A A A A A
Bible in one year
March 5

Àireamh 7:1-89
1. Agus thàrladh air an là anns an do chuir Maois suas am pàillean gu h‑iomlan, agus anns an d’ung e e, agus anns an do naomhaich e e, agus a uidheam uile, araon an altair agus a soithichean uile, agus anns an d’ung e iad, agus anns an do naomhaich e iad;
2. Gun tug ceannardan Israeil, cinn taighean an athraichean (eadhon ceannardan nan treubh, a bha os cionn na muinntir a chaidh àireamh), seachad tabhartas:
3. Agus thug iad an tabhartas an làthair an Tighearna, sia feunan còmhdaichte, agus dà‑dhamh-dheug: feun airson dithis de na ceannardan, agus damh airson gach fir dhiubh, agus thug iad air beulaibh a’ phàillein iad.
4. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
5. Gabh uapa iad, a‑chum is gum bi iad a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bheir thu iad do na Lèbhitich, do gach fear a rèir a sheirbhis.
6. Agus ghabh Maois na feunan agus na daimh, agus thug e do na Lèbhitich iad.
7. Dà fheun agus ceithir daimh thug e do mhic Ghersoin, a rèir an seirbhis.
8. Agus ceithir feunan agus ochd daimh thug e do mhic Mherari, a rèir an seirbhis, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.
9. Ach do mhic Chohait cha tug e aon air bith; a chionn gum b’i seirbhis an ionaid naoimh a bhuineadh dhaibh-san, gun giùlaineadh iad air an guaillean.
10. Agus thug na ceannardan seachad tabhartas a‑chum coisrigeadh na h‑altarach, air an là anns an d’ungadh i: thug eadhon na ceannardan seachad an tabhartas air beulaibh na h‑altarach.
11. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Bheir gach ceannard seachad a thabhartas air a là fhèin, a‑chum coisrigeadh na h‑altarach.
12. Agus esan a thug seachad a thabhartas air a’ chiad là, b’e Nahson mac Aminadaib, de threubh Iùdah.
13. Agus b’e a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
14. Aon spàin de dheich seceil òir, làn de thùis:
15. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
16. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
17. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nahsoin mhic Aminadaib.
18. Air an dara là thug Mataneel mac Shuair, ceannard Isachair, seachad tabhartas.
19. Thug e seachad mar a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
20. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
21. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
22. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
23. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nàtaneeil mhic Shuair.
24. Air an treas là thug Eliab mac Heloin, ceannard chloinn Shebuluin, seachad tabhartas.
25. B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
26. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
27. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
28. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
29. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Eliaib mhic Heloin.
30. Air a’ cheathramh là thug Elisur mac Shedeuir, ceannard chloinn Reubein, seachad tabhartas.
31. B’e a thabhartas aon mhias airgid de cheud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
32. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
33. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
34. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
35. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Elisuir mhic Shedeuir.
36. Air a’ chòigeamh là thug Selumiel mac Shurisadai, ceannard chloinn Shimeoin, seachad tabhartas.
37. B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
38. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
39. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
40. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
41. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Shelumieil mhic Shurisadal.
42. Air an t‑siathamh là thug Eliasaph mac Dheueil, ceannard chloinn Ghad, seachad tabhartas.
43. B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
44. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
45. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
46. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
47. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Eliasaiph mhic Dheueil.
48. Air an t‑seachdamh là thug Elisama mac Amihuid, ceannard chloinn Ephraim, seachad tabhartas.
49. B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
50. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
51. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
52. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
53. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Elisama mhic Amihuid.
54. Air an ochdamh là thug Gamaliel mac Phedahsuir, ceannard chloinn Mhanaseh, seachad tabhartas.
55. B’e a thabhartas-san aon mhias airgid de cheud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
56. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
57. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
58. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
59. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ghamalieil mhic Phedahsuir.
60. Air an naoidheamh là thug Abidan mac Ghideoni, ceannard chloinn Bheniàmin, seachad tabhartas.
61. B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
62. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
63. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
64. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
65. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Abidain mhic Ghideoni.
