A A A A A
Bible in one year
March 1

Lebhiticus 26:1-46
1. Cha dèan sibh dhuibh fhèin iodhalan no coslas snaidhte, agus cha chuir sibh suas ìomhaigh dhuibh fhèin, cha mhò a shuidhicheas sibh dealbh-cloiche nur fearann, gu cromadh sìos dha; oir is mise an Tighearna ur Dia.
2. Gleidhidh sibh mo shàbaidean, agus bheir sibh urram dom ionad naomh: Is mise an Tighearna.
3. Ma ghluaiseas sibh am reachdan, agus ma ghleidheas sibh m’àitheantan, agus ma nì sibh iad;
4. An sin bheir mise dhuibh uisge na àm fhèin, agus bheir am fearann a‑mach a thoradh, agus bheir craobhan na machrach am meas uapa.
5. Agus ruigidh ur bualadh am fìon-fhoghar, agus ruigidh ur fìon-fhoghar àm an t‑sìol-chur, agus ithidh sibh ur n‑aran gu ur sàth, agus gabhaidh sibh còmhnaidh gu tèarainte nur tìr.
6. Agus bheir mise sìth anns an tìr, agus laighidh sibh sìos, agus cha chuir neach sam bith eagal oirbh: agus sgriosaidh mi droch bheathaichean as an dùthaich, agus cha tèid an claidheamh tro ur fearann.
7. Agus ruaigidh sibh ur naimhdean, agus tuitidh iad romhaibh leis a’ chlaidheamh.
8. Agus cuiridh còignear dhibh an ruaig air ceud, agus cuiridh ceud dhibh an ruaig air deich mìle: agus tuitidh ur naimhdean romhaibh leis a’ chlaidheamh.
9. Oir amhaircidh mise oirbh, agus nì mi sìolmhor sibh, agus bheir mi oirbh fàs lìonmhor, agus daingnichidh mi mo choicheangal ribh.
10. Agus ithidh sibh an seann lòn, agus bheir sibh a‑mach an seann lòn airson an lòin nodha.
11. Agus suidhichidh mi mo phàillean nur measg: agus cha bhi gràin aig m’anam dhibh.
12. Agus imichidh mi nur measg, agus bidh mi am Dhia dhuibh, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa.
13. Is mise an Tighearna ur Dia a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is nach biodh sibh nur tràillean aca; agus bhris mi cuibhreach ur cuinge, agus thug mi oirbh imeachd dìreach.
14. Ach mura èisd sibh rium, agus mura dèan sibh na h‑àitheantan sin uile;
15. Agus ma nì sibh tàir air mo reachdan, no ma ghabhas ur n‑anam gràin dem bhreitheanais, air chor is nach dèan sibh m’àitheantan uile, ach gum bris sibh mo choicheangal;
16. Nì mise mar an ceudna seo ribhse; òrdaichidh mi oirbh uamhas, caitheamh agus fiabhras loisgeach, a chaitheas na sùilean, agus a bheir cràdh don chridhe: agus cuiridh sibh ur sìol ann an dìomhanas, oir ithidh ur naimhdean e.
17. Agus cuiridh mise mo ghnùis nur n‑aghaidh, agus marbhar sibh an làthair ur naimhdean: agus rìghichidh a’ mhuinntir air am beag sibh oirbh, agus teichidh sibh nuair nach bi neach an tòir oirbh.
18. Agus mura èisd sibh rium fhathast air a shon seo uile, an sin nì mi peanas oirbh seachd uairean nas mò airson ur peacaidhean.
19. Agus brisidh mi uabhar ur cumhachd; agus nì mi ur nèamhan mar iarann, agus ur talamh mar umha:
20. Agus caithear ur spionnadh ann an dìomhanas; oir cha toir ur fearann a fhàs uaithe, cha mhò a bheir craobhan na tìre am meas uapa.
21. Agus ma thèid sibh am aghaidh, agus nach èisd sibh rium; bheir mi seachd uairean tuilleadh phlàighean oirbh, a rèir ur peacaidhean.
22. Cuiridh mi mar an ceudna fiadh-bheathaichean na machrach nur measg, a bheir uaibh ur clann, agus a chuireas as dur sprèidh, agus a nì sibh tearc ann an àireamh, agus bidh ur rathaidean mòra fàs.
23. Agus mura leasaichear leamsa sibh leis na nithean sin, ach gun tèid sibh am aghaidh;
24. An sin thèid mise mar an ceudna nur n‑aghaidh-se, agus nì mi peanas oirbh seachd uairean fhathast airson ur peacaidhean.
25. Agus bheir mi claidheamh oirbh a dhìolas cùis-ghearain mo choicheangail; agus nuair a chruinnichear sibh an ceann a chèile an taobh a‑staigh de ur bailtean, cuiridh mi a’ phlàigh nur measg; agus bheirear thairis sibh do làimh naimhdean.
