A A A A A
Bible in one year
February 26

Lebhiticus 21:1-24
1. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ris na sagartan, mic Aaroin, agus abair riu, Airson nam marbh cha salaichear neach sam bith dhibh am measg a shluaigh.
2. Ach airson a dhìlsean, a tha am fagas dha, eadhon airson a mhàthar, agus airson a athar, agus airson a mhic, agus airson a nighinn, agus airson a bhràthar,
3. Agus airson a pheathar a tha na h‑òigh, a tha am fagas dha, aig nach robh fear-pòsda; air a son-se faodaidh e a bhith air a shalachadh.
4. Ach cha salaich e e fhèin, air bhith dha na dhuine urramach am measg a shluaigh, ga thruailleadh fhèin.
5. Cha dèan iad maoile air an ceann, agus cha bheàrr iad oisean am feusaig, cha mhò a nì iad gearradh nam feòil;
6. Bidh iad naomh dan Dia, agus cha truaill iad ainm an Dè: oir tha iad a’ toirt seachad tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine, agus aran an Dè; uime sin bidh iad naomh.
7. Cha ghabh iad bean a tha na strìopaich, no mì‑naomh; cha mhò a ghabhas iad bean a chuireadh air falbh o a fear: oir tha e naomh da Dhia.
8. Uime sin naomhaichidh tu e, oir tha e a’ toirt seachad aran do Dhè; bidh e naomh dhut: oir tha mise an Tighearna naomh, a tha gur naomhachadh.
9. Agus ma thruailleas nighean sagairt air bith i fhèin le strìopachas a dhèanamh, tha i a’ truailleadh a h‑athar: loisgear le teine i.
10. Agus esan a tha na àrd-shagart o mheasg a bhràithrean, neach a dhòirteadh an ola naomh air a cheann, agus a choisrigeadh a chur an èididh uime, cha rùisg e a cheann, cha mhò a reubas e a aodach,
11. Cha mhò a thèid e a‑steach a dh’ionnsaigh cuirp mhairbh sam bith: airson a athar no airson a mhàthar cha salaich e e fhèin.
12. Agus as an ionad naomh cha tèid e a‑mach, cha mhò a thruailleas e ionad naomh a Dhè; oir tha crùn ola-ungaidh a Dhè air: Is mise an Tighearna.
13. Agus gabhaidh e bean na maighdeanas.
14. Bantrach no bean a chuireadh air falbh o a fear, no bean mhì-naomh, no strìopach, iad sin cha ghabh e: ach òigh de a shluagh fhèin gabhaidh e na mnaoi.
15. Agus cha truaill e a shliochd am measg a shluaigh: oir tha mise an Tighearna ga naomhachadh.
16. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
17. Labhair ri Aaron, ag ràdh, Ge bè air bith e ded shliochd nan ginealaichean, anns am bi gaoid sam bith, na tigeadh e am fagas a thoirt seachad aran a Dhè:
18. Oir ge bè air bith duine anns am bi gaoid, cha tig e am fagas: duine dall, no bacach no aig a bheil sròn leacach, no nì sam bith a thuilleadh air a’ chòir,
19. No duine aig am bi cas bhriste no làmh bhriste,
20. No crotach, no na throich, no aig a bheil leus air a shùil, no air a bheil càrr, no cloimh, no aig a bheil a chlachan brùite:
21. Cha tig duine sam bith de shliochd Aaroin an sagart, anns a bheil gaoid, am fagas a thoirt seachad tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine: tha gaoid ann, cha tig e am fagas a thoirt seachad aran a Dhè.
22. Ithidh e aran a Dhè, araon den aran ro‑naomh, agus naomh.
23. Ach an taobh a‑staigh den roinn-bhrat cha tèid e, cha mhò a thig e am fagas don altair, a chionn gu bheil gaoid ann; a‑chum nach truaill e m’ionadan naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh.
24. Agus dh’innis Maois seo do Aaron, agus da mhic, agus do chloinn Israeil uile.

Lebhiticus 22:1-33
1. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2. Labhair ri Aaron, agus ra mhic, iad gan sgaradh fhèin o nithean naomha chloinn Israeil, agus gun iad a thoirt eas-onair dom ainm naomh-sa, anns na nithean sin a naomhaicheas iad dhomh: Is mise an Tighearna.
3. Abair riu, Ge bè air bith e de ur sliochd uile am measg ur ginealaichean, a thèid a dh’ionnsaigh nan nithean naomha, a naomhaicheas clann Israeil don Tighearna, agus a neòghlaine air, gearrar as an t‑anam sin as mo làthair: Is mise an Tighearna.
4. Ge bè air bith an duine de shliochd Aaroin a tha na lobhar, no air a bheil silteach, chan ith e de na nithean naomha, gus am bi e glan. Agus ge bè a bheanas ri nì air bith a tha neòghlan leis a’ mharbh, no duine aig a bheil a shìol a’ dol uaithe;
5. No ge bè a bheanas ri nì air bith a shnàigeas leis an dèanar neòghlan e, no ri duine om faigh e neòghlaine, ge bè air bith neòghlaine a bhios air;
6. An t‑anam a bheanas ri aon air bith den leithidean sin, bidh e neòghlan gu feasgar, agus chan ith e de na nithean naomha, mura nigh e a fheòil le uisge.
7. Agus nuair a thèid a’ ghrian sìos, bidh e glan, agus an dèidh sin ithidh e de na nithean naomha, a chionn gur e a bhiadh e.
8. An nì sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a reubar le fiadh-bheathaichean, chan ith e, ga shalachadh fhèin leis: Is mise an Tighearna.
9. Gleidhidh iad uime sin m’òrdagh, air eagal gun giùlain iad peacadh air a shon, agus uime sin gum faigh iad bàs, ma thruailleas iad e: tha mise an Tighearna gan naomhachadh.
10. Chan ith coigreach sam bith den nì naomh: chan ith fear-cuairt an t‑sagairt, no seirbhiseach tuarasdail den nì naomh.
11. Ach ma cheannaicheas an sagart duine le a airgead, ithidh e dheth, agus esan a rugadh na thaigh; ithidh iad de a bhiadh.
12. Agus ma bhios nighean an t‑sagairt pòsda ri coigreach, chan fhaod i ithe de thabhartas nan nithean naomha.
13. Ach ma bhios nighean an t‑sagairt na bantraich, no dealaichte ra fear, agus gun sliochd aice, agus i air tilleadh gu taigh a h‑athar, mar na h‑òige, ithidh i de bhiadh a h‑athar; ach chan ith coigreach sam bith dheth.
14. Agus ma dh’itheas duine den nì naomh gun fhios dha, an sin cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris, agus bheir e don t‑sagart e, maille ris an nì naomh.
15. Agus cha truaill iad nithean naomha chloinn Israeil, a bheir iad suas don Tighearna;
16. Cha mhò a leigeas iad leo cionta an easaontais a ghiùlan nuair a dh’itheas iad an nithean naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh.
17. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
18. Labhair ri Aaron agus ra mhic, agus ri cloinn Israeil uile, agus abair riu, Ge bè air bith e de thaigh Israeil, no de na coigrich ann an Israel, a bheir seachad a thabhartas airson a bhòidean uile, no airson a shaor-thabhartas uile, a bheir iad seachad don Tighearna a‑chum ìobairt-loisgte;
19. Bheir sibh seachad de ur toil fhèin beathach fireann gun ghaoid den bhuar, de na caoraich, no de na gobhair.
20. Ach ge bè air bith nì anns am bi gaoid, sin cha toir sibh seachad: oir cha ghabhar air ur son e.
21. Agus ge bè air bith e a bheir seachad ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, a choileanadh a bhòide, mar thabhartas saor-thoile, den bhuar, no de na caoraich, bidh e iomlan, a‑chum is gun gabhar ris: cha bhi gaoid sam bith ann.
22. Dall, no briste, no ciurramach, no air am bi fliodh, no càrr, no cloimh, cha toir sibh seachad iad sin don Tighearna, cha mhò a bheir sibh tabhartas dhiubh a bheirear suas le teine air an altair don Tighearna.
23. Aon chuid tarbh no uan aig am bi nì sam bith thar a’ chòir, no a dh’uireasbhaidh na bhuill, sin faodaidh tu a thoirt seachad mar shaor-thabhartas; ach airson bòide cha ghabhar ris.
24. Nì sam bith a tha brùite, no pronnte, no reubte, no geàrrte, cha toir sibh seachad don Tighearna; agus chan ìobair sibh e nur tìr.
25. Agus o làimh coigrich cha toir sibh seachad aran ur Dè de aon dhiubh sin; a chionn gu bheil an truaillidheachd annta, agus gu bheil gaoidean annta: cha ghabhar riu air ur son.
26. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
27. Nuair a bheirear tarbh, no caora, no gobhar, an sin bidh e seachd làithean fo a mhàthair; agus on ochdamh là agus à sin suas, gabhar ris mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.
28. Agus mas bò no caora a bhios ann, cha mharbh sibh i fhèin agus a h‑àl anns an aon là.
29. Agus nuair a dh’ìobras sibh ìobairt-bhuidheachais don Tighearna, ìobraidh sibh i de ur toil fhèin.
30. Air an là sin fhèin ithear suas i, chan fhàg sibh a’ bheag dhith gu madainn: Is mise an Tighearna.
31. Air an adhbhar sin, gleidhidh sibh m’àitheantan, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna.
32. Agus cha truaill sibh m’ainm naomh-sa, agus bidh mi air mo naomhachadh am measg chloinn Israeil: Is mise an Tighearna a tha gur naomhachadh,
33. A thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit gu bhith am Dhia agaibh: Is mise an Tighearna.

