A A A A A
Bible in one year
March 3

Àireamh 3:1-51
1. Is iad seo mar an ceudna ginealaichean Aaroin agus Mhaois, anns an là anns an do labhair an Tighearna ri Maois ann an sliabh Shinài.
2. Agus is iad seo ainmean mic Aaroin; Nàdab an ciad-ghin, agus Abihu, Eleàsar, agus Itamar.
3. Is iad sin ainmean mic Aaroin, na sagartan a dh’ungadh, a choisrig e gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.
4. Agus fhuair Nàdab agus Abihu bàs an làthair an Tighearna, nuair a thug iad suas teine coimheach an làthair an Tighearna, ann am fàsach Shinài, agus cha robh clann aca: agus fhritheil Eleàsar agus Itamar ann an dreuchd an t‑sagairt, ann an sealladh Aaroin an athair.
5. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
6. Thoir treubh Lèbhi am fagas, agus taisbein iad an làthair Aaroin an sagart, a‑chum is gum fritheil iad dha.
7. Agus gleidhidh iad a chùram-san, agus cùram a’ choitheanail uile, air beulaibh pàillean a’ choitheanail a dhèanamh seirbhis a’ phàillein.
8. Agus gleidhidh iad uile shoithichean pàillean a’ choitheanail, agus cùram chloinn Israeil, a dhèanamh seirbhis a’ phàillein.
9. Agus bheir thu na Lèbhithich do Aaron, agus da mhic: tha iad air an tabhairt dha gu h‑iomlan a‑mach à cloinn Israeil.
10. Agus òrdaichidh tu Aaron agus a mhic, agus feithidh iadsan air dreuchd an t‑sagairt: agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.
11. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
12. Agus mise, feuch, ghabh mi na Lèbhithich o mheasg chloinn Israeil, an àit a’ chiad-ghin uile a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil: agus is leamsa na Lèbhithich;
13. A chionn gur leamsa gach uile chiad-ghin; oir air an là anns an do bhuail mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, naomhaich mi dhomh fhèin gach ciad-ghin ann an Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa iad: Is mise an Tighearna.
14. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, ag ràdh,
15. Àireamh clann Lèbhi a rèir taighean an athraichean, a rèir an teaghlaichean: gach fireannach o mhìos a dh’aois agus os a chionn àirmhidh tu iad.
16. Agus dh’àireamh Maois iad a rèir facal an Tighearna, mar a thugadh àithne dha.
17. Agus b’iad seo mic Lèbhi a rèir an ainmean: Gerson, agus Cohat, agus Merari.
18. Agus is iad seo ainmean mic Ghersoin a rèir an teaghlaichean: Libni agus Simei.
19. Agus mic Chohait a rèir an teaghlaichean: Amram, agus Idsar, Hebron, agus Udsiel.
20. Agus mic Mherari a rèir an teaghlaichean: Mahli, agus Musi: is iad sin teaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir taighean an athraichean.
21. O Gherson bha teaghlach Libni, agus teaghlach Shimei: is iad sin teaghlaichean nan Gersonach.
22. Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nam fireannach uile, o mhìos a dh’aois agus os a chionn, eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad seachd mìle agus còig ceud.
23. Suidhichidh teaghlaichean nan Gersonach air cùlaibh a’ phàillein air taobh na h‑àird an iar.
24. Agus bidh Eliasaph mac Laeil na cheann-taighe athraichean nan Gersonach.
25. Agus air cùram mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail, bidh am pàillean, agus am bùth, a chòmhdach, agus am brat airson doras pàillean a’ choitheanail,
26. Agus cùirteanan na cùirte, agus am brat airson doras na cùirte, a tha làimh ris a’ phàillean, agus làimh ris an altair mun cuairt, agus a cùird, airson a seirbhis uile.
27. Agus o Chohat bha teaghlach nan Amramach, agus teaghlach nan Idseharach, agus teaghlach nan Hebronach, agus teaghlach nan Udsielach: is iad sin teaghlaichean nan Cohatach.
28. Ann an àireamh nam fireannach uile o mhìos a dh’aois agus os a chionn bha ochd mìle agus sia ceud, a bha a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh.