26. Nuair a bhriseas mise lorg ur n‑arain, fuinidh deich mnathan ur n‑aran ann an aon àmhainn, agus bheir iad air ais dhuibh ur n‑aran air a thomhas, agus ithidh sibh agus cha bhi sibh sàthach.
27. Agus mura èisd sibh airson seo uile rium, ach gun tèid sibh am aghaidh;
28. An sin thèid mise nur n‑aghaidh-se mar an ceudna ann am fraoch feirge; agus smachdaichidh mise, eadhon mise, seachd uairean sibh airson ur peacaidhean.
29. Agus ithidh sibh feòil ur mac, agus feòil ur nigheanan ithidh sibh.
30. Agus cuiridh mise as dur n‑ionadan àrda, agus gearraidh mi sìos ur dealbhan, agus tilgidh mi ur colainnean air colainnean ur n‑iodhalan, agus gabhaidh m’anam gràin dhibh.
31. Agus cuiridh mi ur bailtean fàs, agus bheir mi lom-sgrìob air ur n‑ionadan naomha, agus cha ghabh mi fàile ur boltraich chùbhraidh.
32. Agus bheir mi lom-sgrìob air an fhearann, agus bidh ioghnadh air ur naimhdean a ghabhas còmhnaidh ann, mun nì sin.
33. Agus sgapaidh mi sibh am measg nan cinneach agus tàirngidh mi claidheamh nur dèidh; agus bidh ur fearann creachte, agus ur bailtean fàs.
34. An sin mealaidh am fearann a shàbaidean, am fad is a laigheas e fàs, agus a bhios sibhse ann am fearann ur naimhdean; eadhon an sin gabhaidh am fearann fois, agus mealaidh e a shàbaidean.
35. Am fad is a laigheas am fearann fàs, bidh fois aige; do bhrìgh nach robh fois aige nur sàbaidean-se, nuair a ghabh sibh còmhnaidh ann.
36. Agus orrasan a dh’fhàgar beò dhibh, cuiridh mise laigse nan cridheachan ann an dùthchannan an naimhdean; agus cuiridh fuaim duilleig air chrith iad air theicheadh; agus teichidh iad, mar gum biodh iad a’ teicheadh on chlaidheamh; agus tuitidh iad nuair nach bi neach an tòir orra.
37. Agus tuitidh iad air muin a chèile, mar gum b’ann ron chlaidheamh, nuair nach bi neach an tòir orra; agus cha bhi neart agaibh gu seasamh ro ur naimhdean.
38. Agus thèid as dhuibh am measg nan cinneach, agus ithidh talamh ur naimhdean suas sibh.
39. Agus iadsan a dh’fhàgar dhibh, seargaidh iad as nan aingidheachd ann an dùthchannan ur naimhdean; agus, mar an ceudna, ann an euceartan an athraichean seargaidh iad as maille riu.
40. Ma dh’aidicheas iad an aingidheachd fhèin, agus aingidheachd an athraichean, a rèir an easaontais a rinn iad am aghaidh, agus mar an ceudna gun do ghluais iad am aghaidh;
41. Agus gun do ghluais mise mar an ceudna nan aghaidh-san, agus gun tug mi iad do dhùthaich an naimhdean; ma bhios an sin an cridhe neo-thimcheall-gheàrrte air irioslachadh, air chor is gun gabh iad ri peanas an aingidheachd:
42. An sin cuimhnichidh mise mo choicheangal ri Iàcob, agus mar an ceudna mo choicheangal ri Isaac, agus mar an ceudna mo choicheangal ri Abrahàm cuimhnichidh mi; agus cuimhnichidh mi am fearann.
43. Trèigear mar an ceudna am fearann leo, agus mealaidh e a shàbaidean, am feadh is a tha e na laighe fàs as an eugmhais; agus gabhaidh iad ri peanas an aingidheachd; a chionn, eadhon a chionn gun do rinn iad tàir air mo bhreitheanais, agus a chionn gun do ghabh an anam gràin dem reachdan.
44. Agus gidheadh air a shon seo uile, nuair a bhios iad ann an tìr an naimhdean, cha tilg mi uam iad, cha mhò a ghabhas mi gràin dhiubh, gan sgrios gu tur, agus a bhriseadh mo choicheangail riu: oir is mise an Tighearna an Dia.
45. Ach air an sgàth-san cuimhnichidh mi coicheangal an sinnsirean, a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ann an sealladh nan cinneach, a‑chum is gum bithinn am Dhia aca: Is mise an Tighearna.