66. Air an deicheamh là thug Ahieser mac Amisadai, ceannard chloinn Dhan, seachad tabhartas.
67. B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
68. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
69. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
70. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
71. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ahieseir mhic Amisadai.
72. Air an aon-là‑deug thug Pagiel mac Ocrain, ceannard chloinn Aseir, seachad tabhartas.
73. B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
74. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
75. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
76. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
77. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìthe, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Phagieil mhic Ocrain.
78. Air an dara-là‑deug thug Ahira mac Enain, ceannard chloinn Naphtali, seachad tabhartas.
79. B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh:
80. Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:
81. Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte:
82. Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh:
83. Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ahira mhic Enain.
84. B’e seo coisrigeadh na h‑altarach (anns an là anns an d’ungadh i) le ceannardan Israeil: dà‑mhias-dheug airgid, dà‑chuaich-dheug airgid, dà‑spàin-dheug òir:
85. B’e cudthrom gach mèis airgid ceud agus deich seceil ar fhichead, agus gach cuaiche deich agus trì-fichead: b’e cudthrom nan soithichean airgid uile, dà mhìle agus ceithir cheud seceil, a rèir secel an ionaid naoimh.
86. Bha dà‑spàin-dheug òir ann, làn de thùis, cudthrom gach aon fa leth deich seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: b’e òr nan spàinean uile ceud agus fichead secel.
87. B’iad na tairbh uile a‑chum ìobairt-loisgte dà‑tharbh-dheug, na reitheachan a dhà-dheug, na h‑uain den chiad bhliadhna a dhà-dheug, maille rin tabhartas-bìdh: agus na minn de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh a dhà-dheug.
88. Agus b’iad na tairbh uile, a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, ceithir tairbh ar fhichead, na reitheachan trì-fichead, na buic-ghoibhre trì-fichead, na h‑uain den chiad bhliadhna trì-fichead. B’e seo coisrigeadh na h‑altarach, an dèidh dhi a bhith air a h‑ungadh.
89. Agus nuair a chaidh Maois a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a labhairt ris, an sin chuala e guth aoin a’ labhairt ris o uachdar na cathair-thròcair a bha os cionn àirc na Fianais, o eadar an dà cherub; agus labhair e ris.

Àireamh 8:1-26
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2. Labhair ri Aaron, agus abair ris, Nuair a lasas tu na lòchrain, bheir na seachd lòchrain solas uapa thall fa chomhair a’ choinnleir.
3. Agus rinn Aaron mar sin; las e a lòchrain thall fa chomhair a’ choinnleir; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
4. Agus b’e seo obair a’ choinnleir: bha e de òr buailte gu ruig a chas, gu ruig a bhlàthan bha e de obair bhuailte: a rèir an t‑samhlaidh a nochd an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an coinnleir.
5. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
6. Gabh na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil, agus glan iad.
7. Agus mar seo nì thu riu, a‑chum an glanadh: crath uisge glanaidh orra, agus thugadh iad ealtainn thar am feòil uile, agus nigheadh iad an aodach, agus mar sin dèanadh iad glan iad fhèin.
8. An sin gabhadh iad tarbh òg maille ra thabhartas-bìdh, eadhon flùr mìn measgte le ola, agus gabhaidh tu tarbh òg eile a‑chum ìobairt-pheacaidh.
9. Agus bheir thu na Lèbhitich air beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cruinnichidh tu coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile:
10. Agus bheir thu na Lèbhitich an làthair an Tighearna, agus cuiridh clann Israeil an làmhan air na Lèbhitich:
11. Agus luaisgidh Aaron na Lèbhitich ann an làthair an Tighearna, mar thabhartas-luaisgte o chloinn Israeil; a‑chum is gun dèan iad seirbhis an Tighearna.
12. Agus cuiridh na Lèbhitich an làmhan air cinn nan tarbh; agus ìobraidh tu aon dhiubh mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt-loisgte don Tighearna, a dhèanamh rèite airson nan Lèbhiteach.
13. Agus cuiridh tu na Lèbhitich an làthair Aaroin, agus an làthair a mhac, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte don Tighearna.
14. Mar seo sgaraidh tu na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil; agus bidh na Lèbhitich leamsa.
15. Agus na dhèidh sin thèid na Lèbhitich a‑steach a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus glanaidh tu iad, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte:
16. Oir thugadh dhòmhsa gu h‑iomlan iad o mheasg chloinn Israeil; an àite gach aoin a dh’fhosglas a’ bhrù, eadhon an àite ciad-ghin chloinn Israeil uile, ghabh mi dhomh fhèin iad.
17. Oir is leamsa uile chiad-ghin chloinn Israeil, araon duine agus ainmhidh: anns an là air an do bhuail mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, naomhaich mi iad dhomh fhèin.
18. Agus ghabh mi na Lèbhitich an àit uile chiad-ghin chloinn Israeil.
19. Agus thug mi na Lèbhitich mar thìodhlac do Aaron, agus da mhic, o mheasg chloinn Israeil, a dhèanamh seirbhis chloinn Israeil ann am pàillean a’ choitheanail, agus a dhèanamh rèite airson chloinn Israeil; a‑chum is nach bi plàigh sam bith am measg chloinn Israeil, nuair a thig clann Israeil am fagas don ionad naomh.
20. Agus rinn Maois agus Aaron, agus co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, ris na Lèbhitich a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh nan Lèbhiteach, mar sin rinn clann Israeil riu.
21. Agus ghlanadh na Lèbhitich, agus nigh iad an aodach: agus thug Aaron suas iad mar thabhartas an làthair an Tighearna; agus rinn Aaron rèite air an son a‑chum an glanadh.
22. Agus an dèidh sin chaidh na Lèbhitich a‑steach, a dhèanamh an seirbhis ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair Aaroin agus an làthair a mhac: mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh nan Lèbhiteach, mar sin rinn iad riu.
23. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
24. Is e seo an nì a bhuineas do na Lèbhitich: o chòig-bliadhna-fichead a dh’aois, agus os a chionn, thèid iad a‑steach a dh’fheitheamh air seirbhis pàillean a’ choitheanail:
25. Agus o aois lethcheud bliadhna sguiridh iad a dh’fheitheamh air a sheirbhis, agus cha dèan iad seirbhis nas mò.
26. Ach frithealaidh iad maille rim bràithrean ann am pàillean a’ choitheanail a ghleidheadh a’ chùraim, agus cha dèan iad seirbhis sam bith eile. Mar seo nì thu ris na Lèbhitich a‑thaobh an cùraim.

Salm 31:1-5
1. Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh. Annadsa, a Thighearna, cuiridh mi mo dhòigh; na nàraichear mi gu bràth; trìd d’fhìreantachd saor mi.
2. Aom am ionnsaigh do chluas; gu grad furtaich orm; bi‑sa ad charraig làidir dhomh, ad thaigh-tèarmainn a‑chum mo dhìon.
3. Oir is tusa mo charraig, agus mo dhaingneach; agus air sgàth d’ainme treòraichidh agus stiùraidh tu mi.
4. Bheir thu mi as an lìon a dh’fhalaich iad fam chomhair, oir is tusa mo neart.
5. Ann ad làimh-sa tiomnam mo spiorad: saor mi, a Thighearna Dhè na fìrinn.

Gnàth-fhacal 11:4-6
4. Cha bhi tairbhe ann an saoibhreas ann an là na feirge; ach saoraidh fìreantachd on bhàs.
5. Seòlaidh fìreantachd an duine ionraic a shlighe; ach trìd a aingidheachd fhèin tuitidh an t‑aingidh.
6. Saoraidh fìreantachd nan ionraic iad; ach glacar fealltairean nan olc fhèin.

Marcus 9:1-29
1. Agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil cuid dhiubhsan a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè a’ teachd le cumhachd.
2. Agus an ceann sia làithean, thug Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin leis, agus threòraich e iad leo fhèin air leth gu beinn àird: agus dh’atharraicheadh a chruth nam fianais.
3. Agus rinneadh a aodach dealrach, ro‑gheal mar an sneachd: air mhodh nach robh e an comas do ghlanadair-aodaich sam bith air talamh a ghealachadh.
4. Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh Elias maille ri Maois: agus bha iad a’ còmhradh ri Iosa.
5. Agus fhreagair Peadar, agus thubhairt e ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo: air an adhbhar sin dèanamaid trì pàilleanan; aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon do Elias.
6. Oir cha robh fhios aige ciod a theireadh e: oir bha iad fo eagal ro‑mhòr.
7. Agus thàinig neul a chuir sgàil orra, agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach-sa, èisdibh ris.
8. Agus air ball, nuair a dh’amhairc iad mun timcheall, chan fhaca iad neach air bith à sin suas, ach Iosa na aonar maille riu.
9. Agus aig teachd dhaibh a‑nuas on bheinn, dh’àithn e dhaibh gun na nithean a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine a‑rìs o na mairbh.
10. Agus ghlèidh iad a’ chainnt seo aca fhèin, a’ fiosrachadh de chèile ciod a bu chiall don aiseirigh o na mairbh.
11. Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur èiginn gun tig Elias air tùs?
12. Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas.
13. Ach tha mi ag ràdh ribh gu bheil Elias da‑rìribh air teachd, agus rinn iad ris gach nì a thogair iad, a rèir mar a tha e sgrìobhte uime.
14. Agus nuair thàinig e a‑chum a dheisciobal, chunnaic e sluagh mòr mun timcheall, agus na sgrìobhaichean a’ deasbaireachd riu.
15. Agus air ball bha an sluagh uile, nuair a chunnaic iad e, fo uamhas mòr, agus air dhaibh ruith da ionnsaigh, chuir iad fàilte air.
16. Agus dh’fheòraich e de na sgrìobhaichean, Ciod e mum bheil sibh a’ deasbaireachd riu?
17. Agus air freagairt do neach den t‑sluagh, thubhairt e, A Mhaighistir, thug mi mo mhac ad ionnsaigh, anns a bheil spiorad balbh:
18. Agus ge bè ionad sam bith anns an glac e e, tha e ga tharraing as a chèile; agus tha e a’ cur cobhair as a bheul, agus a’ gìosgarnaich le fhiaclan, agus tha e a’ seargadh as: agus thubhairt mi rid dheisciobail, iad ga chur a‑mach, agus cha b’urrainn iad.
19. Ach fhreagair esan, agus thubhairt e ris, O chinnich gun chreideamh, cia fhad a bhios mi maille ribh? Cia fhad a dh’fhuilingeas mi sibh? Thugaibh e am ionnsaigh.
20. Agus thug iad da ionnsaigh e: agus nuair a chunnaic e e, reub an spiorad air ball e; agus thuit e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan fhèin, agus a’ cur cobhair as a bheul.
21. Agus dh’fheòraich e de a athair, Cia fhad an aimsir o thàinig seo air? Agus thubhairt e, O bha e na leanabh.
22. Agus gu minig thilg e anns an teine e, agus anns an uisge, a‑chum gum milleadh e e: ach ma tha thusa comasach air nì sam bith a dhèanamh, gabh truas dhinn, agus cuidich leinn.
23. Ach thubhairt Iosa ris, Mas urrainn thusa creidsinn, tha gach aon nì comasach don neach a chreideas.
24. Agus ghlaodh athair an leinibh a‑mach air ball, agus thubhairt e le deòir, Tha mi a’ creidsinn, a Thighearna; cuidich thusa lem mhì-chreideamh.
25. Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh a’ ruith cuideachd, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, A spioraid bhailbh agus bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, Thig a‑mach as, agus na rach a‑steach ann nas mò.
26. Agus ghlaodh an spiorad, agus reub e gu ro‑chràiteach e, agus chaidh e a‑mach as: agus bha e an riochd mairbh, ionnas gun dubhairt mòran, Tha e marbh.
27. Ach air do Iosa a ghlacadh air làimh, thog e suas e, agus dh’èirich e.
28. Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth an uaigneas, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach?
29. Agus thubhairt esan riu, Chan eil e comasach gun tèid a ghnè seo a‑mach le nì air bith, ach le ùrnaigh agus trasgadh.