Lebhiticus 23:1-44 |
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
2. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, A‑thaobh fèillean an Tighearna, a ghairmeas sibh gu bhith nan co‑ghairmean naomha, is iad eadhon sin m’fhèillean-sa. |
3. Sia làithean nìthear obair, ach anns an t‑seachdamh là bidh sàbaid foise, co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèan sibh air: is e sàbaid an Tighearna e nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile. |
4. Is iad sin fèillean an Tighearna, eadhon co‑ghairmean naomha, a ghairmeas sibh nan àmannan fhèin: |
5. Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos air feasgar, bidh càisg an Tighearna. |
6. Agus air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos sin fhèin bidh fèill an arain neo-ghortaichte don Tighearna: seachd làithean ithidh sibh aran neo-ghortaichte. |
7. Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh agaibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air. |
8. Ach bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna seachd làithean: air an t‑seachdamh là bidh co‑ghairm naomh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air. |
9. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
10. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a bheir mise dhuibh, agus a bhuaineas sibh a fhoghar, an sin bheir sibh sguab de chiad-thoradh ur fogharaidh a dh’ionnsaigh an t‑sagairt: |
11. Agus luaisgidh e an sguab an làthair an Tighearna, a‑chum gun gabhar rithe air ur son: air an là màireach an dèidh na sàbaid luaisgidh an sagart i. |
12. Agus ìobraidh sibh air an là sin, nuair a luaisgeas sibh an sguab, uan fireann gun ghaoid, den chiad bhliadhna, mar ìobairt-loisgte don Tighearna. |
13. Agus is e a thabhartas-bìdh dà dheicheamh earrainn de fhlùr mìn measgte le ola, tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna, a‑chum fàile chùbhraidh: agus bidh a thabhartas-dibhe de fhìon, an ceathramh cuid de hin. |
14. Agus chan ith sibh aran, no gràn cruadhaichte, no diasan glasa, gus an là sin fhèin anns an toir sibh tabhartas a‑chum ur Dè: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean, nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile: |
15. Agus àirmhidh sibh dhuibh fhèin on là màireach an dèidh na sàbaid, on là anns an tug sibh leibh sguab an tabhartas-luaisgte: bidh seachd sàbaidean iomlan ann: |
16. Eadhon gus an là màireach an dèidh na seachdamh sàbaid, àirmhidh sibh lethcheud là, agus bheir sibh seachad nuadh thabhartas-bìdh don Tighearna. |
17. Bheir sibh leibh as ur n‑àiteachan-còmhnaidh dà bhuilinn luaisgte, de dhà dheicheamh earrainn; bidh iad de fhlùr mìn; fuinear iad le taois ghoirt; bidh iad nan ciad-thoradh don Tighearna. |
18. Agus bheir sibh seachad maille ris an aran seachd uain gun ghaoid, den chiad bhliadhna, agus aon tarbh òg, agus dà reithe: bidh iad nan ìobairt-loisgte don Tighearna, maille rin tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. |
19. An sin ìobraidh sibh aon mheann de na gobhair mar ìobairt-pheacaidh, agus dà uan den chiad bhliadhna mar ìobairt-thabhartas-sìthe. |
20. Agus luaisgidh an sagart iad maille ri aran a’ chiad toraidh, mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna, maille ris an dà uan: bidh iad naomh don Tighearna a‑chum an t‑sagairt. |
21. Agus gairmidh sibh air an là sin fhèin, a‑chum is gum bi e na cho-ghairm naomh dhuibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air; bidh e na reachd sìorraidh nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile air feadh ur ginealaichean. |
22. Agus nuair a bhuaineas sibh foghar ur fearainn, cha gheàrr thu gu buileach oisnean d’achaidh nuair a bhuaineas tu, cha mhò a thionaileas tu dìoghlaim d’fhogharaidh: fàgaidh tu iad don bhochd agus don choigreach; Is mise an Tighearna ur Dia. |
23. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
24. Labhair ri cloinn Israeil ag ràdh, Anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, bidh sàbaid agaibh, cuimhneachan sèideadh thrompaidean, co‑ghairm naomh. |
25. Obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air; ach bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna. |
26. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
27. Mar an ceudna air an deicheamh là den t‑seachdamh mìos seo bidh là rèite; bidh e na cho-ghairm naomh dhuibh, agus cràidhidh sibh ur n‑anaman, agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna. |
28. Agus obair sam bith cha dèan sibh air an là cheudna; oir is là rèite e, a dhèanamh rèite air ur son an làthair an Tighearna ur Dia. |
29. Oir ge bè anam nach bi fo chràdh anns an là sin fhèin, gearrar as e o mheasg a shluaigh. |
30. Agus gach anam a nì obair sam bith air an là cheudna, an t‑anam sin fhèin sgriosaidh mise o mheasg a shluaigh. |
31. Obair sam bith cha dèan sibh; bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean, nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile. |
32. Bidh e dhuibh na shàbaid foise, agus cràidhidh sibh ur n‑anaman air an naoidheamh là den mhìos air feasgar: o fheasgar gu feasgar cumaidh sibh ur sàbaid. |
33. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
34. Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos seo bidh fèill nam pàillean rè seachd làithean don Tighearna. |
35. Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air. |
36. Seachd làithean bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: air an ochdamh là bidh co‑ghairm naomh agaibh, agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; is àrd-choitheanal e; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air. |
37. Is iad sin fèillean an Tighearna, a ghairmeas sibh gu bhith nan co‑ghairmean naomha, a thoirt seachad tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna, tabhartas-loisgte, agus tabhartas-bìdh, ìobairt, agus tabhartasan-dibhe, gach nì air a là fhèin; |
38. A thuilleadh air sàbaidean an Tighearna, agus a thuilleadh air ur tìodhlacan, agus a thuilleadh air ur bòidean uile, agus a thuilleadh air ur saor-thabhartasan uile, a bheir sibh don Tighearna. |
39. Mar an ceudna air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos, nuair a chruinnicheas sibh a‑steach toradh an fhearainn, cumaidh sibh fèill don Tighearna seachd làithean: air a’ chiad là bidh sàbaid, agus air an ochdamh là bidh sàbaid. |
40. Agus gabhaidh sibh dhuibh fhèin air a’ chiad là meas chraobhan àlainn, geugan chrann-pailme, agus geugan chraobhan tiugha, agus seileach an t‑srutha; agus nì sibh gàirdeachas an làthair an Tighearna ur Dia seachd làithean. |
41. Agus cumaidh sibh e na fhèill don Tighearna seachd làithean anns a’ bhliadhna: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean; cumaidh sibh e anns an t‑seachdamh mìos. |
42. Ann am pàilleanan gabhaidh sibh còmhnaidh seachd làithean; gabhaidh gach aon a rugadh na Israeleach còmhnaidh ann am pàilleanan; |
43. A‑chum gum bi fhios aig ur ginealaichean gun tug mise air cloinn Israeil còmhnaidh a ghabhail ann am pàilleanan, nuair a thug mi a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia. |
44. Agus chuir Maois an cèill do chloinn Israeil fèillean an Tighearna. |
Lebhiticus 24:1-23 |
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois ag ràdh, |
2. Aithn do chloinn Israeil iad a thoirt ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn-ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air na lòchrain lasadh an còmhnaidh. |
3. An taobh a‑muigh de bhrat na Fianais, ann am pàillean a’ choitheanail, òrdaichidh Aaron e o fheasgar gu madainn, an làthair an Tighearna an còmhnaidh: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean. |
4. Òrdaichidh e na lòchrain air a’ choinnleir fhìorghlan an làthair an Tighearna an còmhnaidh. |
5. Agus gabhaidh tu flùr mìn, agus fuinidh tu dà‑bhreacaig-dheug dheth: dà dheicheamh earrainn bidh ann an aon bhreacaig. |
6. Agus suidhichidh tu iad ann an dà shreath, sia ann an sreath, air a’ bhòrd fhìorghlan an làthair an Tighearna. |
7. Agus cuiridh tu tùis fhìorghlan air gach sreath, a‑chum is gum bi i air an aran mar chuimhneachan, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna. |
8. Gach aon là sàbaid cuiridh e an òrdagh e an làthair an Tighearna an còmhnaidh, air a ghabhail o chloinn Israeil le coicheangal sìorraidh. |
9. Agus is le Aaron agus a mhic e, agus ithidh iad e anns an ionad naomh; oir tha e ro‑naomh dha, de thabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine, le reachd bithbhuan. |
10. Agus chaidh mac ban-Israelich, aig an robh Eiphiteach na athair, a‑mach am measg chloinn Israeil: agus bha mac na ban-Israelich agus duine de Israel a’ còmhstri anns a’ champ. |
11. Agus mhaslaich mac na ban-Israelich ainm an Tighearna, agus mhallaich e: agus thug iad gu Maois e (agus b’e ainm a mhàthar Selomit, nighean Dhibri, de threubh Dhan); |
12. Agus chuir iad an làimh e, a‑chum gun nochdte dhaibh inntinn an Tighearna. |
13. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, |
14. Thoir a‑mach esan a mhallaich an taobh a‑muigh den champ, agus cuireadh iadsan uile a chuala e an làmhan air a cheann, agus clachadh an co‑chruinneachadh uile e. |
15. Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ge bè neach a mhallaicheas a Dhia, giùlainidh e a pheacadh. |
16. Agus esan a mhaslaicheas ainm an Tighearna, cuirear gu cinnteach gu bàs e; clachaidh gu deimhinn an co‑chruinneachadh uile e: an coigreach cho math ris-san a rugadh anns an dùthaich, nuair a mhaslaicheas e ainm an Tighearna, cuirear gu bàs e. |
17. Agus esan a mharbhas duine sam bith, cuirear gun teagamh gu bàs e. |
18. Agus esan e mharbhas ainmhidh, nì e dìoladh air a shon; ainmhidh airson ainmhidh. |
19. Agus ma bheir duine ciurram air a choimhearsnach, mar a rinn e, mar sin nìthear air: |
20. Briseadh airson brisidh, sùil airson sùla, fiacail airson fiacla: mar a thug e ciurram air duine, mar sin nìthear air. |
21. Agus esan a mharbhas ainmhidh, dìolaidh e e: agus an neach a mharbhas duine, cuirear gu bàs e. |
22. Bidh an t‑aon ghnè lagha agaibh cho math airson a’ choigrich, agus air aon neach de mhuinntir ur dùthcha fhèin: oir is mise an Tighearna ur Dia. |
23. Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, iad a thoirt leo esan a mhallaich, an taobh a‑muigh den champ, agus a chlachadh le clachan: agus rinn clann Israeil mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. |
Salm 28:1-5 |
1. Le Daibhidh. Riutsa, a Thighearna, èighidh mi, mo charraig; na bi‑sa ad thosd am thaobh, air eagal, ma bhios tu ad thosd am thaobh, gum fàs mi cosmhail riùsan a thèid sìos don uaigh. |
2. Eisd ri guth m’athchuingean nuair a ghlaodhas mi riut, an uair a thogas mi mo làmhan a‑chum do ghuth-àite naoimh-sa. |
3. Na tarraing mi a‑mach leis na h‑aingidh, agus le luchd-dèanamh na h‑eucoir, a tha a’ labhairt sìth rin coimhearsnaich agus olc aca nan cridhe. |
4. Thoir dhaibh a rèir an obrach, agus a rèir aingidheachd an gnìomharan; a rèir obair an làmh thoir dhaibh; ìoc an luigheachd dhaibh. |
5. A chionn nach toir iad an aire do ghnìomharan an Tighearna no do obair a làmh, sgriosaidh e iad agus cha tog e suas iad. |
Gnàth-fhacal 10:17-18 |
17. Tha esan a choimheadeas fòghlam anns an t‑slighe gu beatha; ach tha esan a dhiùltas achmhasan air seachran. |
18. Esan a cheileas fuath le bilean cealgach, agus esan a labhras mì‑chliù, is amadan e. |
Marcus 6:1-29 |
1. Agus chaidh e a‑mach as a sin, agus thàinig e da dhùthaich fhèin; agus lean a dheisciobail e. |
2. Agus nuair a thàinig an t‑sàbaid, thòisich e air teagasg anns an t‑sionagog: agus air do mhòran a chluinntinn, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia as a tha na nithean seo aig an fhear seo? Agus ciod e an gliocas seo a thugadh dha, gu bheil a leithid seo de fheartan air an dèanamh le a làmhan? |
3. Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann. |
4. Ach thubhairt Iosa riu, Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin, agus am measg a chàirdean, agus na thaigh fhèin. |
5. Agus cha robh e an comas dha mìorbhail air bith a dhèanamh an sin, saor o gun do chuir e a làmhan air beagan de mhuinntir a bha tinn, agus gun do leighis e iad. |
6. Agus bha iongantas air airson am mì‑chreidimh. Agus chaidh e timcheall nam bailtean, a’ teagasg. |
7. Agus ghairm e da ionnsaigh an dà‑fhear-dheug, agus thòisich e air an cur a‑mach dithis agus dithis, agus thug e dhaibh cumhachd air spioradan neòghlan; |
8. Agus dh’àithn e dhaibh gun nì air bith a thoirt leo airson na slighe, ach lorg a‑mhàin; gun mhàla, gun aran, gun airgead nan sporan: |
9. Ach bonn-bhrògan a bhith air an casan, agus gun dà chòta a bhith umpa. |
10. Agus thubhairt e riu, Ge bè ionad air bith anns an tèid sibh a‑steach do thaigh, an sin fanaibh gus am falbh sibh as an àite sin. |
11. Agus cò air bith iad nach gabh ribh, agus nach èisd ribh, air dhuibh imeachd as an àite sin, crathaibh an duslach a bhios fo ur casan mar fhianais nan aghaidh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom agus do Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na don bhaile sin. |
12. Agus chaidh iad a‑mach, agus shearmonaich iad gun dèanadh daoine aithreachas. |
13. Agus thilg iad a‑mach mòran dheamhan, agus dh’ung iad le ola mòran a bha tinn, agus leighis iad iad. |
14. Agus chuala Herod an rìgh uime, oir chaidh ainm am follais; agus thubhairt e, Tha Eòin Baistidh air èirigh o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis. |
15. Thubhairt cuid eile, Gur e Elias a tha ann. Agus thubhairt cuid eile, Gur fàidh a tha ann, no mar aon de na fàidhean. |
16. Ach nuair a chuala Herod seo, thubhairt e, Is e Eòin, den do chuir mise an ceann, a tha ann; dh’èirich e o na mairbh. |
17. Oir chuir Herod fhèin a‑mach agus ghlac e Eòin, agus cheangail e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean-phòsda Philip, a bhràthair fhèin, do bhrìgh gun do phòs e i. |
18. Oir thubhairt Eòin ri Herod, Chan eil e ceadaichte dhut bean do bhràthar a bhith agad. |
19. Uime sin bha diomb mòr aig Heròdias ris, agus bu mhiann leatha a chur gu bàs; ach cha b’urrainn i. |
20. Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach. |
21. Agus air teachd do là iomchaidh, rinn Herod, air co‑ainm an là anns an do rugadh e, suipear da uaislean agus da àrd-cheannardan, agus do mhaithean Ghalile: |
22. Agus nuair a chaidh nighean Heròdiais seo a‑steach, agus a rinn i dannsa, thaitinn i ri Herod agus riùsan a shuidh maille ris, agus thubhairt an rìgh ris a’ chailinn, Iarr ormsa ge bè nì as àill leat, agus bheir mi dhut e. |
23. Agus thug e mionnan dhi, Ge bè nì a dh’iarras tu orm, bheir mi dhut e, gu leth mo rìoghachd. |
24. Agus nuair a chaidh i a‑mach thubhairt i ra màthair, Ciod a dh’iarras mi? Agus thubhairt ise, Ceann Eòin Baistidh. |
25. Agus chaidh i air ball le cabhaig a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’iarr i, ag ràdh, Is àill leam gun tugadh tu dhomh gun dàil ceann Eòin Baistidh air mèis. |
26. Agus bha an rìgh ro‑dhuilich; gidheadh airson a mhionnan, agus an dream a bha nan suidhe maille ris, cha robh toil aige a diùltadh. |
27. Agus air ball, chuir an rìgh a‑mach fear-millidh, agus dh’àithn e a cheann a thoirt a‑steach: agus dh’imich esan agus thug e an ceann dheth anns a’ phrìosan; |
28. Agus thug e a cheann leis air mèis, agus thug e don chailinn e: agus thug a’ chailinn da màthair e. |
29. Agus nuair a chuala a dheisciobail sin, thàinig iad agus thog iad a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e. |