29. Suidhichidh teaghlaichean mic Chohait air taobh a’ phàillein mu dheas.
30. Agus bidh Elisaphan mac Udsieil na cheann-taighe athair-theaghlaichean nan Cohatach.
31. Agus air an cùram-san bidh an àirc, agus am bòrd, agus an coinnleir, agus na h‑altairean, agus soithichean an ionaid naoimh, leis am fritheil iad, agus am brat, agus a sheirbhis uile.
32. Agus bidh Eleàsar, mac Aaroin an sagart, na cheannard air ceannardan nan Lèbhitheach, agus bidh sùil aige orrasan a bhios a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh.
33. O Mherari bha teaghlach nam Mahlach, agus teaghlach nam Musitheach: is iad sin teaghlaichean Mherari.
34. Agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nam fireannach uile, o mhìos a dh’aois agus os a chionn, b’iad sia mìle agus dà cheud.
35. Agus b’e Suriel mac Abihail ceann-taighe athair-theaghlaichean Mherari; suidhichidh iadsan air taobh a’ phàillein mu thuath.
36. Agus fo choimhead agus chùram mic Mherari bidh bùird a’ phàillein, agus a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn, agus a shoithichean uile, agus gach nì a fhrithealas dha,
37. Agus puist na cùirte mun cuairt, agus am buinn, agus am pinneachan, agus an cùird.
38. Ach iadsan a champaicheas air beulaibh a’ phàillein air taobh na h‑àird an ear, eadhon air beulaibh pàillean a’ choitheanail leth ri èirigh na grèine, is iad Maois, agus Aaron, agus a mhic, a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh, airson cùram chloinn Israeil; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.
39. Iadsan uile a chaidh àireamh de na Lèbhithich, a dh’àireamh Maois agus Aaron a rèir àithne an Tighearna, a rèir an teaghlaichean, na fireannaich uile o mhìos a dh’aois agus os a chionn, b’iad dà mhìle ar fhichead.
40. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh àireamh gach ciad-ghin a tha na fhireannach de chloinn Israeil o mhìos a dh’aois agus os a chionn, agus gabh àireamh an ainmean.
41. Agus gabhaidh tu na Lèbhithich dhòmhsa (Is mise an Tighearna), an àite nan ciad-ghin uile am measg chloinn Israeil; agus sprèidh nan Lèbhitheach an àite nan ciad-ghin uile am measg sprèidh chloinn Israeil.
42. Agus dh’àireamh Maois, mar a dh’àithn an Tighearna dha, gach ciad-ghin am measg chloinn Israeil.
43. Agus gach ciad-ghin a bha na fhireannach, a rèir àireamh nan ainmean, o mhìos a dh’aois agus os a chionn, dhiubhsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad dà mhìle ar fhichead, dà cheud agus trì-fichead agus trì-deug.
44. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
45. Gabh na Lèbhithich an àite nan ciad-ghin uile am measg chloinn Israeil, agus sprèidh nan Lèbhitheach an àite an sprèidhe-san, agus bidh na Lèbhithich leamsa: Is mise an Tighearna.
46. Agus air an son-san a tha gu bhith air am fuasgladh den dà cheud agus an trì-fichead agus an trì-deug, de chiad-ghin chloinn Israeil, a tha nas lìonmhoire na na Lèbhithich;
47. Gabhaidh tu eadhon còig seceil am fear air an ceann; a rèir secel an ionaid naoimh gabhaidh tu iad: is e an secel fichead gerah.
48. Agus bheir thu an t‑airgead, leis am fuasglar an àireamh chòrr dhiubh, do Aaron agus da mhic.
49. Agus ghabh Maois an t‑airgead fuasglaidh uapasan a bha a thuilleadh orrasan a dh’fhuasgladh leis na Lèbhithich.
50. O chiad-ghin chloinn Israeil ghabh e an t‑airgead: mìle trì cheud agus trì-fichead agus còig seceil, a rèir secel an ionaid naoimh.
51. Agus thug Maois airgead na muinntir sin a dh’fhuasgladh do Aaron agus da mhic, a rèir facal an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Àireamh 4:1-49
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,
2. Gabh àireamh mic Chohait o mheasg mic Lèbhi, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean:
3. O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach neach a thèid a‑steach don armailt, a dhèanamh na h‑obrach ann am pàillean a’ choitheanail.