46. Is iad sin na h‑òrdaighean, agus na breitheanais, agus na reachdan, a rinn an Tighearna eadar e fhèin agus clann Israeil, ann an sliabh Shinài, le làimh Mhaois.

Lebhiticus 27:1-34
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a bheir duine bòid àraidh, buinidh na h‑anaman don Tighearna, a rèir do mheas:
3. Agus bidh do mheas, air an fhireannach o fhichead bliadhna a dh’aois eadhon gu trì-fichead bliadhna a dh’aois; bidh eadhon do mheas leth-cheud secel airgid, a rèir secel an ionaid naoimh.
4. Agus mas boireannach a bhios ann, an sin bidh do mheas deich seceil ar fhichead.
5. Agus mas gille o chòig bliadhna a dh’aois, eadhon gu fichead bliadhna a dh’aois, a bhios ann, an sin bidh do mheas airson an fhireannaich fichead secel, agus airson a’ bhoireannaich deich seceil.
6. Agus mas ann o mhìos a dh’aois, eadhon gu còig bliadhna a dh’aois, an sin bidh do mheas airson an fhireannaich còig seceil airgid, agus airson a’ bhoireannaich bidh do mheas trì seceil airgid.
7. Agus mas ann a bhios e o thrì-fichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, mas fireannach e, an sin bidh do mheas còig-seceil-deug, agus airson boireannaich deich seceil.
8. Ach ma bhios e nas bochda na do mheas, an sin nochdaidh e e fhèin an làthair an t‑sagairt, agus measaidh an sagart e: a rèir a chomais-san a thug a’ bhòid, measaidh an sagart e.
9. Agus mas ainmhidh e, den toir daoine tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bidh gach nì a bheir duine den leithidean sin don Tighearna, naomh.
10. Cha mhùth e e, cha mhò a mhalairticheas e e, math airson uilc, no olc airson maith: ach ma mhalairticheas e, air chor sam bith, ainmhidh airson ainmhidh, an sin bidh e fhèin, agus an nì a fhuaireadh na mhalairt, naomh.
11. Agus mas ainmhidh neòghlan sam bith e, de nach toir iad seachad tabhartas don Tighearna, an sin nochdaidh e an t‑ainmhidh an làthair an t‑sagairt:
12. Agus measaidh an sagart e, mas math no olc e; mar a mheasas tusa a bhios ad shagart e, mar sin bidh e.
13. Ach ma dh’fhuasglas e air chor sam bith e, an sin cuireadh e an còigeamh cuid dheth rid mheas-sa.
14. Agus nuair a choisrigeas duine a thaigh, gu bhith naomh don Tighearna, an sin measaidh an sagart e, mas math no olc e: mar a mheasas an sagart e, mar sin seasaidh e.
15. Agus ma dh’fhuasglas esan a choisrig e a thaigh, an sin cuiridh e an còigeamh cuid de airgead do mheas-sa ris, agus bidh e leis.
16. Agus ma choisrigeas duine don Tighearna cuid de fhearann a sheilbhe, an sin bidh do mheas a rèir a shìl: measar homer de shìol eòrna aig lethcheud secel airgid.
17. Ma choisrigeas e a fhearann o bhliadhna na h‑Iubile, a rèir do mheas seasaidh e.
18. Ach ma choisrigeas e a fhearann an dèidh na h‑Iubile, an sin àirmhidh an sagart an t‑airgead dha a rèir nam bliadhnachan a tha ri teachd, eadhon gu bliadhna na h‑Iubile, agus leigear sin sìos ded mheas.
19. Agus ma dh’fhuasglas am fear a choisrig am fearann e air chor sam bith, an sin cuiridh e an còigeamh cuid de airgead do mheas-sa ris, agus daingnichear dha e.
20. Agus mura fuasgail e am fearann, no ma reic e am fearann ri duine eile, chan fhuasglar nas mò e.
21. Ach bidh am fearann, nuair a thèid e a‑mach anns an Iubile, naomh don Tighearna, mar fhearann coisrigte: buinidh a shealbh don t‑sagart.
22. Ach ma choisrigeas duine don Tighearna fearann a cheannaich e, nach ann de fhearann a sheilbhe;
23. An sin àirmhidh an sagart dha luach do mheas, eadhon gu bliadhna na h‑Iubile, agus bheir e seachad do mheas anns an là sin, mar nì naomh don Tighearna.
24. Ann am bliadhna na h‑Iubile tillidh am fearann da ionnsaigh-san on do cheannaicheadh e, eadhon da ionnsaigh-san, dom buineadh sealbh an fhearainn.
25. Agus bidh do mheas-sa uile a rèir secel an ionaid naoimh; bidh fichead gerah anns an t‑secel.
26. Ach ciad-ghin nan ainmhidh, a bu chòir a bhith na chiad-ghin don Tighearna, cha choisrig duine air bith sin, co‑dhiù as tarbh no caora e: is leis an Tighearna e.
