ann ad neart seo, agus saoraidh tu Israel o làimh nam Midianach: nach do chuir mise uam thu?
15. Agus thubhairt e ris, Och mo Thighearna, cia leis a shaoras mise Israel? Feuch, tha mo theaghlach bochd ann am Manaseh, agus is mise as lugha ann an taigh m’athar.
16. Agus thubhairt an Tighearna ris, Gu cinnteach bidh mise maille riut, agus buailidh tu na Midianaich mar aon duine.
17. Agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin nochd comharradh dhomh gur tusa a tha a’ labhairt rium.
18. Na falbh à seo, guidheam ort, gus an tig mi ad ionnsaigh, agus gun toir mi a‑mach mo thìodhlac, agus gun cuir mi ad làthair e. Agus thubhairt e, fanaidh mi gus an tig thu a‑rìs.
19. Agus chaidh Gideon a‑steach, agus dheasaich e meann de na gobhair, agus ephah fhlùir na bhreacagan neo-ghortaichte: an fheòil chuir e ann am basgaid, agus an sùgh chuir e ann am poit, agus thug e a‑mach iad da ionnsaigh fon daraig, agus chuir e na làthair iad.
20. Agus thubhairt aingeal Dhè ris, Gabh an fheòil, agus na breacagan neo-ghortaichte, agus cuir iad air a’ charraig seo, agus taom a‑mach an sùgh. Agus rinn e mar sin.
21. An sin chuir aingeal an Tighearna a‑mach bàrr a’ bhata a bha na làimh, agus bhean e ris an fheòil, agus ris na breacagan neo-ghortaichte; agus dh’èirich teine suas as a’ charraig, agus loisg e an fheòil, agus na breacagan neo-ghortaichte. An sin chaidh aingeal an Tighearna as a shealladh.
22. Agus nuair a thuig Gideon gum b’e aingeal an Tighearna a bha ann, thubhairt Gideon, Och, a Thighearna Dhè! a chionn gum faca mi aingeal an Tighearna aghaidh ri aghaidh.
23. Agus thubhairt an Tighearna ris, Sìth dhut; na biodh eagal ort: chan fhaigh thu bàs.
24. Agus thog Gideon altair an sin don Tighearna, agus thug e Iehòbhah-salom mar ainm oirre: gus an là‑an‑diugh tha i fhathast ann an Ophrah nan Abiesrach.
25. Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Gabh an tarbh òg aig d’athair, agus an dara tarbh a tha seachd bliadhna a dh’aois, agus tilg sìos altair Bhàail a tha aig d’athair, agus geàrr sìos an doire a tha làimh rithe;
26. Agus tog altair don Tighearna do Dhia air mullach na carraige seo, ann an òrdagh, agus gabh an dara tarbh, agus thoir suas ìobairt-loisgte le fiodh an doire a ghearras tu sìos.
27. An sin ghabh Gideon deichnear dhaoine de a sheirbhisich, agus rinn e mar a thubhairt an Tighearna ris: agus thàrladh, a chionn gu robh eagal teaghlach a athar air, agus daoine a’ bhaile, air chor is nach b’urrainn e a dhèanamh anns an là, gun do rinn e anns an oidhche e.
28. Agus nuair a dh’èirich daoine a’ bhaile gu moch anns a’ mhadainn, feuch, bha altair Bhàail air a tilgeadh sìos, agus bha an doire a bha làimh rithe air a ghearradh sìos, agus bha an dara tarbh air ìobradh air an altair a thogadh.
29. Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Cò a rinn an nì seo? Agus nuair a dh’fhiosraich agus a rannsaich iad, thubhairt iad, Is e Gideon mac Iòais a rinn an nì seo.
30. An sin thubhairt daoine a’ bhaile ri Iòas, Thoir a‑mach do mhac, a‑chum gum bàsaich e, a chionn gun do thilg e sìos altair Bhàail, agus gun do gheàrr e sìos an doire a bha làimh rithe.
31. Agus thubhairt Iòas riùsan uile a sheas na aghaidh, An tagair sibh airson Bhàail? An saor sibh e? Esan a thagras air a shon, cuirear gu bàs e, am feadh as i a’ mhadainn a tha fhathast ann: mas dia e, tagradh e air a shon fhèin, a chionn gun do thilgeadh sìos a altair.
32. Uime sin, air an là sin fhèin, thug e Ierubàal mar ainm air, ag ràdh, Tagradh Bàal na aghaidh, a chionn gun do thilg e sìos a altair.
33. An sin bha na Midianaich uile, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear, air cruinneachadh ri chèile, agus chaidh iad a‑null, agus champaich iad ann an gleann Iesreeil.
34. Ach thàinig spiorad an Tighearna air Gideon, agus shèid e trompaid, agus ghairm e Abieser na dhèidh.
35. Agus chuir e teachdairean air feadh Mhanaseh uile, a chruinnicheadh mar an ceudna na dhèidh: agus chuir e teachdairean gu Aser, agus gu Sebulun, agus gu Naphtali; agus thàinig iad a‑nìos nan coinneamh.
36. Agus thubhairt Gideon ri Dia, Ma shaoras tu Israel lem làimh-sa, mar a thubhairt thu,
37. Feuch, cuiridh mi lomradh olla air an ùrlar-bhualaidh; agus ma bhios an drùchd air an lomradh a‑mhàin, agus tiormachd air an talamh uile, an sin bidh fios agam gun saor thu Israel lem làimh, mar a thubhairt thu.
38. Agus bha e mar sin: oir dh’èirich e gu moch air an là màireach, agus theannaich e an lomradh cuideachd, agus dh’fhàisg e an drùchd as an lomradh, làn cuaiche de uisge.
39. Agus thubhairt Gideon ri Dia, Na biodh do chorraich teth am aghaidh, agus labhraidh mi a‑mhàin an aon uair seo: leig dhomh dearbhadh, guidheam ort, an uair seo a‑mhàin leis an lomradh; biodh a‑nis tiormachd air an lomradh a‑mhàin, agus air an talamh uile biodh drùchd.
40. Agus rinn Dia mar sin air an oidhche sin: agus bha tiormachd air an lomradh a‑mhàin, agus air an talamh uile bha drùchd.