4. Seo an t‑seirbhis a bhios aig mic Chohait, ann am pàillean a’ choitheanail, mu thimcheall nan nithean ro‑naomha.
5. Agus nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh, thig Aaron agus a mhic, agus bheir iad a‑nuas brat a’ chòmhdaich, agus còmhdaichidh iad àirc na Fianais leis;
6. Agus cuiridh iad oirre an còmhdach de chraicnean bhroc, agus sgaoilidh iad os a cionn aodach uile de ghorm, agus cuiridh iad a bataichean innte.
7. Agus air bòrd aran na Fianais sgaoilidh iad aodach de ghorm, agus cuiridh iad air na miasan, agus na tùiseirean, agus na cupain, agus na cuachan leis an toirear seachad tabhartas-dibhe: agus bidh an t‑aran an còmhnaidh air.
8. Agus sgaoilidh iad orra aodach sgàrlaid, agus còmhdaichidh iad sin le còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad a bhataichean ann.
9. Agus gabhaidh iad aodach de ghorm, agus còmhdaichidh iad coinnleir an t‑solais, agus a lòchrain, agus a chlobhachan, agus a smàl-shoithichean, agus a shoithichean-ola uile, leis am fritheil iad dha.
10. Agus cuiridh iad e fhèin, agus a shoithichean uile, ann an còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad air lunn e.
11. Agus air an altair òir sgaoilidh iad aodach de ghorm, agus còmhdaichidh iad i le còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean.
12. Agus gabhaidh iad na h‑innealan-frithealaidh uile leis am fritheil iad anns an ionad naomh, agus cuiridh iad ann an aodach de ghorm iad, agus còmhdaichidh iad le còmhdach de chraicnean bhroc iad, agus cuiridh iad air lunn iad.
13. Agus bheir iad air falbh an luath on altair, agus sgaoilidh iad aodach corcair oirre;
14. Agus cuiridh iad oirre a soithichean uile, leis am fritheil iad ma timcheall, eadhon na tùiseirean, na greimichean-feòla, agus na sluasaidean, agus na cuachan, soithichean na h‑altarach uile; agus sgaoilidh iad oirre còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean.
15. Agus crìochnaichidh Aaron agus a mhic còmhdach an ionaid naoimh, agus uile shoithichean an ionaid naoimh, nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh; agus an dèidh sin thig mic Chohait gan giùlan: ach cha bhean iad ri nì naomh sam bith, air eagal gum bàsaich iad. Is iad na nithean sin eallach mic Chohait ann am pàillean a’ choitheanail.
16. Agus do dhreuchd Eleàsair mhic Aaroin, an sagart, buinidh an ola a‑chum an t‑solais, agus an tùis chùbhraidh, agus an tabhartas-bìdh làitheil, agus an ola-ungaidh, agus cùram a’ phàillein uile, agus nan uile nithean a tha ann, anns an ionad naomh, agus na shoithichean.
17. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,
18. Na gearraibh as treubh teaghlaichean nan Cohatach o mheasg nan Lèbhitheach.
19. Ach seo nì sibh riu, a‑chum gum bi iad beò agus nach bàsaich iad, nuair a thig iad am fagas do na nithean ro‑naomha; thèid Aaron agus a mhic a‑steach, agus òrdaichidh iad iad gach aon da sheirbhis fhèin, agus da eallaich.
20. Ach cha tèid iad a‑steach a dh’fhaicinn nuair a chòmhdaichear na nithean naomha, air eagal gum faigh iad bàs.
21. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
22. Gabh mar an ceudna àireamh mic Ghersoin, a rèir taighean an athraichean, a rèir an teaghlaichean:
23. O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, gu leth-ceud bliadhna a dh’aois àirmhidh tu iad; gach neach a thèid a‑steach a dhèanamh na seirbhis, a dhèanamh na h‑obrach ann am pàillean a’ choitheanail.