27. Ach mas ann de bheathach neòghlan e, an sin fuasglaidh e e a rèir do mheas-sa, agus cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris; no mura fuasglar e, an sin reicear e a rèir do mheas.
28. Gidheadh, cha reicear agus chan fhuasglar nì sam bith coisrigte a choisrigeas duine don Tighearna, de gach nì a tha aige, araon de dhuine agus de ainmhidh, agus de fhearann a sheilbhe: tha gach nì coisrigte ro‑naomh don Tighearna.
29. Chan fhuasglar nì sam bith coisrigte, a choisrigear le daoine: ach cuirear gu cinnteach gu bàs e.
30. Agus uile dheicheamh an fhearainn, mas ann de shìol an fhearainn, no de mheas na craoibhe, is leis an Tighearna e; tha e naomh don Tighearna.
31. Agus ma dh’fhuasglas duine idir a’ bheag de a dheicheamh, cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris.
32. Agus a‑thaobh uile dheicheamh a’ chruidh, no an treuda, eadhon gach nì air bith a dh’imicheas fon t‑slait; bidh an deicheamh dheth naomh don Tighearna.
33. Cha rannsaich e am bi e math no olc, cha mhò a mhalairticheas e e: agus ma mhalairticheas e idir e, an sin bidh an dà chuid e fhèin agus a mhalairt naomh; chan fhuasglar e.
34. Is iad sin na h‑àitheantan a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, airson chloinn Israeil, ann an sliabh Shinài.

Salm 29:1-6
1. Salm le Daibhidh. Thugaibh don Tighearna, a chlann nan cumhachdach, thugaibh don Tighearna glòir agus neart.
2. Thugaibh don Tighearna a’ ghlòir as cubhaidh da ainm; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd.
3. Tha guth an Tighearna os cionn nan uisgeachan; rinn Dia na glòire tàirneanaich, an Tighearna os cionn nan uisgeachan mòra.
4. Tha guth an Tighearna cumhachdach; tha guth an Tighearna làn mòralachd.
5. Brisidh guth an Tighearna na seudairean; seadh, brisidh guth an Tighearna seudairean Lebanoin.
6. Agus bheir e orra leum mar laogh, Lebanon agus Sirion, mar bhuabhall òg.

Gnàth-fhacal 10:22-25
22. Nì beannachadh an Tighearna saoibhir, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd.
23. Tha e mar shùgradh don amadan olc a dhèanamh; ach tha gliocas aig fear na tuigse.
24. An nì as eagal leis an aingidh, thig e air; ach deònaichear miann nam fìrean.
25. Mar a thèid an iomaghaoth thairis, mar sin cha bhi an droch dhuine nas mò; ach is bunait sìorraidh am fìrean.

Marcus 7:1-13
1. Agus chruinnicheadh na Pharasaich da ionnsaigh, agus dream àraidh de na sgrìobhaichean a thàinig o Ierusalem.
2. Agus nuair a chunnaic iad cuid de a dheisciobail ag ithe arain le làmhan salach (sin ri ràdh, gun ionnlaid), fhuair iad cron dhaibh.
3. Oir chan ith na Pharasaich agus na h‑Iùdhaich uile biadh, mura ionnlaid iad an làmhan gu minig, a’ coimhead beul-aithris nan seanairean.
4. Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean.
5. An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul-aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?
6. Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall-se, a chealgairean, a rèir mar tha e sgrìobhte, Tha am poball seo a’ toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridhe fada uam.
7. Ach is ann gu dìomhain a tha iad a’ toirt adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg.
8. Oir air dhuibh àithne Dhè a thrèigsinn, tha sibh a’ cumail òrdachadh dhaoine, mar tha nighe phoitean agus chupan: agus mòran eile den leithidean sin tha sibh a’ dèanamh.
9. Agus thubhairt e riu, Is math a tha sibh a’ cur air cùl àithne Dhè, a‑chum gun coimhead sibh ur n‑òrdachadh fhèin.
10. Oir thubhairt Maois, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Ge bè neach a mhallaicheas athair no màthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e.
11. Ach their sibhse, Ma their neach ra athair no ra mhàthair, Biodh e na Chorban, sin ri ràdh, na thìodhlac don teampall, ge bè nì leis am faigheadh tu tairbhe uamsa:
12. Nach leig sibh dha à sin suas nì sam bith a dhèanamh airson a athar, no a mhàthar;
13. A’ cur facal Dhè an neo-bhrìgh le ur beul-aithris fhèin, a dh’aithris sibh: agus mòran den leithidean sin de nithean tha sibh a’ dèanamh.