Salm 49:1-9
1. Don àrd-fhear-ciùil. Salm airson mic Chòrah. Cluinnibh seo, a shlòigh uile, èisdibh, sibhse uile luchd-àiteachaidh an domhain,
2. Araon a dhaoine ìosal agus àrd, beartach agus bochd le chèile.
3. Labhraidh mo bheul gliocas, agus smaoinichidh mo chridhe air tuigse.
4. Aomaidh mi gu cosamhlachd mo chluas; nochdaidh mi air a’ chlàrsaich mo ràdh dorcha.
5. Carson a bhiodh eagal orm ann an làithean an uilc, nuair a chuartaicheas aingidheachd m’eascairdean mi,
6. A dh’earbas as an saoibhreas, agus a nì uaill à pailteas am beartais?
7. Chan urrainn duine air chor sam bith a bhràthair a shaoradh, no èirig a thabhairt do Dhia air a shon:
8. (Oir tha saorsa an anama luachmhor, agus sguiridh e am feasd:)
9. Gum maireadh e beò gu sìorraidh, agus nach faiceadh e truaillidheachd.

Gnàth-fhacal 14:20-21
20. Eadhon le a choimhearsnach fhèin fuathaichear duine bochd; ach is lìonmhor iad leis an ionmhainn an duine saoibhir.
21. An tì a nì tàir air a choimhearsnach, peacaichidh e; ach is sona an tì a ghabhas truas de na bochdan.

Lùcas 15:1-10
1. An sin thàinig na cìs-mhaoir uile agus na peacaich am fagas dha, a‑chum èisdeachd ris.
2. Agus rinn na Pharasaich agus na sgrìobhaichean gearan, ag ràdh, Tha am fear seo a’ gabhail pheacach da ionnsaigh, agus ag ithe maille riu.
3. Agus labhair esan an cosamhlachd seo riu, ag ràdh,
4. Cò an duine dhibhse aig a bheil ceud caora, ma chailleas e aon dhiubh, nach fàg an naoi-deug agus an ceithir-fichead anns an fhàsach, agus nach tèid an dèidh na caorach a chailleadh gus am faigh e i?
5. Agus air dha a faotainn, cuiridh e air a ghuaillean i le gàirdeachas.
6. Agus nuair a thig e dhachaigh, gairmidh e a chàirdean agus a choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh riu, Dèanaibh gàirdeachas maille riumsa, a chionn gun d’fhuair mi mo chaora a bha caillte.
7. Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi aoibhneas air nèamh airson aon pheacaich a nì aithreachas, nas mò na airson naoi-deug agus ceithir-fichead fìrean, aig nach eil feum air aithreachas.
8. No cò a’ bhean aig a bheil deich buinn airgid, ma chailleas i aon bhonn dhiubh, nach las coinneal, agus nach sguab an taigh, agus nach iarr gu dìcheallach gus am faigh i e?
9. Agus air dhi a fhaotainn, gairmidh i a bana-chàirdean agus a bana-choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas leamsa, oir fhuair mi am bonn a chaill mi.
10. Mar an ceudna tha mi ag ràdh ribh, Tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas.