A A A A A
Bible in one year
March 2

Àireamh 1:1-54
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, ann am pàillean a’ choitheanail, air a’ chiad là den dara mìos, anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh,
2. Gabhaibh àireamh cinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, maille ri àireamh an ainmean, gach fireannach a rèir an ceann:
3. O fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel, àirmhidh tusa agus Aaron iad a rèir am buidhnean.
4. Agus maille ribhse bidh duine de gach uile threubh: gach aon dhiubh na cheann-taighe a athraichean.
5. Agus is iad seo ainmean nan daoine a sheasas maille ribh: De threubh Reubein: Elisur mac Shedeuir.
6. De Shimeon: Selumiel mac Shurisadai.
7. De Iùdah: Nahson mac Aminadaib.
8. De Isachar: Nàtaneel mac Shuair.
9. De Shebulun: Eliab mac Heloin.
10. De chloinn Iòseiph: de Ephraim, Elisama mac Amihuid; de Mhanaseh, Gamaliel mac Phedahsuir.
11. De Bheniàmin: Abidan mac Ghideoni.
12. De Dhan: Ahieser mac Amisadai.
13. De Aser: Pagiel mac Ocrain.
14. De Ghad: Eliasaph mac Dheueil.
15. De Naphtali: Ahira mac Enain.
16. B’iad sin daoine ainmeil a’ cho-chruinneachaidh, cinn-fheadhna treubhan an athraichean, ceannardan mhìltean ann an Israel.
17. Agus ghabh Maois agus Aaron na daoine sin, a ghairmeadh air an ainmean.
18. Agus thionail iad an co‑chruinneachadh uile an ceann a chèile air a’ chiad là den dara mìos, agus chuir iad an cèill an ginealaichean a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus thairis, a rèir an ceann.
19. Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an àireamh ann am fàsach Shinài.
20. Agus bha clann Reubein, am mac a bu shine a bha aig Israel, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh:
21. Bha iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Reubein, nan dà‑fhichead agus sia mìle agus còig ceud.
22. De chloinn Shimeoin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nan ainmean a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;
23. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Shimeoin, leth-cheud agus naoi mìle agus trì cheud.
24. De chloinn Ghad, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;
25. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh eadhon de threubh Ghad, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud agus lethcheud.
26. De chloinn Iùdah, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh:
27. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Iùdah, trì-fichead agus ceithir-mìle-deug agus sia ceud.
28. De chloinn Isachair, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh:
29. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Isachair, leth-cheud agus ceithir mìle agus ceithir cheud.
30. De chloinn Shebuluin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;
31. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Shebuluin, leth-cheud agus seachd mìle agus ceithir cheud.
32. De chloinn Iòseiph, eadhon de chloinn Ephraim, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;
33. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Ephraim, dà‑fhichead mìle agus còig ceud.
34. De chloinn Mhanaseh, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;
35. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Mhanaseh, dà‑mìle-dheug ar fhichead agus dà cheud.
36. De chloinn Bheniàmin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;
37. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Bheniàmin, còig-mìle-deug ar fhichead agus ceithir cheud.
38. De chloinn Dhan, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;
39. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Dhan, trì-fichead agus dà mhìle agus seachd ceud.
40. De chloinn Aseir, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;
41. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Aseir, aon mhìle agus dà‑fhichead agus còig ceud.
42. De chloinn Naphtali, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;
43. B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Naphtali, trì-mìle-deug agus dà‑fhichead agus ceithir cheud.
44. Sin iadsan a chaidh àireamh, a dh’àireamh Maois agus Aaron, agus ceannardan Israeil, eadhon dà‑fhear-dheug: bha gach fear dhiubh airson taigh a athraichean.
45. Mar sin bha iadsan uile a chaidh àireamh de chloinn Israeil, a rèir taighean an athraichean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel;
46. Eadhon iadsan uile a chaidh àireamh, b’iad sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud.
47. Ach cha deachaidh na Lèbhithich, a rèir treubh an athraichean, àireamh nam measg:
48. Oir labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
49. A‑mhàin chan àireamh thu treubh Lèbhi, cha mhò a ghabhas tu an cunntas cheann am measg chloinn Israeil:
50. Ach òrdaichidh tu na Lèbhithich os cionn pàillean na Fianais, agus os cionn a shoithichean uile, agus os cionn nan uile nithean a bhuineas dha: giùlainidh iad am pàillean, agus a shoithichean uile; agus frithealaidh iad dha, agus campaichidh iad mun cuairt air a’ phàillean.
51. Agus nuair a bhios am pàillean gu dol air aghaidh, leagaidh na Lèbhithich a‑nuas e: agus nuair a bhios am pàillean ra shuidheachadh, togaidh na Lèbhithich suas e: agus cuirear an coigreach a thig am fagas gu bàs.
52. Agus suidhichidh clann Israeil am bùthan, gach duine làimh ra chuideachd fhèin, agus gach duine làimh ra bhrataich fhèin, air feadh an armailtean.
53. Ach suidhichidh na Lèbhithich am bùthan mun cuairt air pàillean na Fianais; a‑chum is nach bi corraich air co‑chruinneachadh chloinn Israeil, agus gleidhidh na Lèbhithich cùram pàillean na Fianais.
54. Agus rinn clann Israeil a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.

Àireamh 2:1-34
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,
2. Suidhichidh gach duine de chloinn Israeil làimh ra bhrataich fhèin, maille ri suaicheantas taigh an athraichean: fad as mun cuairt air pàillean a’ choitheanail suidhichidh iad.
3. Agus air taobh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, suidhichidh luchd-brataich camp Iùdah, a rèir an armailtean: agus bidh Nahson mac Aminadaib na cheannard air cloinn Iùdah.
4. Agus b’iad a armailt-san, eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead agus ceithir-mìle-deug agus sia ceud.
5. Agus am fagas dha suidhichidh treubh Isachair: agus bidh Nataneel mac Shuair na cheannard air cloinn Isachair.
6. Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, leth-cheud agus ceithir mìle agus ceithir cheud.
7. An sin treubh Shebuluin: agus bidh Eliab mac Heloin na cheannard air cloinn Shebuluin.
8. Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, leth-cheud agus seachd mìle agus ceithir cheud.
9. Na h‑uile a chaidh àireamh ann an camp Iùdah, b’iad ceud mìle agus ceithir-fichead mìle agus sia mìle agus ceithir cheud, a rèir an armailtean: thèid iad seo a‑mach air thùs.
10. Air taobh na h‑àird a deas bidh bratach camp Reubein, a rèir an armailtean: agus na cheannard air cloinn Reubein bidh Elisur mac Shedeuir.
11. Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, dà‑fhichead agus sia mìle agus còig ceud.
12. Agus làimh ris suidhichidh treubh Shimeoin; agus bidh Selumiel mac Shurisadai na cheannard air cloinn Shimeoin.
13. Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, leth-cheud agus naoi mìle agus trì cheud.
14. An sin treubh Ghad: agus na cheannard air mic Ghad, bidh Eliasaph mac Reueil.
15. Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud agus lethcheud.
16. Na h‑uile a chaidh àireamh ann an camp Reubein, b’iad ceud mìle, agus lethcheud agus aon mhìle, agus ceithir cheud agus lethcheud, a rèir an armailtean: agus thèid iadsan a‑mach anns an dara òrdagh.
17. An sin thèid pàillean a’ choitheanail air aghaidh, maille ri camp nan Lèbhitheach am meadhon a’ champa: mar a champaicheas iad, mar sin thèid iad air an aghaidh, gach duine na àite fhèin, làimh rim brataichean.
18. Air taobh na h‑àird an iar bidh bratach camp Ephraim, a rèir an armailtean: agus bidh Elisama mac Amihuid na cheannard air mic Ephraim.
19. Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead mìle agus còig ceud.
20. Agus làimh ris-san bidh treubh Mhanaseh: agus bidh Gameliel mac Phedahsuir na cheannard air cloinn Mhanaseh.
21. Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑mhìle-dheug ar fhichead agus dà cheud.
22. An sin treubh Bheniàmin: agus bidh Abidan mac Ghideoni na cheannard air mic Bheniàmin.
23. Agus b’iad a armailt-san agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, còig-mìle-deug ar fhichead agus ceithir cheud.
24. B’iadsan uile a dh’àirmheadh de champ Ephraim, ceud mìle, agus ochd mìle agus ceud, a rèir an armailtean: agus thèid iadsan air an aghaidh anns an treas òrdagh.
25. Bidh bratach camp Dhan air taobh na h‑àird a tuath a rèir an armailtean: agus bidh Ahieser mac Amisadai na cheannard air cloinn Dhan.
26. Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead agus dà mhìle agus seachd ceud.
27. Agus làimh ris campaichidh treubh Aseir; agus bidh Pagiel mac Ocrain na cheannard air cloinn Aseir.
28. Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus aon mhìle agus còig ceud.
29. An sin treubh Naphtali: agus bidh Ahira mac Enain na cheannard air cloinn Naphtali.
30. Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, leth-cheud agus trì mìle agus ceithir cheud.
31. B’iadsan uile a chaidh àireamh ann an camp Dhan, ceud mìle agus leth-cheud agus seachd mìle agus sia ceud: imichidh iadsan fa dheireadh lem brataichean.
32. Is iad sin iadsan a dh’àirmheadh de chloinn Israeil, a rèir taighean an athraichean: b’iadsan uile a chaidh àireamh de na campannan, a rèir an armailtean, sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud.
33. Ach cha d’àirmheadh na Lèbhithich am measg chloinn Israeil, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
34. Agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois: mar sin champaich iad làimh rim brataichean, agus mar sin chaidh iad air an aghaidh, gach aon a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean.