24. Is i seo seirbhis teaghlaichean nan Gersonach, seirbhis a dhèanamh, agus eallach a ghiùlan.
25. Agus giùlainidh iad cùirteanan a’ phàillein, agus pàillean a’ choitheanail, a chòmhdach, agus an còmhdach de chraicnean bhroc, a tha shuas thairis air, agus brat doras pàillean a’ choitheanail.
26. Agus cùirteanan na cùirte, agus brat doras geata na cùirte, a tha làimh ris a’ phàillean, agus ris an altair mun cuairt, agus an cùird, agus innealan am frithealaidh uile, agus gach nì a rinneadh air an son: mar seo nì iad seirbhis.
27. A rèir facal Aaroin agus a mhac bidh uile sheirbhis mic nan Gersonach, nan eallaichean uile, agus nan seirbhis uile: agus òrdaichidh sibh dhaibh mar an cùram an eallaichean uile.
28. Is i seo seirbhis teaghlaichean mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail; agus bidh an cùram fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.
29. A‑thaobh mic Mherari, àirmhidh tu iad a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean:
30. O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu lethcheud bliadhna a dh’aois, àirmhidh tu iad, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a dhèanamh obair pàillean a’ choitheanail.
31. Agus is e seo cùram an eallaich, a rèir an seirbhis uile ann am pàillean a’ choitheanail; bùird a’ phàillein agus a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn,
32. Agus puist na cùirte mun cuairt, agus am buinn, agus am pinneachan, agus an cùird, maille rin innealan uile, agus maille rin seirbhis uile; agus air an ainm àirmhidh sibh innealan cùram an eallaich.
33. Is i seo seirbhis teaghlaichean mic Mherari, a rèir an seirbhis uile ann am pàillean a’ choitheanail, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.
34. Agus dh’àireamh Maois agus Aaron agus ceannardan a’ cho-chruinneachaidh mic nan Cohatach, a rèir an teaghlaichean, agus a rèir taighean an athraichean:
35. O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu lethcheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail.
36. Agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir an teaghlaichean, b’iad dà mhìle, seachd ceud agus lethcheud.
37. B’iad seo iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean nan Cohatach, gach neach a dh’fhaodadh seirbhis a dhèanamh ann am pàillean a’ choitheanail, a dh’àireamh Maois agus Aaron, a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois.
38. Agus iadsan a chaidh àireamh de mhic Ghersoin, a rèir an teaghlaichean, agus a rèir taighean an athraichean:
39. O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu lethcheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail;
40. Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, b’iad dà mhìle agus sia ceud agus deich-ar‑fhichead.
41. Seo iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean mic Ghersoin, de gach neach a dh’fhaodadh seirbhis a dhèanamh ann an pàillean a’ choitheanail, a dh’àireamh Maois agus Aaron a rèir àithne an Tighearna.
42. Agus iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean mic Mherari, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean;
43. O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail;
44. Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir an teaghlaichean, b’iad trì mìle agus dà cheud.
45. Seo iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean mic Mherari, a dh’àireamh Maois agus Aaron, a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.
46. Iadsan uile a chaidh àireamh de na Lèbhithich, a dh’àireamh Maois agus Aaron agus ceannardan Israeil, a rèir an teaghlaichean, agus a rèir taighean an athraichean;
47. O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thàinig a dhèanamh seirbhis an fhrithealaidh, agus seirbhis na h‑eallaich ann am pàillean a’ choitheanail;
48. Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad ochd mìle agus còig ceud agus ceithir-fichead.
49. A rèir àithne an Tighearna dh’àirmheadh iad le làimh Mhaois, gach aon a rèir a sheirbhis, agus a rèir a eallaich: mar seo dh’àirmheadh iad leis, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Salm 30:1-7
1. Salm. Laoidh-choisrigidh taigh Dhaibhidh. Molaidh mi thu, a Thighearna, oir thog thu suas mi, agus cha tug thu air m’eascairdean gàirdeachas a dhèanamh os mo chionn.
2. A Thighearna mo Dhia, ghlaodh mi riut agus shlànaich thusa mi.
3. A Thighearna, thog thu m’anam a‑nìos as an uaigh; ghlèidh thu beò mi, a‑chum nach rachainn sìos don t‑sloc.
4. Seinnibh don Tighearna, sibhse a naoimh-san, agus thugaibh buidheachas ri cuimhneachadh air a naomhachd.
5. Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh-ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas.