Salm 27:11-14
11. Teagaisg dhomh do shlighe, a Thighearna, agus treòraich mi air slighe dhìrich air sgàth mo naimhdean.
12. Na tabhair thairis mi do thoil mo naimhdean, oir dh’èirich fianaisean brèige am aghaidh agus luchd-bagairt fòirneirt.
13. Gidheadh chreid mise gum faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò.
14. Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.

Gnàth-fhacal 10:13-16
13. Ann am bilean an duine thuigsich gheibhear gliocas; ach tha slat airson druim an tì a tha as eugmhais tuigse.
14. Ceilidh daoine glice nas aithne dhaibh; ach tha beul an amadain dlùth do sgrios.
15. Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir; is e milleadh nam bochd an uireasbhaidh.
16. Tha saothair an fhìrein a‑chum beatha; teachd-a‑steach an aingidh a‑chum peacaidh.

Marcus 5:21-43
21. Agus nuair a chaidh Iosa a‑rìs thairis anns an luing gus an taobh eile, chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh; agus bha e làimh ris a’ mhuir.
22. Agus, feuch, thàinig aon de uachdarain nan sionagog, dom b’ainm Iàirus; agus nuair a chunnaic e esan, leig e e fhèin sìos aig a chasan,
23. Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad-bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.
24. Agus dh’imich Iosa maille ris; agus lean sluagh mòr e, agus dhòmhlaich iad e.
25. Agus bha bean àraidh an sin, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna-dheug.
26. Agus dh’fhulaing i mòran o iomadh lèigh, agus chaith i na bha aice, agus cha b’fheàirrd i a’ bheag e, ach gum bu mhisde;
27. Nuair a chuala i iomradh air Iosa, thàinig i am measg an t‑sluaigh o chùlaibh, agus bhean i ra aodach:
28. Oir thubhairt i, Ma dh’fhaodas mi beantainn ach ra aodach, slànaichear mi.
29. Agus air ball thiormaicheadh tobar a fala; agus dh’aithnich i air a corp fhèin gun do lèighseadh i on phlàigh sin.
30. Agus dh’aithnich Iosa air ball ann fhèin gun deachaidh cumhachd a‑mach as, agus air dha tionndadh anns an t‑sluagh, thubhairt e, Cò a bhean rim aodach?
31. Agus thubhairt a dheisciobail ris, Tha thu a’ faicinn gu bheil an sluagh gad dhòmhlachadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?
32. Agus dh’amhairc e mun cuairt ga faicinn-se a rinn seo.
33. Ach air don mhnaoi a bhith fo eagal agus air chrith, air aithneachadh an nì a rinneadh innte, thàinig i, agus leig i i fhèin sìos na làthair, agus dh’innis i an fhìrinn uile dha.
34. Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh.
35. Am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig dream o thaigh uachdaran an t‑sionagoig, ag ràdh, Fhuair do nighean bàs; carson a chuireadh tu tuilleadh dragh air a’ Mhaighistir?
36. Cho luath is a chuala Iosa an còmhradh seo a labhradh, thubhairt e ri uachdaran an t‑sionagoig, Na biodh eagal ort, a‑mhàin creid.
37. Agus cha d’fhuiling e do neach air bith a leantainn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eòin bràthair Sheumais.
38. Agus thàinig e gu taigh uachdaran an t‑sionagoig, agus chunnaic e an iomairt agus iadsan a bha a’ gul, agus a’ caoineadh gu mòr.
39. Agus nuair a thàinig e a‑steach, thubhairt e riu, Carson a tha sibh ris an iomairt seo, agus ri bròn? Chan eil an nìonag marbh, ach na cadal.
40. Agus rinn iadsan gàire fanaid ris: ach air dhàsan an cur uile a‑mach, thug e leis athair agus màthair na nighinn, agus iadsan a bha maille ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an nìonag na laighe.
41. Agus rug e air an nìonaig air làimh, agus thubhairt e rithe, Talitha-cumi; is e sin, air eadar-mhìneachadh, A chailinn (tha mise ag ràdh riut), èirich.
42. Agus air ball dh’èirich an nìonag agus dh’imich i; oir bha i dà‑bhliadhna-dheug a dh’aois: agus ghabh iad iongantas anabarrach.
43. Agus thug e òrdagh teann dhaibh nach faigheadh duine air bith fios air a seo; agus dh’àithn e càil-eigin a thoirt dhi ri ithe.