Salm 29:7-11
7. Sgoiltidh guth an Tighearna lasraichean an teine.
8. Crathaidh guth an Tighearna am fàsach; crathaidh an Tighearna fàsach Chadeis.
9. Bheir guth an Tighearna air na h‑èildean an laoigh a thilgeadh, agus lomaidh e na coilltean; agus na theampall cuiridh gach neach an cèill a ghlòir.
10. Suidhidh an Tighearna air an tuil, agus suidhidh an Tighearna na Rìgh gu sìorraidh.
11. Bheir an Tighearna a neart da shluagh; beannaichidh an Tighearna a shluagh le sìth.

Gnàth-fhacal 10:26-29
26. Mar fhìon-geur do na fiaclan, agus mar dheataich do na sùilean, mar sin tha leisgean dhaibhsan a chuireas uapa e.
27. Cuiridh eagal an Tighearna ri làithean duine; ach giorraichear bliadhnachan nan aingidh.
28. Bidh dùil nam fìrean na adhbhar aoibhneis; ach thèid as do dhòchas nan aingidh.
29. Is neart do na h‑ionraic slighe an Tighearna; ach thig sgrios air luchd-dèanamh na h‑euceirt.

Marcus 7:14-37
14. Agus nuair a ghairm e an sluagh uile da ionnsaigh, thubhairt e riu, Eisdibh riumsa uile, agus tuigibh:
15. Chan eil nì sam bith on taobh a‑muigh den duine, a thèid a‑steach ann, dom bheil e an comas a shalachadh; ach na nithean a tha a’ teachd a‑mach as, is iad sin a tha a’ salachadh an duine.
16. Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.
17. Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh on t‑sluagh, chuir a dheisciobail ceist air mu thimcheall a’ chosamhlachd.
18. Agus thubhairt e riu, A bheil sibhse mar seo fhathast gun tuigse? Nach eil fhios agaibh, ge bè nì air bith a thèid a‑steach anns an duine on leth a‑muigh, nach eil e an comas dha esan a shalachadh?
19. Do bhrìgh nach tèid e a‑steach da chridhe, ach don bhroinn, agus thèid e a‑mach don t‑sloc shalchair, a’ glanadh gach uile bhìdh.
20. Agus thubhairt e, Is e an nì a thig a‑mach as an duine a shalaicheas an duine.
21. Oir is ann on taobh a‑staigh, à cridhe dhaoine, a thig a‑mach droch smuaintean, adhaltranas, strìopachas, mortadh,
22. Goid, sannt, aingidheachd, mealltaireachd, macnas, droch shùil, toibheum, uabhar, amaideachd:
23. Tha na h‑uilc seo uile a’ teachd a‑mach on taobh a‑staigh, agus a’ salachadh an duine.
24. Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach.
25. Oir chuala bean uime, aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan, agus thàinig i agus thuit i aig a chasan;
26. (Agus bu bhana-Ghreugach a’ bhean, ban-Shirophenìseach a‑thaobh cinnich); agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach as a nighinn.
27. Agus thubhairt Iosa rithe, Fuiling don chloinn air tùs a bhith air an sàsachadh: oir chan eil e iomchaidh aran na cloinne a ghabhail, agus a thilgeadh a‑chum nan con.
28. Agus fhreagair ise agus thubhairt i ris, Is fìor sin, a Thighearna: gidheadh, ithidh na coin fon bhòrd de spruilleach na cloinne.
29. Agus thubhairt esan rithe, Airson na cainnte seo fhèin, imich romhad; tha an deamhan air dol a‑mach as do nighinn.
30. Agus nuair a bha ise air teachd a dh’ionnsaigh a taighe, fhuair i an deamhan air dol a‑mach, agus a nighean air a cur na laighe air an leabaidh.
31. Agus a‑rìs, nuair a dh’imich e o chrìochan Thìruis agus Shìdoin, thàinig e gu muir Ghalile, tro mheadhon crìochan Dhecapolis.
32. Agus thug iad da ionnsaigh duine bodhar, aig an robh stadaich na chainnt: agus ghuidh iad air gun cuireadh e làmh air.
33. Agus thug e air leth on t‑sluagh e, agus chuir e a mheòir na chluasan, agus chuir e sileadh air, agus bhean e ra theangaidh.
34. Agus air dha amharc suas gu nèamh, rinn e osna, agus thubhairt e ris, Ephphata, is e sin ri ràdh, Bi air d’fhosgladh.
35. Agus air ball dh’fhosgladh a chluasan, agus dh’fhuasgladh ceangal a theangaidh, agus labhair e gu ceart.
36. Agus dh’àithn e dhaibh gun iad a dh’innse sin do neach air bith: ach mar as mò a thoirmisg esan dhaibh, bu mhò gu ro‑mhòr a chuir iadsan an gnìomh am follais;
37. Agus bha iad gu ro‑mhòr air an lìonadh le iongantas, ag ràdh, Rinn e na h‑uile nithean gu math: tha e araon a’ tabhairt air na bodhair gun cluinn iad, agus air na bailbh gun labhair iad.