6. Thubhairt mise ann am shocair, Cha ghluaisear mi am feasd.
7. A Thighearna, led dheagh-ghean thug thu air mo bheinn seasamh gu daingeann; dh’fhalaich thu do ghnùis; bha mi fo amhluadh.

Gnàth-fhacal 10:30-32
30. Cha ghluaisear am fìrean gu bràth; ach cha ghabh na h‑aingidh còmhnaidh air an talamh.
31. Bheir beul an fhìrein a‑mach gliocas; ach gearrar as an teanga fhiar.
32. Tha fhios aig bilean an fhìrein air an nì a tha taitneach; ach labhraidh beul nan aingidh nithean fiara.

Marcus 8:1-21
1. Anns na làithean sin, air do shluagh ro‑mhòr a bhith ann, agus gun nì air bith aca ri ithe, ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh, agus thubhairt e riu,
2. Tha truas mòr agam den t‑sluagh, do bhrìgh gun d’fhan iad a‑nis trì làithean maille rium, agus nach eil nì air bith aca ri ithe;
3. Agus ma leigeas mi dan taighean fhèin nan trasg iad, fannaichidh iad air an t‑slighe: oir thàinig cuid aca am fad.
4. Agus fhreagair a dheisciobail e, Cia as a dh’fhaodas neach iad seo a shàsachadh le aran an seo anns an fhàsach?
5. Agus dh’fhiosraich e dhiubh, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd.
6. Agus thug e òrdagh don t‑sluagh suidhe sìos air an làr: agus ghlac e na seachd buileannan, agus air toirt buidheachais, bhris e, agus thug e iad da dheisciobail, a‑chum gun cuireadh iad nan làthair iad: agus chuir iad sìos an làthair an t‑sluaigh iad.
7. Agus bha aca beagan a dh’èisg bheaga: agus bheannaich e iad, agus dh’àithn e an cur sìos nan làthair mar an ceudna.
8. Agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn seachd basgaidean den bhiadh bhriste, a bha a dh’fhuidheall aca.
9. Agus bha iadsan a dh’ith mu thimcheall ceithir mìle; agus leig e air falbh iad.
10. Agus air ball chaidh e a‑steach an luing maille ra dheisciobail, agus thàinig e gu crìochan Dhalmanuta.
11. Agus thàinig na Pharasaich a‑mach: agus thòisich iad ri ceistean a chur air, ag iarraidh comharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh.
12. Agus air dèanamh osna dhàsan na spiorad, thubhairt e, Carson a tha an ginealach seo ag iarraidh comharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach toirear comharradh don ghinealach seo.
13. Agus dh’fhàg e iad, agus air dha dol a‑steach don luing a‑rìs, chaidh e a‑chum an taoibh eile.
14. Agus dhìochuimhnich na deisciobail aran a thoirt leo; agus cha robh aca ach aon bhuileann maille riu anns an luing.
15. Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Thugaibh an aire, bithibh air ur faicill an aghaidh taois ghoirt nam Pharasach, agus taois ghoirt Heroid.
16. Agus bha iadsan a’ reusonachadh nam measg fhèin, ag ràdh, Is ann a chionn nach eil aran againn a tha e.
17. Agus air aithneachadh sin do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh do bhrìgh nach eil aran agaibh? Nach eil fhios agaibh fhathast, agus nach eil sibh a’ tuigsinn? A bheil ur cridhe fhathast air a chruadhachadh?
18. Air dhuibh sùilean a bhith agaibh, nach faic sibh? Agus air dhuibh cluasan a bhith agaibh, nach cluinn sibh? Agus nach eil sibh a’ cuimhneachadh?
19. Nuair a bhris mi na còig buileannan am measg nan còig mìle, cia lìon cliabh làn de bhiadh briste a thog sibh? Thubhairt iadsan ris, A dhà-dheug.
20. Agus nuair a bhris mi na seachd am measg nan ceithir mìle, cia lìon basgaid làn de bhiadh briste a thog sibh? Agus thubhairt iadsan. Seachd.
21. Agus thubhairt e riu, Cionnas nach eil sibh a’ tuigsinn?